(Continued from page 239.)
IOBAIRT NA HAIFRINN.
C. 221.—Ciod a tha an Ròimh a’ teagasg mu iobairt na h-aifrinn?—F.—Air dh’ì a theagasg gu’m bheil an t-abhlan air a bhrigh-atharrachadh gu corp agus fuil, anam agus diadhachd Chriosd, no air a dheanamh ‘n a Chriosd; tha i ag ràdh gu’m bheil è air a thoirt suas anns an aifrinn, ‘n a “iobairt fhìor, cheart, agus rèite air a deanamh airson nam beò agus nam marbh.”—(Créud Phuis IV., EAR. 5.)
C. 222.—Ciod an dòigh, a tha i ag ràdh, air am bheil an iobairt air a deanamh?—F.—Tha i a’ teagasg gu’n robh, mar ann an aoradh nan Iudhach, an iobairt air a tabhairt suas do Dhia, air a marbhadh agus air a caitheamh le teine air an altair; mar sin tha Criosd a tha lathair gu cinnteach anns a’ ghearraig, no anns an abhlan, air a thabhairt suas do Dhia, ‘n a iobairt gun fhuil, air ‘lobradh agus air a chaitheamh leis an t-sagart.—(Ceist 199.)
C. 223.—Ciod am meadhon a tha na Pàpanaich a’ gnàthachadh, a chum sochair àraid ‘fhaotuinn o iobairt na h-aifrinn?—F.—Bheirear ainm an neach airson am bheil an aifronn gu bhi air a deanamh, co dhiubh a tha è beò no anns a’ phurgadair, do’n t-sagart le paidheadh freagarrach ‘n a’ chois, agus ainmichidh an sagart an t-ainm anns an àireamh aifrinnean a ta ‘freagairt do’n t-suim a chaidh phàidheadh.
C. 224.—Am bheil iad a’ gabhail Sgriobtuir a dhearbhadh so?—F.—Thà. Tha iad ag ràdh gu’n tug Melchisedec amach ar an agus fion, mar iobairt, ‘n an sàmhladh air iobairt na h-aifrinn.
C. 225.—Ciamar a dhearbhas tu gur mearachd a bhi ‘g ràdh sin?—F.—(1) Tha eadar-theangachadh mearachdàch ann am Biobull nam Pàpanach. Am focal “van” anns a’ Bhiobull Eabh-rach a tha sinne ag eadar-theangachadh gu “and” (agus) tha na Pàpanaich a’ deanamh “for” (oir) dheth, chum a dhearbhadh gu’n robh Melchisedec an so, a’ coi-lionadh oifig sagairt. Gidheadh, a cheart fhoical so a tha iad, mar so gu mearachdach, ag eadar-theangachadh gu “for” (oir), tha iad a’ deanamh “and” (agus) dheth anns a’ cho-theagasg. (2) Tha è soilleir gu’n tug Melchisedec amach ar an agus fion, a chum Abraham agus a dhaoine ùrachadh. Tha Ioséphus ag innseadh sin.—(Faic Manual, t. 112.) (3) Tha è soilleir nach tug è suas iobairt, aig an àm; oir tha an t-Abstol, anns an t-seachdamh caibdeil de ‘n Litir chum nan Eabhruidheach, a’ labhairt air Melchisedec mar shàmhladh, cha n’eil è ag ainmeachadh gu’n tug è suas iobairt idir. (4) Eadhon ged bheireadh è suas aran agus fion mar iobairt, bu shàmhladh sin air iobairt mhòir a’ chroinn-chéusaiddh, agus cha n-ann air Suipeir an Tighearna.
1 Gen. xiv. 18.—Agus thug Melchisedec righ Shaleim a mach ar an agus fion: agus b’es an sagart an Dè a’s ro-àirde.
C. 226.—Nach ‘eil na Pàpanaich a’ gabhail nam briathran a ta ann am Malachi i. 11, a dhearbhadh na cuise?¹ F.—Thà iad; ach tha am fàidh, an sin, a’ labhairt air iobairt ùrnuigh agus molaidh.² Is i an argumaid aca-san gur è iobairt litireil a ta air a ciallachadh an còmhnuiddh, leis an fhocal Eabh-rach “mincha”; ach cha n-è, oir tha iobairt spioradaidh air a ciallachadh gu tric, leis an fhocal sin anns an Sgriobtuir.³
C. 227.—Ciod a tha agad ri ràdh an aghaidh na h-aifrinn?—F.—(1) Fo fhrithealadh an t-soisgeil, cha n’eil sagartachd airson iobairt ànn idir. Cha n’eil am focal Gréugach Iereus leis am bheil fear-iobraidh air a chiallachadh, air a thoirt mar ainm do mhministearaibh an t-soisgeil ann an àit air-bith de ‘n Tiomnadh Nuadh. Goirear dhiubh ministearan, stiubhardan agus teachdair-ean, cha n-è sagairt iobraidh.⁴ Tha na h-aobharan airson an robh sagartachd nan Tudhach air a cur air chùl, a’ labhairt le dearbhaidh a cheart cho soilleir an aghaidh sagartachd iobraidh fo ‘n chreidimh Chriosdail.⁵ (2) Cha n’eil ànn ach aon iobairt amhàin—is i sin lobairt Chalbhari.¹ “Cha ’n fhàgar tuilleadh dhuinn lobairt airson peacaidh.” (3) Cha n’eil tairbhe ann an lobairt gun fhuil.²
1 Mal. i. 11.—Oir, o éirigh na gréine gu ruig a dol sios, bithidh m’ainm-sa mòr am meag nan cinneach; agus anns gach àite taigear tuis do m’ainm-sa, agus tabhartas fior-ghlan: oir bithidh m’ainm mòr am meag nan cinneach, deir Tighearn nan sluaigh.
2 Salm cxli. 2.—Cuirear m’urnuigh a’d lathair, mar thuis; togail suas mo làmh, mar an iobairt fheasgair. Salm li. 17.—Is iad iobairtean Dhé spiorad briste: air cridhe briste agus brùite, a Dhé, cha dean thusa tàir. Eabh. xiii. 16.—Ach na dì-chuimhnicibh maith a dheanamh, agus comh-roinn a thoirt uaibh: oir a ta an leithide sin do iobairtibh taitneach do Dhia. Ròm. xii. 1.—Air an aobhar sin guidheam oirbh, a bhràithre, tre thròcairbh Dhé, bhuir cuirp a thoirt ‘n am beò-iobairt, naomh, thaithnich do Dhia, ni a’s e bhuir seirbhis reusonta.
3 Isà. lxvi. 19.—Agus cuiridh mi comhara ‘n am meag; agus a’ mhuinntir a théid as diubh cuiridh mi dh’ionnsuidh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thairngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, no crochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca niamh mo ghloir; agus cuiridh iad an cèill mo ghloir am meag nan cinneach. R. 20, Agus bheir iad ‘ur bràithrean uile, as gach cinneach, mar thabhartas do’n Tighearn; air eachaibh, agus air carbadaibh, agus air urighibh, air muilidhibh, agus air ainmhidhean luath-chosach; gu mo shliabh naomh-sa Ierusalem deir an Tighearn; amhuil a bheir clann Israeil tabhartas ann am soitheach glan gu tigh an Tighearn.
4 1 Cor. iv. 1.—Biodh a shamhuil so do mheas aig duine dhinne, mar mhministeiribh Chriosd, agus mar stiubhardaidh rùna-dhomhair Dhé. 2 Cor. v. 20.—Uime sin is teachdairean sinn air son Chriosd, mar gu cuireadh Dia impidh leinne: tha sinne a’ guidhe oirbh as uchd Chriosd, bithibh réidh ri Dia.
5 Ròm. vi. 9.—Air dhuinn fios a bhi againn air do Chriosd éirigh o na marbhaibh, nach básaich e ni’s mò; cha n’eil tighearna aig a’ bhàs nì’s mo air. Eabh. vii. 23.—Agus bha gu deimhin mòran dhiubh-san ‘n an sagartaibh, do bhrigh gu’n do bhacadh dhoibh leis a’ bhàs a bhi maireann. R. 28, Oir tha an lagh a deanamh àrd-shagarta do dhaoinibh aig am bheil amhuinneachd; ach focal nam miannan a bha an déigh an lagha a’ deanamh àrd-shagairt do’n Mhac a tha air a dheanamh iomlan gu siorruidh.
C. 228.—Ciamar a tha an Ròimh ciontach de iodhol-aoradh anns an aifrin?—F.—Tha i ag aoradh do chrimeig arain, no do ghearraig choisrigte, mar Dhia; ach cha n’eil anns a’ ghearraig so, mar chaidh a dhearbadh cheana, ach amhàin min agus uisg.—(Faic Ceist 206. Faic Manual, t. 81.)
C. 229.—Ciamar a tha ’bharail so ag àrdachadh na sgartachd?—F.—Le bhi ag ràdh gu’m beilear a’ toirt cumhachd do na sagartaibh an t-aran agus am fion atharrachadh gu corp Chriosd—“Tighearn na gloire” a thoirt anuas air an altair, agus an-deigh sin esan iobradh suas airson nam beò agus nam marbh.—(Créud Phluis IV., EAR. 5.)
COMANACHADH ANN AN AON SEORSA.
C. 230.—Ciod a tha thu a’ ciallachadh le comanachadh ’an aon seòrsa?—F.—Tabhairt an arain amhàin do’n phobull, agus cumail a’ chupain uatha.—(Faic Créud Phluis IV., EAR. 8.)
C. 231.—Am bheil an cleachdadh sin an aghaidh òrdugh Chriosd?—F.—Tha gu fior shoilleir. Is è thubhairt Criosd, “Olaibh uile dheth.”—(Mata xxvi. 27.)
C. 232.—Ach nach robh sin air a ràdh ris na h-Abstoil amhàin?—F.—Bha gun teagamh; ach bha è air a ràdh ris na h-Abstoil mar luchd-ionaid na h-eaglais uile. A bhàrr air sin, ma dh’fhàodar an cupan a chumail o ‘n phobull, do bhrigh gu’n robh na focail “Olaibh uile dheth,” air an labhairt ris na h-Abstoil amhàin; dh’fhaoiteadh an t-aran a chumail uatha, mar-an-céudna; do bhrigh gu’n robh na focail “Gabhaibh, ithibh,” air an labhairt ris na h-Abstoil amhàin.
C. 233.—An d’aidich ùghdairean Pàpanach gu’n robh a’ phriomh eaglais a’ gabhail an dà sheòrsa, an t-aran agus am fion anns a’ chomànachadh?¹—F.—Dh’aidich Comhairle Chonstance so, agus cuid de ‘n luchd-teagaigsg a’s àirde cliù ameasg nam Pàpanach.
C. 234.—Dearbh gun d’fhuair am pobull an dà sheòrsa, an t-aran agus am fion?—F.—Tha an t-Abstòl ann an sgriobhadh a dh-ionnsuidh muinntir Chorint, ag ràdh—
I Cor. xi. 26.—Oir cia minig as a dh’itheas sibh an t-aran so, agus a dh’òlas sibh an cupan so, tha sibh a’ foillseachadh bàis an Tighearna gus an tig è.
C. 235.—Ciod i a chrioch a ta aig eaglais na Ròimh anns a’ chleachdadh so—toirt a’ chomànachaidh ann an aon seòrsa?—F.—Ciod ach dreuchd nan sagart àrdachadh; tha iadsan, leis a’ chleachdadh so, air an deanamh ‘n an luchd-compàirt de shoch-airibh o’m bheil am pobull air an dùineadh amach, agus gu eagal mòr, saobh-chreidmheach mu na comharraidhean coisrigte a thogail ann an intinnibh an t-sluagh.
C. 236.—Ciod an réusan a tha eaglais na Ròimh a’ toirt airson a’ chleachdaidh so?—F.—Eagal gu’n dòirtear dad de’n fhion air an talamh, a chur eas-onoir air an t-Slànuighear, oir tha i a’ cumail amach gur Criosd gach boinne air leth dheth: mar so, tha i a’ gabhail oirre-féin a bhi ag atharrachadh an òrduigh a shuidhich Criosd, fo ainnm a bhi ‘cur urrainm na’s mò air nithibh naomha.—(Faic Ceist 199, 216.)
C. 237.—Ciod è an sàmhladh òrduichte agus a’s fior fbreag-arrach air fuil Chriosd a chaidh dhòrtadh air ar son?—F.—Toradh na fionain. Chanfhaca corp, no fuil Chriosd truaillidheachd.²
1 Eabh. vii. 27.—Nach feum gach là mar na h-àrd-shagairt ud lobairtean thoirt suas, air tús air son a pheacanna féin, agus an dèigh sin air son pheacanna an t-sluaigh: oir rinn e so aon uair ’s an àm a thug se e-féin suas. Eabh. ix. 25.—No fòs chum e-féin iobradh gu minic, mar a thèid an t-àrd-shagairt gach bliadhna steach do’n ionad naomh, le fùil nach leis féin. R. 28, Mar sin thugadh Chriosd suas aon uair a thoirt air falbh peacanna mhòran, ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhoibh-san aig am bheil stùl ris, chum slàinte. Eabh. x. 1.—Uime sin air bhi aig an lagh sgàile nithe maithe ri teachd, agus cha’n e fior-choslas nan nithe féin, cha’n ’eil e comasach dha an dream a thig d’a ionnsuidh a chaoi dh a dheanamh coimhlionta leis na h-lobairtibh sin, a bha iad a’ toirt suas o bhlìadhna gu bliadhna a ghnàth. R. 2, Oir an sin nach sguireadh iad do bhi ’g an toirt suas? do bhrigh nach biodh aig luchd deanamh na naomh-sheirbhis tuilleadh coguis air bith peacaidh, air dhoibh bhi aon uair air an glanadh. R. 3, Ach anns na h-lobairtibh sin nithear ath-chuimhneachadh air na peacaibh gach bliadhna. R. 4, Oir cha n’eil e’n comas gu’n tugadh fùil tharbh agus ghabhar peacanna air falbh. R. 5, Uime sin aig teachd dha do’n t-saoghal, a ta e ag ràdh, Iobairt agus tabhartas cha b’aill leat, ach dh’ulluich thu corp dhomh-sa. R. 6, Ann an lobairtibh-loisgte, agus ann an lobairtibh air son peacaidh cha robh thlachd agad. R. 7, An sin thubhairt mise, Feuch tha mi a’ teachd (ann an rola an leabhair thà sud sgrìobhta orm), chum do thoil-sa a dheanamh, O Dhé. R. 8, Air dha a ràdh roimh sin, Iobairt, agus tabhartas, agus lobairte-loisgte, agus lobairt air son peacaidh cha b’aill leat, agus cha robh do thlachd annta (a tha air an toirt suas a réir an lagha). R. 9, An sin thubairt e, Feuch, a ta mi a’ teachd a dheanamh do thoil-sa, O Dhé. Tha e ’cur air cuil a’ cheud ni, chum gu’n dainingich e an dara ni. R. 10, Leis an toil so tha sinne air na naomhachadh, tre toirt suas cuirp Iosa Chriosd aon uair. R. 11, Agus tha gach uile shagart a’ seasamh gach là a’ frithleaich agus a’ toirt suas nan lobairt cèudna gu minic, nithe do nach ’eil e’n comas a chaoi dh peacanna thoirt air falbh. R. 12, Ach an duine so, an dèigh dha aon lobairt a thoirt suas air son peacaidh, shuidh e a chaoi dh tuilleadh air deas làimh Dhé. R. 13, A’ feitheamh o sin suas gus an cuirear a naimhde ’n an stòl-chois fo ’chosabh. I Pead iii. 18.—Oir dh’fhuiling Chriosd féin aon uair air son pheacanna, am flean air son nan neo-fhrean (chum gu’n tugadh e sinne gu Dia), air dha bhi air a chur gu bàs ’s an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.
2 Eabh. ix. 22.—As eugmhais dòrtaidh fola cha n’eil maitheanas r’a fhaotuinn.
1 Faic Col. 100, Labbe agus Cossart, 1672.
2 Gniomh. ii. 27.—Ni mò a dh’fhuillingeas tu do d’ naomh Aon féin gu’m faic e truaillidheachd.
(Rè leantuin.)
SOMETIMES we are ready to fall into despair—“Oh! there is no mercy for me; I may give up prayer and everything else;” then we are, by His grace, brought into a lively hope by the resurrection of Jesus Christ from the dead.—Rev. FINLAY COOK.