O SIBHSE a shluaigh gun eagal Dhia
Gum b’fhearr dhuibh riamh nach dthuair sibh bith,
Nuair thig E ‘s teine millteach roimh ghnuis,
‘S a shuilean dearcadh oirbh fa leth:—
“S e so an sluagh rinn ormsa tair,
‘S a stamp mo Shabaid fuidhe ‘n cois;
A dheilbh dhoibh fein gach innleachd bàis,
An ifrinn shios chan fhaigh iad fois.
“Am aghaidh thog sibh suas bhur lamh
Mo Shabaid thruaill sibh agus bhrath,
Carson nach dthfhag sibh corp gun chur san uaigh:
Nach robb Diluain a cheart cho math?”
Chuir sibh corruich agus fearg air Dia,
Is ffar gun sgeith E sibh a mach;
Ar mealltaireachd ‘s ar ceilg rinn chradh,
‘S a Shabaidean ag eidheach mort.
Ag radh:—“Cha do pheacaich mise riamh,
‘S am fianuis Dhia cha d’rinn mi cron
Tha mi gu h-iomlan naomh on bhroinn,
Ach ‘s oillteill mar a chaidh mo lot.
“Lot-iad mo chosan ‘us mo cheann,
Do stamp agus do phronn iad muchd;
Nach cluinn sibh ‘n osna tha am chliabh,
‘Us riamh cha d’rinn mi orra lochd.
“O phobuill Dhia nach dean sibh bròn
Sann dhuibh bu choir dhol as mo leth,
Saibhir dh’ullaich mi dhuibh lòn
‘S mo sholasan cha d’rinn oirbh a chleith!”
An uair thig tinneas agus cradh
‘Us pian a bhais air teachd san uchd;
Gur bochd an t-am gu iarruidh gràis,
‘S an uaigh ag radh “is leamsa an corp.”
Ach lean a nis an t-anam truagh,
‘Us cluinn le do chluais an scread:—
“Mo mhile mallachd aig an là
A rinn mo mhathair mis a bhreith.
“Le ceartas tha mi ‘n doruinn chruaidh,
‘Us fuasgladh as chan fhaigh gu brath;
‘S na huile buadh tha ann an Dia
A nis gam phianadh ‘us gam chradh.”
Nuair shineas an dara bàs a lamh,
Na thàras e cha leig e as;
Duinidh stigh an uamhas ‘us an cradh,
‘Us gu brath cha bhris a ghlàs.
Mur sguir sibh de bhur nobair thruagh
Gur uamhasach a bhios bhur n-eigh;
Oir ‘s cinnteach gu faigh gach aon duais,
A reir mur ghlùais e am fianuis Dhé.
(ALEXANDER MACLEOD,
Spalding, South Australia.)