Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1910 » December 1910 » An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

(Continued from page 279.)

AORADH DO NAOIMH ‘US DO AINGLEAN.

C. 238.—Ciod è teagasg eaglais na Ròimh mu ùrnuigh ri naoimh agus ainglibh?—F.—Tha i a’ teagasg gur còir onoir a chur air na Naoimh a ta righeachadh maillle ri Criostd agus ùrnuigh a dheanamh riutha, agus gu’m bheil iad a’ deanamh ùrnuigh ri Dia air ar son.—(Créud Phuis IV., EAR. 7. Faic Naomh—IUCHAIR).

C. 239.—Ciod iad na h-argumaidean a tha i a’ toirt airson na chleachdaidh so?—F.—Tha i ag ràdh mar tha è ceadaichte do na Naoimh ùrnuigh a dheanamh airson càch a chéile air an talamh; mar sin, gu’m bheil è ceadaichte do na Naoimh air nèamh, ùrnuigh a dheanamh airson nan Naomh a ta air an talamh.

C. 240.—Ciod è do fhreagairt do sin?—F.—Cha n’eil an argumaid sin a’ beantuiinn idir ris a’ chuis, no ‘dearbhadh na chuis’ ann an tomhas air-bith, co aca tha sinn gu ùrnuigh a dheanamh ris na Naoimh, no nach ‘eil. Eadhon geda b’ fhlor, gu’n robh na Naoimh air nèamh a’ deanamh ùrnuigh air ar son-ne, cha bu dearbhadh sin gu’m faod sinne ùrnuigh a dheanamh riutha-san.

C. 241.—Am bheil aobhar a bhi ‘creidsinn gu’m bheil na Naoimh air nèamh ag ùrnuigh airson nan Naomh a ta air an talamh?—F.—Cha n’eil. An àite sin, is ann a tha aobhar a bhi ‘creidsinn, nach ‘eil iad idir a’ deanamh ùrnuigh no eadar-ghuidhe airson nan Naomh a ta air an talamh. Tha è soilleir o’n Litir a chum nan Eabhruidheach,1 mar nach fhaodadh neach

1 Eabh. ix. 2.—Oir dheasaicheadh an ceud phàilliuin, anns an robh an coinnleir, agus am bòrd, agus aran na fianuis, ris an abrar an t-ionad naomh. R. 3. Agus an taobh a stigh do’n dara roinn-bhrat, am pàilliuin ris an abrar an t-ionad a’s ro naomha. R. 7. Ach do’n dara pàilliuin chaidh an t-ard-shagart ‘n a aonar a steach aon uair ‘s a’ bhlaidhna, cha b’ ann as éugmhais fola, a thug e suas air a shon féin, agus air son seacharain an t-sluagh. R. 24. Oir cha deachaidh Criostd a steach do na h-ionadaibh naomh làmh-dheanta nithe a ta ‘n an samhlaichas air an fhlor ionad; ach do nèamh féin, chum a nis e-fein a nochdadh ann am fianuis De air ar son-ne.

sam-bith frithealadh anns “an ionad a’s ro naomha,” ach an t-árd shagart, mar sin, nach fhaod neach sam-bith eadar-ghuidhe a dheanamh ann an nèamh féin—am fior ionad naomh, ach Abstol agus Ard Shagart ar n-aidmheil-ne—an t-aon Eadar-mheadhonair eadar Dia agus duine, is è sin Críosd.

C. 242.—Nach ‘eil aingéal air ‘ainmeachadh le Sechariah (i. 12) mar aon a ta ‘deanamh eadar-ghuidhe airson Israeil?¹

F.—Tha; ach is è an t-aingeal sin an Tighearn Iosa, Aingéal a’ chùmhnaist; mar chithear arist ann an Gnlomh. vii. 30, 32.²

C. 243.—Am bheil na Naoimh air an ainmeachadh ann an leabhar an Taisbeanaidh, mar muinntir a tha ‘deanamh eadar-ghuidhe air nèamh?³

F.—Cha n’eil. Tha iad a’ cumail nan “tùis-shoithichean òir làn de nithibh cùbhraidh, nithe a’s iad ùrnuighean nan Naomh.” Bha eadar-dhealachadh comharrachta eadar an tuis-shoitheach agus an tuisear. B’e an tuis-shoitheach an soitheach anns an robh an tuis air a cur, mu’n robh i air a tabhairt suas. B’e an tuisear an soitheach anns an d’rinn an sagart an tuis a thabhairt suas. Tha na Naoimh amhàin a’ cumail nan tuis-shoithichean ‘n an làmhan. Cha n’eil iad a’ tabhairt suas na tuisse, no a’ cur suas na h-ùrnuigh. Tha sin air a dheanamh le Aingéal a chùmhnaist, Ard Shagart na h-eaglais, an Tighearn Iosa.⁴ A bhàrr air sin, ged tha an taisbeanadh so air ‘fhoillseachadh mar nì a tha ‘tachairt air nèamh, buinidh è do’n eaglais air an talamh.

C. 224.—An urrainn na Naoimh ar h-ùrnuighean a chluinn-tinn, no èisdeachd?—F.—Cha n-urrainn. Is è Dia amhàin a’s urrainn ar n-ùrnuighean èisdeachd, agus cha n’eil ànn ach aon Dia. Na’m b’ urrainn na Naoimh gach ùrnuigh a thàtar a’ deanamh riutha le Pàpanaich a chluinn-tinn, agus gach neach a tha ag aoradh dhoibh ‘fhaicinn, bhiodh iad uil’ fhiosrach agus uile-làthaireach mar tha Dia féin. Ach cha n’eil iad mar sin idir.⁵

¹ Sech. i. 12.—An sin fhireagair aingéal an Tighearn, agus thubbairt e; O Thighearn nan sluagh, cia fhad a bhios tu gun trócair a dheanamh air Jerusalem, agus air bailtibh Iudah, ris am bheil thu ann an corruich a nis deich agus tri fichead bliadhna?

² Gnlomh. vii. 30.—Agus an uair a choimhlionadh dà fichead bliadhna, dh’fhoillsicheadh dha ann am fàsach beinne Shina, aingéal an Tighearn ann an lasair theine ann am preas. R. 32, Ag ràdh, is mise Dia t’aithriche, Dia Abraham, agus Dia Isaac, agus Dia Iacob. An sin chriothnuich Maois, agus cha robh chridhe aige amharc.

³ Taisb. v. 8.—Agus an uair a ghlac e’n leabhar, thuit na ceithir bheath-aichean, agus an ceithir seanaire fichead slos an làthair an Uain, agus aig gach aon diubh clàrsaichean, agus tuis-shoithichean òir làn do nithibh deadh-fhaile, nithe a’s iad ùrnuighean nan naomh.

⁴ Taisb. viii. 3.—Agus thàinig aingéal eile, agus sheas e aig an altair, agus tuisear òir aige; agus thugadh dha mòran tuisse, chum gu’n tugadh se e maille ri ùrnuighibh nan uile naomh air an altair òir, a bha’n làthair na righ-chaitheach.

⁵ Isa. lxiij. 16.—Gu deimhin is tusa ar n-Athair, ged nach aithne do Abraham sinn, agus nach ‘eil Israel a’ gabhail ruinn; is tusa a Thighearn ar n-Athair, ar Fear-saoraidh.

C. 245.—Ciamar mata, a mhìnnechas tu na briathran so ann an Lúcas xv. 10.1

F.—Rànnsaich a’ chosamhlachd sin agus chì thu nach ‘eil fios aig na Naoimh ciod a tha ‘tachairt ameasg dhaoine. Tha Criosd am Buachaill math, an so, a’ dol an-deigh na caorach caillte, ‘g a toirt leis dachaidh, agus an-deigh sin, a’ gairm a chàirdean an ceànn a chéile, na naoimh agus na h-ainglean, agus ag ràdh, “Dèanaibh gairdeachas maille rium-sa, a chionn gu’n d’fhuaire mi mo chaora ‘bha caillte.” Tha Criosd ag innseadh so dhoibh; cha robh fios aca air roimhe; ach air dhoibh an fhirinn bheannaichte a chluinntinn uaithe-fein, rinn iad gairdeachas. Tha so a’ dearbhadh nach ‘eil fios aig na Naoimh ciod a tha ‘tachairt.

C. 246.—Cia lion seors’ aoraiddh a tha aig eaglais na Ròimh?
—F.—Tha trì àraid, (1) Latría, is è sin mar their i-féin, an t-aoradh a bhuneas do Dhia amhàin; (2) Híperdulia, do’n Oigh Muire; agus (3) Dulia, do na Naoimh.

C. 247.—Am bheil gach seors’ aoraiddh dhiubh sin ceart?
F.—Cha n’-eil. Tha gach aon diubh bréugach ànn-féin, agus gun mhaith air-bith ann an cleachdad aoraiddh, oir is éu-comasach tomhas freagarrach a thoirt do gach aon diubh sid. Tha Dulia gu tric a’ ciallachadh seirbhis Dhia.2

C. 248.—Aithris aon de ùrnuighean iodholach na Ròimh?
F.—Tha na Pàpanaich air an teagasg gu bhi ag ùrnuigh ris na Naoimh maillle ri Iosa, mar a leanas:—

ÙRNUIGH IODHOLACH NAM PAPANACH.—”O Iosa ro thaitnich! O Mhuire ro ghaolach! O Ioseiph ro ghràdhaich! dhuibh-se tha mi ‘g a mo thoirt féin gu h-iomlan, gabhaibh seilbh orm gu siorruidh. O Thronaid naomh, dhuibh-se tha mi ‘tairgse agus a’ coisrigeadh trì chumhachdan m’ anama. O Iosa, a Mhuire, Ioseiph, a Thronaid fhìor bheannaichte! beannaichibh mi le beannachd trì filte an Tighearna trì uairean beannaichte.”— (Novena of St. Joseph, page 227.)

Tha an ùrnuigh so air a deanamh rì Iosa, ri Muire, agus ri Ioseiph—an trìuir uile còmbla; an long sin, tha è èu-comasach do ‘n Phàpanach an tomhas aoraiddh air-leth a thoirt do gach aon diubh, a tha è na h-aideachadh féin a’ meas a bhi dligheach dhoibh.

1 Lúc. xv. 10.—Mar an ceudna a ta mi ag ràdh ribh. A ta gairdeachas an làthair aingle Dhé, air son aoin pheacaich a ni aithreachas.

2 Mata vi. 24.—Cha’n urrainn neach air bith seirbhis a deanamh do dhà Thighearn: oir an dara cuid bithidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus ni e tair air neach eile. Cha’n urrainn sibh seirbhis a dheanamh do Dhia agus do Mhamon. Lúc. xvi. 13.—Cha’n ‘eil seirbhis each sam bith comasach air seirbhis a dheanamh do dhà thighearn; oir an dara cuid fuathaichidh e aon diubh, agus bheir e gràdh do’n fhear eile; no gabhaidh e le aon diubh agus ni e tair air an fhear eile. Cha’n ‘eil sibh comasach air seirbhis a dheanamh do Dhia agus do Mhamon. Gniomh. xx. 19.—A’ deanamh seirbhis (douleuon) do’n Tighearn leis gach uile irioslachd inntinn. Ròm. xii. 11.—Gun bhi leasg ann an gnothuichibh: dûrachdach ‘n ‘ur spiorad; a’ deanamh seirbhis (douleuon) do’n Tighearn.

C. 249.—Cia lion seòrs’ aoraidh a ta thus’ a’ cleachdadh, no ‘coimhead?—F.—Cha n’eil ach a h-aon. Tha mì ‘toirt aoraidh do Dhia ‘n a aonar—do Dhia amhàin. Tha mì ‘toirt urram do dhaoine d’ an dlighear urram. Agus is è so mo bharantas airson a bhi ‘deanamh sin: “tha è sgrìobhte, Bheir thu aoradh do’n Tighearn do Dhia agus dhà-san ‘n a aonar ni thu seirbhis.”—Mata iv. 10. “Bitheadh eagal Dé oirbh. Thugai bh urram do’n rìgh.”

—1 Pead. ii. 17.

C. 250.—Ciod è an t-eadar-dhealachadh a tha ‘éadar aoradh agus urram?—F.—Is è aoradh a bhi ‘moladh Dhia agus ag ùrnuigh ris, fo mhothachadh air mo pheacaidhean, agus air m’ eisimeil spioradail, agus a’ toirt buidheachais do Dhia airson bheannachdan a ta air am faotuinn leam. Is è urram aideachadh dligheach, aimsireil eadar duine ‘us duine—lùbadh a’ chinn ann am fàilteachadh, lùbadh na glùine ‘an làthair an rìgh, no na ban-rìgh.

C. 251.—Am bheil an Ròimh a’ deanamh aoraidh do na Naoimh?—F.—Thà. Tha i a’ cur suas ùrnuighean riutha, agus le mòr eisimeil ag iarraidh nithe spioradail uatha, agus le bhi, mar sin, a’ toirt do’n chreutair an ni a bhùineas do Dhia amhàin, tha i ciontach de iodhol-aoradh. Tha i a’ briseadh àithne Dhia.

C. 252.—Nach dubhairt an t-aingeal ri Muire, “Is beannaichte thu am measg bhan?”—Lùcas i. 47.—F.—Thubhairt; agus tha è sgrìobhte, mar-an-céudna, “Beannaichte os ceann bhan bithidh Iael.” Ma tha aoradh gu bhi air a dheanamh do Mhuire, do bhrigh gu’m bheil i “beannaichte am measg bhan”; cia mòr a’s mò na sin is còir aoradh a dheanamh do Iael, oir tha ise “beannaichte os ceann bhan.”1

C. 253.—Am bheil ùghdarras sgrìobtuireil air-bith againn gu bhi ag ùrnuigh ris an Oigh Muire, no bhi ag aoradh dhì?—F.—Cha n’eil. Tha aoradh a dheanamh do neach air-bith, ach do Dhia féin ‘n a aonar, air a thoirmesag agus air a dhìteadh gu teann le focal Dé.2 Cha n’eil an Oigh air a h-ainmeachadh, ach aon uair, ann an Gniomhraibh nan Abstol, agus aon uair ann an Litrichibh nan Abstol, agus is ànn mar bhoirionnach amhàin, a ta i air a h-ainmeachadh an sin.3 Cha n’eil aon fhocal anns an Sgrìobtuir air a bhi ag ùrnuigh rithe-se, no ri créutair sam-bith.

C. 254.—Ciod an teagasg ùr a thug eaglais na Ròimh seachad, air an ochdamh là de’n dara Mios déug de’n bhlìadhna 1854, mu’n Oigh Muire?—F.—Gu’n robh i air a gineamhuinn às éugais

1 Breith v. 24.—Beannaichte os ceann bhan bithidh Iael bean Hebeir a’ Chenich; beannaichte bithidh i os ceann bhan anns a’ bhùth.

2 Mata iv. x.—An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shatain: oir a ta e sgrìobhta, Bheir thu aoradh do’n Tighearna do Dhia, agus dhà-san ‘n a aonar ni thu seirbhis. Lùc. xi. 27.—Agus an uair a bha e ‘labhairt nan nithe so, thog bean àraidh do’n t-sluagh a guth, agus thubhairt i ris, Is beannaichte a’ bhrù a ghùilain thu, agus na cìochan a dheoghail thu. R. 28, Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri focal Dé, agus a choimhdeas e.

3 Gal. iv. 4.—Chuir Dia a Mhac féin uath, a ghineadh o mhnaoi,

peacaidh, ni de’n goirear gu coitchionn “a’ Ghineamhuinn Neo-thruailidh,” (Immaculate Conception).

C. 255.—Am bheil an teagasg so a’ dol an aghaidh nan Sgriob-tuir?—F.—Thà. Tha è air a theagasg dhuinn, gu soilleir, gu’n do pheacaich na h-uile dhaoine. “Oir pheacaich na h-uile.”—Rôm. iii. 23.

C. 256.—Am bheil è a’ cur an aghaidh ni sam-bith a thubhairt an Oigh féin?—F.—Thà. Tha an Oigh a’ labhairt mu Dhia mar a Slànughear. Nise, mur bu bhan-pheacach i, cha bhitheadh féum aice air Slànughear.1

C. 257.—Carson a tha thu a’ cur an aghaidh a bhi ag ùrnuigh ris na Naomh?—F.—(1) Do bhrigh gu’m bheil na Sgriobtuircean a’ toirmesag gach aoraidh do aon air-bith de na Naomh, no do chréutair air-bith eile.2 (2) Tha Criosd air ‘fhoillseachadh mar an t-aon Eadar-mheadhonair, agus mar an t-slighe dh-ionnsuidh Dhia.3

1 Lúcas i. 47.—Agus tha mo spiorad a’ dheanamh gairdeachais ann an Dia mo Shlànughear.

2 Gnomh. x. 25.—Agus an uair a bha Peadar a’ dol a steach, choinnich Cornelius e, agus thuit e sios alg a chosaibh, agus rinn e aoradh dha. R. 26, Ach thog Peadar suas e, ag rádh, Seas suas; is duine mise mar an ceudna. Gnomh. xiv. 13.—An sin thug sagart Iupiteir, a bha fa chomhair an caitheach-san, taibh agus blàth-fhleasgaidh chum nan geata, agus b’ail leis lobairt a dheanamh maill ris an t-sluagh. R. 14, Ach an uair a chuala na h-abstoil Barnabas agus Pòl so, reub iad an eudach, agus ruith iad a steach am measg an t-sluagh, ag éigheach. R. 15, Agus ag rádh, A dhaoine, c’ar son a ta sibh a’ deanamh nan nithe so? oir is daoine sinne cosmhuil ribh-féin thaobh fulangais, a’ searmonachadh dhuibh-se, pilltinn o na nithibh dlomhain sin chum an Dé bheò, a rinn nèamh, agus an talamh, agus an cuan, agus na h-uile nithe a ta annta. Taisb. xix. 10.—Agus thuit mi sios alg a chosaibh chum aoraidh a dheanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dean thu e: is comh-sheirbhiseach dhuit-fein mise, agus do d’ bhràithribh aig am bheil fianuis Iosa: dean aoraidh do Dhia: oir is i fianuis Iosa spiorad na fàidheadaireachd. Taisb. xxii. 8.—Agus chunnaic mise Eoin na nithe so, agus chuala mi iad: agus an uair a chuala agus a chunnaic mi iad, thuit mi sios a’ deanamh aoraidh roimh chosaibh an aingil, a nochd na nithe so dhomh. R. 9, An sin thubhairt e rium, Feuch nach dean thu e: oir is comh-sheirbhiseach dhuit mise, agus do d’ bhràithribh na fàidhean agus dhoibh-san a choimhdeas briathran an leabhair so: dean aoradh do Dhia.

3 Eòin x. 9.—Is mise an dorus: ma théid neach air bith steach tromham-sa tèarnar e, agus théid e steach agus a mach, agus gheibh e ionalttradh. Eòin xiv. 6.—Thubhairt Iosa ris, Is mise an t-slighe, agus an fhlirinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach chum an Athar ach tromham-sa. R. 13, Agus ge b’e ni a dh’iarra sibh a’m’ ainm-sa, mi mise sin: chum gu’m bi an t-Athair air a ghlorachadh anns a’ Mhac. Gnomh. iv. 12.—Agus cha n’eil slàinte ann an neach air-bith eile: oir cha n’eil ainm air-bith eile fo nèamh air a thoirt am measg dhaoine, tre am feud sinn bhi air ar tèarnadh. Rôm. viii. 34.—Cò a dhlteas? Is e Criosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’ éirich a ris, agus a ta air deas làimh Dhé, neach a ta mar an ceudna a’ deanamh eadar-ghuidhe air ar son-ne. Ephes. ii. 18.—Oir trid-san tha araoon slighe againn gu dol a steach tre aon Spiorad chum an Athar. I Tim. ii. 5.—Oir is aon Dia a ta ann, agus aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Criosd. R. 6, A thug e-féin ‘n a éiric air son nan uile, mar fhlànuis ann an ám iomchuidh. Eabh. vii. 25.—Air an aobhar sin tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a’ dh’ionnsuidh Dhé trid-san a thèarnadh gu h-iomlan, do bhrigh gu’m bheil e beò gu sloruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an son. I Eòin ii. 1.—Ma pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maill ris an Athair, Iosa Criosd am firean.

C. 258.—Nach comharradh air irioslachd, a bhi ‘dlùthachadh ri Criosd tre ainglean agus tre naoimh?—F.—Cha n-eadh idir. Tha an t-Abstol ag earalachadh òirnn deadh aire ‘thoirt nach bi sinn air ar mealladh leis an droch bheachd so.1 Rinneadh Criosd ‘n a dhuine chum na ceart chrìche so, gu’m bitheadh e-féin amhàin ‘n a Eadar-mheadhonair agus ‘n a Ard Shagart againn.2

C. 259.—Ciod a’ chrìoch a tha aig Sàtan ‘s an amharc leis an teagasg so?—F.—Daoine a tharruing air-falbh o Iosa, an t-aon dòchas. Tha Criosd lân de gach uile ghràdh, iochd, agus caomh-alachd, agus tha è ag ràdh “An ti a thig am’ ionnsuidh, cha tilg mì air chor sam-bith a mach è.”—Eòin vi. 37. Na cuireamaid, matà, eas-onoir air-san a bhàsaich air ar son, le bhi fo theagamh gu’m bheil è toileach ar teàrnadh.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice