Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1911 » January 1911 » An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

(Continued from page 320.)

IOMHAIGHEAN.

C. 260.—Ciod a tha eaglais na Ròimh a’ teagasg mu iomhaighean?—F.—Tha Créud Phàp’ Pius ag ràdh, “gu’m faod iomhaighean a bhi aig muinntir, agus air an coinhead leò agus gu’m bheil è dligheach onoir agus àrd urram a thabhairt doibh.”—(Ear. 8.) Gidheadh, cha n’eil na Pàpanaich a dh-aon intinn, no aon-sgeulach air a’ cheart seòrs’ aoraiddh a bhuneas do iomhaighean.

C. 261.—Ciod anns am bheil am barailean ag eadar-dhealachadh?—F.—Tha Acuinas ag ràdh gu’m buin Latria, an seòrs’ aoraiddh a’s àirde, dhoibh; tha cuid eile a’ teagasg nach còir a thoirt doibh ach amhàin Dulia, an t-aoradh a’s ilse. Is i argumaid Acuinas, ma bheirear na’s lugha na Latria do na h-iomhaighean, gur ann air na h-iomhaighean féin agus nach ànn air Dia, a chuirear onoir, nì a ta’n a iodhol-aoradh; agus is i argumaid na pàirtidh a tha ‘cur an aghaidh sin, ma bheirear Latria do na h-iomhaighean, gu’m bheil am peacach air a ribeadh anns a’ chionta chéudna, do bhrigh gur ann do Dhia féin amhàin a bhuneas Latria.

C. 262.—Ach cia fad a tha an dà phàirtidh ag aontachadh le ‘chèle, mu na h-iomhaighean?—F.—Ann an cumail amach gur còir aoradh de sheòrs’ air-chor-eigin a thoirt do iomhaighean.

C. 263.—Ciamar tha iad a’ feuchainn ri so a dheanamh amach leis na ceruban agus leis an nathair umha?1

F.—Tha iad ag ràdh gu’n robh iad araoi air an deanamh a-réir àithne Dhia. Ach tha sinne ag ràdh—(1) Feuchadh na Pàpanaich àithn airson nan iomhaighean aca-féin; (2) Cha n-fhascas riamh na ceruban leis an t-sluagh, oir bha iad anns “an ionad a’s ro naomha”; agus air an aobhar sin, cha b’ urrainn an sluagh aoradh a dheanamh (vide book) do’n nathair umha, tha sinn a’ léughadh gu’n d’-rinn an Righ maith, Heseciah, a briseadh ‘n am miribh.2

1 2 Eachd. iii. 10.—Agus anns an tigh ro-naomh rinn e dà cherub do obair sho-ghlùaiste, agus chòmhdach e thairis le h-òr iad. Air. xxi. 8.—Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Dean dhuit-féin nathair loisgheadh, agus cuir i air crann; agus tarlaidh, gach neach a lotar, an uair a dh’amaireacas e oirre, gu mair e beò.

2 2 Righ xviii. 3.—Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilbh an Tighearn, a réir nan uile nithe a rinn Daibhidh ‘athair. R. 4, Chuir e air falbh na h-àitean àrda, agus bhris e na dealbhan, agus ghearr e sios na doireachan, agus mhìn-phaoann e an na-hair umha a rinn Maois; oir gus na làithibh sin bha clann Israeil a’ losgadh tuis dhì; agus thugadh Nehustan mar ainm oirre. Deut. xii. 2.—Léir-sgriosaidh sibh na h-àiteachan uile anns an d’rinn na cinnich a shealbhaicheas sibh seirbhis d’an diathaibh, air na beanntaibh àrda, agus air na cnocaibh, agus fuidh gach craoibh ghlais. R. 3, Agus leagaidh sibh sios an altairean, agus brisidh sibh an carraighean, agus loisgidh sibh an doireachan le teine, agus gearraidh sibh sios dealbhan snaidhte an dée, agus sgriosaidh sibh an ainm a mach ás an àite sin.

C. 264.—Nach ‘eil na Pàpanaich ag ràdh gu’m bheil iad ag aoradh do Dhia tre na h-iomhaighean?—F.—Thà; ach bha a cheart leisgeul sin aig na Cinnich.

C. 265.—Carson a tha thu ‘diultadh aoradh a thoirt do iomhaighean?—F.—Do bhrigh gu’m bheil è air a dhiteadh leis na Sgriobtuirhh.1

A chum ùmhlachd do’n dara Aithn a sheachnadh (Ecsod. xx. 4), tha an àithn sin air a gearradh amach gu h-iomlan, le eaglais na Ròimh, às an Leabhar-cheist aice, agus tha an deicheamh àithn air a roinn ‘n a dà earrainn, chum àireamh nan deich a dheanamh suas.

TOIRMEASG POSAIDH NAN SAGART; NO GILLEADAS.

C. 266.—Ciod è teagasg eaglais na Ròimh mu phòsadh na Cléire?—F.—Tha i a’ cur amach a mallachd an aghaidh na muinntir a their gu’m bheil è laghail do’n Chléir pòsadh.—(Comhairle Thrent.)

C. 267.—Am bheil thu ‘cur an aghaidh a bhi ‘bacadh pòsadh do’n Chléir?—F.—Tha mi; oir is teagasg sin a tha calgdhireach an aghaidh nan Sgriobtuir. Tha an t-Abstol Pòl a’ labhairt gu soilleir air pòsadh na Cléire, agus ag innseadh ciod an gnàth, an caithe-beatha ‘s an giùlain a’s còir a bhi aig mnaoi gach fir de’n Chléir.2

1 Ecsod. xx. 4.—Na dean dhuit-féin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’ao’n ni, a ta ‘s na nèamhaibh shuas, no air an talamh shios, no ‘s na huisgeachaibh fuidh ‘n talamh. R. 5. Na crom thu-féin sios doibh, agus na dean seirbhis doibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia éudmhor mi, a’ leantuin aingidheachd nan aithrìchean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubh-san a dh’fhuaithicheas mi. Lebhit. xxvi. 1.—Cha dean sibh dhuibh-féin iodholan no coslas snaidhte, agus cha chuir sibh suas iomhaigh dhuibh-féin, ni mò shuidhicheas sibh dealbh-cloiche ‘n ‘ur fearann, gu cromadh sios da; oir is mise an Tighearna bhur Dia. Deut. ix. 12.—Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich sios gu luath às a so; oir thruailt do sluagh a thug thu mach às an Eiphit iad-féin; chlaon iad gu grad o’n t-slighe a dh’aitn mise dhoibh; rinn iad dhoibh-féin dealbh leaghta. Deut. xvi. 22.—Ni mò a chuireas tu suas dhuit-féin dealbh sam bith, ni a’s fuathach leis an Tighearna do Dhia. Deut. xxvii. 15.—Mallachte gu’n roibh an duine a ni dealbh snaidhte no leaghta, gràineileachd do’n Tighearn, obair làmh an fhir-cheird, agus a chuireas e ann an ionad diomhair: agus freagraidh an sluagh uile, agus their iad, Amen. Ròm. i. 21.—Do bhrigh ‘nuair a b’ aithne dhoibh Dia, nach d’ thug iad glòir dha mar Dhia, agus nach roibh iad taingeil, ach gu’n d’fhàs iad diomhain ‘n an reusonachadh féin, agus gu’n do dhorchaicheadh an cridhe amaideach. R. 23. Agus chaochail iad glòir an Dé neo-thruaillich gu dealbh a rinneadh cosmhuil ri duine truaillich, agus ri eunlaith, agus almhidhidh ceithir-chosach, agus bhèisdibh snàgheadh. Taisb. xix. 20.—Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-bréige a rinn miorbhuilean ‘n a làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharran an fhiad-bheathaich, agus iadsan a rinn aoradh d’a iomhaigh. Thilgeadh iad sin ‘n an dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnse.

2 Mata viii. 14.—Agus an uair a thàinig Iosa gu tigh Pheadair, chunnaic e m’athair a mhnà ‘n a luidhe, agus i ann am fiabhrus. I Cor. ix. 5.—Nach ‘eil againne comas piuthar, bean-phòsda a thoirt leinn mu’n cuairt, amhuil mar na h-abstoil eile, agus braithrean an Tighearn, agus Cephas? I Tim. iii. 2.—Uime sin is còir do easbuig bhi neo-lochdach, ‘n a fhear aoin mhnà, faireil,

ciallach, deadh-bhèusach, fialuidh, ealamh gu teagasg. R. 4, ‘N a dhuine a riaghlàs a thigh féin gu maith, aig am bheil a chlann fo smachd maill ris an uile shuidheachadh-inntinn. R. 11, Is amhuil sin is còir do na mnaibh bhi suidhichte, gu’n bhi ‘n an luchd-tuailteis; ach bhi measaràc, ionraic ‘s na h-uile nithibh. R. 12, Biodh na deacoin ‘n am fir aoin mhnà, a’ riaghladh an cloinne, agus an tighe féin gu maith.

C. 268.—An robh pòsadh na Cléire air a thoirmesag, ‘an tomhas air-bith, ann an ceud linnibh na h-eaglais?—F.—Cha robh idir. Ann an ceud linnibh na h-eaglais bha a’ Chléir a’ pòsadh mar dhaoine eile.

TIGHEAN NAN DUBH-CHAILLEACH, (NUNNERIES).

C. 269.—Cò ris a theirear “tighean nan dubh-chailleach”?—F.—So tighean uaigneach a tha aig na Pàpanaich, mar a’s trice anns na bailtibh mòra, anns am bheil boirionnaich àraid a’ gabhail còmhnuidh—boirionnaich a tha fo bhòid nach pòs iad gu bràth, agus a tha ag aideachadh, no fo ainn a bhi g an toirt féin suas, ann an uaigneas, do oibrbh cràbhaidh.

C. 270.—Am bheil eaglais na Ròimh a’ ceadachadh do aon air-bith dhiubh sin an tigh-cràbhaidh, no an abaidd so ‘fhàgail, ma’s àil leatha, agus a dhòl amach arist ameag a càirdean?—F.—Cha n’eil. Aon uair ‘s gu’n gabhar a’ bhòid, cha n’shaodar a toirt air a h-aìs; agus cha n’eil a chridhe aig aon a tha fo’n bhòid pilltinn ris an t-saorsa a bha aice roimhe, no ‘toil féin a dheanamh.

C. 271.—Carson a tha thu ‘cur an aghaidh a’ chleachdaidh so?—F.—Do bhrigh gu’m bheil è ‘n a fhàth-truaighe, ain-tighearnail, mì-bhèusach, neo-sgriobtuireil agus mì-laghaill.

C. 272.—Cionnus a tha è ‘n a fhàth-truaighe?—F.—Tha am boirionnach a ta fo’n bhòid, òg, sean i, air a cur fo riaghladh na ban-aba, no ban-mhaighstir an tighe, fo smachd nan sagart; agus air a bacadh o chomhradh ri càirdean, ach amhàin air amaibh àraid ‘nuair a cheadaichear dhì, mar fhàbhar, labhairt riutha tre challaid laruinn.

C. 273.—Cionnus a tha è ain-tighearnail?—F.—Tha an òigh, is i sin an dubh-chailleach (nun), air a cur fo làn riaghladh nan uachdaran—na ban-aba agus nan sagart—agus féumaidh i làn ùmhlachd a thoirt doibh, anns na h-uile nithibh ciod-air-bith iad.

C. 274.—Cionnus a tha è mì-bhèusach?—F.—Is ro mhi-cheart boirionnaich a chur, marso ann an uaigneachd, fo chumhachd shagartan ‘us iad gun bhi pòsda, a bhitheas ‘g am faosaid, agus a’ cluinninn an uile pheacaidhean smuain agus gnìomha.

C. 275.—An robh gnomhran mì-bhèusach a’ sruthadh o’n chleachdaidh so?—F.—Bhà. Tha sin air a dhearbhadh le sgriobhdairnean Pàpanach féin a tha ag aideachadh ‘s a’ caoidh nan gnìomh truailidh. Tha Bride (St. Bridget) aon de na naoimh shònruichte, a’ gearan air a’ mhi-bhèus a bha ‘dol air aghaidh ann an tighean nan dubh-chailleach.1—Faic Gilleadas—IUCHAIR.

1 “The Revelations of St. Bridget,” chapter 43.—Cologne, 1629.

C. 276.—Cionnus a tha è neo-sgriobtuireil?—F.—Is è tha am Biobull a’ teagasg dhuinn gur còir dhuinn ar dleasanas a dheanamh anns gach caochlaidh inbhe agus staid anns am bi sinn air ar suidheachadh ‘s a’ bheatha so, ach cha n’eil focal eadar dà cheann a’ Bhlobuill mu riaghailt nan Dubh-chailleach. Thugadh riaghailt nam ban-aonarach, no nam ban-naomh so, bho na Pàganaich a bha ‘cumail mhaighdeanan a bha air an ainmeachadh air a’ bhan-dia Bhesta. Cha n’eil bunait sam-bith aig a’ chleachdadh so anns a’ chreidimh Chriosdail.1

C. 277.—Cionnus a tha è mi-laghail?—F.—Tha è an aghaidh lagh’ agus chòraichean Bhreatainn gu buileach, agus an aghaidh saorsa, a bhi ‘ceadachadh bhòidean mar so, leis am bheil neach a’ call a shaorsa, fad làithean a bheatha, agus air a dheanamh ‘n a thràill. The è mi-laghail a leithid so de thighean a bhi idir anns an tìr.

C. 278.—Am biodh tighean nan dubh-chailleach laghail no ceart, na’m biodh lad fosgailte do luchd-coimhid, no na’m bìteadh a’ sealtuinn thairis orra fo achd Pàrlamaid?—F.—Cha bhiodh: Cho fad ‘s a bhios na tighean-cràbhaidh so ànn idir, mairidh buan bhòidean mi-laghail na maighdeanais agus na h-uaigneachd, maillé ris gach olc a ta ‘n an lòrg. Tha iad fior olc anns gach seadh air-bith.

CLAONADH AGUS BINN EAIGLAIS NA ROIMH.

C. 279.—Ciod iad na comharraidhean air àicheadh Chriosd, no air tuiteam air falbh o’n chreidimh, a tha air an innseadh roimh làimh ann am focal Dé, agus a tha air am faicinn ann an eaglais na Ròimh?

F.—1. A bhi ‘toirmeasg pòsaidh agus ag iarraidh bidheanna a sheachnad: 2 agus mar sin, tha eaglais na Ròimh a’ toirmeasg pòsaidh do na sagartaibh, do na manaich, do na friaraich agus do na dubh-chailleachan, no maighdeanan nam bòid aice, agus tha i ag àithneadh d’a pobull gun fheoil itheadh air làithean àraid, fo phéin a’ pheacaidh bhàsmhoir.—(Faic Ceist 123.)

  1. Ag aigairt comais air miorbhuilean oibreachadh; 3 agus mar sin cluinnear mu fhuil reòta an Naoimh Ianuarius a bhi air a leaghadh le eaglais na Ròimh, agus mu iomadh miorbhuil faoin eile, a tha i a’ gabhail oirre-féin a bhi ‘deanamh leis na créutairean sin de’n goir i na Naoimh aice.—(Faic Ceist 244.)

  2. Ardachadh a cinn os ceann gach uile chumhachd eile,

1 Ròm. xii. 11.—Gun bhi leasg ann an gnothuichibh: d’urachdach ann bhu spiorad; a’ deanamh seirbhis do’n Tighearn.

2 1 Tim. iv. 3.—A’ toirmeasg pòsaidh, agus ag iarraidh bidheanna a sheachnad, a chruthaich Dìa chum an gabhail maillé ri breith-buidheachais leo-san a ta ‘creidsinn, agus aig am bheil eòlas na firinn.

3 2 Tes. ii. 9.—Eadhon esan, aig am bheil a theachd a réir oibreachaidh Shàtain, maillé ris an uile chumhachd, agus chomharaibh, agus iongantasaibh bréugach.

talmhaidh agus nèamhaidh,1 agus mar sin, tha am Pàp ag agairt
coir air àrd uachdaranachd—ag ràdh gur e-féin ionad meadhoin
na h-aonachd spioradail—gu’m bheil è na’s àirde na tighrean;
agus is è a’s ùghdair mòr do’n teagasg mhealltach sin a tha ‘gabh-
ail os làimh an Cruithear a chruthachadh le brigh-atharrachadh.—
(Faic Ceist 199.)

  1. A h-ionad—baile nan seachd sliabh,2 no nan seachd cnoc
    agus mar sin, gheibhear baile na Ròimh a’ seasamh air seachd
    sléibhteann.

  2. Géur-leanmhuinn;3 agus mar sin, rinn a’ Phàpanachd, a tha
    o thùs agus a ghnàth ri géur-leanmhuinn, mìltean ‘us muilleana
    de’n chinne-daoine a chur gu bàs airson an aidmheil dhiadhaidh;
    agus tha i fathast ri géur-leanmhuinn ann an Tuscani, ann an Eirionn agus anns gach àit eile ‘s am bheil comas aice sin a
    dheanamh.—(Faic Ceist 300.)

  3. Ceannachd spioradail;4 agus mar sin, tha eaglais na Ròimh,
    le ‘cuid aifrinnean, a’ deanamh malairt air anamanaibh dhaoine.—
    (Faic Ceist 152.)

C. 280.—Ciod a tha gu tachairt do eaglais an Anacriosd, no
“duine sin a’ pheacaidh”?—F.—Tha i gu bhi air a sgrios.5
Is ànn, air an aobhar sin, a tha an àithn so air a toirt, “Thigibh
a mach àisde, mo phobull.”6 Is coir dhuinn-ne, uime sin, agus
tha è fiachaichte òirnn, mar Chriosduidhean agus mar mhuinntear
a tha ‘gràdhachadh ar co-chrèutairean, cur ‘n a h-aghaidh gu dian,
agus saothair a dheanamh chum a tràillean ‘fhuasgladh.—(Faic
Laoigh III.)

ANA-COMPANTAS NA PAPANACHD.

C. 281.—Ciod a tha thu ‘ciallachadh le ana-còmpantas na
Pàpanachd?—F.—Tha mì a’ ciallachadh le sin gu’m bheil a’

1 2 Tes. ii. 3.—Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor; oir cha tig
an là sin mur tig air tìs tréigeadh-creidimh, agus mur foillsichear duine sin a’
pheacaidh, mac an sgrios. R. 4, A tha ‘cur an aghaidh agus ‘g a àrdachadh
féin os ceann gach nì ris an abrar Dia, no d’an deanar aoradh; ionnus mar
Dhia gu’m bheil e ‘n a shuidhe ann an teampull Dhé, ‘g a nochdadh féin gur
Dia e.

2 Taisb. xvii. 9.—An so a ta an inntinn aig am bheil gliocas. Na seachd
cinn is seachd sléibhteann iad, air am bheil a’ bhean ‘n a suidhe.

3 Taisb. xviii. 24.—Agus fhuaradh ann fùil fhàidhean, agus naomh, agus
nan uile dhaoine a mharbhadh air an talamh.

4 Taisb. xviii. 10.—A’ seasamhfad às, tre eagal a peanais, ag ràdh, Mo
thruaighe, mo thruaighe! a’ chaithir mhòr sin Babilon, a’ chaithir thréun sin!
oir ann an aon uair tàinig do bhreitheanas. R. 11, Agus nì ceannaichean na
talmhainn gul agus caoidh air a son; oir cha cheannaich neach sam bith am
bathar nì’s mò. R. 12, Bathar òir, agus airgid, agus chlach luachmhor. R.
13, . . . . Agus tràillean, agus anama dhaoine.

5 Taisb. xviii. 21.—Agus thog aingéal trèun clach mar chloich-mhuillin
mhbòr, agus thilg e ‘s an fhaighe i, ag ràdh, Is ann mar so le neart a thilgear
slos am baile mòr sin Babilon, agus cha’n fhaighear e nì’s mò.

6 Taisb. xviii. 4.—Agus chuala mi guth eile o nèamh, ag ràdh, thigibh a
mach àisde, mo phobull, chum nach bi sibh comh-pàirteach d’a peacaibh, agus
nach faigh sibh cuid d’a plàighibh.

Phàpanachd a’ seasamh an aghaidh maith a’ chinne-daoine, agus cronail, millteach, eadhon do bhuannachd agus do shonas aimsir-eil an duine.

C. 282.—Cionnus, matà, tha a’ Phàpanachd ana-còmpantach no cronail, millteach do shonas dhaoine?—F.—Air iomadh dòigh —ann an teagasg chealgach, ann am bacadh eòlais, agus ann an géur-leanmhuinn: cha n’fhuilig i nì sam-bith, ‘us cha n-fhiach leatha nì sam-bith, ach na their ‘s na nì i-féin.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice