Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1911 » April 1911 » An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

An Leabhar-Cheist Protastanach, le Lan Dearbhadh o na Sgriobtuiribh

(Concluded from page 435.)

Comhairle, council, assembly, synod. “Comhairle eaglais,” a meeting of divines. Co-thional easbuigean air an cruinneachadh ann an aon àit, a chum reachdan, riaghailtean agus òrduighean a dheanamh airson na h-eaglais, chum gach cuis dhraghail a shocrachadh, agus a chum còrdadh mu phùngan a’ chreidimh.

Aig na h-Ard Chomhairlibh, no na Comhairlean Coitchionta (Ecumenical or General Councils), a bha air an cumail aig caochladh àm, bhuiheadh do intinn na h-eaglais uile a bhi air a h-innseadh air gach cuis, agus bha sin air a dheanamh, gutric, le easbuig air a chur a dh’ionnsuidh na Comhairle, ás gach àit de chrioichaibh na h-eaglais.

Cuiridh sinn slos an so ainmean nan àitean maille ris a’ bhliadhna anns an robh na h-Ard Chomhairlean so air an cumail:—

AIREAMH NAN ARD CHOMHAIRLEAN.

| Comhairle ‘s a Baile. | Dùthaich. | Bliadhna ar Tighearna. |
|—————————————|——————|————————|
| Ceud Comhairle Nice, | Asia, | 325 |
| Ceud Comhairle Constantinople, | Tir-nan-Turcach, | 381 |
| Comhairle Ephesus, | Asia, | 431 |
| Comhairle Chalcedoin, | Asia, | 451 |
| Dara Comhairle Constantinople, | Tir-nan-Turcach, | 553 |
| Treas Comhairle Constantinople, | Tir-nan-Turcach, | 680 |
| Dara Comhairle Nice, | Asia, | 787 |
| Ceathramh Comhairle Constantinople, | Tir-nan-Turcach, | 869 |
| Ceud Comhairle Laterain (Ròimh), | An Eudailt, | 1123 |
| Dara Comhairle Laterain (Ròimh), | An Eudailt, | 1139 |
| Treas Comhairle Laterain (Ròimh), | An Eudailt, | 1179 |
| Ceathramh Comhairle Laterain (Ròimh), | An Eudailt, | 1215 |
| Comhairle Lions, | An Fhraing, | 1245 |
| Dara Comhairle Lions, | An Fhraing, | 1274 |
| Comhairle Bhienna, | Prussia, | 1311 |
| Comhairle Fhlorence, | An Eudailt, | 1439 |
| Cóigeamh Comhairle Laterain (Ròimh), | An Eudailt, | 1512 |
| Comhairle Thrent (Tiroll), | Austria, | 1545 |

Thàtar ag ràdh nach bu Comhairle Choitchionta ach ambàin a cheud ochd dhiubh sin, do bhrìgh nach do shuidh aig na deich eile, ach ambàin easbuigean a’ Phàp’ agus nach robh iad saor. Bha Comhairlean àraid eile air an cumail aig amaibh sònruichte ann an Arles, Arminium, Basil, Constance, Elleberis, Francfort, Paris, Pisa, Sardica, Toulouse.

Constance, baile ann an Suitserland.

Còrr-obair, (superabundant work; supererogation; more than enough); bàrr-ghnìomh; obair anns am bheil deadh thoillteanas anabarrach mòr, cho mòr as gu’m faod è, cha n-è mhàin an neach a rinn an obair, ach mar-an-céudna muinntear eile a thearnadh. Toillteanais anabarrach nan naomh, mar their an Ròimh.—C. 182-189.

Cranmer, aon de na martaraich Shasunnach.—C. 7.—Faic Martarach.

Créud, (what is believed; the articles of our Christian faith or belief); na nithe a chreidear; bonnachairean no stéidhean ar creidimh naoimh. Is i mhàin a’ Chréud Abstolach, no a’ chréud a dh’-aidicheadh air tùs, aig Comhairle nan diadhair ann an Nicéa, a ta fallain.—C. 3, 4, 11.

Criosdachd, (Christianity, Christendom); aidmheil a’ chreidimh Chriosdail; na crochan anns am bheil Criosd air ‘aideachadh.

Crisostom, Chrysostom.—Faic Aithrichean.

Cuimhneachan, (memorial, remembrance, relic); gniomh cuimhneachaidh; fuigheall; nì a dh’-fhàg neach a chum cuimhne air a chumail beò ameasg a chàirdean; nì a dh’-fhàg cuid de na naoimh, mar tha pàirt de’n aodach, agus a tha eaglais na Ròimh a’ gleidheadh, le mòr urram, mar cuimhneachan orra.—Créud Phuis IV., EAR. 7.

Cùl-d’lich, (antediluvians, the people that existed before the flood); an sluagh a bha ann roimh an dile, air cùl na dile, no air am b’àthadh leis an dile ruaidh.—C. 147.

Daingneachadh, (confirmation); dol fo làimh easbuig.

Dol-thairis, (the passover); a’ Chàisg; an fhéisd a bha air a cumail leis na h-Israelich o shean, mar cuimhneachan air an saoradh o bhuile an aingil-sgrios, le ‘dhol-thairis’ air na tighean aca, ach a mharbh gach ceud-ghin ann an tighean nan Eiphit-each.—C. 205.

Donataich, (Donatists); cuideachd chràbhaidh mhi-riaghailteach a dh’-éirich leis an t-sagart Donatus agus sagart eile ann an Africa, anns a’ cheathramh linn, agus a thog mòran ainhreit anns an eaglais.—Faic Baoth-chreidimh. Ecsod. xii. 27.

Douidh, Douay; baile ann am Flanders, ‘an taobh tuath na Frainge, anns an robh Biobull nam Pàpanach, air ‘eadar-theangachadh. An lorg sin theirear Biobull Dhouidh (Douay Bible).

Dubh-chailleach, (nun), ban-naomh; maol-chaile; boirionnach a tha ag aideachadh a bhi ‘tréigsinn cuideachd an t-saoighail so, ‘g a tabhairt féin suas do oibríbh cràbhaidh, a’ dol astigh a ghabhail còmhuidh ann an tigh uaigneach a tha aig na Pàpanach airson a leithid, agus a’ dol fo bhòid nach pòs i, agus nach fàg i an tigh sin, cho fad ‘s is beò i.—C. 269.

Eirinn.—Faic Aifrionn.

Ephesus, àrd bhaile Iònia ann an iar-thuath na h-Asia.

Ericeach, (heretic); baoth-chrèidmheach. So an t-ainm a tha aig eaglais na Ròimh air gach neach nach ‘eil a’ géilleadh dh’i-féin.

Eudaitl, Italy; dùthaich mhòr ann ann taobh deas na Roinn-Eòrpa.

Eusebius, fear-eachdraidh eaglaiseach de mhuinntir Chæsaréa ann am Palestina ‘s an Asia, far an robh è ‘n a easbuig anns a’ cheathramh linn.—C. 25.—Nòd.

Eutichianaich, (Eutychians); luchd co-bharail ri Eutichius, manach ann an Constantinople, a dh’éirich suas anns a’ chòigeanmh linn, a’ teagasg nach ‘eil aig Criosd ach amhàin aon nàdur. Sin mearachd mòr.

Fùthamas.—Faic Litir-mhaithidh.

Faoisaid, (confession of sins to a priest); aideachadh pheacaidhean do shagart, chum maitheanas, no toileachadh ‘fhaotuinn uaithe. C. 156, 172.

Fèichnear, (debtor); fear fhìach; nèach a ta fo fhìachan, no aig am bheil fìachan ri ‘m pàidheadh do neach eile.—C. 144.

F’reanachadh, (justification); saoradh a’ pheacach o dheadadh a chionta, amhàin le saor ghràs Dhia, leis am bheil maitheanas air a thoirt dà, agus è air a gabhail astigh, mar fhirean, am fianuis Dé, agus sin amhàin air sgàth fireantachd Chriosd, air a meas do ‘n pheacach agus air a gabhail h-uige le creidimh amhàin.—C. 190-198.

Gallicanaich, (Gallicans, inhabitants of Gallia, or France); Frang-aich; diadhairean na Frainge.—C. 58.

Gearrag.—Faic Abhlan.

Gilleadas, (celibacy); fleasgachas; toirmeasg pòsaidh do’n Chléir; staid shingilt.—(C. 266.) Tha Dr. O’Croly, sagart Pàpanach, a’ gearain gu cruaidh, goirt, air mi-bhéus agus neo-gheamnuidh-eachd nan sagart fo’n lagh mhi-nàdurrach so—toirmeasg pòsaidh. Tha è ag ràdh ‘gu’n robh an eaglais de’n goirteadh neo-mhear-achdach ‘us neo-thruailidh, ag osnaich (groanach), fo dhòlanas-aibh nan sagart, o’n fhear a b’airde gus an fhear a b’ìlse. (Note: “Popery in its Social Aspects,” by the Rev. Dr. Blakeney, page 174.)

Gnùis-mhealladh, (dissimulation, counterfeiting); mealaltaireachd; clualneas.

Hèrmas.—Faic Aithrichean.

Ianuarus, aon de naoimh na Ròimh. Tha i ag ràdh gu’m bheil fuil an naoimh so ‘an gleidheadh aice, agus a’ fàs blàth leatha-féin aon uair ‘s a’ bhliadhna.—C. 279.

Ierome, Jerome.—Faic Aithrichean.

Iesuitich, (Jesuits); buidheann cràbhach le eaglais na Ròimh a ta, le mòr ionnsachadh, ann an iomadh àit, a’ gnàthachadh caoch-ladh innleachd agus seòltachd, a chum muinntear eile a thàladh leò gu diomhair, a dh-ionnsuidh an aideachaidh féin. Bha an comunn innleachdach so air a chur air chois, air tìs, leis a’ mhanach Ignatius Loyola, anns a’ bhliadhna 1534. Tha mòran de na Papanach, air an là an diugh, glé sheòlta agus glé éudmhòr anns an obair so, agus le briathraibh tlà, taitneach, innleachdach a’ feuchainn gu tric ri Pròtastanaich a thàladh a dh-ionnsuidh “creidimh an t-sagart.” Tha Iesuitich aig an Ròimh anns gach àit, a’ sior-dhol mu-n-cuairt ann culaidhibh chaorach. Deanamaid faire ‘n an aghaidh.

Ignatius.—Faic Aithrichean.

Iobairt, (sacrifice); tabhartas; ofrail. Ni air a thairgse suas do Dhia air ‘altair féin, mar aideachadh air àrd chumhachd agus mòrachd Dhia os ar cionn; agus mar aideachadh air cionta eisimeil an neach airson am beilear a’ suas-thabbhairt na h-iobairt. Bha da sheòrsa ofrail ànn o shean—fo’n lagh, eadhon iobairt agus tabhartas (oblation). Ann an iobairt dh’fhéumaid beatha ainmhidh a bhi air a toirt air falbh, ach cha robh ann an tabhartas ach suas-thabbhairt thiodhlacan de nithibh òrduichte. Eabh. v. 1. Is è ainmhidhean glan, gun ghaoid a dh’fhéum-teadh a thòirt suas mar iobairt do Dhia, airson pheacach, eadhon columain, gobhair, spréidh, meanbh-chrodh, no uain. Is ann le làimh an t-sagairt fo’n lagh, a dh’fhéumaidh gach iobairt a bhi air a tabhairt suas. Nis is é Criosd an Slànuighear a bha air a shàmhlachadh amach leis gach sagart laghaill fo’n t-Seann Tiomnadh. Agus air an là sin air an do dhòirt Criosd ‘fhuil luachmhòr féin, air a’ chrann-chéusaiddh mar iobairt iomlain, shlor-mhaireannaich airson pheacach, thainig crioich gu bràth air dreuchd na sagartachd laghaill, agus air suas-thabbhairt iobairtean laghaill. “Thugaibh fainear Iosa Criosd Abstol agus àrd shagart ar n-aidmheil.” Eabh. iii. 1, agus viii. 1-3. Bha an éifeachd a ta ann am fuil Criosd air a sàmhlachadh amach agus air a searmonachadh do dhaoin, leis gach boinne fola a chaidh a dhòrtadh riamh ann an iobairt, le làimh an t-sagairt fo’n lagh, ach cha n-eil féum sam-bith air sagart iobraidh, no air iobairt laghaill anis, “Oir a ta eadhon Criosd ar n-Uan càisg air iobradh air ar son.” 1 Cor. v. 7. Air an aobhar sin, is è Criosd amhàin an iobairt uile-chumhachdach agus shlorruidh fo’n t-soisgeul. “Anis dh’fhoillsicheadh è chum peacadh a chur air cùl tre e-féin iobradh.” Eabh. ix. 26.—C. 227.

Iodhol-aoradh, (the worship of idols or of images); aoradh do iodholaibh, do lomhaighean, no do’n dia-bhréige; Pàganachd.

Iodholach, (idolatrous); ag aomadh leis an iodhol, no leis an dia-bhréige; mearachdach.—C. 248.

Iomhaigh, (image, likeness, idol); dealbh, coslas; iodhol.—C. 260.

Joseph, Joseph; aon de na naoimh.—Faic Naomh.

Josephus, (Flavius) Josephus; Iudhach glic agus ionnsuichte a-rugadh ann an Ierusalem seachd bliadhna déug thar fhiichead, an-deigh do Chriosd a dol suas air neamh, agus a sgriobh eachd-raidh agus arsaidheachd nan Iudhach. Tha sgriobhaidhean an duine so glé fhéumail a chur soluis air nithibh nan sean aimsir.—C. 225.

Irenéus, easbuig a bha ann an Llons agus aon de na h-Aithrichean; duine tréun air taobh a’ chreidimh.

Iustin Martir, aon de na h-Aithrichean Abstolach; rugadh è ann an Samaria agus chaidh a chur gu bàs mar mhartarach anns ann Ròimh.

Labbe, fear-eachdraidh Pàpanach; aon de na h-Iesuitich.

Lateran, eaglais mhòr anns an Ròimh, anns am b’ àbhaist do chomhairlean a bhi air an cumail.—Faic Comhairle.

Latimer, (Hùistean), fianuis dhileas agus searmonaiche comasach. Bha e-féin agus Ridleigh air an losgadh ann an Sasunn, le teachdairean na Ròimh, anns a’ bhlìadhna 1555, airson nach tréigeadh iad an creidimh Pròtastanach.

Liguori, sgiobhadair Pàpanach agus aon de na naoimh.

Linn, (century, an age); ceud bliadhna; aois; àm; cuairt aimsir.

Lions, Lyons; baile ann an taobh deas na Frainge.

Lira, (Lyra), sgiobhadair Pàpanach.

Litireil, (literal; according to the letter or to the original meaning of a word; not figurative); litireach, a-réir na litreach, a-réir ceud shead focal: cha n-ann sàmhlach, no mar shàmhladh. Marso, is è seadh litireil an fhocail “géug,” meangan no meur de chraoibh; ach is è seadh sàmhlach, no spioradail an fhocail “géug,” fear-aideachaidh, no creidmheach—neach a ta ann an Crìosd. Eòin xv. 2.

Litir-mhaitheidh, litir-mhaitheanais, (INDULGENCE, letter of pardon, pardon, favour). Fàthamas; maitheanas; caoimhneas; fàbhar builichte; gnìomh ceadaichte. An comas sin a their eaglais na Ròimh a tha innse-féin, peacadh a mhaitheadh do chiontach air an talamh, no anns a’ phurgadair, no a cheadachadh do neach nì àraid, no a thoil féin a dheanamh, car uine, no cho fad agus is àil leis an t-sagart an t-sochair, na am fàbhar so a bhùileachadh. Ach mar a’s trice féumaidh an “litir-mhaitheidh” (indulgence) a bhi air a ceannach le suim airgid. “Ma cheannaicheas tu litir-mhatheanais,” ars’ an t-easbuig Tetsel, “faodaidh tu anam d’ athar a shaoradh ás a’ phurgadair airson dà sgilinn deug”—tasdan! (C. 182.) “Cho luath’s a bheir an t-airgid glioing anns a’ chiste, fuasglar an t-anam agus eiridh è suas gu nèamh. Tha éifeachd nan litir-maitheanais cho mòr, ‘us gu’m faod na peacaidhean a’s uambasaiche a bhi air am maitheadh agus air an dioladh leò, agus neach a bhi air a shaoradh arao’n o pheanas agus o chionta. Féuch! tha na nèamhan fosgailte; mur téid sibh astigh anis,” ars’ an t-easbuig Tetsel, “c’uin a théid sibh astigh? Am bheil thu cho mì-thaingeil as nach dean thu do phàrant a theas-airginn o dhòruinn? Ged nach biodh agad ach aon chòta, bu chòir dhuit a spìonadh dhiot air a’ mhionaid, agus a reic a chum sochair cha mòr a cheannach.”

A-réir òrdugh a Phàpa, bha an “Litir-mhaitheanais” air a toirt seachad le Tetsel agus le’chompanaich anns na briathraibh so—”Gu’n deanadh an Tighearn Iosa Crìosd tròcair ort agus do shaoradh le toillteanasaihb ‘fhulangais naoimh. Agus tha mise le úghdarras Chriosd, nan abstol beannaichte, Peadar agus Pòl, agus le úghdarras a’ Phàpa ro naoimh, air a dheònachadh dhomh agus air ‘earbsadh rium, anns na croichaibh so, ‘g a do shaoradh, an toiseach, o gach uile ascaoin-eaglais, ciod-airbith dòigh air an robh iad air an toilltinn leat, agus an-deigh sin, o do pheacaidhean, o do chiontaibh agus o d’ anabharrai bh uile, ciod-air-bith cho uamhasach ‘s dh’-fhaodas iad a bhi, eadhon o leithid ‘s a tha air an òrduchadh gu bhi air an cur fo bhreth na Caithir-easbuig Naoimh (Holy See), agus co fad ‘s a théid iuch-raichean na h-Eaglaise Naoimh, tha mi a’ maithheadh dhuit gach uile pheanais a tha thu ‘toilltinn anns a’ Phurgadair airson do pheacaidhean, agus tha mi ‘g a d’ aiseag gu sàcramaidean naomh na h-Eaglais, gu aonachd nan creideach, agus gus an neo-chiontas agus a’ ghlinead sin a bha agad anns a’ Bhaisteadh, mar sin, ‘nuair a gheibh thu bàs, faodaidh geatachan a’ pheanais a bhi air an dùn eadh, agus bithidh geatachan a’ phàrais shòlas-aich air am fosgladh, agus mur faigh thu bàs aig an àm so, mairidh an gràs so, ‘n a làn éifeachd dhuit, ‘nuair a bhitheas tu ri uchd a’ bhàis.”

Tha an t-easbuig céudna ag ràdh, fo làimh Pàpa Leo X., “ma cheannaicheas neach sam-bith Litrichean-maitheanais, faodaidh ‘anam fois a ghabhail gu sabhailt, a thaobh a thearn-aidh.”

Gheibhear ainmichte ann an Cis-chùirt naoimh na Ròimh, an t-suim a tha gu bhi air a pàidheadh airson maitheanais, no fathamais. Tha gach peacadh dhiubh so a leanas gu bhi air a mhaitheadh do’n neach a nì è, air an t-suim airgid a ta ‘n a chois:—

| Airson goid nithe naomh amach á àit coisrigte, | £ | o | 10 | 6 |
|———————————————————————|—|—|—-|—-|
| Airson mort Neo-chléirich le Neo-chléireach, | – | o | 7 | 6 |
| Airson mort athar, màthar, mna, no peathar, | – | o | 10 | 6 |
| Airson làmh làidir a leagail air fear de’n chléir gun fhuil a thoirt ás, | – | – | o | 10 | 6 |
| Airson coimh-leabach air a cumail le sagart, | – | – | o | 10 | 6 |
| Airson tigh coimhearsnaich a losgadh, | – | – | o | 12 | o |
| Airson làmh-sgrìobhaidh a’ Phàp’ a chùinneadh, | – | – | I | 7 | o |
| Airson litrichean Abstolach a chùinneadh, | – | – | I | 7 | o |
| Airson Righ a dhòl a dh-ionnsuidh na h-Uaigh | – | – | 7 | 10 | o |

Naoimh gun òrdugh, Nach uamhasach an obair-mheallaidh sin! Anns a’ bhlìadhna 1813, na dà fhichead bliadhna ‘s a séa roimhe so, bha comunn lìomhor air a shuidheachadh leis na Pàpanaich ann am baile Atha-Cliath (Dublin) ‘an Eirionn, do’n ainm an “Comunn Purgadairach,” a chum a bhi cruinneachadh airgid ameag an t-sluaigh, gu pàidheadh airson ùrnuighean a dheanamh chum an càirdean fhuasgladh ás a’ Phurgadair. Is i aon de riaghailtibh a’ chomuinn so—”Gach Cailtigeach a tha toileach cuideachadh a thoirt, a chum fuasgladh nan anamanan a ta ‘fulang anns a’ Phurgadair, pàidheadh è sgilinn ‘s an t-seachduin.” Is i aon eile de na riaghailtibh—“Ceannaicheadh gach aon de’n chomunn, copidh de na riaghailtibh, agus bitheadh an t-airgid a chruinnichear air gach seachduin, air a phàidheadh do na sagartaibh a’s feumnaiche, agus thugadh iad aideachadh sgriobhte (receipt) airson na chaidh phàidheadh dhoibh.” (Note: Bagot’s Protestant Catechism.—Appendix.)

Manach, (monk); maol-chiaran; fear de chuideachd chràbhaidh a bhuneas do eaglais na Ròimh, agus a tha, fo bhóidean àraid, mar a’s trice ’gabhail còmhnuidh ann an uaigneas.

Manachuinn, (monastery, convent); tigh mhanach.

Manual, làmh-leabhar. Tha leabhar comasach air a chur amach fo’n ainm so, le Dr. Blakeney, an aghaidh mhearaichdan na Ròimh.

Martarach, (a martyr). Fianuis air taobh firinn Dhia. Is iad na Martaraich, na daoine diadhaidh, firinneach, cruadalach sin a dh’-fhuilg iomadh bàs cràiteach, piantail airson Chriosd. Bha mòran diubh air an losgadh aig a’ phosta-mharbhaidh, mòran air an gearrach, air an réubadh, no air an sàbhadh às a chéile, le daoine fuitheach, garg na géur-leanmhuinn. B’ ann de na martaraich Shasunnach, Bradford, Cranmer, Hooper, Latimer, Ridleidh, Uicliffe, agus Morair Cobham. Chaidh am morair so a ròstadh ann an slabhruidhean air teine mäll.—C. 7, 305.

Monotelitich, (Monothelites). Bha a’ chuideachd chràbhaidh so agus na Marouitich, cuideachd chràbhaidh eile, a bhuneadh do eaglais na h-Aird-an-ear, anns an t-seachdamh linn, a’ cumail amach, ged tha nàdur Dhia agus an duine aig Criosd, gidheadh, nach ’eil aige ach amhàin aon toil. Bha an beachd clith so aig Pàp Honorius.—C. 58.

Mormonich, (Mormonites); luchd-cràbhaidh a dh’-éirich suas ann an America, o chionn beagan bhliadhnaich. Tha iomadh beachd mearcachdach aca mu’n diadhachd; tha mòran de’n teagasg truaillidh, gràineil. Tha iad a’ teagasg gu’m faod duine àireamh bhan cho mòr ’s is àill leis a bhi aige; agus tha iad a’ cumail amach gu ladarna, gur iad-fein. “Naoimh nan làithean deireannach.”—C. 66.

Naomh, a saint. Naoimh, saints, canonised persons; muinntear naomh-ainmichte. Is iad Naoimh na Ròimh créutairean a bha comharrachtae anns a’ bheatha so, airson an oibre cràbhaidh. Tha iad sin, an-deigh am bàis, air an gairm ’n an Naoimh le eaglais na Ròimh, agus tha i a’ teagasg gur còir àrd urram a thoirt doibh, cuimhneachain (relics) dhiubh, a ghleidheadh, agus ùrnuighean a dheanamh riutha. So ainmean cuid diubh—Acuinas, Bartoloméus, Brìde, Ianuarius, Ioseph, Liguori, Pàdruig, &c. Ach is beag sin diubh. B’ è cleachdadh nam Pàganach, no seirbhiseach an dia-bhréige, anns na linnibh a dh’-fhalb, dia no ban-dia a shuidheachadh thairis air gach àit agus gnothach no cuis: mar sin b’è Neptune, dia na mara; Eolus, dia nan gaoth ’s nan stoirm; Pan, dia nam buachailean; Diana, ban-dia na seilge. Air an dòigh chéudna tha naoimh thèarmunnach aig eaglais na Ròimh, air an là an diugh, ris am bheil i ag earbsadh àitean agus ghnothaichean àraid, agus gheibhear a pobull a’ gairm air na naoimh sin, airson fuasglaidh agus cobhair air àm éigin. Tha na Naoimh Gillecriosd agus Clement a’ riaghladh thairis air a’ mhuir; Antoni thairis air ainteas; gairmear air Patronilla chum an crith-fhlabhrus a leighéas; tha Sigismund a’ riaghladh thairis air teasaichean; iarrar cuideachadh o Mhargarita aig breith-cloinne; tha galaran gabhaltach agus a’ phlàigh gu bhi air an casgadh le Roach; theirear gu’n leighisear an tinneas tuiteamach le Cornelius; aig Nicholas agus Gregori tha riaghladh na sgoilearachd, agus tha gach dealbhadair fo thèarmunn Lúcais. Sin anis cuid de na naoimh a dh’fhag an saoghal so o cheann iomad bliadhna, gidheadh, tha na Ròmanaich a’ toirt dreuchd do gach aon diubh fathast air an talamh. Ach ciod is urrainn na créutairean sin a dheanamh airson dhaoine? Neo-ni.—C. 238-259.

Neo-mhearachdas, (infallibility, a state that cannot err); do-mhearachdas, staid nach urrainn dol am mearachd. Tha eaglais na Ròimh, ged nach ‘eil i aon-lnttinneach, no aon-sgeulach anns a’ chuis, a’ teagasg gu’m bheil a’ bhuaidd so anns a’ Phàp—nach urrainn è tuiteam ann am mearachd air-bith. Ach ciamar, ma tha am Pàp neo-mhearachdach, a thachair na mearachdan mòra so a leanas ameasg nam Pàp? Anns a’ bhliadhna 359, bha Pàp Liberius a’ teagasg nach ‘eil Crìosd co-ionann ri Dia. Anns a’ bhl. 555, cho-aontaich Pàp Uigilius le baoth-chreidimh nan Nestòrianach. Anns a’ bhl. 640 bha, Pàp Honorius air a dhiteadh le Ard Chomhairle airson a mhearachdan. Anns a’ bhl. 1334, bha Pàp Iain air a dhiteadh le diadhairean pàpanach airson a bhi ‘teagasg nach faic anamanan nam firean Dia gus an tig aiseirigh nan uile. Anns a’ bhl. 1414, is è “an diabhal anns an ‘fheòil” an t-ainm a gheibheadh Pàp Iain XXII.; bha è a’ cumail amach nach ‘eil beatha mhaireannach ànn idir, agus gu’m bheil anamanan dhaoine a’ bàsachadh maille ri’n cuirp, cosmhuil ris na brùidean, agus nach ‘eil aiseirigh ànn. Càit an robh duine bu mhi-bhèusaiche beatha na Pàp Iain XII.? Thàtar ag innseadh gu’n d’òl è deoch-slaint an diabhail agus gu’n tug è seachad orduighean naomh ann an stàpull a chum maslach a chur orra. Fhuaradh ciontach è de gach dubhaic ‘bu mhiosa na ‘chéile, agus chaidh a thilgeil de’n chaithir. Bha è air a ràdh mu Phàp Boniface VIII., a bha air a’ chaithir eadar 1294 agus 1303, gu’n “tàinig è stigh mar bhalgair, gu’n do righich è mar leomhan ‘s gu’n do bhàsaich è mar chù.” Eadar a’ bhl. 1492 agus 1503, bha Pàp Alastair air a’ chaithir, agus ghin è nighean diolain d’ am b’ ainn Lucretia neach a bha ‘n a coimh-lebach aig a h-athair agus aig a bràthair mac a h-athar.

Is lionmhor eusaontas a bha ‘measg nam Pàp, iad a’ cathachadh an aghaidh a chéile gu fiadhaich. Anns a’ bhliadhna 366, bha còmhstri shearbh eadar Pap Damasus agus Pàp Ursinus; agus eadar a’ bhlíadhna 768 agus 1417, bha còmhstri theth eadar na Pàpaibh so—Stephen IV. an aghaidh Chonstantine; Formòsus an aghaidh Shergiuis; Iain XII., Leo VII., agus Benedict V. an aghaidh a chéile; bha Leo VIII. agus Benedict IX. aimhreiteach; cha robh sìth le Silbhester III. agus Gregori VI. Bha triùir Phàp eile ann air aon àm, Gregori XII. ‘s an Ròimh, Benedict XIII. ‘s an Fhraing agus Iain XXIII., ann am Pisa. Chaidh an triùir sin a chur amach le Comhairle Chonstance, agus Pàp Martin V. a shuidheachadh ‘n an àit. Is tric a dhìt aon Phàp achd a Pàp eile. Dhìt Pàp Gregori I. aoradh iomhaighean, ach theagaig Pàpan eile gu còir aoradh a thoirt do iomhaighean. Thubhairt Gregori I. nach robh na h-Apocirpha uile sgriobtuireil, ach b’è òrdugh Pàpa eile gu’m bitheadh na leabhraichean sin uile air an gabhail mar chuid de riaghailtean sgriobtuireil na h-eaglais. Ach is beag so a dh’ainmich sinn de mhearachdan nam Pàp. Am faodar anis a radh gu’m bheil, no gu’n robh iad, no aon air-bith dhiubh, neomhearachdach! Cha n’è Pròtastanach, ach Baronius, easbuig, agus fear-eachdraidh Pàpanach; Dupin agus sgriobh-adairean Pàpanach eile, a sgriobh an eachdraidh o’m bheil an dearbhadh so air a thoirt air mearachdan agus amhreit nam Pàp.

Neo-chlèireach, layman. Neo-chlèirich, laymen; daoine nach ‘eil de’n Chlèir.—C. 10.—Nòd.

Nestòrianaich, (Nestorians); cuideachd chràbhaidh a bha aig aontachadh le Nestorius easbuig Chonstantinople, duine a thog mòr amhreit anns an eaglais, anns a’ chòigearn linn, le bhi, gu mearachdach, a’ teagasg gu’m bheil dà phearsa aig Crìosd.

Nice, Nicéa; baile de Bhitinia, ann an iar-thuath na h-Asia, a tha nis air tuiteam gu làr. Tha am baile so ainmeil airson dà chomhairle dhiadhairean a bha air an cumail ànn. Is ann aig a’ cheud chomhairle dhiubh sin, anns a’ bhlíadhna 325, a chaidh co-aontachadh leis a’ chréud fhallain sin de’n goirear “a’ Chrèud Nicénach” a ta stéidhichte air créud nan Abstol.

Nobhatianaich, (Novatians); cuideachd a dh’érich le Nobhatus, anns an treas linn, duine teànn, cruaidh agus làidir ‘n a bharail féin, de chlèir na Ròimh, agus le ‘eas-ùmhlachd d’a riaghailtibh, a thog mòran amhreit anns an eaglais agus a bha, an long sin, air a chur fo ascaoin-eaglais.

Nòd, a note. Nòdaichean, notes; focail-mhineachaidh; fios; cuimhne, no soilleireachd air nì sam-bith; teagasg.

Oirinn.—Faic Aifrionn.

Ordùighean, (Orders). 1. Dreuchd eaglaiseach; suidheachadh, no coisrigeadh duine ann an dreuchd na h-eaglais. 2. Aithnteann; riaghailtean.

Origen, aon de na h-Aithrichean Abstolach, duine fior dhiadhaidh a rugadh ann an Alecsandria ‘s an Eiphit, anns a’ bhlíadhna 185. Bha è glé chumhachdach anns na Sgriobtuiribh, gu h-éudmhor, dìleas ‘g am mineachadh ‘us ‘g an sgaoileadh ameasg an t-sluagh.

Pàganach, (Pagan).—Faic Cinneach.

Pàp, (the Pope; Pontiff; the title of the chief bishop of Rome; the sovereign pontiff or supreme head of the Roman Catholic Church). An tiodal aig àrd easbuig na Ròimh; àrd shagart, no ard cheann na h-eaglaise Pàpanaich. Tha am Pàp agus mòran de’n mbuinntir a ta fo ‘riaghladh, ag radh gu’m bheil e-féin neo-mhearchdach.—Faic Neo-mhearchdas agus Ceist 58.

Pàpanach, (a Papist or Roman Catholic). Neach air-bith a tha ‘gèilleadh do ùghdarras a’ Phàpa; aon de’n chreidimh Phàpanach.

Partia, (Parthia); dûthaich ann an ìar-thuath na h-Asia.

Pelagianaich, (Pelagians); luchd-co-bharaill ri Pelagius, manach de mbuinntir Bhreatainn a bha ‘gabhail còmhnuidh anns an Ròimh anns a’ chòigeamh linn, agus a thog an teagasg mearachdach sin a tha ‘cumail amach nach dothuit an cinne-daoine ann an Adhamh.

Pisa, baile ann an Tuscani ‘s an Eudailt.—Faic Comhairle.

Pius IV., aon de na Pàpaibh, am fear a chuir dà phuing dhéug neo-sgriobtuireil ris a’ Chrèud Nicénaich.—C. 4.

Policarp, (Polycarp), aon de na h-Aithrichean Abstolach: bha è ‘n a easbuig ann an Smirna.

Posta-marbhaidh, crànn-losgaidh, (stake); posta air a shuidheachadh anns an talamh, ris an robhas a’ ceangal nam martarach le slabhruidh iaruinn, ‘an am a bhi ‘g an cur gu bàs, air làithibh na géur-leanmhuinn.

Pròtastanach, (Protestant), aon a ta ‘togail fianuis an aghaidh mhearchdan, gu h-àraid an aghaidh mhearchdan eaglais na Ròimh; aon de ‘n Eaglais Ath-leasaichte. Ann an Spire baile anns a’ Ghearmailt (Germany), air an Naodhamh Là déug de’n 4-mh Mios, anns a’ bhliadhna 1539, agus an làthair Co-thionail phrionnsachan, thog Lùther agus mòran dhaoine mòra agus maith agus dileas eile, Protest no Fianuis an aghaidh mhearchdan eaglais na Ròimh, a’ bóideachadh, aig an am chéudna, gu’n dlùth-leanadh iad ri teagasg an t-Soisgeil, mar bha è air a shearmonachadh le Lùther. Agus o’n la mhòr air an robh am Protest comharrachta so air a leughadh gu follaiseach, an aghaidh na Ròimh, ann am baile Spire, is è Pròtastanaich (Protestants), no Luchd-fianuis an aghaidh mhearchdan, is ainm anns gach àit de’n t-saoghal do’n mhòr shluagh a ta ‘cur an aghaidh mhearchdan nam Pàpanach.

Purgadair, (purgatory, prison, a middle place of expiation or purification, according to the doctrine of Roman Catholics). Priosan; gaintir; a-réir teagaig nam Pàpanaich, is è so ionad-meadhonach, no àit anns am bheil anamanan air an cur, an-deigh am bàis, gu bhi air an glanadh o chionta nam peacaidhean a rinn iad anns a’ bheatha so, mu’n faod iad a dhòl astigh do nèamh, no fois ‘fhaotuinn, tre réite a tha air a deanamh le peanaibh àraid agus le aifrinibh (masses) a tha an sagart a’ deanamh air an aon. Ach cha n’eil iad idir ag innseadh càit am bheil àit nach ‘eil ann.—C. 142.) Thubhàirt cuid de na daoinibh a b’ ionnsaichte ann an eaglais na Ròimh féin, nach ‘eil aon fhocal mu Phurgadair anns an Sgriobtuir. Is è thubhàirt Pàp Gelasius, “Léugh mi mu’n làimh dheis ‘us chlith, ach cha n-aithne dhomh nì sam-bith mu threas àit,” no Purgadair. Thubhàirt an t-easbuig Fisher, “Cha n’eil guth air Purgadair ameasg nan seanair.” Is ann mu thoiseach na sèathamh Linn a chaidh creidimh a’ Phurgadair a chur air chois, air tùs, le Pàp Gregori; bha è air a lan-aideachadh gu làidir anns a’ bliadhna 1140, agus an-deigh sin bha am Purgadair air tùs air ‘aideachadh gu follaiseach mar phàirt de chreidimh na Ròimh, le comhairle Fhloreance (1439) agus air a dhaingneachadh le comhairle Thrent. (Note: Catechism for Roman Catholics and Protestants.—Dublin, 1832.) Mar so, chithear nach ‘eil ach mu cheithir cheud bliadhna o’n thoisich eaglais na Ròimh ri aideachadh a’ Phurg-adair gu follaiseach. Mar sin, is è aois creidimh a Phurgadair, ceithir cheud bliadhna. Ach ma’s i eaglais na Ròimh a’ cheud eaglais a bh’ ann, carson a bha i cho fada gùn an t-ait so fhaot-uinn amach!

Pusaiteach, (Puseyites); muinntear aig am bheil co-bharaill ri Dr. Pusey, duine ann an Sasunn, a thoisich o chionn beagan bliadhnachan, ri teagasg nithe annasach mu’n diadhachd. Tha nàdur na Pàpanachd ann an cuid de theagasg ‘us de riaghailtibh nam Pusaiteach.

Riarachadh, (satisfaction); dioladh, no toileachadh a thoirt airson cionta, le peanasaibh ‘fhulang fo òrdugh an t-sagairt, ni a ta, a-réir beachd nam Pàpanach, glè thoillteanach ann an sealladh Dhia.—C. 173-177.

Ridleigh, (Ridley).—Faic Martarach.

Ròimh, (Rome); àrd bhaile na h-Eudailte: ait-còmhnuidh a’ Phàpa. An eaglais Phàpanach.—C. 279. Cluinnear Pàpanaich ag radh, gu tric le uaill, gur i eaglais na Ròimh, no an eaglais aca-san a bha ann an toiseach, no gur i a’ cheud eaglais a bh’ ann. Cha n-l idir. B’ i eaglais Ierusalem a’ cheud eaglais Chriosdail agus an-deigh sin, an eaglais Ghreugach.—C. 17. Mu dheireadh na Ròimh.—Faic C. 280.

Ròmanach, (Roman, Romanist); aon de mhuinntir na Ròimh: neach a’ ta ‘creidsin ann an teagasg na Ròimh: Pàpanach.

Rùnachadh, (intention, design); dian thogradh; déigh: toil gu’m bitheadh nì àraid air a dheanamh. Is è tha am focal so a ciallachadh gu’m fèum miann, rùn no toil a bhi ann an cridhe an t-sagairt, aig am frithealaiddh aoin de na seachd sàcramaidibh do neach, gu’m bitheadh rùn no toil na h-eaglais deante leis, no gu’m bitheadh an t-sàcramaid air a deanaich éifeachdach, tarbhach do’n neach a tha ‘g a gabhail; oir às éugais an rùin so a bhi anns an t-sagart, tha eaglais na Ròimh ag radh nach ‘eil fèum anns an t-sàcramaid do neach. Ach cò is urrainn innseadh, co dhiubh a bhitheas, no nach bi an rùn so ann an inntinn an t-sagairt, a h-uile uair a bheir è aon de na seachp sàcramaidibh do neach?—C. 126-131.

Sàmhlach, (likening, comparing, figurative, metaphorical, typical). Is i cainnt shamlach briathran leis am bithear a’ samhlachadh aon nì ri nì, no ri neach eile; marso, theirear “siol” ri teagasg; “sioladair” ri fear-teagaig; “carraig” ri Criosd.—C. 205.—Faic Litireil.

Saobh-chreidimh, (superstition); baoth bheachd; baothaireachd: eagal á nì nach ‘eil ànn; creidsinn ann an nì nach ‘eil ànn: mearachd.

Saoradh, (absolution); maitheanas air a thoirt le sagart, an-deigh faosaid.—C. 167.

Scapular, (belonging to the shoulders); slinneanach. Tha comunn cràbhaidh (na friaraich, friars), ann an eaglais na Ròimh, a ta air an comharrachadh amach, le stìll chaoil aodaich air a cur tarsuinn air an slinneanaibh agus stìll eile air a cur crasgach oirre sin, agus a’ sinedh sios air am broilleach; is è so comunn an Scapular.—C. 149.

Sgriobtuir, (writing; what is written; the best writing; the Holy Bible). Sgriobhadh; nì a ta sgriobhte; an sgriobhadh a’s feàrr; am Biobull Naomh. Tha eaglais na Ròimh a’ toirmeasg na Sgriobtuirean a chur ann an làmhan an t-sluaigh, no am Biobull a bhi air a léughadh le neach air-bith, ach neach do’m bi sin air a cheadachadh leis an t-sagart. Ach cha n’eil an t-òrdugh so air a choimhead cho teann leis na Pàpanaich ann an dùthchaibh Pròtastanach.—C. 107.

Smithfield, àit ann an Lunuinn, far am b’ àbhaist a bhi ‘losgadh muinntir (eirich) airson a bhi ag àicheadh mhearachdan na Ròimh.—C. 305.

Socinianaich, (Socinians); muinntear aig am bheil co-bharail ri Socinus, duine a dh’èirich suas anns an t-seathamh linn, agus a bha ‘teagasg nach ‘eil ach aon phearsa, Dia amhàin, anns an Trionaid, agus nach robh Criosd ànn o shiorruidheachd. Is ionann na Socinianaich, ach beag, ris na h-Unitarianaich, ‘n am beachd mu’n diadhachd. Thuit iad arao ann am mearachd mòr.

Teagasg, (teaching, doctrine, a doctrine, instruction). Oilean; fòghlum; ionnsachadh; bonnachair; nì a tha neach a’ creid-sinn ‘s ag ionnsachadh.

Tertullian, aon de na h-Aithrichean Abstolach.

Tigh-nan-dubh-chailleach, (nunnery).—C. 269.

Tigh-pìanaidh, (inquisition); tigh-rànsachaidh: àite dòruinn.— C. 299.

Toulouse, baile anns an Fhraing.

Trent, àrd bhaile Thiroill ann an Austria.

Thùis, (incense); bith cùbhraidh a bha, o shean, air a thabhairt suas air an altair, mar iobairt do Dhia. Ecsod. xxx. 34-36.— C. 243.

Tuscani, dùthaich dhe’n Eudailt.—C. 279.

Ughdair, (author, writer); sgriobhadair, fear-eachdraidh. So ain-mean nan ùghdairean Pàpanach a ta air an ainmeachadh anns an leabhar so—Baronius, Bede, Bellarmine, Bonabhenture, Butler, Caiétan, Cassander, Cossart, Dens, Dr. O’Croly, Dupin, Labbe, Liguori, Lira. (The End.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice