‘N UAIR a ta fear-siubhail ann an dùthaich choigrich, agus e a’ dol gu tìr as nach pill e a ris, bithidh e toileach fhaotainn a mach am bheil e air an t-slighe cheart. Ma thòisicheas e air amharus a chuir gu’m bheil e air seacharan, tha e gun fhois gus an tachair nach-eigin air a dh’innseas dha: ma chrideas e gu’m bheil e air seacharan, pillidh e, agus iarraidh e mach an t-slighe cheart; ach mur creid e, théid e air ’aghaidh ged bhi e fo amharus.
Tha ’n Slànuighear anns an earrainn so d’on sgiobtair a’ cumail a mach gu’m bheil clann nan daoine nan luchd-turuis o thìm gu siorruidheadh; nach ’eil ann ach da shlighe air am bheil iad ag imeachd: gu bheil aon dhiu so ro-fharsuing—moran a’ siubhal oirre—agus gu’m bheil i crochnachadh mu dheireadh ann an dòruinn shiorruidh. An t-slighe eile, tha i cumhann, ach tha i treòrachadh na muintir a leanas oirre a dh’ ionnsuidh na beatha maireannaich: ach, mo thruaighe! is tearc iad tha ’g amais air an t-slighe so. A leughadair, an d’thàinig a’ cheist so riabh a steach ort “co dhiù do’n dà shlighe so air am bheil mise ’g imeachd?” Seasaimh anns na ròidibh, ars am fàidh, Ier. vi. 16, agus faic agus feòraich; cha ’n ’eil ach ceum eadar thu agus siorruidheadh, agus ma bhios tu cùil aig ceann na slighe, cia mar a philleas tu air t-ais gus an t-slighe cheart iarraidh? Ma thuisleachas do chos air na sléibhtibh dorcha, tuitidh tu gu dorchadas iomallach, far am bi soithichean corruich Dhé ’gan taomadh a mach ort co fad ’s a mhaireas siorruidheadh. O! socraich do chridhe air an ni so, air an latha ’n diugh, mu’n téid thu ni’s faide air t-aghaidh. Ma tha thu air an t-slighe cheart, cha mhisd a’ chuis a rannsachadh; ma tha thu cùil, tha thu fada gu leòr air t-aghaidh. Is fad’ a shiùbhlais duine ann an aon bliadhna, agus ma tha thusa deich, no fichead, no dà fhichead bliadhna, tha thu ro-fhada air seacharan, ach cha ‘n ‘eil e tuille ‘s anamoch fathast gu pilleadh, oir a ta e air a ràdh “an diugh ma chluinneas tu a ghuth na cruadhaich do chridhe,” Heb. iv. 7. Ged tha an dorus cumhann, gidheadh tha e fosgailte, agus tha e air àithneadh dhuitse spàirn chruaidh a dheanamh gu dol a stigh, Luc. xiii. 24.
Theid sinn an toiseach a dh’ fheuchainn cia ris a ta ‘n dorus cumhann, agus an t-slighe aimhleathan air a ràdh, agus c’ air son a ta so air a ràdh ris.
1. Tha Iosa féin ag ràdh, is mise an dorus, ma théid neach air bith a stigh triomsa, tearnar e, Eoin x. 9.
Tha dorus ciallachadh gu’m bheil balladh air a chuir suas tha deanamh eadar-dheallachadh, agus nach ‘eil rathad air dol a stigh ach air an dorus. Nis, co luath ‘s a thuit Adhamh, chuir am peacadh deallachadh eadar an duine agus fàbhar Dhé, Isa. lix. 1. Tha claidheamh lasarach eadar an duine agus craobh na beatha, ni is e ceartas Dhé, nach leig am peacach a dh’ ionnsuidh tròcair gus an slànuich e ‘n lagh a bhris e, agus gus an toir e dioladh air son a pheacaidh. Nis, is e ‘n soisgeul, no an deadh-sgeul, gu’n do ghràdhaich Dia an saoghal co mòr is gun d’thug e aon-ghin Mhic do’n t-saoghal, a chum ge b’e air bith a chreideas ann, nach rachadh a sgrìos ach gu’m biodh a bheatha shiorruidh aige. Eoin iii. 16. Oir an uair a bha sinn gun neart, bhàsaich Criosd air son nan daoine neo-dhiadhaidh, Rom. v. 8. Nis air do Chriosd ‘fhuil a dhòrtadh, is ‘anam a dheanamh na iobairt rèitidh, choimhlion e ‘n lagh, agus dh’ àrdaich e; ghabh ceartas làn-dioladh dheth-san, agus trid fulangais a bhàis, tha dorus fosgailt a dh’ionnsuidh tròcair, maith-eanais peacaidh, agus fàbhair Dhé, gu saor do gach neach a chreideas; mar so their an Abstol “Creid anns an Tighearn Iosa Chriosd agus teàrnar thu,” Gniomh. xvi. 31.
Ach c’ air son a ta ‘n dorus cumhann air a ràdh ris? Cha ‘n ann do bhrigh nach ‘eil aite-còmhnuidh ann do mhòran gu dol a stigh, oir tha Criosd a’ gairm na h-uile neach air am bheil tart, Isa. lv. 1, agus na peacaich as mò, 1 Tim. i. 15, oir cha ‘n ionndrain fùil Chriosd an cinne-daoine gu léir a ghlanadh, ni’s mo na dh’ ionndraineas an cuan aon bhoinne uisge. Ach, no thruaighe! is tearc iad a ta ‘g amais air.
A ris, tha an geata cumhann, do bhrigh nach urrainn duine dol a steach air mar dealaich e ri ‘pheacaibh. Tha aithreachas a’ dol an cois creidsinn an t-soisgeul, Mar. i. 15; Gniomh. xx. 21. Is e bhi tionndadh gràis Dé gu macnus, bhi ag ràdh, no bhi an dòchas, gu’n saor Criosd sinn ann nar peacaibh; agus is e duine neo-dhiadhaidh a mhàin a ghabhas saorsa gu dol air aghaidh ‘sa pheacadh do bhrigh gu’n d’ fhuair Criosd bàs air son pheacach. Jud. iv. 19., oir is ann a shaoras Iosa a phobul féin o’m peacaibh, Matt. i. 21. A nis ma tha thusa dol an aghaidh firinn Dhé, no’n aghaidh do chogais féin, cha ‘n ‘eil thu fathast air dol a stigh air an dorus, no ann an cainnt eile, cha do chreid thu an soisgeul, agus tha an creideamh a ta agad dlomhain, oir tha thu fathast ann do pheacaibh, 1 Cor. xv. 17.
2. Mar tha an dorus cumhann, tha mar an ceudna an t-slighe aimhleathan.
Dh’innis Criosd, mur beirear duine a ris nach feud e rioghachd Dhé fhaicinn. Ach cha leòr do dhuine gun d’ thainig atharrachadh air uair-eigin, ris an abair e iompachadh; ma tha e ‘gabhail slighe ni’s farsuing na firinn Dhé, is coslach nach e slighe na beatha air am bheil e ‘siubhal.
Nis, cha ‘n ‘eil an t-slighe so cumhann innte féin, oir tha àithnean an Tighearn ro-fharsuing, Salm cxix. 96. Cha chum e maith air bith o’n mhuinntir a shiùbheas gu dìreach, Salm lxxxiv. 11. Ach is ann a ta an slighe so aimhleathan, ann an coimeas, no air a cuir mu choinneamh na slighe fharsuing; oir air an t-slighe fharsuing tha comas aig a’ chreutar imeachd a reir toil a chridhe féin, agus a reir sòlais a shùla féin, agus cha bhi e ‘n cunnart dol as an t-slighe; oir tha i co fharsuing is gu’m faigh a’ misgear, fear nam mionnan, fear strìopachais, fear adhaltranais, am fear a bheir ainm Dhé an dìomhanas, am fear a bhriseas an t-sàbaid ri cainnt dìomhan, ri comhradh amaideach, no baoth shùgradh; daoine sanntach, luchd fuar-chràbhaidh agus cealgairean, gu’m faigh iad sin uile, rathad anns an t-slighe leathan tha treòrachadh a dh’ ionnsuidh sgrios, ach cha sealbhaich iad rioghachd Dhé mar an oighreachd. Leubh, 1 Cor. vi. 9, 10; Gal. v. 19-21; Eph. v. 5, 6. Anns an t-slighe chumhann cha’n’eil aon do na nithibh ud, oir is an t-ainm a ghoirear do’n t-slighe so, slighe na naomhachd, Isaiah xxxv. 8, agus an dream tha siùbhal innte tha iad a’ cuir cùl ri mi-dhiadhachd, agus ris gach uile ana-miann saoghalta; tha iad a’ caitheamh am beatha gu beusach, gu diadhaidh, agus gu cothromach anns an t-saoghal a ta làthair. Tit. ii. 12. Ma thuit cuid do na naoimh o shean anns na peacaibh a dh’ ainmich mi, ‘s ann do bhrigh gu’n deachaidh iad as an t-slighe, agus mar bitheadh gu’n do phill Dia iad a ris a dh’ ionnsuidh na slighe, bha iad caillt gu bràth. O! thoir thusa fa’near nach beir am bàs oirt air an t-slighe leathan, oir tha i treòrachadh do sheòmrachaibh a’ bhàis, agus creid e, is ni eagalach tuiteam an làmhan an Dé bheò.
3. Tha ‘n geata cumhann is an t-slighe aimhleathan treòrachadh chum na beatha.
An ti aig am bheil mac Dhé tha beatha aige, sith cogais, Rom. v. 1, agus aoibhneas ann an dealradh gnùis an Tighearna, Salm iv. 6. Tha an t-slighe chumhann na slighe subhachais, agus a ceumanna uile ‘nan sith: ach cha ‘n ‘eil aig naoimh ach eàrlas na beatha an so; cha ‘n ‘eil iad ach ag òl as na sruthanaibh. Ma leanas iad an t-slighe chumhann gu ‘ceann, bheir i gu tobair na beatha iad. Salm xxxvi. 9. Pillidh iad a dh’ ionnsuidh Shioin, le seinn agus aoibhneas siorruidh air an ceann; ni iad gairdeachas agus aoibhneas: teichidh bròn agus osnaich air falbh. Isaiah xxxv. 10. Gheibh iad crùn na beatha, agus dealraichidh iad mar a’ ghrian ann an rioghachd an athar; agus do bhrigh gun do nigh iad an trusgain is gu’n d’ rinn iad geal iad ann am fuil an Uain, bithidh iad an làthair righ-chathair Dhé, a’ deanamh aoraidh dha a là agus a dh’oidhche ‘na theampul. Gabhaidh an T’ a ta ‘na shuidh’ air an righ-chathair comhnuidh nam measg. Cha bhi ocra orra tuilleadh, no tart ni’s mò: cha mhò a bhuaileas a’ ghrian iad, no teas air bith, oir beathaichidh an t-Uan a ta am meadhon na righchathrach iad, agus treòirichidh e iad gu tobraichibh do uisge na beatha, agus tiormaichidh Dia na h-uile deur o’n sùilibh. Taisb. vii. 17. Innis dhomh nis, mur am fior an ni a thubhairt Criosd, gur feàrr dol a dh’ ionnsuidh beatha air aon làimh, agus air aon sùil, na dà làimh agus dà shùil a bhi agad, agus do chorpa uile a bhi air a thilgeadh do thèine siorruidh, Matt. v. 29, 30. Oir ciod an taibh do dhuine ge d’ choisneadh e ‘n saoghal gu leir, agus ‘anam a chall gu siorruidh? Matt. xvi. 26.
Ma ‘s duine thu aig am bheil tuigse agus ciall, nach d’ thoir thu féin breith co dhiù is feàrr deallachadh ris na peacannaibh is toil-inntinn agus is blasta; co dhiù is feàrr dhuit thu féin àicheadh—Criosd a leantuin—agus an fheòil a cheusadh, agus a bhi gu siorruidh maille ris an Tighearna, na toil-inntinn a’ pheacaidh a mhealltuinn rè seal—dimeas a dheanamh air Criosd—an t-slighe fharsuing a ghabhail—agus luidhe sios mu dheireadh ann an bròn, fo naire agus fo mhasladh bithbhuan. O! roghnaich beatha, agus mair beò.
4. Theid sinn a nis a dh’ fheuchainn gur tearc iad a ta ‘g amais no a’ faotainn eòlais air an t-slighe chumhann, agus air an dorus aimhleathan.
Aidichidh muinntir gu coitchionn gu’m bheil fior dhroch dhaoine an cunnart a bhi caillt, ach tha iad an dòchas gu’m bheil a’ mhòr-shluagh air an t-slighe cheart; aidichidh iad cuideachd, gu’m bi daoine diadhaidh air an saoradh, agus tha iad an dòchas gu’m bi iad féin air an saoradh, mar an ceudna. Ach ged dh’ fheudas an cogal agus an cruithneachd a bhi fàs cuideachd san t-saoghal so, gidheadh cuiridh Dia deallachadh eadar iad sin ann an là mòr a’ bhreitheanais. Mal. iii. 18; Matt. xxv. 32.
Ach cha ‘n e a’ ni shaoleas daoine a sheasas, ach a ni a thubhairt Dia; agus gheibh sinn a mach anns gach linn, ged a bha luchd aideachaidh ann, gidheadh gu’n robh iad tearc air an robh fior eagal Dé. Anns an t-seann saoghal air an d’ thug Dia an tuil, tha e ag ràdh gur e Noah na aonar a fhuair e firinneach anns a’ ghinealach sin, Gen. vi. Ann an laithibh Lot cha robh deichnear fhirean anns na bailtibh mòra sin, agus sgrios Dia iad le teine agus pronasg o neamh. Ann an laithibh Isaiah agus Phòil, ged bha àireamh chloinn Israeil mar ghaineamh na fairge, is fuigheal a chaidh a theàrnadh: Agus ann an laithibh Chriosd is mòr bha air an gairm, ach is beag a bha air an taghadh’; agus nam bithidh na h-uile neach an diugh air an toirt as gach coimthional, m’ am bheil an sgriobtur ag ràdh nach sealbhaich iad rioghachd Dhé, tha e cunnartach gu’m bitheadh an àireamh ro-mhòr. Is còir dhuinne air an aobhar sin a rannsachadh am bheil sinn gu cinnteach do’n treud bheag do’n do gheall Dia a rioghachd.
5. Theid sinn a nis a rannsachadh a mach ciod is aobhar gu’m bheil co beag a’ faotainn eòlais air an dorus cumhann, agus gu bheil co beag a’siubhal air an t-slighe aimhleathan, agus gur i slighe na beatha i.
‘Si a’ cheud aobhar, gur anns an t-slighe leathan a rugadh sinn; gu’n deachaidh sinn air seacharan o’n bhroinn, agus gu’n robh sinn uile a thaobh nàdair ag imeachd a reir gnàth an t-saoghail so, Eph. ii. 1-3. Cha ‘n ‘eil guth ma thiomchioll na slighe leathain fhaotainn a mach, oir fhuair Adhamh agus a shliochd a mach i, agus shiubhail iad innte. A nis mar d’ thàinig atharrachadh òirnn ach mar thainig sinn a dh’ionnsuidh an t-saoghail, tha sinn fathasd air an t-slighe leathan do’n chrìch am bàs.
Is e an dara aobhar, gu’m bheil gràdh aig a’ chreutar do’n t-slighe leathan: ghràdhaich iad dorchadas ni’s mò na solus, Eoin iii. 19. Tha cuid, agus aidichidh iad gur e bhi diadhaidh a b’fhearr, agus gu’m bheil iad an cunnart a bhi caillte gu siorruidh, ach a ta gràdh co mòr aca do’n anamiannaibh is gur feàrr leo dol air an aghaidh beagan is beagan air slighe na dorchadais, na tionndadh a dh’ionnsuidh an Dia sin a chruthaich iad, agus tha g’an cumail beò. Tha an t-slighe leathan cosmhuil ri leabaidh na striopaich, cùbhraidh le mirr, aloas, agus cainneal, Gnath. vii. 16, 17. Tha an t-slighe so ro thaitneach do’n t-sùil—deas gu neach a mhealladh, ach gu cinnteach ‘s i is crìoch dh’i am bàs.
Is e an treas aobhar gu’m bheil an creutar dall agus aineolach; slighe na sith cha b’aithne dhoibh, Rom. iii. 17. Cha teid na brùidean fein co faisge air bile na craige is gu’m bi iad an cunnart tuiteam. Cha rachadh Asal Bhalaaim an aghaidh aingil an Tighearn ‘nuair chunnaic i an claidheamh rùisgte ‘na làimh; ach theid an duine truagh air aghaidh gu a sgrios féin mar theid an damh a dh’ionnsuidh a choscairt. Tha Dia an t-saoghail a’ dalladh inntin na muinntir nach ‘eil a’ creidsinn, air eagal gu’n dealraich orra solus glòirmhor soisgeil Chriosd, 2 Cor. iv. 4. Tha e’dalladh cuid air an t-soisgeul le nithibh an t-saoghail, cuid eile le sgàil diadhachd, 2 Cor. iii. 14. Cha lèir do na chreutair a ghloir a ta e ‘call, agus tha dorchadas agus ceò air an t-slighe leathan air choir as nach lèir dha an loch teine anns am bheil e ‘n cunnart tuiteam gach ceum a ta e siubhal ‘san t-slighe so.
Tha aobhar eile, ag éiridh bho dhòchasaibh mearachdach. Tha cuid an dòchas, ged tha iad siubhal ‘san t-slighe fharsuing, trid tròcair Dhé gu’m faigh iad maitheanas aig ceann an turuis, ni nach robh, nach bì, agus nach tachair gu bràth. Tha cuid eile an dòchas, le’n déircibh, le ‘n ùrnuighibh agus le’n deadh chleachdannaibh, a chionn gu’n d’ ith agus gu’n d’òl iad aig bòrd Chriosd, gu’m bheil iad tearnuinte ach ‘so na dòchas nach seas san là mhòr, Luc. xiii. 27. Cha bhi feòil air a fìreanachadh le obair an lagha. Tha cuid air am mealladh cosmhuil ris na òighean amaideach; fhuair iad eòlas, ghabh iad lòchrain na h-aidmheil, bha iad nam ban-chompanaich do na h-òighean glice, Matt. xxv. Agus do bhrigh gu’n do shaoil iad gu’n robh iad ag imeachd ann an slighe na beatha, cha do rannsaich iad air son an doruis gus an robh e air a dhùnadh, agus iad féin air an taobh a mach. Tha fàidhean bréige, agus luchd-teagasg mealltach a’ cumail mòran air an t-slighe leathan, le bhi ag ràdh sith, agus a’ gealltain beatha do’n aingidh air an t-slighe air an robh e, agus air am bheil e fathast ag imeachd, Ier. vi. 14; Esec. xiii. 22. Tha Iosa féin ag ràdh gu’n tig iad ann an culaidh chaorach; agus an t-Abstol Peadar ag ràdh gu’n lean mòran an t-slighe mhillteach, agus le sin gu’m faigh slighe na firinn mi-chliù, 2 Peadar ii. 2. ‘Nuair a chuireas sinn na nithe sin cuideachd cha ruig sinn a leas iongantas a ghabbail gur tearc iad a ta’g amas air an t-slighe chumhann; ach cha dean meud an àireamh an truaighe idir ni’s lugha.
Tha mi nis gu crìoch-dhùnadh, agus b’ail leam comhairle a thabhairt do gach neach a dh’ fheudas na nithe so a leughadh. A Leughadair, am bheil thusa fathast gun chùram, gun suim ciod an t-slighe air am bheil thu? O cuimnich gu’n toir Dia thusa a dh’ionnsuidh breitheanais, agus mar dean thu aithreachas agus an fhirinn a chreidsinn, tha an là a’ teachd anns am bi aithreachas ort, agus g’um faic thu na nithe nach ‘eil thu an diugh a’ creidsinn: mar urrainn thu bàs agus breitheanas a sheachnadadh is còir dhuit seasamh, agus smuaineachadh m’an téid thu ni’s faide air t-aghaidh. Theagamh gu bheil thu gabhail eagail nach ‘eil chùisean ceart eadar thu féin agus do Chruithfhear; agus nach ‘eil thu ‘g iarraidh ach beagan dàil agus àm cothromach, agus an sin gu’n dean thu aithreachas. Ach cuimhnich thusa nach ‘eil fhios agad ciod a dh’ fheudas là a thoirt m’an cuairt. Feudaidh Dia an nochd féin a ràdh, iarrar t-anam uait, agus na ‘m b’e do ghnothuichean saoghalta a bhiodh an cunnart, dh’ fheudadh tu bhi neo-chùramach; Ach ‘se t-anam neo-bhàsmhor tha ann sa’ chunnart, agus feudaidh call a theachd ort nach dean siorruidheadh a leigheas. O! ‘se so an t-àm taitneach, agus là na slàinte, pillibh, phillibh, c’airson a bhàsaicheas sibh?
Theagamh gu’n tachair do neach-eigin so a leughadh aig am bheil mothachadh do’n staid chaillte féin. Theagamh gu’m bheil e gu’n fhois air son a pheacannaibh; gu’m bheil e tuigsinn mar tig atharrachadh air, gu’m bheil e caillte; agus gu’m bheil e faicinn cunnart a bhi aon latha san dòigh air am bheil e; gur e is cainnt dha do ‘chridhe “Ciod is còir dhomh a dheanamh chum’s gu’n saorar mi.” Feudaidh e bhi gu’n tachair cuid riut a their riut gu’m bheil do chor ni’s measa na cor na muinntir a ta gu’n mhothachadh air bith. Ach b’fhear leamsa gu’m biodh mòran cosmhuil riut; gidheadh cha ‘n ‘eil thu idir a mach bho chunnart, co fad is a ta thu gu’n eòlas air slighe na slàinte: tha thu an taobh a mach do’n daingneach, agus tha dioghaltar na fola air do thòir, agus, mar thubhairt Iob, ma bheir am bàs air falbh thu an sin, cha dean èiric mhòr do shaoradh, Iob xxxvi. 18. Ach gu freagairt thoirt do’n cheist, ‘se thubhairt an t-Abstol, Creid anns an Tighearna Iosa Criosd agus saorar thu. Ach their thu, cha do chuir mi riamh an teagamh nach do bhàsaich Criosd, agus nach d’ èirich e, gidheadh cha d’rinn sin creutar nuadh dhiom: Ach is e mo bharailsa gur ann a ta thu creidsinn ni nach ‘eil thu a’ tuigsinn, agus a’ deanamh aoraidh do’n Dia nach aithne dhuit, uime sin ‘se eòlas fhaotainn air Criosd, a bheatha mhaireannach, Eoin xvii. 3. Chum eòlas fhaotainn ma ta, chì thu ann an Leabhar nan gnàth-fhocal gu bheil an sgriobtur ri a rannsachadh, Gnath. ii. 4. Cha ‘n e a leughadh agus a thilgeadh seachad, ach co-dùrachdach ‘sa dh’ iarras daoine air son airgid, agus air son ionmhais fhollaichte, a’ tuigsinn gu’m bheil ni uait, gu’m bi’ thu caillt a dh’ easbhuidh air, agus nach ‘eil agad ri dol suas do nèamh no sios do’n doimhne g’a iarraidh, ach gu’m bheil am focal am fagus duit, Rom. x. 6-8. Rannsaichibh na sgriobturan ars Criosd, oir is iad a ta toirt cunntas m’am thimchioll-sa, Eoin v. 39.
A ris, feumaidh tu a thuigsinn nach gabh an duine nàdarach ri nithibh spioraid Dhè, 1 Cor. ii. Gu’m feum e an spiorad a bhi aige mu’n tuig e nithe spioradail, agus ‘s ann tha an spiorad air a ghealltain do’n dream a dh’ iarras e, Luc. xi. 13. Air son so chuir an duine glic ùrnuigh ri cois rannsachaidh, Gnath. ii. 3. Ri gliocas ma dh’ éigheas tu, ri eòlas ma thogas tu suas do ghuth, an sin tuigidh tu eagal an Tighearn, agus gheibh thu eòlas Dé.