LE UILLEAN GUTHRIE.
AN DARA H-EARANN.—CAIB. III.
A’ nochdadh ciod a tha air iarraidh roimh-làimh air a’ mhuinntir
leis an àill creidsinn ann an Iosa Criosd.
THA sinn a nise ri labhairt mu’n treas ni a chuir sinn romh-ainn, agus ‘s e sin, a nochdadh ciod a th’ air iarraidh roimh-làimh air an aiteam a tha gus an dleasanas so a chomh-lionadh. Cha-n fhaod daoine tionnsgnadh gu h-obann, gun dearbh bheachdachadh, agus gu h-aineolach neo-fhiosrach air a’ chuis so, ag ràdh, Gu’m beil iad làn-thoilichte leis an innleachd sin chum peacaich a shàbhaladh tre Chriosd, ‘s gu’n aontaich iad leis, agus gu’n dean iad bun á toillteannas an t-Slànaghear chum an sàbhaladh o’n fhéirg a tha ri teachd: ‘s minig a tha daoine ‘gam mealladh féin sa’ chuis so, ‘sa tha iad an làn bharail gu’n do ghabh iad cheana ri Criosd air mhodh slàinteil, ‘nuair tha iad aineolach air oibreachadh gràsmhor an Spioraid. Uime sin nochdadh sinn cuid do nithe th’ air an iarraidh ann an neach a tha ri gabhail ri Iosa Criosd, ged nach eil sinn ‘gan taigse mar bhuaidhean ro chinnteach, a dh’ ullachadh duine fa chomhair Chriosd. “Thigibh—gun aigiod agus gun luach” (Isa. lv. 1); gidheadh ‘s buaidhean iad a tha cho ro fheumail, ‘s nach eil e’n comas do neach sam bith dleasanas creidsinn an Criosd a chomh-lionadh gu fiosrach, treibh dhireach, dûrachdach, as an eugmhais.
A bharr air na ceud thoisichean coitcheann a’s coltach a bhi aig gach neach a tha caitheamh a’ beatha fo òrdughaibh an t-soisgeil, mar a tha eòlas a bhi aca gu’m beil anmannan neobhàsmhor aig a chinne-daonna, gu’m bi ‘n t-anam agus an corp air an dlù-cheangal r’a chéile air latha a’ bhreitheanais; gu’m beil nèamh agus ifrinn ann, ‘s gur h-ann an aon diù bhios ionad-còmhnuidh bhith-bhuan nan uile dhaoine; gur e ‘n Seann-Tiomnadh agus an Tiomna-Nuadh facal firinneach Dhé, agus
riaghailt creidimh agus bheusan; gu’m beil gach duine thaobh nàduir as eugmhais gràs Dhé, ‘s ‘nan nàimhdibh dha, agus fearg-thoillteannach; gur h-ann a mhàin tre Iosa Criosd an t-Eadar-mheadhonair a tha réite ri Dia; gur h-e creideamh a dhlu-cheanglas daoine ris, agus is cùmha da’n nuadh chomh cheangal; gur i naomhachd toradh fior chreidimh, ‘s gu’m bu chòir do gach neach ionnsaidh theann a thoirt air ruigheachd air fìor naomhachd, mar ni, as eugmhais nach faic neach sam bith Dia; tha mion-eòlas air na nithe sin feumail, ach a bharr orra sin, tha mi ‘g ràdh gu’m beil e air iarraidh roimh-làimh air an duine leis am b’ àill creidsinn anns an Tighearn Iosa Criosd, air tìs, gu’m beachd-smuainich e le mòr-dhùrachd air an staid anns am beil e thaobh nàduir. Agus an so ‘s éigin da eòlas a bhi aige mu thimchioll nithe àraid, agus mar an ceudna bhi ro dhùrachdach mu’n timchioll: Tha mi ‘g ràdh gur h-éigin da eòlas a bhi aige mu nithe àraid, mar tha.
I.—Leis mar bha e air a bhreth ‘na cheannairceach an aghaidh Dhé, gu’n do chuir e corraich air an Dia a chruthaich e le iomadh peacadh-gniomha, ‘s gu’n do dhaingnich e fergadh Dhé ris; seadh, ‘s còir do dhuine fios a bhi aige air iomadh dearbhadh sònraichte d’a cheannaic an aghaidh Dhé, mar tha, e bhi ‘na bhreugaire, ‘na fhear-bristidh sàbaid, ‘na fhear-toibhbheum, no leithid sin, mar tha Pòl a’ labhairt gu ro shònraichte uime féin an déigh làimhe 1 Tim. i. 13.
II.—’S éigin do’n duine fios a bhi aige, gu’m beil fergadh Dhé a tha air a bhagradh ‘san Sgriobtur, a’ buanachadh gu neartmhor an aghaidh nan ceart pheacannan sin d’am beil esan ciontach, ‘s air an aobhar sin, ‘s esan gun teagamh a’ phàirtidh ris am beil Dia, do nach comasach breug a dheanamh, a’ bagradh cogadh. ‘S éigin do dhuine fios a bhi aige ‘nuair tha’n sgriobtur ag ràdh, “Mallaichte gu robh am mealltair—a dh’ iobras ni truailidh do’n Tighearn” (Mal. i. 14): gur h-ann ‘na aghaidh féin a tha e labhairt air son a sheirbhis neo-dhùrachdach do Dhia leis an duine o ‘n leth a muigh, ‘nuair bha a chridhe fada uaithe, a’ dianruith as deigh nithe faoine na beatha so. ‘Nuair tha’m facal ag ràdh, “Cha mheas an Tighearna neo-chiontach esan a bheir ‘ainm an diomhanas” (Ecsod. xx. 7), ‘s còir do’n duine fios a bhi aige gur ann ‘na aghaidh féin e tha e labhairt, a mhi-naomhaich gu minig an t-ainm uabhasach sin do’n còir do gach glùn lùbadh ‘na fhianais le mòr urram (Phil. ii. 10), ‘s a tha nàimhdean a’ toirt an diomhanas gu h-an-dàna (Salm cxxxix. 20). ‘Nuair tha’m facal ag ràdh. ‘S mallaicht’ an neach a ni obair an Tighearna gu neo-chùramach” (Ier. xviii. 10), ‘s éigin do’n duin’ a thugisinn gur ann ‘na aghaidh féin a tha e labhairt, a dh’ èisd gu neo-urramach, dearmadach, le intinn luaineach, am facal air a shearmonachadh; ‘s a rinn ùrnaigh gu minig ‘na làthair, gun mhothachadh, gun tuigse, agus gun chreidimh. ‘Nuair tha ‘m facal ag ràdh, “Is an-aoibhinn da-san tha toirt air a chomhearsnach òl, a ta cur ris a’ chopan, agus ‘ga chur air mhìsg mar an
ceudna, chum gu’n amhairceadh e air a lomnochdaiche” (Hab. ii. 15, 16), ‘s éigin do’n duine thoirt fainear gur ann ‘na aghaidh féin a tha e air a labhait, a rinn uaill an cur a choimhearasnach air mhisg, ‘s gu’m beil farg uabhasach air a shocraochadh leis an Tighearna Dia ‘na aghaidh a réir an sgiobtur sin. ‘Nuair tha ‘m facal ag ràdh, “Bheir Dia breth air luchd-neo-ghloine” (Eabh. xiii. 4), agus “Bithidh an cuibhrionn anns an loch a ta dearglasadh le teine agus pronnusg” (Tais. xxi. 8), ‘s éigin do’n duine thoirt fainear, gu’m beil an sgiobtur a labhait nan ceart bhriathran sin ‘na aghaidh féin, air dha bhi ‘na dhuine neòghlan; air chor ‘s gur esan an duine deth am beil mallachdan an lagha gu neomhearachdach a’ deanamh an cuspair.
III.—’S éigin do dhuine fios a bhi aige nach eil ni sam bith aige leis féin a tha comasach air a shith a ghleidheadh dha, ‘s a chuireas e saor o’n chunnart anns am beil e; do bhrigh gu’m beil ‘fhreantachd uile mar ni neoghlan. (Isa. lxiv. 6.) Cha leòir ùrnuighean, a sheirbheis eile do Dhia, a dhéircean, etc., a chosnadh mathanais da ‘na pheacaibh am fianais an Uile chumbachd-aich, do bhrigh nach tàinig iad o’n run cheart ‘na chridhe, ‘s nach robh iad air an comh-lionadh air mhodh iomchuidh, no air son aobhair cheart, no idir chum crìoch mhath; bha ‘iobairtean ro fhuathach leis an Tighearna. (Gnà. xxi. 27.)
IV.—’S éigin da thuisinn, leis mar tha e as eugmhais uile ghràsan slàinteil an Spioraid, mar tha fior ghràdh Dhé, flor eagal ‘ainne, bròn diadhaidh air son peacaidh, etc., gu ro shònraichte, gu’m beil creideamh ann an Criosd a dh’ easbhuidh air, a ghabhas an uallach o gach aon neach a chreideas ann. Gus an tuig duine gu’m beil na nithe sin a dhìth air, fàgaidh e do ghnà ‘fhiachan ‘sa thròm-uallach an àite sam bith eile, gun chùram gun umhail, mu’n tabhair e dh’ ionnsaidh an Urrais choitcheann e.
Cha n-e mhàin gur éigin do dhuine bhi fiosrach mu na nithe sin, mar thuirt mi roimhe, ach ‘s éigin da mar an ceudna smuain-teachadh orra le mòr dhùrachd, sin r’a ràdh, ‘s éigin do na nithe sin drùghadh air, ‘s a bhi ro dhùrachdach mu ‘n timchioll, mar a’s gnà leis a bhi mu ghnothaichean cudthromach eile; seadh fòs, ‘s còir dha bhi ni’s dùrachdaiche sa’ chùis so na bhios e an gnothaichean saoghalta sam bith, do bhrigh gur cuis ro chudthromach so ris am beil a shonas siorruidh an earbsa. Agus bheir an ro dhùrachd so toradh iomchuidh uaithe.
I.—Barrachd cùram a ghabhail m’a shlàinte shiorruidh na ghabhas e mu ni sam bith eile. An éigin do dhaoin’ air tús rioghachd Dhé iarraidh? (Mat. vi. 33.) Am beil ann ach aon ni feumail? (Luc. x. 42.) Am meas Pòl na h-uile nithe ‘nan calldach agus ‘nan aolach air son na cuise so? (Phil. iii. 8.) Am beil duine an call ged choisinn e’ n saoghal uile ma chailleas e ‘anam? (Marc viii. 36.) An e so a mhàin a bhios ‘na aobhar ghàirdeachais, gu’m beil ainm dhaoine sgrìobht’ ann an leabhar na beatha? (Luc. x. 20.) ‘S nach gabh daoine tuilleadh suim d’ an anam agus d’ an slàinte shiorruidh na ghabhas iad do ni no
neach sam bith eile? ‘S deimhin leam gu’n gabh, no ‘s daoin’ iad a th’ air dhiobhail céille, ‘s ann am breislich an-dàna. Na meall-adh neach sam bith e-féin sa’ chuis so; oir mur deach cunnart anabarrach an anma, agus an slàinte shiorruidh, agus réite ri Dia ni’s dlùithe d’ an cridhe na chaidh aon ni eile ‘san t-saoghal, cha-n fhaodar le aon bharantas ceart a bharalachadh, gu’n d’ fhuair iad riabh mothachadh air am peacadh, no eòlas air Dia, no idir air buan-mhaireannachd ‘fhéirge air mhodh slàinteil.
II.—Bristidh an ro dhùrachd so cridhe an duine, agus lagaich-idh e a threòir ‘sa neart, agus tàirnnidh e gu bròn e, mar air son ceudghin. (Sech. xii. 10.) Tha mi ‘g aideachadh gur fearr a fhreagras am bròn ‘s an doilghios do’n earrann sin do ‘n Sgriobtur an déigh so, ‘nuair a bheir iad fainear mar bha Criosd air a lot le’m peacaibh.
III.—Treòraichidh e ‘n duine gu féin-fhuath, ‘s gu gràin a gabhail dheth féin. ‘Nuair a mhothaicheas duine dha féin air a mhodh sin, cha n-eil e comasach dha gun sgreamh a gabhail ris féin air son a ghraínealachd, leis an tug e sgrios air féin. Tha rud-eigin de’n spiorad-dhioghaltais sin ann a th’ air ainmeachadh mar thoradh an fhior aithreachais. “An ni so féin doilgheas diadhaidh bhi oirbh, ciod e meud an dûrach a dh’ oibrich e annaibh—seadh, ciod an togradh dioghaltais?” (2 Cor. vii. 11).
IV.—Ni am mòr-dhùrachd so duine ro dhichealach chum cobhair fhaotainn; o nach eil i ann féin; cha n-eil do dhànadas aige na chuireas dàil sa’ chuis, mar bu ghna leis a dheanamh, ‘s gu deimhin tha so air iarraidh, gu’m mothach e bhi air a dhian ruagadh ‘s air a chur thuige cho teann ‘s gur math leis teicheadh gu ionad eigin chum a dhion. Tha mi ‘g aideachadh gu’m beil tomhas a’s mò de’n dûrachd so aig cuid àraidh na tha aig cuid eile, mar a nochd sinn sa’ cheud earrann do’n leabhar so; ach ma labhras sinn mu’n dòigh air an gnà leis an Tighearna Dia oibreach-adh air a’ mhuinntir a thàinig gu aois, tha sinn ag ràdh gur éigin daibh staid chunnartach an anma ghabhail d’ an ionnsaidh féin le mòr-dhùrachd gun sùl a bhi aca ri cobhair sam bith annta féin, o nach eil feum aig a’ mhuinntir a tha slàn air an léigh, ach aca-san a tha euslan. (Mat. ix. 12.) Air son tomhas an dûrachd so, tha sinn a mhàin ag ràdh an ni tha coltach, gu’m bi duine toileach leis an tomhas sin air cùmhnanta tréibhdhireach dûrachdach a dheanamh ri Criosd, air dhòigh sam bith air am beil e ‘ga thaigse féin chum gabhail ris.
‘S e ‘n dara ni a th’ air iarraidh roi-làimh air an duine leis am b’ àill creidsinn ann an Iosa Criosd, gur éigin da eòlas a bhi aige air an t-slighe chum dol as o fhéirg an Úile-chumhachaich: ‘s éigin do ‘n Spiorad beò-mhothachadh a thoirt dà air an fhìreant-achd sin. ‘S éigin do dhuine thoirt fainear gu soilleir ‘san àm so, gu’n do dhealbh Dia á pailteas a mhòr-mhathais innleachd chum peacaich chailt’ a shàbhaladh tre Iosa Criosd an t-Eadar-mheadh-onair, neach a thug ‘fhìreantachd iomlan làn-dioladh do cheartas Dé a bha gu dligheach air éiridh am féirg ‘n-ar n-aghaidh-ne, agus
a ghléidh lán-mhathanas agus deagh-ghean siorruidh Dhé dhaibh-san uile air an cuir e iompaidh leis an t-soisgeul so chum gabhail ri tairgse Thriath na beatha. “Uime sin biodh fios agaibh-se—gur ann tre’n duine so a ta mathanas pheacannan air a shearmon-achadh dhuibh: agus trid-san a ta gach neach a chreideas air a shaoradh o na h-uile nithibh” (Gniomh. xiii. 38, 39). “A mheud as a ghabh ris, thug e dhaibh cumhachd a bhi ‘nan cloinn do Dhia, eadhon dhaibh-san a ta creidsinn ‘na ainm” (Eoin i. 12). Air chor ‘s nach eil neach sam bith air a dhùnadh a mach o’n tairgse sin, ge b’e inbh e no staid anns am beil e, ge b’e caithe-beatha bha aige san àm a chaidh seachad, mur eil e ciонтach do’n pheacadh an aghaidh an Spioraid Naoimh, ni is e fuath mì-runach gamhlasach agus diúltadh le tàir an dòigh tha air òrduchadh chum peacaich a shàbhaladh, mar a chluinneas sinn an ùine ghearr, oir mathar gach seòrsa peacaidh dhaibh-san a ghabhas ri tairgse Dhé mar tha e ‘g iarraidh. (Mat. xii. 31.) “Tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ ionnsaidh Dhé trid-san a thèarnadh gu h-iomlan” (Eabh. vii. 25).
‘S e ‘n treas ni tha air iarraidh roi-làimh, Gur éigin do dhuine fios a bhi aige, mar nach do dhùin Dia a mach e o’n fhuasgladh a th’ air òrduchadh chum peacaich a shàbhaladh, gu’m beil e toileach a bhi réidh ri daoine tre Iosa Criosd, agus cho-éignich e daoine chum gabhail ris trid an t-Slànighear uile-bheannaichte, agus mar so an t-slàinte sin a chosnadadh dhaibh féin, ‘s gun dàil a chur anns a’ chuis. Cha n e ‘mhàin gu’m beil e toirt cuireadh do gach uile neach teachd d’a ionnsaidh (Isa. lv. 1, 2), ‘s a’ gabhail gu fàilteach riùsan a thig, mar a chì sinn sa’n t-soisgeul, ‘sa’ moladh na h-aiteam sin a tha teachd, mar an Ceannard ceud, ‘s a bhean o Chanaan (Mat. viii. 10; xv. 28), ‘s tha e toirt achmhasan do dhaoin’ air son nach eil iad a’ tighinn ‘s a’ gabhail ris, “Gidheadh cha n-àill leibh teachd a m’ ionnsaidh-sa, chum gu’m faigheadh sibh beatha” (Eoin v. 40). ‘S tha e ‘gan diteadh air son nach eil iad a’ gabhail ris air a mhodh sin, “Ach an ti nach creid, tha e air a dhiteadh cheana” (Eoin iii. 18), ach tha e mar an ceudna toirt àithne do gach neach iad a chreidsinn ann an Criosd. “Is i so ‘àithne-san gu’n creideamaid ann an ainm a Mhic Iosa Criosd” (1 Eoin iii. 23), air chor ‘s nach còir do dhuine chur an teagamh nach eil an Tighearna lán-toileach gabhail ri daoine a thig air mhodh treibh-dhireach dùrachdach a dh’ionnsaidh Chriosd, oir làn-shoilleirich Dia sin ‘san Sgriobtur. Mur bi fios aig duin’ air na h-uiread-sa, ‘s gann a bhios a chridh’ aige gabhail ris an inn-leachd ro luachmhor sin a shàbhaladh pheacach, no idir a chudthrom ‘s a thaic a leigeadh air guaillibh treun uile-chumh-achbach an t-Slànighear bheannaichte.
‘S e ‘n ceathramh ni th’air iarraidh roi-làimh, gur éigin do’n duine leis an àill gabhail ri Iosa Criosd, a chur roimhe gu’n cuir e gach cumhnant ri ifrinn agus ris a’ bhàs fa-sgaoil. (Isa. xxviii. 15.) ‘S éigin do dhaoine chur rompa gu’n cuir iad cùl ris gach olc air am fiosrach iad, a tha ‘nan aoradh; oir cha n eil réite sam
bith eadar Criosd agus Belial. (2 Cor. vii. 14-18.) Tha’n Tigh-earna Dia ‘g iarraidh air gach neach aig am bi dùil ri esan fhaighinn, nach biodh iad air son neach eile. (Hos. iii. 3.) Tha so fada o aithreachas a réir an t-soisgeil, ni tha mi ‘g aideachadh nach eil a’ dol air thoiseach air gabhail ri Criosd tre chreidimh; oir cha n-eil an so ach ro bheagan a bharr air fuath a thoirt do na nithibh sin a bha ro thaitneach le duine san àm a chaidh seachad, agus tàir a dheanamh air na nithibh sin mu’n robh e ro dhéidheil roimhe so, do bhrigh gu’m beil e ‘ga fhaicinn féin caillte d’ an taobh, agus fuasgladh uapa a nise ‘na thaigse, leis am beil a chridhe a’ tionnsgnadh air bhi ni’s ro chùramaiche na bu ghnà leis. An déigh so, ‘nuair a bheachdaichear air Iosa Criosd ‘na aonar, bidhidh a ro irdheirceas agus a mhaise, follaiseach, air chòr ‘s nach eil a leithid am measg nan uile dhée, ‘s tha e ‘g amharc mar chòmhdachadh leòir-fhoghainteach do shùilean na muinntir a gheibh e: leis am beil an cridhe toirt mòr-spéis do dh-innleachd Dhé anns an nuadh chomh-cheangal, ‘s a’ miannachadh a chudthrom a leigeadh air Criosd a roghainn air gach ni eile, ‘ga aomadh féin d’a ionnsaidh; ‘s mar sin tha ‘n duine fàs ‘na fhìor chreideach.
Cha-n abair mi gu’m faighear gach aon do na nithe sin mu’n do labhair sinn gu riaghailteach soilleir anns gach neach mu’n gabh e ri Dia ann an Criosd; oir faodar dòigh a’ chridhe ri Criosd a chur ris na ceithir nithibh iongantach. (Gnà. xxx. 18, 19.) ‘S cuis ro chruaidh an cridhe a mhothachadh a’ tionndadh o dhorchadas gu solus; gidheadh tha sinn a’ nochdadh an dòigh a’s riaghailtiche agus a’s coltaiche, do’n tì tha ‘g iarraidh eòlais air a’ chùis; agus leis a sin a’ fògradh na muinntir a tha aineolach aindiadhaidh neo-mothachail o bhuntainn ris, a’ sparradh orra gun iad a ghabbail os-làimh gu’m beil còir sam bith ac’ air Iosa Criosd am fad ‘sa bhuanaicheas iad san staid sin, gus am fosgail an t-Uile-chumhachdachd sùilean an inntinn, ‘s gu ‘m faic iad an staid chaillte a thaobh nàduir, agus am feum anabarrach a tha ac’ air Iosa Criosd an Slànaighear.