I.—EARAIL DO LUCHD-COMANACHAIDH AIG BORD AN TIGHEARNA, LE MR. M’ADAM.
THA soisgeul an Tighearn Iosa air a shàmhlachadh ri cuirm, do thaobh a phailteis;—ri cuirm phòsaidh mhic an righ. Leig dhomh labhairt air an ullachadh fheumail agus iomchuidh ‘tha anns a’chuirm so.
-
Ann an soisgeul Chriosd, tha do’n fhior chreidmheach, sochair maitheanais peacaidh; an t-sochair a’s milse de na h-uile. Cha’n e maitheanas aon pheacaidh gun mhaitheanas peacaidh eile; ach maitheanas nan uile seòrsa peacaidh—peacadh gin agus peacadh gnomh—peacadh do dhath a’ chorcuir agus na scàrlaid —peacadh ann an dearmad agus peacadh ann an cuairteachadh dhleasdanas—peacaidhean a’s truime na na beanntan, agus a’s lionmhoire na a’ ghaineamh.
-
Réite ri Dia. Feudaidh an righ ma’s e a thoil e maitheanas a thabhairt do chiontach, gidheadh cha ghabh e steach gu ‘chuirt e gu a ghnuis agus ‘fhàbhar a thabhairt da. Ach an uair a tha Dia tabhairt maitheanais do’n anam, tha e ‘ga ghabhail a steach d’a chuirt agus tha e tabhairt a ghnuise agus ‘fhàbhair dha. Tha Pòl ag ràdh: “Nuair a bha sinn ‘nar naimhdean rinneadh réidh ri Dia sinn tre bhàs a mhic.”
-
Naomhachadh, slàinte, agus fallanachd anama. Is e so ni nach urrainn sinn a chruthachadh annainn féin, nì’s mò na’s urrainn an t-Etio pianach a chraicionn dubh a chaochladh. Buinidh an obair so do’n Spiorad naomh. Tha sinn air a bhi ‘nar luidhe measg nam poitean gus am bheil sinn dubh mar an t-Etio pianach. Cò ach an Spiorad naomh a’s urrainn ar deanamh mar cholumain le ‘n sgiathaibh folaichte le airdiod agus air an còmhdachadh leis an òr bhuidhe; no mar nighinn an righ, uile ghlòrmhoir ‘san taobh a stigh, agus a h-éididh do’n obair ghréise le snàthaid?
-
Sith ri Dia. Is sochair do-labhairt priseil i. Is sochair mhòr gu’m feudadh sinn am biobull a leughadh, agus meadonan nan gràs a fhrithealadh gun eagal iom-ruagaidh: ach is beag sin an coimeas ri sith ri Dia. Tha Pòl ag ràdh gu’m bheil sith Dhé dol thar gach uile thugise. Aig breth Chriosd sheinn na h-ainglibh an t-òran so: “Glòir do Dhia anns na h-ardaibh, sith air thalamh, agus deadh-ghean do chloinn nan daoine.” Nam bu mhaith leat fios bhi agad air mheud na sochair so, rach a dh’ionnsuidh an eucoraich air leabaiddh a bhàis, agus chi thu ifrinn a’ briseadh mach aige air an talamh. Rach a ris a dh’ionnsuidh a’ chreidmhich air leabaiddh a bhàis, agus chi thu e air uairibh air a thabhairt ìosal trid faireachaidh air peacadh agus folach gnùise Dhé; ach ‘nuair a ta an Tighearn a’togail soluis a ghnuise air, tha sith agus aoibhneas aige.
-
Buaidh air a’ bhàs. Is leis a’ Chriosdaidh am bàs. Cha leis a’ bhàs esan, ach is leis-san am bàs. Tha Pòl ag radh, “Na h-uile nithe is leibhse, ma’s beatha no bàs.” Ach is leis a’ bhàs na eucoraich; tha iad ‘nan creich dha, agus bithidh iad ‘nan creich dha gu slorruidh. Tha e ‘na ni cudthromach do’n chreidmheach gu tric a dhòl fo sgàil a’ bhàis agus e tighinn faisg le eudainn uamhasaich agus làmhan fuara, ach cha’n urrainn am bàs esan a chiùrradh oir thug Criosd an gath as dha. Tha’m bàs gu tric dha mar bha slat Mhaois, a bha air a h-atharrachadh gu bhi ‘na nathair; chlìsg agus chriothaich an duine roimpe; ach an uair a chuir e mach a làmh agus ghlac e air a h-earball i, thàinig i gu bhi ‘na slait bhuadhaich ‘na làimh; mar sin tha ‘m bàs air a thionndadh gu bhi ‘na mheadhon mòr-mhaith do ‘n chreidmheach.
-
Slighe réidh tre’n bhàs agus seilbh air an fhearann shona a ta ‘n taobh thall a dh’ Iordan.
Is e so an t-aran a bheothaicheas agus a neartaicheas cridhe dhaoine; is e so am fion a chuireas cridhe dhaoine air ghean agus air shubhachas!
Feuch a nis gu’m bi sibhse cosmhuil ri Israel o shean, a’ leanmhuinn Chriosd. B’esan a bha anns a’ phillar neòil dhoibh, mar is e ‘bha anns a’ phreas theine, agus a thug a nall thar a’ muir ruaidh iad; b’esan a bha anns a’ charraig a bha ‘gan leantainn; b’esan a bha ‘gam beathachadh fad an cuairt anns an fhàsaich. Is fìor nach eil sinne a’ faicinn comharaidh air a làthairachd mar a chunnaic iadsan; ach tha eisimpleir Chriosd againn, agus teistean nan abstol, agus fianuis an neòil mhòir a chaidh steach gu bhi timchioll righ-chathrach an Uain.
Feuch gu’m bi sibhse ag itheadh “arain na beatha” mar bha Israel a’ caitheamh a’ mhana mar bhiadh làitheil anns an fhàsaich. Bithibh suarach air plaosgaibh salach an t-saoghail. Bitheadh bhur taic air Criosd mar aon ghràidh ar n-anama. Eiribh a nis o’n bhòrd le a ghràdh ann bhur cridhe, agus a chliù, ann ‘ur bilibh: Agus gu robh Dia na sìth e fein ‘g’ur coimhead! Amen.
II.—EARAIL DO LUCHD-COMANACHAIDH AIG BORD AN TIGHEARNA, LE MR. M’ADAM.
Dh’aidich sibh a nis gu follaiseach gur deiscioibuil do Chriosd sibh; ach leigibh dhomhsa a’ cheist a chur ribh, Ciod i ‘ur barail mu Chriosd? Na smuainichibh gur ceist neo-iomchuidh no neo-fheumail i. Ma tha sibh ‘n’ur fìor dheiscioibuil do Chriosd cha’n ann aig a leithid so dh’àm a mhàin a ta sibh a’cur na ceiste so ribh féin, ach gu tric.
Ciod i bhur barail mu dhreuchdan Chriosd? Ciod i do bharail dheth mar fhàidh? Am bheil thu tighinn bruideil aineolach ‘na làthair airson a sheòlaidh agus a theagaig? Ciod i do bharail dheth mar shagart? Am bheil thu tighinn ‘na làthair mar ciontach an uidheam a thoillteanais agus ‘eadar-ghuidhe? Ciod i do bharail dheth mar righ? Am bheil thu ag ràdh mar thubhàirt ban-righ Sheba mu thimchioll Sholaimh: “Is ann a thaobh’s gu’n do ghràdhaich Dia a phobull, a shuidhich e righ glic thairis orra?” Ciod i do bharail dheth mar Cheannard na slàinte—mar cheann-iùil agus mar chompanach? Am bheil thu a’ tighinn d’a ionnsuidh le cridhe flor ann an lân dèarbheachd a’ chreidimh? Cha’n ann le cridhe dh’easbhuidh peacaidh, ach le cridhe mothachail air peacadh, agus cosmhuil ri long fo sheòl a’ tighinn d’reach a steach do’n chaladh. Tha Daibhidh ag ràdh: “Is fear ùrnuigh mise.” Bha Daibhidh agus ‘ùrnuigh cho dlù r’a chéile agus a tha duine agus ‘anail. Cha b’urrainn Daibhidh bhi beò dh’ easbhuidh ùrnuigh, ni’s mò na b’urrainn duine bhi beò as eugmhais anail.
III.—EARAIL DO LUCHD-COMANACHAIDH AIG BORD AN TIGHEARNA, LE MR. M’ADAM.
Dh’ aidich sibh a nis gu follaiseach gur e an Tighearn bhuir Dia, agus gu’n do dhealaich sibh ann bhuir cridhe ris na h-uile cuspàir dòchais ach Criosd. Fuilingibh dhomh ceist a chur ribb, Ciod i bhuir bairail mu Criosd? Ciod i do bharail mu phearsa Criosd? An ann mar dhuine mhain a ta thu smuaineachadh air? Tha mòran anns an eaglais an diugh a ta cumail Criosd a mach mar dhuine mhàin. ‘Se diadhachd Criosd bunait na h-eaglais. Bitheadh sin air a thoirt air falbh agus ciod tha air ‘fhàgail? Ciod i do bharail mu ‘dhreuchdan? Am bheil thu a’ lùbadh dha mar fhàidh, chum gu’m foillsicheadh e dhuit toil Dé? Am bheil thu tighinn d’a ionnsuidh mar Shagart air son ionracais, agus air son gu’n taisbeanadh se e féin an taobh a stigh do’n bhrat as do leth? Ciod i do bharail dheth mar righ? Am bheil thu ag ràdh: “Bha mi aon uair a’ m’ cheanairceach borb, làdarna, ach a nis air ‘ainmsa mhàin ni mise luaidh?” Ciod i do bharail mu gheallaidhean Dhé? Am bheil thu ‘g ràdh: “Tha iad gu maith airson beatha agus diadhachd—aír son tìoma agus sìorruidheadh?” Ciod i do bharail mu àite-còmhnuidh Dhé? Am bheil thu ag ràdh: “Is feàrr là a’d’ chùirt na mile là ann an àit eile?” Ciod i do bharail mu phobull Dé? Am bheil thu ag ràdh: “Is iad muinntir òirdheirc na talmhainn?” Ma tha, is beannaichte thu; buinidh dhuit am freagrath a fhuair Peadar: “Cha’n e fuil agus feòil a dh’fhoillsich sin duit.” Ciod i do bharail mu Criosd mar cheannard na slàinte? Bu taitneach do fhearaibh Israeil a bhi faicinn Dhaibhidh a’ tighinn o’n bhlàr le ceann Gholiath ‘na làimh. Is e am peacadh an Goliath mòr, ach chaidh a cheannsachadh le Criosd; chaidh am bàs mar an ceudna a cheannsachadh leis. Cha bu luaithe bha Criosd air a bhreth na chaidh am bàs an tòir air; ach fhuair Criosd as o’n bhàs an tràth sin, ge do lion e Bethlehem le cloinn mhairbh, agus le caoidh phàrantan. Bha ‘m bàs an tòir air Criosd gus an do choinnich iad air beinn Chalbharì.
Cha d’fhuair am bàs gaisgeach riamh gus an do choinnich Criosd ris. Chathaich Criosd ris, agus thuit e; ach ‘nuair a thuit e thug e buaidh. Tha an uaigh air a ceannsachadh le Criosd mar an ceudna. Bha ‘n uaigh mar iasg nach d’thug an aire do’n dubhan gus an do shluig i e, agus ‘nuair a shluig ‘s ann a b’éigin di a thilgeadh a mach.
Feuch nis gu’m bi thu umhal do òrdugh do cheannaird, agus feuch gu’n gléidh thu d’aité. Tha e air ‘innseadh ma bhrisear an ranc ann an là a’ chogaidh, agus gu’m faigh an nämlichaidh a steach tre’n bheàrn gu’m bi mòr chall deanta. Feuch ma ta gu’n gléidh thu an gràdh bràthaireil. Feudaidh tu tuilleadh gràidh a thoirt do chuid de’n phobull na do chuid eile; oir bha tuilleadh gaoil aig Criosd do aon de ‘dheiscioibuil na bh’ aige do chàch. Tha ‘n ceannard air uairibh ag òrduchadh teicheadh do ‘shaihdearan. Tha Criosd ag òrduchadh dhuitse teicheadh o striopachas, o iodhal-aoradh, o’n t-saoghal. Ach lean an déigh ionracais, agus diadhachd, agus creidimh; cuir cath math a’ chreidimh; gabh greim air a’ bheatha bhithbhuain gus am bheil thu air do ghairm.
IV.—EARAIL DO LUCHD-COMANACHAIDH AIG BORD AN TIGHEARNA, LE MR. M’ADAM.
“Feuch Uan Dé,” ars’ Eoin Baiste “a tha tabhairt air falbh peacaidh an t-saoghal.” Nach fhaca muinntir eile e mar chunnaic Eoin Baiste e? Chunnaic Abel e; chunnaic Abraham e; chunnaic Isaiah e. Chunnaic an t-Abstol Peadar e’n uair a bha e labhairt uime mar “Uan gun smal agus gun bheud.” Is e an t-uain an t-ainmhidh a’s sèimhe de na h-uile a rinn Dia. Feudaidh an leanabh beag a dhol ‘na choinnimh gun eagal sam bith. Chunnaic Eoin ‘na shoillse e ‘n uair a bha e air a thoirt a steach do fhlaitheanas, mar Uan ann am meadhon na righ-chathrach, agus b’e sin an t-árd-iongantas a chunnaic e an taobh a steach do’n bhrat. Is e Criosd leòmhan tréibh Iudah a reubas a nämlichdean as a chéile, ach dhuitse, a Chreidmhich, is Uan e. Dhuitse ‘se ‘th’ ann san tròcair, truas, caomhalachd, maitheanas, ionracas, sith, naomhachd, agus saorsa.
Tha e air a ghairm ‘na Uan, do bhrigh gur e uain a bha air a thabhairt suas o shean mar iobairt-loisgte gach maduinn agus feasgar.
Tha e air a ghairm ‘na Uan oir ‘se an t-uain an t-ainmhidh a’s feumaile. Is e feòil an Uain am biadh a’s feàrr; is e clòimh an uain an t-eudach a’s feàrr. Is e toillteanas Criosd an iobairt a’s feàrr; ‘se ionracas Criosd an t-eudach a’s feàrr, ‘si ephod an Ard-Shagairt i; agus ‘si a chòmhdaicheas na h-uile beud a ta ort, a chreidmhich, agus anns an seas thu an làthair Dhé, gus am faigh thu beannachd an Athar. Troimpe cha ruig frasan na corruich ort. Ge d’ luidh thu am measg nam pòit bheir ionracas an Uain thu gu bhi cosmbuil ri column air a chòmhdachadh le airgiod.
Ge d’ bha thu cho dubh ris an Etiopianach, bithidh tu mar nighinn an righ, uile ghlormhoir ‘san taobh a stigh, agus a trusgan do obair ghréise. Is e so an trusgan a’s feàrr ann an taisgeachaibh an righ. Cha’n ann mar bha seirbhisich Dhaibhidh a’pilltinn gu tir Israel, a bhitheas tusa fadheòidh. Bha iad san sàbhailte, ach bha comharradh maslach orra a chuir na h-Amonitich orra. Ach bithidh tusa mar bha Ioseph ‘na sheasamh ann an culaidh ròmhaich fa chomhair an righ.
Tha e air a ghairm ‘na Uan le stùl ris an uan chàisge a bha air a mharbhadh anns an Eiphit, aig an robh ‘fhuil air a crathadh air tighibh chloinn Israel, a chum nach bitheadh aon diubh air a mharbhadh am measg nan Eiphiteach.
Mar bha cnàmhan Ioseiph air an cur ann an Cisde-mhairbh anns an Eiphit agus air an coimhead le Israel feadh na fàsaich, gu bhi beòthachadh an earbsa gus an rachadh iad a steach do thir Chanaain; tha bàs Chriosd air a chur ann an Suipeir an Tighearn, agus air a choimhead le ‘phobull air an talamh, gu bhi neartachadh an dòchais gus an téid iad a steach do ghloir.
Dh’aidich sibh gu follaiseach gur e an Tighearna bhur Dia; agus gheall sibh Criosd a leantuinn. Nis cha’n ‘eil fios agad ciod i an t-slighe air an treòraich Criosd thu. Fàg sin ‘na làmhan-sa. ‘Nuair a thogas e solus a ghnùise ort, bi thusa air d’fhaicill o’n àrdan agus o’n fhéin-spéis. Tha feum air faicill, mar an ceudna, ‘nuair a bheir e thu gu slighe mhìn measg saoibhreis an t-saoghail; cha ‘n ‘eil an t-slighe so cho sàbhailte ‘s tha mòran a’ smuaineachadh. Cuimhnich ciod tha Criosd ag ràdh, “Cia deacair dhà-san aig am bheil beartas dol a steach do rìoghachd Dhé.” Cò nach ‘eil ag iarraidh beartais? Ach na tha ‘ga fhaotainn, tha iad a’ glacadh ribe, agus an cunnart a bhi air an glacadh leis. ‘Nuair a gheibh thu do shòlasan spioradail o Chriosd, na taig iad annad féin gu bhi beathachadh t’ àrdain, oir tha uiread do sheirbhe a’ d’ chridhe, ‘s gu’n tachair do nithibh spioradail ann mar thachaireas do’n fhion air an ruig deàrsadh na gréine, thig e gu bhi ‘na fhiongeur. Tha sinn leughadh gu’n robh cridhe Heseciah dhiadhuidh air a lionadh le àrdan, do bhrigh gu’n d’ oibrich Dia miorbhuilean air a shon. Feudaidh e do thoirt troimh shlighe chlachaich na trioblaid—troimh rathad drise agus droighinn na geur-leanmhuinn mar thug e na Abstoil; ma bheir, lean thusa Criosd mar a lean iad san; agus mar rinn iad san, dean thusa uaill ann bhi fulang nàire airson ainme-san. Feudaidh e do ghairm gu cath a chur ri prionnsachan, ri cumhachdan, ri minsteirean. Tha Criosd gu tric a’ deanamh do ‘phobull do ‘m mò a ghràdh mar ni an t-Ard cheannard do’n t-saighdear a’s maith leis a thogail gu inbhe, agus urram, agus aran—’ga chur anns an àit a’s teithe de’n chath. C’ arson a tha e ‘ga chur an sud? An ann a chum gu’n tuiteadh e ann? Cha’n ann; ach gus an cosnad e tuilleadh agus buaidh. Gabh thusa sgiath a’ chreidimh, agus cha’n ‘eil saighead am bolg an diabhuil a dheargas oirre. Gabh claidheamh an Spioraid,—is claidheamh dà fhaobhar e—gearraidh e romhad agus gearraidh e a’ d’ dhéigh, agus gearraidh e air gach taobh dhiot. Abair, mar thubhairt Criost ‘nuair a bha e air a bhuaireadh le Satan, “tha e sgrìobhta”: dh’fhoghainn sud dhà; cha b’urrainn e seasamh roimhe. Bi a cur suas ùrnuigh dhùrachdaich a’ chreidimh anns a’ chath, agus bithidh do làmhan air an neartachadh le gairdeanan bith-bhuan Dhé Iacoib. Eiribh a nis, agus imichibh chum na fàsaich le gràdh ann bhur cridhe, agus moladh ann bhur bilibh do’n Tighearn, agus le bhur taic air Criost, nach dìobair sibh gu bràth. Amen.