Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1911 » October 1911 » Dioghluim o Theagasg nan Aithrichean

Dioghluim o Theagasg nan Aithrichean

(Continued from page 198.)

V.—DIOGHLUM O THEAGASG MR. LACHLAIN M’COINNICH.

A N uair a bha’n Righ air a bhreth thàinig fios a chum nan daoine beaga agus nan daoine mòra, chum nan daoine bochd agus nan daoine beartach, a chum nan daoine amaideach agus nan daoine glice. Thàinig fios a chum nan daoine glice ‘bha anns an aird’an-ear; ghabh iad ris an sgeul, agus lean iad an reul. Bha iad ‘nan daoine tuigseach, agus reusanaich iad mar so eatorra féin: “C’aitse am bitheadh an Righ air a breth ach anns a’ bhaile mhòr.” Dh’fhag iad an reul, agus chaidh iad do ‘n bhaile mhòr, agus dh’iarr iad e gu dchiollach. Ged dh’iarr cha d’fhuair. Chosd e iomadh ceum aonarach dhoibh mu’n d’fhuair iad an reul a ris. Ach ‘nuair a fhuair iad an Righ a réir seòlaidh na réil, c’aitse an d’fhuair iad e? Ann an criosan-ceangail a’ gheallaidh, far am faigh thus’ e, anam, ma gheibh thu e gu bràth.

Ach tha thusa ag ràdh, anam bhochd: “Ged bha e dhoibhsan ann cha’n ‘eil e dhomhsa ann.” Tha e dhuitse ann; iarr thusa e, agus gheibh thu e. Ciod e do chor-sa? “Is e ‘th’agam-sa peacadh uaigneach eadar Dia agus m’anam, nach d’ fhuair an saoghal a mach riamh.” Tha do chor doilich; is e ‘th’agad-sa peacadh scárlaid ach iarr thusa e, oir tha e dhuitse ann. (Isaiah i. 18.)

Tha mi ‘cluinninn neach eile ag ràdh: “Fhuair thu mach cor an fhir ud, ach cha’n fhaigh thu a mach mor chor-sa.” Ciod e an cor ‘tha agad-sa? “Is e ‘th’agamsa cruas cridhe, a ghnàth ag àicheadh Mhic Dhé.” Tha do pheacadh-sa an tromaichte. Is e’th’ agad-sa peacadh corcuir; ach iarr thusa e, oir tha e dhuitse ann an criosan-ceangail a’ gheallaidh.

Tha mi cluinninn neach eile ‘g ràdh: “Fhuair thu mach cor an dithis ud, ach cha d’ fhuair thu a mach mor chor-sa.” Ciod e an cor ‘tha agad-sa? “Is ann ‘tha mise air mo shàrachadh le droch mhnaoi.” A nis, a chuideachd, na smuainichibh gur aithne dhomhsa sibh. Tha sibh uile ‘n ‘ur coigrich dhomhsa agus mise dhuibhse; cha robh mise riamh ‘n ‘ur measg. Ach cha do labhair mi focal de’n fhirinn riamh mur ‘eil an duine aig a’ bhòrd. A dhuine bhochd, bi thusa ag ùrnuigh air a son. “Och, is fad o’n là sin, ach cha’n’eil ise fàs ni’s feàrr airson sin.” Gidheadh, lean thusa air an ùrnuigh, agus lean mar so oirre—”Thighearna mur beannaich thu dhise e, naomhaich dhomhsa e.”

Tha mi cluinninn neach eile ‘g ràdh: “Cha’n fhaigh thu mach mo chor-sa.” Ciod e do chor-sa? “Och is ann ‘tha mise air mo shàrachadh le m’ao’n leanabh a bhi marbh.” A dhuine bhochd, bi ‘g ùrnuigh air a shon; agus lean an ùrnuigh mar so, “Thighearna, tha fios agad féin nach d’ iarr mise leanabh marbh ort, agus tha fios agad mur toir thu féin beò e nach toir mise beò e.”

Tha mi cluinninn neach eile ag ràdh: “Fhuair thu mach cor an fhir ud, ach cha’n fhaigh thu mach mo chor-sa.” Ciod e do chor-sa? Och, is ann tha mise air mo shàrachadh le seann phàranta liath air nach do shoathaich gràs riamh. Anam bhochd, tha do chor-sa rodhoilich, ach bi thusa ‘g ùrnuigh air an son. “Och!” tha thu ‘g ràdh, “na h-ùrnuighean a th’ ann; ciod am feum a th’ annta!” Ciod tha deanamh nan ùrnuighean rapach? Tha na smuaintean dìomhain a bhios air an ais agus air an aghaidh an so [agus am fear-teagaig a’ cur a làimh air a’ bhroilleach]. Ach, anam bhochd, lean thusa air ùrnuigh, oir b’ aithne dhuinn iad, an long na h-ùrnuigh, a thug Criosd air ais o bhruaich an t-sluic air dhosan liath! Bha duine anns an taobh deas a lean a mach ann am peacadh na neòghlaine gus an robh e ‘na sheann duine agus thoilich an Tighearna gu’n do dhéilig gràs ris. Bha muinntir, an sin, a’ feòrachadh dheth cionnus a mhothaich e o’n am ‘s an do déilig gras ris. Ars’ esan, “O’n àm, ‘s an do déilig gras rium thug e air ais mo chridhe mar chridhe leinibh bhig. Lean thusa air ùrnuigh, agus cuirdh an ùrnuigh thu a steach air geata nam flaithenas. “Ghràdhaich na h-òighean thu.” “An e so a’ cheimhleag a thug thu nise dhomh, an déigh dhuit a bhi o’n uair ud ‘gam chur a steach air geata nam flaithenas leis an ùrnuigh? Nam b’ aithne dhuit mo chridhe is mi-chosmhuil mo chridhe-sa ri cridhe nan òighean.” Ach, anam bhochd, dean thusa air t’athais. Nam biodh tusa an sud an cùlaobh na h-eaglais, gun neach ann ach thu féin agus mi féin, agus gu’n innseadh tusa dhomhsa do chor agus t’ fhaireachdain féin, agus gu’n innsinn-sa mo chor agus m’ fhaireachdain féin duitse, ciod a theireadh tu ’nuair a dhealaicheadh tu rium? Theireadh, “Tha iongantas orm gu’n do ghabh iad an neach ud riamh gu bhi ’na bhall do eaglais Dé.”

LE MR. LACHLAIN M’COINNICH.

Oir b’e deadh thoil an Athar gu’n comhnuicheadh gach uile iomlanachd annsan.—Col. i. 19.

Nam faigheadh tusa do’n daoimean so uiread ri ceann na h-òrdaig, no uiread ri ubh beag, dheanadh e thu cho beartach ris an Iarla Mhuireach, no ri Diúc Gordain, no mar Righ Seòras; seadh, dheanadh an daoimean so thu a’ d’ mhac do ’n Righ a’s àirde.

Nan rachadh innseadh dhuit, “Tha duine tighinn an àird an t-sràid ud shios, agus togaidh e leis Creag a’ Ghobha air a mhuin,” theireadh tu, “Cha chualas mu dhuine riamh a dheanadh sin.” Seadh, nan rachadh innseadh dhuit, “Tha duine tighinn an àird an t-sràid ud shios, agus togaidh e leis an Tolbò air a mhuin,” theireadh tu, “Ni e ’n dara cuid cho luath ’s a ni e a’ chuid eile.” Ach nan rachadh a ràdh riut, “Tha duine tighinn an àird an t-sràid ud shios, agus togaidh e leis a’ chruitheachd air a mhuin,” theireadh tu, “Cha robh duine riamh ann a dheanadh sin.” Ach an duine mu’m bheil mo bhonn-teagaig a’ labhairt, thog e uallach ’bu truime na a’ chruitheachd uile air a mhuin, ’nuair a thog e t’ullach shalach-sa, agus m’ uallach shalach-sa air a mhuin, oir cudthrom aon anama gun ghràs bhriseadh e aisil na cruithheachd.

Nan rachadh innseadh dhuit, “Tha mac an righ a’ tighinn an àird an t-sràid ud shios, agus còta do chlò dubh air, mar bhios orra air a’ ghaidhealtachd againn shuas, theireadh tu, “Cha b’e a thrusgan e.” Is Iudhach thusa. Cha b’fhiach leis na h-Iudhaich an trusgan a bh’ air Mac an Righ. Chaidh innseadh do sgoilear, “Tha e ’tighinn an àird an t-sràid ud shios agus còta do chlò dubh air.” Fhreagair an sgoilear mar fhianuis a bhi air, chaidh e far an robh an sgoilear, do thaobh ’s gu’m b’e sgoilear a bh’ann a bha anns an sgoil aige féin, agus dh’ fheuch e dha an roinnag a bha air. ’Nuair a chunnaic an sgoilear an roinnag a bh’ air chuir sud thug e, agus sgrìobh e litir suas gu grad do Bhaile Lunnuinn a dh’ fhaotainn fios chinntich am b’ e mac a righ a bh’ ann; agus thàinig fios-freagairt gu grad a nuas á Baile Lunnuinn do ’n Tighlitrichean ud shuas, ag ràdh : Is e mac an righ a t’ ann; thoir urram mhc righ agus di-bheatha* mhc righ dha.” Nis is i an úrnuigh an litir, is e flaithneas Baile Lunnuinn, agus is i a’ chlösaid an Tigh-litrichean.
* Deadh-bheatha.

Bha fineachan an Taoibh-tuath uaireigin air an roinn ‘nan treubhan, mar tha Gordanaich, agus Guinnich, agus Clann-Choinnich; agus bha ceann-cinnidh air gach tréibh dhiubh, agus bhitheadh gach aon diubh a’ deanamh uaille à ‘cheann-cinnidh féin. An uair sin, bha ni ‘s mo do ghaol nàdurrà am measg muinntir na tha an diugh eadar muinntir a ta ‘g aideachadh Chriosd agus ag aideachadh an t-soisgeil. Ach nan tachradh fear ardanach dhiubh ri fear bochd anns na luideagan, d’theòraicheadh e: “Cò an fhine de ‘m bheil thusa?” Theireadh esan: “Tha mi de ‘leithid so a dh’fhine. Their am fear ardanach: “Seadh, ma ta, cha ‘n fhiù thu bhi air t’ainmeachadh orra.” Theireadh am fear bochd: “Seadh, ged robh mise bochd, is beartach m’ fhear-cinnidh.” Nach cluinn thu sud, anam bhochd! Nuair a thachras fear an toibheim riut a bhios ag ràdh nach ‘eil rag do ionraca Chriosd air do dhruim, no peighinn creidimh ann do phòca, feuch gu ‘m bi thusa ‘deanamh uaille á t’fhearcinnidh, an neach mu ‘m bheil mo bhonn-teagaig á cur an cèill gu ‘n do thoilich an t-Athair gu ‘n gabhadh gach iomlanachd còmhnuidh ann.

Ann an tìrbh eile, bha teine-dealanaich a’ tighinn, a bha a’ sgrios thighean agus a’ deanamh mòran calla, ach fhuair iad inneal a machslat iaruinn air a cur suas os ceann an tighe, agus a bonn suidichte anns an talamh—a ta bacadh sin; oir an uair a ta an dealanach a’ teachd, tha e bualadh air an t-slat iaruinn, agus tha an t-slat ‘g a ghlacadh, tha an talamh ‘g a shlugadh, agus tha an tigh air a thearnadh; agus sin, anam, mar chaidh Chriosd a chur suas os ceann tighe t’ anam-sa. An uair a bha corruich Dhé an crochadh os a cheann, thainig a’ chorruich agus bhuaill i air Criosd. Ghlac a dhaonachd i, agus shluig a Dhiadhachd i, agus chaidh t’ anam-sa thearnadh.

Tha sibh uile a’ faicinn na h-aimhne ud shuas amhainn Inbhírnis. Agus is aithne do mhòran agaibh an loch as am bheil an amhainn a’ teachd. Agus o ‘n uair a bha ‘n saoghal ann, bha ‘n loch a’ cumail ris an amhainn, agus bha ‘n amhainn a’ tarruing as an loch; agus bithidh an loch a’ cumail ris an amhainn, agus bithidh an amhainn a’ tarruing as an loch am feadh a bhios an saoghal ann. O ‘n uair a chaidh cùmhnanta grais a shuidheachadh, agus o ‘n uair a chaidh an soisgeul a shearmonachadh ann an gàradh Edein, bha Diadhachd Chriosd a’ cumail ri ‘dhaonachd, agus a dhaonachd a’ tarruing á ‘Dhiadhachd, agus e a’ beathachadh a’ phobuill anns na meadhonaibh; agus bithidh a Dhiadhachd a’ cumail ri ‘dhaonachd, agus a dhaonachd a’ tarruing á ‘Dhiadhachd, agus e a’ beathachadh a’ phobuill anns na meadhonaibh am feadh a bhios an saoghal ann.

Ach tha thusa ag ràdh: “Tha mi faicinn sin, ach tha mi faicinn an uair a ta ‘n amhainn a’ teachd a nuas agus a’ bualadh air pillar na drochaid, gu ‘m bheil pillar na drochaid a’ sgoltadh na h-aimhne as a chéile.” Och, anam! Is ann tha thusa, an trath so, a’ sealtainn air taobh shuas a’ phillair, ach seall air an taobh shios. An uair a ta’n amhain air dol seachad air a’ phillar, tha i a’ dol anns a chéile, agus tha i a’ dol a steach anns a’ chuan, agus cha dealaich i tuilleadh. Agus an uair a theid thusa seachad air pillar a’ bhais, théid thu steach maile ri Criosd ann an cuan a’ ghaoil agus an iongantais, agus cha dealaich sibh tuilleadh.

EARAIL DO LUCHD-COMANACHAIDH AIG BORD AN TIGHEARNA, LEIS AN URRAMACH RAONULL BAN, 1816.

Tha sinn a’ cluinninn so air a ràdh, maille ri nithibh eile, mu Chriosd, le Spiorad na fàidheadaireachd: “An ni nach d’ thug mi leam, an sin is éigin domh ’aiseag.” Is e so gloir Dhé—an ni nach d’ thug e air falbh, agus a thug e air ais. Is e so an cinneadh-daoine—an ni nach d’ thug e air falbh, agus a thug e air ais. B’ e an cinneadh-daoine na meirlich a rinn a’ ghadaidh-eachd air Dia—a spuill Dia d’ a ghloir, a spuill an saoghal d’ a shonas, agus a lion e do dhoilgheas, do anshocair, agus do thrioblaid. Sheas an diabhul suas mar tharbh fiadhaich, agus chleachd e gach uile dhichioll a chum Dia a spuilleadh d’ a ghloir. Is i a’ chrìoch a bh’ aig Dia anns a’ cheud chruthachadh, agus a’ chrioche a bh’ aige, mar an ceudna, anns a’ chruthachadh nuadh, a ghloir. Is e an ni ris nach dealaich Dia gu brath, a ghloir. Gu a ràdh le h-urram naomh, cho fada’s is Dia e cha dealaich e ri ’ghloir. Tha fios agam gu ’m bheil ann an so ioma do phobull Dé, agus ma tha iad air bhi a bheag sam bith a dh’ ùime ann an sgoil Chriosd, nan cuirinn-sa a’ cheist orra, cò aca a’s faisge dhoibh glòir Dhé no tearnadh an anama dh’ eìgheadh iad a mach: “Och glòir Dhé!” Ma their iad a bheag sam bith uair air bith mu chur teàrnadh an anama roimh ghloir Dhé, gheibhear iad air ball le osnaich ag ràdh: “Och glòir Dhé!” Ach, feuch! ciod a’ mhisneachd a ta an so dhuitse, anam bhochd, thruaigh, uair air bith a theid thu a ghearan ann ad ùrnuigh air do chor bochd, truailidh, gràineil, salach—gu ’m bheil teàrnadh t’ anama air ’fhilleadh, a steach ann an glòir Dhé. Is e so an ni a bh’ aig ceud ghlùasad agus ceud shuidheachadh a’ chùmhnaist a bha eadar an Trionaid o shiorruidheachd—gu ’m bitheadh tearnadh t’ anama-sa air ’fhilleadh a steach ann an glòir Dhé. Tha Pol ag ràdh: “Cò aca dh’ itheas no dh’ òlas sibh, no ge b’ e ni a ni sibh, deanaibh na h-uile nithe chum glòire Dhé.” An uair a bhitheas tu ag itheadh pronnaig arain, no ag òl deoch de ’n uisge, bitheadh e chum gloire Dhé. An uair a bhios tu a’ caith-eamh do theachdan-tir—ni a ta glé dhoilich labhairt air, agus glé dhoilich innseadh do chach a chéile—bi a’ gabhail Chriosd gu saor o ’n Athair, agus a’ tabhairt Chriosd air ais do ’n Athair. Bi a’ gabhail a thròcair mar thiodhlac saor uath, agus bi a’ tabhairt na glòire ris dha. (An so thug am ministèir seachad an cupan.)

Ach feuch nach dean thu an gnothuch le bloigh do Chriosd. Feuch nach ‘eil thu ag ràdh: “Na tha mise an éis anns a’ bhanc ni Chriosd suas; a’ chuid nach ruith mise de ‘n réis, ruithidh Chriosd air mo shon; cuidichidh Chriosd mi; nach bi a bheag sam bith agam fein r’ a dheanamh?” Tha dleasdanais agad féin ra an deanamh. Ach ma ‘s math leat-sa beatha, no beothalachd, a bhi agad a chum ni math spioradail sam bith a dheanamh, cum thusa do shùil air Chriosd a’ deanamh na h-oibre gu h-iomlan. Is e so a bheir an ceud ghluasad dhuitse gu ni math a dheanamh. Feuch nach bi thusa cosmhail ris a’ mhuintir a bhios ag radh nach ‘eil feum air Chriosd ach aig meadhonaibh, agus aig òrduighibh, agus aig bòrd an Tighearna—a’ deanamh air Chriosd mar a nithear air còta Sabaid. Is coma leam co dhiubh an diadhaidheachd a ta mar chòta Sabaid. Is ioma dleasdanais a ta agad-sa ri dheanamh aig a’ bhaile, mu ‘n teine, agus mu ‘n chlobha, air son am feum thu tuilleadh neirt o Chriosd na dh’ fheumas tu aig Bòrd an Tighearna. Chuala mise nòt o sheann chriosdaidh araidh, an uair a bha mi a’ m’ leanabh, agus bu mhòr an t-iongantas a chuir i orm an uair a chuala mi i. Is ioma la o sin a bha i feumail dhomh, agus cha dealaich mi gu bràth rithe: “Is ioma dleasdanais a ta agad-sa ri dheanamh aig a’ bhaile, mu ‘n teine, agus mu ‘n chlobha, air son am feum thu tuilleadh neirt o Chriosd na dh’ fheumas tu aig Bòrd an Tighearna.” Ach feuch thusa, do thaobh an fhreasdail dhoilich a bhios a’ d’ aghaidh, gu ‘n dean thu Sacramaid deth an sin, agus gu ‘n dean thu Bòrd an Tighearna deth an sin, agus gu ‘n toir thu gloir do ‘n Tighearna deth an sin.

(Ri leantunnn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice