Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1911 » November 1911 » Dioghblum o Theagasg nan Althrichean

Dioghblum o Theagasg nan Althrichean

(Continued from page 241.)

URNUIGH AGUS EARAIL ROIMH THABHAIRT SEACHAD NAN COMH-ARRAIDHEAN AIR DIARDAOIN AN ORDUIGH, LE MAIGHSTIR LACHLANN M’COINNICH.

A THIGHEARNA, cha ‘n ‘eil fios againn ciod e air am bheil righrean, no Parlamaid, no daoine mòra a’ smuaineachadh; ach air aon ni tha fios againn—gu ‘m bheil an Tighearna a’ smuaineachadh air a phobull. A Thighearna, tha eagal air do phobull bochd nach ‘eil thu smuaineachadh orra. Thoir comh-arradh dhoibh air gu ‘m bheil, thu smuaineachadh orra. Cuir stamp na naomhachd orra. Tha fios agad féin nach ‘eil ni eile ann a riaricheas do phobull bochd, ach thu a chur stamp na naomhachd orra. Cuir stamp na naomhachd oirnn, a Thighearn, oir tha fios agad féin nach ‘eil ni eile a riaricheas sinn. Blàthaich do phobull bochd, a Thighearna; blàthaich iad le d’ ghaol, oir tha fios agad féin nach ‘eil ni eile a blàthaicheas iad ach do ghaol. Blàthaich sinn, O Thighearna, le d’ ghaol, oir tha fios agad féin nach ‘eil ni eile a blàthaicheas sinn ach do ghaol. Tha fios agad féin gu ‘m bheil e cur eagail air do phobull bochd, ‘n uair a ta iad a’ cliunntinn mur ‘eil ni eile a blàthaicheas sinn ach do ghaol. Tha fios agad féin gu ‘m bheil e cur eagail air do phobull bochd, ‘n uair a ta iad a’ cliunntinn mur ‘eil Spiorad Chriosd aig neach nach buin e do Chriosd. Tha Pol ag ràdh sin, ach tha Slànughear mòr beannaichte nam peacach ag ràdh, mar an ceudna, gu ‘m faigh na h-uile a Spiorad a dh’ iarras air e. Tha eagal air do phobull bochd, nach ‘eil do Spiorad aca; ach nan cluinneadh iad muinntir eile ag ràdh gu ‘n robh eagal orra nach robh an Spiorad aca, ghabhadh iad sin mar chomharradh air gu ‘n robh e aca, ach cha ghabh iad dhoibh féin e.

Mhill sibh an là an diugh oirbh féin, agus mhill sibh e, mar an ceudna, orm féin. Their sibh, an uair a bhiteas sinn ag ràdh a leithid so, gur h-ann a’ trod a bhiteas sinn, agus gu ‘m bheil sin mi-eileanach. Ach is fheudar duinn an fhirinn innseadh mar aig an la mbòr. Is fheudar do ‘n mhinisteir e féin a shaoradh o fhuil a’ phobuill. Dia gu ‘n gabh truas rium leibh! Rinn sibh mo chlaoich! O Dhé! is aithne dhuitse gu ‘n d’ rinn. Dh’ fhad sibh mi neo-fheumail agus mi-bhuannachdail anns an fhionain. Ah Dhé! is aithne dhuitse nach b’ e sud mo mhiann, ach bhi feumail agus buannachdail ann.

Tha e air ‘innseadh dhomhsa gu ‘m bheil muinntir a’ faighinn comharradh a bha an raoir ag iasgach an sgadain agus gu ‘m bheil muinntir a’ faighinn comharradh nach ‘eil a’ gleidheadh aoraich ‘n a teaglaich. Chunnaic sinn leanabh, agus an uair a gheibheadh e ni bheireadh e d’ a athair e gu ‘ghleidheadh.

Fhuair thusa Diardaoin an Orduigh, agus cha d’thug thu e do Dhia gu ‘ghleidheadh; ach thubhairt thu ris an diabhul: “Trobhad an so, a dhiabhuil, tha gnothuch agam riat.” “Ciod an gnothuch a ta agad rium an trath so?” ars’ an diabhul. “Tha gnothuch agam riat; so dhuit Diardaoin an Orduigh. Tha ceithir làithean eile ann, agus nach foghainn iad sin do ‘n Orduigh?” Bha bean uasal shios ann am Muireadh,* agus ars’ ise ri bean-mhuiintir a bh’ aice: “Gabh do bhiadh, agus dean do ghniomh, agus mur dean thu do ghniomh, gu ma h-olc a ni do bhiadh dhuit!” Agus mar tha sinn ag radh ris na h-uile neach a faighinn comharraidh, agus nach ‘eil a’ coimhead Diardaoin on Orduigh, agus nach ‘eil a’ gleidheadh aoraidh ‘n a theaghlaich.

Bha mhinisteir shios air a’ mhachair, agus bu mhinisteir priseil le Criosd e. Thàinig duine mòr gus an tigh aige oidhche, agus fhuair an t-eagal tràilleil buaidh air. Leig e dheth an ùrnuigh theaghlaich, agus thainig an diabhul gu follaiseach a dh’ ionnsuidh an tighe aige air son sud. Cha ‘n innis mi cò b’ e, ach bu mhinisteir priseil le Criosd e.

Cha ‘n fheadh sinn comharradh a chumail o neach air bith a dh’ iarras e, ma bhios e stuama; ach feumaidh sinn an fhirinn innseadh, mar aig an là mhòr. Feumaidh am ministeir e féin a shaoradh o fhuil a’ phobuill, ach cuimhnich thusa gur h-ann an lorg a’ ghreama chaidh an diabhul ann an Iudas, agus gurr h-ann as déigh na suipeir bhrath e mhaighstir. Tha iad a smuaineachadh nach ‘eil ùghdarras air bith againne a th’ air a Ghàidh-ealtachd. Leigidh sinn ris diobh gu ‘m bheil òrdugh againn o Shéanadh Ghlinn-Eilg gun chomharradh a thoirt do neach air bith nach ‘eil a’ coimhead Diardaoin an Orduigh, agus nach ‘eil a’ gleidheadh aoraidh ‘n a theaghlaich; agus feumaidh sinn bhi umhal do chomhairle nam bràithrean.

Bha duine shios air a’ mhachair, agus rinn a leanabh ni a bha fada as an rathad. Thug e steach do shabhal e, agus ghabh e an t-slat dha; agus chaidh e an sin a dh’ ùrnuigh air a shon tri chuaire. Agus b’ i an ùrnuigh ‘bu mhò a rinn do dhruighadh air an leanabh na ‘n t-slat. Mar sin tha sinn a nis ag ùrnuigh an déigh bhi gabhail oirbhse leis an an lagh, gu ‘m bi an sgiùrsadh so air a bheannachadh dhuibh.

DIÓGLUM O THRAGASG MHAIGHSTIR LACHLAINN M’CHOINNICH. EARAİL AIG RIARACHADH A’ BHUIRD.

Ciod air am bheil thusa smuaineachadh? Tha mise smuaineachadh air a’ ghiullan a dh’ fhàg mi aig a’ bhaile. Agus ciod air am bheil thusa smuaineachadh? “Tha mise smuaineachadh air na th’ agam do chaoraich agus do ghabhair.” Cha ‘n ‘eil agaibh-sa cuid no crannchur ‘s a’ chuis so; cha ‘n ‘eil ‘ur cridhe ceart. Ach ciod air am bheil thusa smaíneachadh! “Tha mise smuaineachadh air nach ‘eil fios agam am bheil no nach ‘eil gaol aig Criosd domh.” ‘T aid do smuaintean-sa a’s fearr, ach cha smuaintean ro-sholasach iad fathast. Cha ruig thu a leas a bhi cur na ceiste sin: “Am bheil gaol aig Criosd domh?” Bha bean shios air a’ mhachair d’ am b’ ainm Sìne Taillear, agus ars’ ise ri Maighstir Calldair (Calder)—athair a’ Mhaigstir Challdair so mu dheireadh a bh’ againn—’n uair a bha e’n a leanabh: “Mo leanabh féin, dearbh thusa Dia bhi trocaireach, agus dearbhaidh esan trocaireach dhuit.” Dhearbh esan Dia bhi trocaireach, agus dhearbh Dia trocaireach dha. Ach is ann bhios tusa ‘g innseadh do Dhia na rinn thu do nithibh grànda: “Rinn mi so, agus rinn mi sud.” Rinn, rinn, ach ged rinn, is fearr le Dia thu bhi ‘g innseadh nan nithe brèagha a rinn e féin na nan nithe grànda a rinn thusa. Cha ‘n ‘eil sinn ag iarraidh ort a bhi ‘g innseadh dhuinne ciod a rinn thu. ‘Se tha sinn ag ràdh riut: “Gabh an t-Sacramaid; is e Criosd an t-Sacramaid.” Tha sinn ag ràdh ris a’ pheacach mhòr dhubh ud —ris a’ pheacach air a’ chnoc ud: “Gabh Criosd; is e Criosd an t-Sacramaid.”

Bha minsteir shios am baile Inbhirnis, agus ghabh e là mar bhonn teagaig: “Saor mi o chionta fola.” ‘Nuair a sguir e thàinig duin’ uasal d’ a ionnsuidh, agus thubhairt e ris: “Cò dh’ innis dhuitse gu ‘n d’ rinn mise mortadh? Bithidh do bheatha agam leis an dag, no air a’ bhiodaig so.” “Tàmh! tàmh! ars’ am minsteir, gus an téid mi dh’ ùrnuigh.” Chaidh e dh’ ùrnuigh aon uair; chaidh e dh’ ùrnuigh da uair: chaidh e dh’ ùrnuigh tri chuart. An sin thubhairt am minsteir ris an duine: “Cha ‘n fhaca mise riamh roimhe thu, agus cha d’ innis neach air bith dhomhsa mu d’ thimchioll.” Ars’ an duine: “Bu mhac fear fearainn mise, agus bha fios agam gur h-e mo bhràthair ‘bu shine a bhiodh ‘n a oighre. Agus thachair sinn là leinn féin, agus rinn mi a thachdadh le tobha.”* Cha d’ innis am minsteir riamh air an duine, ach fhuaireadh an ni anns na paipearean aige an déigh a’ bhàis. Mar sin innis thusa do Criosd na rinn thu do nithibh grànda, agus cha ‘n innis Criosd ort gu brath. Agus mar sin tha brigh agus tairbhe ann an ùrnuighibh pobuill Dè. Ach tha thusa ag ràdh: “Is beag tha mise ag aithneachadh sin; is fad o ‘n tha mise ag ùrnuigh, ach cha ‘n ‘eil mi faighinn freagraidh do m’ ùrnuigh.” Na smuainich thusa ni’s lugha de ‘n ùrnuigh air son sin. Seall féin air a’ chuibhrionn sin de ùrnuigh Dhaibhidh —”Lìonadh a ghloir gach uile thir”—nach d’ fhuair fathast freagradh. Bu luaithe a chreidinn sa gu ‘n géilleadh puist nam flaithneas, agus gu ‘n tuiteadh an iarmailt, agus gu ‘m marbhadh i na h-eoin, na chreidinn gu ‘m biodh ùrnuighean pobuill Dé gun fhreagairt. Mar is mò a chuireas tu dh’ airiod anns a’ bhanc, agus mar is faide a bhios e ann, is anns a mo a bhitheas e an uair a thig e as. Agus ma leigeas tu leis fada ann, bithidh mòran agad. Cuir fichead not air a’ bhliadhna: agus ma leigeas tu leis luidhe seachad fada, bithidh mòran agad. Mar is faide a bhiteas dàil air a cur ann am freagrath t’ ùrnughean, is ann is pailte am freagrath an uair a thig e. Ach tha thusa ag ràdh: “Is ann a bha a’ bhrigh agus an tairbhe ann an ùrnughibh pobuill Dé a bh’ ann roimhe so; ach cha ‘n ‘eil a’ bhrigh agus an tairbhe cheudna ann an ùrnughibh pobuill Dé a th’ ann an diugh.” Tha a’ bhrigh agus an tairbhe ann an ùrnughibh pobuill Dé, a th’ ann an diugh a bha ann an ùrnughibh pobuill Dé, a bh’ ann roimhe so. (An so thug am ministeir an t-aran do ‘n mhuinntrir a bh’ aig a’ bhord.) Bha mi a’ labhairt mu ùrnughibh pobuill Dé. Bha bean shios air a’ mhachair, agus bha i ni bu mhiosa na Merron* a bhi oirre mar ainm. Shealbhaich an diabhul i eadar anam agus chorp. Thàinig ministeir prìseil le Criosd ‘s an fheasgar a dh’ ionnsuidh an tighe ‘s an robh i, agus dusan do phobull Dé maille ris. Chaith iad an oidche ann an ùrnug, agus mochththrath ghabh i a biadh-maidne maille riu. An abair thusa nach ‘eil brigh no tairbhe ann an ùrnughibh pobuill Dé a t’ ann an diugh mar bha ann an ùrnughibh pobuill Dé a bh’ ann roimhe so.

Bha fear an sud agus thoisich e air an ùrnug, ach thug e thairis i. Thug e thairis an ùrnugh uaigneach, agus, mar an ceudna, an ùrnugh theaghlaich. Dh’ fhalbh an sin aon de na diabhulaibh a dh’ ionnsuidh an àite ‘s an robh an diabhul mòr, agus ars’ esan: “An e nach ‘eil naidheadh agam dhuit!” “Ciod an naidheadh a th’ agad an trath so dhomh?” ars’ an diabhul mòr (agus e mar gu ‘m bitheadh e feargach). “Tha naidheadh agam; tha fear an sud, agus bha eagal ort gu ‘m bitheadh tu dh’ easbhuidh air; is tu nach ruigeadh a leas.” “O!” ars’ an diabhul mòr, “an e gu ‘n creid mi thu.” Feudaidh tu mo chreidsinn; thug e thairis an ùrnug; thig féin agus faic. Thàinig an sin an diabhul mòr gu tigh an fhir a thug thairis an ùrnug, agus bha sannt air taobh deas an t-simileir, agus an fheoil air an taobh chlì, a’ mhisg air ceann a’ bhuidh, agus an cùl-chaineadh làimh rithe; agus bha ni bu mhiosa na sin uile ann, eadhon, an fhanoid air pobull Dé—”luchd nan eudainnean fada,” agus “luchd nan ùrnughean fada,” mar their cuid. An aithne dhuitse cò iad “luchd nan eudainnean fada?” Innsidh mise dhuit cò iad. Is iad pobull Dé iad. Ach an cuala tusa neach riamh a’ fanoid air ùrnughibh pobuill Dé an àm a’ chogaidh, no an àm an t-sàrachaidh? Cha chuala agus cha qhluinn. Thàinig an sud neach do phobull Dé dh’ ionnsuidh a thighe; chriothuaich e; thàinig prasgan ann diubh; fhuair iad à mach e, agus chosd e gu daor dhasan. (Na nithe so thubhairt e roimh thoirt seachad a’ chupain.)

Bha bean riomhe so a’ toirt drama do fhear, agus ars’ ise ris: “Gu ‘n deanadh sin duit mar rinn baine do mhàthar duit.” Cuir thusa do bheul a nise ri taobh an t-Slanuighir, agus ol deoch bhlâth de ‘fhuil. Ach tha thusa ag râdh: “Tha mise cho salach ‘s nach feud mi teachd am fagus do ‘n t-Slanuighear.” Na abair sin. Bha bean ann roimhe so, agus fhuair i mothachadh air peacadh, ach thug i droch altrum dha, agus chaill i e, agus thainig ceann ochd bliadhna deug mu ‘n d’ thainig e ris air ais.

Bha bean anns an sgire so do ‘m b’ ainm Ceit Mhòr, agus thoilich an Tighearna atharrachadh nan gràs a thoirt oirre an déigh dhi bhi ceithir fichead bliadhna dh’ aois; agus an uair a rachadh comhfurtachd a thairgse dhi theireadh i: “Tha mo dhà làmsha cho salach ‘s nach feud mi an cur timchioll an t-Slanuighir,’ oir bha i air a toirt do pheacadh na striòpachais ann an làithibh a h-oige. Ach cha ruig thusa leas a bhi ag râdh mar sin. Cha ‘n ionann do Chriosd agus do dhroch dhuin’ uasal a bha shios air a’ mhachair a bha ‘pòsadh. Bha am ministeir an geall air Spòrs fhaotainn dha féin, agus ars’ esan ris an duine an déigh do ‘n bhoirionnach a bhi aige air làimh: “Nis ge salach i, agus ge rapach i, agus ge slatach riabhach i, agus ge dubh lachdainn i, is i do chuid-sa i, agus cha ‘n ‘eil feum duit ann an cur ‘n a h-aghaidh.” Thug esan na mionnan mora ma bha i mar sin, nach b’e cnaimh di a chuid-sa, agus dh’ fhàg e an sud i. Ach cha b’ionann sud agus Criosd. Cha d’ fhàg Criosd an Eaglais, ged bu shalach rapach i; agus ged bu shlatach, riabhach, dubh, lachdainn i, cha d’ fhàg Criosd i. ‘Se so am feum a bha Aonghas Moristan a’ faotainn de ‘n spòrs—nach d’ fhàg Criosd an Eaglais ged bu shalach i, agus ged bu rapach i, agus ged bu shlatach riabhoch i, agus ged bu dubh lachdainn i. Agus bha i mar sin, oir bu bhean dhubh, dhubh dhasan i. B’ éigin da na h-uile boinne de ‘fhuil a dhòrtadh a chum a saoradh. Chuir Daibhidh a bheatha féin an cunnart a chosnadh nighinn Shauil air son ceud roimh-chroicinn Philisteach; ach thug Criosd a bheatha féin air son na h-Eaglais.

Is ann tha sinne ‘n ar seasamh a’ racruitigeadh*—a’ gairm pheacach mhòra, dhubha, gu Criosd. Nan rachadh duine do no Innseachan Shios a dh’ iarraidh rèisimeid do dhaoinibh geala, cha ‘n fhaigheadh e neach diubh an sin. Ach nan rachadh a râdh: Tha tobar an sud—Fuaran Cath-an-rididh, eadar so agus Gearrloch agus Lochbhraoin—agus, neach air bith a ni e féin a nigheadh ann, agus a dh’ òlas a shàth as, bitheadh e geal, thigeadh iad as na Innseachan Shios, agus dheanadh siad iad féin a nigheadh ann gus am bitheadh iad geal.

Tha iad ag râdh gu ‘m bheil tobar shios aig Inbhirfeòrain anns am bheil feartan sònraichte, ach tha tobar a’s fearr againn an so, eadon tobar na beatha. Rinn Daibhidh e féin cho dubh ris an duine ‘bu duibhe a bha riamh air thalamh, ach b’ aithne dha c’ àit an roibh a leigheas. Tha e féin ag innseadh: “Le hìosop deana mise glan.” Rinn an tobar so glan e. An uair a bha Daibhidh air a ruagadh le Saul, tha e air innseadh dhuinn ciod de ‘n robh a chuideachd air a deanamh suas. Bha i air a deanamh suas de na h-uile eucorach agus doibhear a bh’ anns an tir, agus do mhuinntir a bha fo fhiachaibh, agus bha iad uile di-bheatha * aige. Agus is ann de ‘n leithidibh sin tha Criosd a’ deanamh suas Eaglais. ‘Se so ‘tha ‘ga deanamh cho làidir, eadhon, gur h-ann de na h-uile eucorach agus doibhear, agus de ‘n mhuinntir a ta fo fhiachaibh tha Criosd ‘g a deanamh suas. Tha cuuntas againn mu bhaile mòr Inbhirnis, gur h-e a bh’ ann air tìs blàr-mòine. Tha nise a’ mhòine air a toirt as, agus tha e air a dheanamh suas do shraidibh agus do thighibh brèagha. Ach an saoil thusa, a pheacaich, nach bitheadh e ni bu ro-iongantaiche gu ‘m bitheadh do chridhe-sa, a ta cha ‘n e a mhàin mar bhlàr-mòine, ach mar shùilchruthaich, air a dheanamh suas gu bhi ‘n a ionad anns an gabh Criosd còmhnuidh, na baile mòr Inbhirnis a bhi air a thoirt o bhi ‘na bhlàr-mòine gu bhi air a dheanamh do shràidibh agus do thighibh brèagha.

Tha e air ‘innseadh dhuinn ciod a rinn baile mòr na Ròimhe cho laidir. ‘Se ‘bha ann air tìs bothanan fàil, ach tha e nise air a dheanamh suas do thighibh làidir cloiche. Chuir uachdaran na Ròimhe fios a chum nan uile eucorach agus dhoibhear, agus mhortair a bha ‘s an tir iad a theachd agus gu ‘m bitheadh iad di-bheatha aige. Ciod a ta deanamh eaglais Chriosd cho làidir? Ciod, ach gur h-ann de ‘n leithidibh sin a ta i air deanamh suas?

* Moray.
* Taod, a rope.
* ‘Se Merron, no Marion ainm mnatha, agus tha am focal meirean a’ ciallachadh cuthach.
* Recruiting.
* Welcome, probably for deadh-bheatha.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice