Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1911 » December 1911 » Leisgeilan Coitchionn Airson Dearmad a Leigadh air Aodhradh Fholasach le Freagraidhean

Leisgeilan Coitchionn Airson Dearmad a Leigadh air Aodhradh Fholasach le Freagraidhean

IS lionmhor na leisgeilan tha air an cleachdadh, am baile agus air machair, air sondearmad a leigeadh air aodhradh folasach, air là an Tighearna. Tha cuid dhiubh, a bha gu tric air an cleachdadh, le caochladh muintir, air an aithris an so, agus air am freagairt.

Leisgeil I.—Cha ‘n ‘eil toil agam frithealadh. Tha mi ‘g obair gu cruaidh rè fad na seachduinn, agus is iomchuidh gu’m faighinn beagan fois air là na sàbaid.

Freagradh.—Nach mòr an tròcair, ma ta, gu’n d ‘thug Dia dhuit cothram air fois a ghabhail o shaothair corporra, air an là sin nach leat fein, ach mu ‘m bheil esan ag ràdh gur e là an Tighearna e? Taisb. i. 10. An urrainn thusa d’ ùin a chaith-eadh ni ‘s fearr na ann am frithealadh air aodhradh folasach an Ti sin a thug bith dhuit, agus a chuir fuidh lagh thu a tha ag ràdh, “Sè laithean saothairichidh tu, ach is e an ‘seachdamh là sàbaid an Tighearna do Dhé?” Tha esan, air an aobhar sin, ag agairt gu’n coisrig thu an là sin gu a thoilsan a dheanamh, agus cha ‘n e do thoil féin: agus dhasan feumaidh tu a bhi freagarach airson an dòigh anns an caith thu e. Mar a chaith thu sè laithean ann an cuartachadh an arain a théid a dhìth, a tha feumail airson cumail suas a chuirp, gabh comhairle, an seachdamh a chuir air leth airson maith d’ anam neobhàsmhor, ann an sireadh an lòin a mhaireas a chum na beatha suthain, “ni a bheir Mac an duine dhuibh.” Eoin vi. 27.

Leisgeil II.—Tha mi a’ meas a’ Mhinisteir ro chruaidh—tha e ro gheur—cha doir e saorsa sam bith. Co is urrainn teachd suas r’a bheachdansa? Cha n’ urrainn mi a ràite gur toil leam a dhòigh searmonaichidh.

Freagradh.—Na do smaoinich thu rìamh gur e a dheasanas-sa rabhadh a thoirt do pheacaich teicheadh o ‘n fhéirg o tha chum teachd; agus ma leigeas e dearmad air so a deanamh, gu’n agair Dia am fùil o a làimh? Tha mòran earrannan dhe ‘n sgrioptur a tha a’ dearbhadh so: ach foghnadh aon. Ciod i do bheachd air na briathraibh so: “Nuair a their mise ris an eucorach, O dhuine mhi-dhiadhidh, gheibh thu gu cinnteach bàs, mur labhair thusa gu rabhadh a thoirt do ‘n droch dhuine m’a shlighe, bàsaichidh an t-eacorach sin n’a easaontas, ach agridh mise ‘fhuil o do laimhsa,” Esec. xxxiii. 8. Am bheil am ministeir, mar sin, ni ‘s cruaidhe na ‘m Biobull?

Cha ‘n ‘eil amharas nach ‘eil e air uairibh, a’ tagair glé dhlùth ris a’ choguis, mar an uair a deir e gur diomhain, a Thighearna agus a Shlànuighear a ghairm de Iosa Criosd, mar dean sinn na nithe tha e ag àithneadh. Feudaidh tu a chuimhneachadh gu’n d’ thubhairt e, na’n creideadh sinn an soisgeul, gu ‘m biodh so soilleir le ar n-àicheadh mi-dhiadhachd agus anamianna feòlmhor, agus a bhi beo gu h-ionraic, gu stuaim agus gu diadhaidh, anns an t-saoghail so a ta an làthair—na’n creideadh sinn, a cheart rìreadh, ann an Criosd, a rinn na h-urrad gu sinne théarnadh o thruaighe sloruith, gu’n dugadh so oirn esan a ghràdhachadh, agus seirbhis a dheanamh dha, agus ‘uile àithnte an a choimhead. An saoil thusa gu’m feud neach sam bith aig am bheil fior eolas agus gràdh air Criosd teachd beo mar chinneach, a leigeadh dearmad air an Sgrioptur naomh a leughadh, a tha deanamh dhaoine glic a chum slàinte, agus ùrnuigh teaghlaich, agus fòghlam a chuid cloinne, agus an togail suas ann an oilean agus ann an comhairle an Tighearna? Cha ‘n fhead, cha ‘n fhead: cha ‘n ‘eil am Ministear ro chruaidh; oir an uair a tha e, nochdadh dhuinne truailidheachd ar nàduir, agus ar seachran lionmhor, tha e, anns an àm cheudna, ‘g ar seòladh a chum an leigheis, se sin “Uain Dé a tha toirt air falbh peacaidh an t-saoghail,” agus tha e toirt cuiridh dhuinn creidsinn annsan a chum gu’m bi sinn beò. Tha e ag innseadh dhuinn gu’m bheil tobar air fhosgladh airson peacaidh agus neo-ghloine: gur e an tobar so fuil Chriosd, a bha air a dòrtadh air a’ chrann-cheusaoidh airson mathnais peacaidh; agus gu’m bheil an soisgeul a toirt cuiridh do dhearbh chinn-fheadhna pheacach, teachd agus sealbhachadh d’ a beannachdan, a dh’ easbhuidh airgid agus a dh’ easbhuidh luach. Ciod e tuille a dh’ iarramaid a chum sith a thoirt d’ ar cogaisibh cionntach, agus fois d’ ar n-inntinn, maraon, airson an t-saoghailsa agus an t-saoghail a tha chum teachd?

Leisgeil III.—Tha ar Ministear, air uairibh, ro-bhiorach agus pearsanta na’ bhriathribh, mar gu’m biodh e a’ searmonachadh chugam, an àite bhi searmonachadh dhomh.

Freagradh.—Na creid sin. Tha mi dearbhta nach ‘eil miann aige beum pearsannta a thoirt do neach sam bith as a’ chrannaig. Ann am buntainn gu dileas ri peacaich, ‘se a ghnothach ruigsinn air a’ chogais agus air a’ chridhe, le foillseachadh na firinn mar ann an fianuis Dé; agus an uair a bhioras ‘fhocalsan, a tha beo agus cumhachdach, ionadan dlomhair an anama, agus a dhiteas e an cionntach, an iongantach ged ghabhadh a leithid sin de neach an tagradh dhachaidh ‘g a ionnsuidh féin? Tha fios agad gu bheil am Biobull ag ràdh, “Bi cinnteach gu ‘m faigh do pheacadh a mach thu”—agus tha ‘n coinseas na chomhairleach dileas—tha e ‘na mhac-talla do ghuth Dhé ann a fhocal. Tha cuimhn agad cia mar a thachair do’n uachdaran Romanach, Felics, ‘nuair a reusonaich Pòl f’a chomhair mu fhireantachd, mu mheasaraichd agus mu bhreitheanas ri teachd; chriothaich am breithamh fa chomhair a’ phriosanich, agus ghearr e gu h-aithghear caimt an abstoil, le innseadh dha gu’n cuireadh e ‘g a iarruidh nuair a gheibheadh e am ni bu choromaiche. An d’ fhairich thusa nàmh dad de leithid so fuidh shearmonachadh dileas an fhocail?

Leisgeil IV.—Cha chaomh leam a dhòl ann; oir an uair mu dheireadh a chuala mi am Ministear, bha e labhart mu Chriosd mar na h-uile anns na h-uile. Thuirt e, ma’s math mo chuimbne, gur e a bhàs-san a choisinn slainte shìorruith dhuinne; agus chaidh e air ‘aghaidh ag ràdh nach robh feum air bith anns na deagh oibrìbh againne a chosnadh ar fireanachadh, no ‘g ar deanamh taitneach ann am fianuis Dé; oir gu’n robh slainte gu h-iomlan de ghràs, agus cha ‘n ann de oibrìbh, air eagal gu’n deanadh duine sam bith uaill. Nis tha mi ag aideachadh gu’n do mheas mi ro-thàireil a bhi ag innseadh domh gu’n robh na h-uile ni a rinn mi, gach ni a thug mi do na bochdan, gach toileachadh a leig mi dhiom, agus gach dleasanas cràbhaidh a choilion mi, mar neoni, agus nach dugadh iad aon cheum air m’aghaidh mi do nèamh. Cha toil leam a bhi cluinntinn deagh oibre air an aithris ann an rathad co eatrom; agus is aithne dhomh pailteas de mhuinntir glé mhath a tha ag earbsadh asd, aig a’ chair a’s lugha, ann am pàirt, gu mathghean Dhé a chosnadh, agus an toirt do fhlathinnis; agus gu’n dean Criosd suas na bhios an èis le thoill-teanas féin.

Freagradh.—Ach mo thruaighe! ‘n i sin do bheachd? Ach cha ghabhadh tu farg ris a’ Mhinistear airson so nan tugadh tu do chràbhadh o’n Bhlobull. Leig thu dichuimhn air na tha ‘n t-Abstol ag ràdh ‘na litir chum na Romanach, “Le oibrìbh an lagha cha ‘n fhireanaichar feòl bheo ann am fianuis Dé; oir leis an lagh tha eòlas peacaidh,” Rom. iii. 20. Agus a ris, a chum nan Galàtianach, a deir e. Tha co liutha ‘s a tha dhe oibrìbh an lagha fo’n mhalachd: “Oir tha e sgrìobhte, ‘S maluichte na h-uile neach nach fan anns na h-uile nithe tha sgrìobht ann an leabhar an lagha a chum an deanamh,” Gal. iii. 10. Mar sin tha thu a’ faicinn nach ‘eil an lagh a toirt dòchais sam bith dhuinn, mur glèidh sinn e anns na h-uile lide. Agus tha an t-Abstol ceudna ag ràdh, ann an sgrìobhadh a chum Thituis, “Cha ‘n ann le oibrìbh fireantachd a rinn sinne, ach a réir a thròcair, thèaruinn e sinn,” Tit. iii. 5. Agus a thulle air so, nach d’ thug thu aire riamh do na tha an t-Abstol ag ràdh mu lagh Dhé anns an treas caibideal a chum nan Romanach, mar tha e druideadh na h-uile beul, agus a’ toirt a stigh an t-saoghail uile ciontach fa chomhair Dhé; agus an déigh sin a deir e, Pheacaich na h-uile, agus thàinig iad gearr air gloir Dhé,” ear. 23.

Tha thus ag iarruidh chis na slàinte a roinn ri Criosd; ach cha d’thug thu fanear ciod a tha an sgrìoptur ag ràdh mu thimchioll slàinte, gu’m bheil i de ghràs, agus cha ‘n ann de oibrìbh, air eagal gu’n deanadh duine sam bith uaill; Eph. ii. 8, 9, agus mar sin deirear gu ‘m bheil sinn air ar fireanachadh gu saor le a ghràs, trid na saorsa ta ann an Iosa Criosd; Rom. iii. 24. Nis, ‘se’s ciall do ghràs, mathghean saor, fior thròcair, càirdeas gun toill-teanas, agus iochd a thaobh nam muinntir a tha gu buileach neo-fhuimhor, agus aig nach ‘eil oibre math sam bith ri thagair fa chomhair Dhé; tha dhe nàdur co uasal agus nach diù leis, ann an obair fireanachaidh, a’ ghloir a roinn, an nan tomhas sam bith, ri oibrìbh. A thaobh gnìomh fireanachidh, feumidh se bhi gu h-iomlan dhe oibríbh, air-neo gu h-iomlan de ghràs; oir tha an dà ni so an ceart aghaidh a chéile ‘nam nàdur; agus do réir sin tha an t-Abstol Pòl a’ suidheachadh na cuise eatorra mar so, Ma’s ann de ghràs, an sin cha’n ‘eil e ni ‘s mò de oibríbh, air-neo cha ghràs tuille gràs; ach m’ as ann de oibríbh, an sin cha’n ‘eil e ni ‘s mò de ghràs, air-neo cha’n obair tuille obair; Rom. xi. 6.

Tha fios agad ciod a deir an t-abstol ris na Galatianaich, a bha triomh bhuaidh luchd teagaing truailidh, a sireadh an dà ni so a cho-mheasgadh, se sin oibre an lagha agus gràs an t-soiseil: “Feuch tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimchiollghearrar sibh, cha bhi buannachd sam bith agaibh o Chriosd—Co air-bith agaibh a tha air ur fireanachadh leis an lagh, tha sibh air tuiteam o ghràs,” Gal. vi. 2-4. Agus thug so e gu ràdh ris a ‘mhinnintir cheudna, “Cha’n ‘eil mi a cur gràsa Dhé an neo-bri; oir ma thig ionracas, no beannachd fireanachidh, tre’n lagh, an sin bhàsich Criosd an dìomhanas; II. 21—lide a dh’ fheumas innseadh dhuinne, ma tha bri sambith ann, gur e’n dearbh aobhar airson an do bhàsich Criosd, gu’n coisneadh e ionracas fireanachidh airson a phobuill; agus an t-ionracas so iarruidh air dhòigh sam bith eile, ‘se sin a bhàs a dheanamh n’a ni faoin.

Tha ar ministear a’ cumail a mach gu’m bheil ar nàdurne air a thruailleadh le peacadh air a’ leithid de dhòigh agus gus am bi daoine air an ath-ghinmhinn le focal agus le Spiorad Dé, nach urrainn iad oibre math sam bith a dheanamh, a dh’ fheudas Dia a thoileachadh: oir’s aithne dhuit ciod a deir an sgiobtur; “Tha ‘n inntinn fheolmhor ‘na nàimhdeas an aghaidh Dhé; cha’n ‘eil i umhal do lagh Dhé, ni mò, gu dearbh is urrainn i bhith.” Mar sin, air an aobhar sin, “cha’n urrainn iadsan a tha san fheòl Dia a thoileachadh,” Rom. viii. 7, 8. Agus nach ‘eil ar Tighearn Iosa Criosd ag ràdh, “An toiseach dean a’ chraobh math, agus an sin bithidh an toradh math?” Tha tri nithe feumail a chum obair sam bith a dheanamh math ann am fianuis Dé: ‘Se an ceud ni, gu’m feum i éirigh o dheadh rùn, agus ‘se sin gràdh do Dhia, is e a cheud àithn, agus àithn mhòr an lagha. ‘Se ‘n dara ni, gu’m feum i bhi air a seòladh a réir riaghailt mhat, is i toil fhoillsichte Dhé. Agus ‘se ‘n treas ni, gu’m feum i bhi air a stiùradh a chum crich mhaith, agus ‘se sin a chum glòire Dhé. Ach gus am bi daoine air a tabhairt gus an soisgeul a thugisinn agus a chreidsinn, cha’n ‘eil spéis ac’ do aon ni dhiubh so; oir tha na h-uile deadh obair a’ sruthadh o chreidimh ann an Criosd, agus o ghràdh dha, airson a’ ghaoil mhòir a thaibean esan ann am bàsachadh airson-ne.

Leisgeil V.—Thig mi air an ath la Sabaid.

Freagradh.—Ach am bheil thu cinnteach gu’m bi thu beò seachduin eile? Ann am meadhon beatha tha sinn ann am bàs. Cha’n ‘eil fios againn ciod a thachaireas am màireach: oir ciod i ar beatha? Cha’n ‘eil i ach mar cheò a shuibhlas air falbh. An diugh tha sinn air fonnd ðòchas—am màireach feudaidh sinn a bhi air ar cunntas fa chomhair a’ chaithir bhreitheanais mhòir, gu cuantas locadh do Dhia, Breitheamh nan uile.

Leisgeil VI.—Cha ‘n fhaic mi gu’m bheil iadsan a tha frithealadh, aon dad ni ‘s fearr na iadsan a tha fuireach aig a’ bhaile. Sin Iain agus Eadard—a tha frithealadh combhaileach, tha iad co olc, mar ‘eil ni ‘s measa na ‘n nàbidhean.

Freagradh.—Feudaidh sin uile bhi firinneach gu leòr, no glé mhi-sheirceil. Ach bu chòir dhuitse barrachd fios a bhi agad no gu’n tagradh tu droch cleachdanna dhaoin’ eile mar aobhar c’ uime gu’n leigeadh tusa dearmad air aoradh folasach Dhé, agus gu’n tionndaidheadh tu cluas bhodhar ri soisgeul na sithe. Cha’n fheum creidimh Iosa Criosd a bhi air a dheanamh freagarach airson droch cleachdadh muinntir sam bith a tha ‘g ‘a aideachadh mar chàirdean. Is leòr gu’m bheil an creidimh sin a’ diteadh na h-uile mi-mhoghalachd, agus na h-uile seòrs easaontais, agus a’ cur mar impidh air na h-uile creidmheach naomhachd a dheanamh foirfe ann an eagal Dhé. Bithidh cealgairean agus luchd aidichidh breugach air am faighinn, ann an àireamh beag no mòr, am measg eaglaisibh Chriosd, anns na h-uile linn, gus an tig e ris; oir cha ‘n urrainn sinne sealtuinn a steach air a chridhe, gu fhiorsachadh co tha ‘na fhear aidichidh firinneach agus breugach. Fàsaidh an cogal am measg a’ chrùithnachd tionailidh lion an t-soisgeil iasgan olc agus math; agus bithidh òighean glic agus amaideach anns na h-uile linn.

Leisgeil VII.—Tha neach àraid a’ frithealadh a ghrèidh gu h-olc mi, agus cha toil leam a bhi air m’ fhaicinn far am bi e.

Freagradh.—’S gàbhaidh an t-aobhar so gu dearbh! Agus ma ‘s fior, do bhrigh gu’n do ghrèidh cnuimh talmhaidh cosmhuil riut féin thu, tha thus a’ duitadh aoradh a dheanamh do d’chrùithear fo ‘n aon fhardach ris! C’ uime nach fhag thu do choir ann an làmhan Dhé, a bheir breitheanas cothromach a mach eadar thus agus do namhaid; agus a thubhairt, “Buindh dioghaltas dhomhsa, iocaidh mise, deir an Tighearn?” Agus an urrainn thu dì-chuimhn a leigeadh air na tha e ag ràdh ruinne air a’ cheann sin; “Ma bhios ocraas air do namhaid, beathaich e; ma bhios lotadh air, thoir deoch dha; oir le sin a dheanamh, carnaidh tu eibhlan teine air a cheann.” Rom. xii. 19, 20. ‘S iognadh leam an d’ àireamh thu féin namh suas cia co tric ‘s a bhris thu féin lagh do Chruithir; agus gidheadh tha thu faicinn nach ‘eil e sguir dhe bhi deanamh maith dhuit; tha e, gach là, agus gach uair a’ frasad sios beannachdan a fhreasdail ort. Agus thoir feart, na’m buineadh esan riutsa do réir na riaghailt a tha thus a’ gabhail ri do cho chreutairibh, ciod a dh’éireadh dhuit? Seadh, dhùineadh e a chluasan ri d’ùrnhighean uile, agus bhagaireadh e thu a mach as ‘fhianuis! Tha mi ‘n dòchas gu’m bheil thu, air uairibh, a’ cur suas an iarrais sin a theagaig Criosd d’a dheiscioibhlaibh, “Math dhùinn ar peacaidhean, mar a mhatas sinne dhoibhs’ a chionntaicheas ‘n ar n-aghaidh.” Nis do neach a ghiulaineas spiorad dioghaltach neo-mhaitheachail do shaobh neach eile, ciod i an athchuinge so ‘na bheulsa, ach ùrnuigh, nach fhaigh e féin mathanas o Dhia? O! guidh air Dia, air sgàth Chriosd, gu’n dean e comasach thu air mathanas a thoirt do mhuintir eile, mar a dh’ iarras tu mathanas air do shon féin.

Leisgeil VIII.—Cha ‘n ‘eil eudach freagarach agam anns an taisbein mi mi féin: tha m’ earradh duaichni, no air caitheadh as, agus is nàire leam mi féin a nochdadh am measg chàirdean agus nàbidhean, ann an eudach co olc.

Freagradh.—Nis, ged tha e ‘na ni taitneach, an uair a théid muinntir gu tigh an Tighearna, gu ‘n deanadh iad iad féin co glan agus co cliatach o ‘n leth a muigh ‘s a dh’ fhuilingeas an crann-chur; gidheadh dearmad a leigeadh air aoradh folasach Dhé do bhrigh nach ‘eil iad co uasal ‘nan cur a mach agus bu mhath leo, tha so, air a char a’s lugha, ro-mhi-ghlic, agus ro-choireach. Ma sheallas sinn gu ceart air a’ chùis, gheibh sinn a leithid so de leisgeilean ag éirigh o fhéin-bheachd agus o àrdan cridhe an duine. Cha ‘n ‘eil an leithid so de mhuintir a’ gabhail gu cridhe na comainn fuidh ‘m bheil iad d’ an cruithear, gu ‘n naomhaich iad là na sàbaid, a dh’ àithn esan dhoibh a dheanamh, agus iad fèin a chruinneachadh maile ri muinntir eile, chum buidheachas fholasach iocadh dhasan airson nan sochairean leis am bheil e ‘g an luchdachadh gach là, a’ tagradh gu h-iriosal gu ‘m bi iad air an cumail riu, ag éisdeachd ‘fhocail naoimh, agus a’ gabhail fòghlum mu thimchioll slighe na slàinte, agus nan nithe a bhuneas d’ an sìth shìorruith, mu ‘m bi iad gu bràth air am folach o ‘n sùilibh. Nan smaoicheamaid ni ‘s mò mu Dhia, fa chomhair am feum sinn seasamh gu h-aitghearr, gu cunntas a thabbhairt as ar caitheadh-beatha anns an t-saoghal so, cha chluinnt focal gu bràth de na leisgeilean beaga sin a tha ‘g éirigh o easbhuidh eudaich.

Leisgeil IX.—Bhithinnse glé dheònach frithealadh; ach cia mar is urra mi ‘nuair a tha teaghlaich chloinne agam gu sealtuinn riu? Tha cuid diu a’ fàs suas; agus feuch mo naoidean nach urrainn mi fhàgail.

Freagradh.—Cha ‘n ‘eil amhaas nach bi e ni ‘s dorra do phàranntaibh frithealadh gu conbholach na dhoibhs’ aig nach ‘eil clann; ach ma bhios iad air am bacadh o fhrithealadh air cuid de sheirbhisibh an ionaid naoimh, ‘nuair a bhios aon de na chloinn gu tinn, no gle’ òg; bu chòir do sin an deanamh ni ‘s eudmhoire gu bhì an làthair ‘nuair is urrainn iad. Feudidh tu a’ chlann a tha sean gu leòr, a chur do sgoil dhòmhnaich, far am bi cothrom ac’ (air chùl an fhòghluim a gheibh iad o ‘n luchd-teagaig,) a dhol do thigh Dé maile ris a’ chloinn eile. Agus airson an naoidean, matha eagal ort a thoirt leat, air eagal gu ‘n cuireadh e difhois air càch, nach fheud thu ‘fhàgail aig nàbi, do ‘m feud thus an caoimhneas ceudna a dheanamh aig àm eile? Feudidh aon neach cùram a ghabhail de dhithis no triùir a chloinn; agus leis an t-seòl so feudaidh neach no dithis frithealadh air aoradh Dhé, a bhiodh, air a’ chaochladh dhòigh, air am bacadh. Feudidh am fear-pòsd agus a’ bhean-phòsd fantuinn maile ris a’ chloinn, agus frithealadh air seirbhis Dhé ma seach. A dh’ aon chuid feuch ris agus le beannachd Dhé air d’ oidhear, chi thu nach ‘eil a’ chùis cho duilich ‘s a tha thus air bheachd.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice