Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1912 » January 1912 » Earail Chudthromach, Airson Leughadh Man Scriobtuirean

Earail Chudthromach, Airson Leughadh Man Scriobtuirean

Focal do Mhuinntir ann an caochladh cheumanna na beatha air dleasnas beachd-smainteachadh air a Bhiobul.

A LEUGHADAIR, is e suim na thubhairt mi roimhe so, Rannsúich na Scriobtuirean, gu cleachdte agus gu laitheil, le urnuigh dhurachdach air son comhnadh Spiorad Naomha Dhe. Tha an aithne soilleir, tha na h-uile fuidh cheangal chum a dheanamh, agus tha a bhuannachd neochriochnach. Ciod air bith àite anns a’ bheatha so dh’fheudas tu bhi lionadh, tha ni eigin anns na Scriobtuiribh a bhuineas dhuit, ni eigin gu’m bheil e neochriochnach cudthromach gu’m biodh eolas agad air, agus gu’n cuimhnicheadh tu e.

A Phàranta, a Cheannarda theaghlaiche

—leughaibh am Biobul air bhur sgàth fein, agus air sgàth bhur cloinne, agus bhur seirbh-isich. Tha Dia ag amharc nach e mhain gu’n leugh sibh e ann an uaigneas, ach tha e ag iarruidh oirbh, “na briathran a dh’aithn esan a choimhead ann bhur cridhe—an teagasg gu dichiollach do bhur cloinn—labhairt orra ‘nuair a shuidheas sibh ‘nur tigh, agus an uair a dh’imicheas sibh air an t-slighe, agus an uair a luidheas sibh sios, agus an uair a dh’eireas sibh suas.” Deut. vi. 6, 7. Uime sin cia mar is urrainn sibh bhur beatha chaitheadh ann an dearmad teagasg agus ùrnuigh teaghlaich? no cionnus is urrainn duibh bhur teaghlach a theagasg, ma tha sibh fein gu deonach aineolach air an leabhar so? Ma rinn sibh gu ruige so an dleasnas mor so a dhearmad, a nis na dearmaidibh e ni’s faide. Cuimh-nichibh ciod a tha an Tighearna ag radh timchioll Abrahaim: “Is aithne dhomh e, gu’n d’ thoir e aithne da chloinn, agus d’a theaghlach ‘na dheigh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ deanamh ceartais agus breitheanais; chum is gu’n d’thoir an Tighearn air Abraham an ni sin a labhair e m’ a thimchiol.” Gen. xviii. 19. Cuimhnichibh mar an ceudna rùn Iosua, a thubhairt—”Air mo shonsa, agus air son mo thighe, ni sinne seirbhis do’n Tighearna.” Leanaibh na h-eisimpleirean dealrach sin.

A mhnathan, do gach ordugh agus inbhe

—Tha moran anns a’ Bhiobul gu stiuradh, gu togail suas, agus gu comh-fhurtachd a thoirt dhuibhse. Cia co mor a tha diadhachd an iomlan do’r teaghlach, fuidh Dhia, an earbsa ri bhur n-oidhirpean; am feadh a tha’n t’athair o’n tigh, is e bhur gnothuch-sa “an tigh a stiuradh; leanabh a theagasg a thaobh na slighe air an coir dha imeachd,” faire dheanamh thairis air lùibhean neo-bhàsmhor, agus an deas-uchadh air son a pharris gu h-ard. Is e bhur gnothuch-sa mar an ceudna, an aire thoirt do dhiadhachd bhur seirbhiseach; am feadh a tha iadsan a’ saoithreachadh gu laitheil air son bhur socair agus bhur comh-fhurtachd aimsireil; O na dearmadaibh an leas siortuidh. Co a ta foghainteach air son na nithe so? Anns a’ Bhiobul gheibh sibh riaghailtean iomlan gu’r treòruchadh, agus eisimpleirean air bhur son gu’n leantuin. Tha e ion-chomharaichte cia lion samhladh do mhnathan naomh a tha air an cur roimhibh. Comharaichibh urram Shàraih da fear pòsda, agus a creideamh ‘na Dia. Iarraibh air son spiorad urnuigh Hannah, coisrigeadh cridhe Rut, agus gliocas Abigail. Leanaibh gluasad neo-lochdach Elisabet, duil naomha Anna, tairisneachd Muire d’a Fear-saoruidh, agus oibrean graidh Dhorcais. Leanaibh ceumanna Lois agus Eunice, trid an curam crabhach an robh Timoteus air a thogail ann an oilean agus ann an teagasg an Tighearna, eadhon o na bha e ‘na leanabh. Tha e soilleir ma’s miann leibh dleasnais bhur n-aite a choimhlionadh gu ceart, gu’r cubhaidh dhuibh beachd-smuaineachadh air an leabhar so. Faicibh Titus ii. 3, 4; i Tim. ii. 9-15; i Phead. iii. 1-7; Gnath xxxi.

A Chlann

—bu choir dhuibhse mar an ceudna am Biobul a leughadh, ni h-ann a mhain mar leabhar uallaich ach gu’r deanamh glic a chum slainte. Is aithne dhomh eadhon clann òg, leis an ionmhuinn dol a leth-taobh leo fein, chum ‘s gu’m feud iad an leabhar beannuichte so a leughadh, agus urnuigh a dheanamh ri Dia ann an uaigneas. Tha Iosa ag radh, “Fuilingibh do na leanabaibh teachd a’m’ionnsuidhse, agus na bacaibh iad.” Agus a ris, “Iadsan a dh’arras mi gu moch gheibh iad mi.” Dh’ iarr an leanabh Samuel an Tighearna gu moch—cha robh Iosiah ach ochd bliadhna dh’aois an uair a rinn e an ni sin a bha ceart ann an suilibh an Tighearna—bha Iosa aig dà bhlidhna dheug a dh’aois air fhaotainn anns an teampull—b’aithne do Thimoteus na Scriobtuirean o na bha e ‘na leanabh. Annta leughaidh sibh mu thimchioll Iosa Criosd—cia mar a rinneadh e ‘na leanabh air bhur sonsa, agus co caoimhneil sa bha e ri leanabaibh: an sin foghlumaidh sibh mar an ceudna, gur e bhur dleasnas aon a cheile a ghràdhachadh, agus gràdh agus umhlachd a thoirt do bhur luchd-teagaig. Faicibh Ephes. vi. 1-3; Col. iii. 20. Bu choir dhuibhse uime sin Bhur Biobuil a leughadh—

A dhaoine òga

—is eigin dhuibhse am Biobul a leughadh. Tha sibh gu tionnsgnadh air gnothuichean an t-saoghail—bithidh sibh an sin buailteach do chunnartaibh agus do bhuaireannaibh do-aireamh agus “ciod leis an glan an t-òganach a shlighe, ach trid faicill, a reir focial De? Salm cxix. 9. Bha Daibhidh na bu ghlice na eascairdean, agus bha tuilleadh tuigse aige na bh’aig a luchd teagaig, agus tuilleadh crionnachd na bha aig na seanairean, do bhrigh gu’n do bheachd-smuaintich e air teisteis Dhe, agus gu’n do ghleidh e a reachda. Salm cxix. 98-100. O! gu’m b’urrainn mi buadhachadh oirbhse gu eisimpleir Dhaibhidh a leantuin. Ghleidheadh e sibh stuama ‘nur n-inntinn, agus bheireadh e riaghailt cheart do’n uile theas agus eud leis am bheil an òige air a comharachadh. Choimhideadh e sibh o pheacannaibh do-aireamh, bheireadh e dhuibh sith-inntinn, agus threoruicheadh e sibh gu gloir shiorruidh. Ciod air bith a their bhrur compaiaich, ceadaichibh dhomh earalachadh oirbhse, bhrur Biobul a leughadh.

A seirbhhisich

—bu choir dhuibhse mar an ceudna bhrur biobuil a leughadh. Feudaidh e bhith gu’m bheil cuid dhibh ann an seirbhis chruaidh, fuidh mhaighstiribh geur-theann. Bheir focal De comh-fhurtachd dhuibh anns an t-seirbhis a’s miosa. “B’iad do reachdan,” arsa Daibhidh, “mo cheòl ann an tigh mo chuairt.” Salm cxix. 54. Feudaidh dream eile a bhi ann an tigh dhaoine diadhaidh, far am bheil am Biobul air a leughadh gach latha anns an teaghlach. Cia co mor is a ta bhrur sochairean: bithidh taingeil air an son, agus na smuainichibh gu’r leoir a mhain am Biobul a chluinntinn le bhrur cluasaibh corporra, ach beachd-smuaintichibh air fhirinnibh, agus taisbeanaibh gu’m bheil sibh da rireadh ‘ga mheas le bhi ‘ga leughadh ann an diomhair, an uair a cheaduicheas bhrur dleasnais eile dhuibh a dheanamh mar sin. An sin gheibh sibh cunntas air seirbhhisich dhiadhaidh—chi sibh cia co firinneach ‘sa thug seirbhiseach Abraham umhlachd d’a mhaighstir; Gen. xxiv, agus mar a ba banoglaich feumail do Naaman ceannard-sloigh righ Shiria—chi sibh mar an ceudna peanas an t-seirbhhisich bhreugaich ann an Gehazi. 2 Righ. v. An sin gheibh sibh bhrur dleasnas air a làn chomharachadh a mach dhuibh agus air a mhineachadh. Colos. iii. 22: Ephes. vi. 5-9; Titus ii. 9, 10. Tha sibh a’ faicinn, uime sin gur eigin dhuibhse am Biobul a leughadh.

A dh’aon fhocal, na h-uile ordugh dhaoine agus bhan, anns gach aois, anns gach suidheachadh, righrean agus iochdarain, ministeirean agus sluagh, fir phosda agus mnathan, pàrantan agus clann, maighstirean agus seirbhhisich, bochd agus beartach, fireanta agus aingidh, sona agus mi-shona, foghluimte agus neo-fhoghlumte, agus na h-uile sheòrsa dhaoine, feudaidh iad, mar a ta Easbuig Cranmer ag radh, “na h-uile ni fhoghllum anns an leabhar so, ciod is coir dhoibh a dheanamh, agus ciod nach coir dhoibh a dheanamh, co maith a thaobh Dhe Uile-chumhachdaich, is mar an ceudna d’an taobh fein agus na h-uile eile. Agus gu h-aith-ghearra, do leughadh nan Scriobtuirean cha’n’urrainn nach a bhi ‘na namhaid, ach gu’m bi iad an dara cuid co tinn is nach toigh leo iomradh a chluinntinn air cungaidh leighis sam bith, no air sheol eile gu’m bi iad co aineolach, is nach ‘eil fhios aca gur e an Scriobtuir a chungaidh leighis ro-fhallain.

Thugaibh fainear ni’s faide bhrur sochairean sonruichte anns a’ Bhiobul a bhi agaibh. B’e barrachd mor nan Iudhach thairis air uile chinnich eile an t-saoghail, “gur an riu-san a dh’earbadh briathra Dhe.” Rom. iii. 2. A nis tha’m barrachd so air a phairteachadh ruibhse; cha’n’eil e air a thoirt do na h-uile chinneach no do na h-uile dhaoine: tha moran a’ gabhail fadal air son a’ Bhiobuil, aig nach ‘eil airgod chum ruigheachd air. Deanadh an sgeul fior a leanas labhairt air a shon fein. “Rinn tuathanach ann an aon do na duchanna mu thuath aig Norway, a thug gu tric oidhirp air a’ Bhiobul a cheannach, ach nach robh uair air bith co sona is gu’n d’fhuair e an rola luachmhor sin ‘na sheilbh, rinn e mu dheireadh mart a thoirt do’n bhaile-mhargaidh bu dluithe dha, agus thairg e i ann am malairt air son aon, ach b’ann an diomhain: cha robh Biobuil ann air son an reic, agus an dream a bha a dhith orra fein, air sgath a bhuannachd aimsireil a bha air a thairgse.” A nis, ma tha muinntir eile mar so a’ gabhail fadail air son a’ Bhiobuil, agus sibhse aig am bheil e caoin-shuarach, agus neochuramach na thimchioll, nach ‘eil aobhar agaibh eagal a bhi oirbh, gu’n gabh Dia an ni sin air am bheil beag meas agaibhse mar so, agus gu’n d’thoir se e dhoibhsan a ni feum a’s fearr dheth? Nach feud sibh gu reusanta stiil a bhi agaibh, gu’n cuir e, “gort anns an tir; cha’n e gort a dhith arain, no tart a dhith uisge, ach (ni a’s miosa gu mor) gort a dhith eisdeachd focal an Tighearna: ionnus mar sin gu’m feud sibh ruith air bhur n-ais, agus air bhur n-aghaidh, a dh’iarruidh focal an Tighearna, agus gidheadh nach faigh sibh e.” Amos viii. 11, 12.

Comh-dhùnaidh mi an earrail so le labhairt ri dà sheorsa eadar-dhealuichte do dhaoinne.

  1. Riusan a rinn gu ruige so am Biobuil a leughadh a mhain mar ghnothuch foirm no cleachduinn, no ann an rùn gu’m ùrrainn dhoibh a ràdh gu’n d’rinn iad mar sin, no gu glaothaich an coguis a shàsuehadh.

Dhuibhse, b’eigin do’n dleasnas a bhi iomadh uair ‘na uallach. Is eigin gu’n robh am Biobul air fhaicinn leibh gu ro thric ‘na leabhar trom neo-thaitneach. Feudaidh sibh cuid do eolas coit-chionn a bhi agaibh air na nithe a tha air an cuir sios ann, ach feumaidh sibh a bhi aineolach air a spiorad. O uime sin thugaibh an aire do na riaghailtean a tha air an cuir sios anns a’ Bhiobul fein, chum a leughadh air mhodh tarbhach. Amhaircibh, air son teagasg an Spioraid Naomh, agus an sin an ni a bha ‘na uallach dhuibh san uine a chaidh seachad, bithidh e dhuibh mar bhur sonas a’s airde à so suas; an ni a bha trom agus fadalach, bithidh e air a dheanamh làn do bhuannachd; ni a bha ‘na arm maol agus gu’n fheum an aghaidh naimhdean bhur n-anamanna, nithear e ‘na chlaidheamh an Spioraid, nach urrainn do neach dhiubh cur na aghaidh: ni sibh an sin maille ri Daibhidh, gairdeachas ri focal De, mar aon a gheibh creach mhor, agus bithidh e ni’s millse na mil, agus cir-mheala.

  1. Riusan nach do leugh riamh am Biobuil roimhe so.

Cia cunnartach bhur staid. Am feadh a tha sibh a’ dearmad an leabhair so, is comhara soilleir e nach’eil sibh ‘nur fior Chriosd-uidhean. “Tha mo chaoirich,” a deir Criosd, “ag eisdeachd ri’m ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi.” Is urrainn dhoibh a radh ni nach urrainn dhuibhse. “O cia h-ion-mhuinn leam do lagh-sa.” Leigibh dhomh fheuchainn ruibh, cainnt chudthromach ughdair àraidh—”Ciod an leith-sgeul a dhealbhas sibh aig an latha dheireannach an lathair Chriosd, a tha gabhail tlachd ann am faoineachd no innleachdan dhaoine eisdeachd agus a leughadh ni’s mo na Shoiseul ro-naomha-san, agus nach faigh aon uine a dheanamh an ni sin, ni gu h-araid os ceann na h-uile ni bu chubhaidh dhuibh a dheanamh, agus leis am fearr nithe eile a leughadh na’n ni sin, air son am bu choir dhuibh sguir a leughadh na h-uile ni eile?” Agus an eigin dhomh ‘ur fagail toilichte gu fantuinn anns an staid mhuladaich so? Car son a shuidheas sibh ann an dorchadas, an uair a dh’fheudas sibh solus a bhi agaibh? Leigibh dhomh bhur n-ear-alachadh, leigibh dhomh buadhachadh oirbh, gu toiseachadh o’n am so, chum cuibhrionn do’n leabhar bheannuichte a leughadh gach aon latha. Cha’n’eil fhios agaibh ciod na cothroman a bha sibh a’ dearmad, agus ciod an fheisd shògghor o’n robh sibh a tionndadh air falbh: a nis uime sin na cuiribh dail ann ni’s faide, ach deanamh greim daingean air a chothrom a tha làthair. Soilleirichidh am Biobul bhur n-inntinn, ni a reachdan bhur treòruchadh trid gach teinn, ni a theagasgan bhur neartuchadh fuidh gach deuchainn, ni a gheallanna solus a thoirt dhuibh ann an iomadh doilghios, agus ni iad comasach sibh, eadhon gu siubhal trid ghlinn sgàile a’bhàis, agus gun eagal a ghabhail roimh olc sam bith.

Is e mo chomhairle dealachaidh, uime sin, do gach leughdair,
RANNSUICH NA SCRIOBTUIREAN.

A mhuinntir mo dhuthcha,

Rinn mi na duilleagan air thoiseach air a so, eadar-theangachadh, agus a nis am faotainn air an clodh-bhualadh, chum gu’n leughadh agus gu’m beachd-smuainicheadh sibh air “na Scriobtuirich naomha, a tha comasach air bhur deanamh glic chum slainte, tre’n chreidimh a ta ann an Iosa Crisd.” Cia tangeil bu cnoir dhuibh a bhith gu’m bheil iad agaibh ri’n leughadh? Rinn Eaglais na Roinmhe iuchair an èolais a chumail as an t-sealladh co fhada ‘sa dh’fheud i, ach tha i nis air a cur do gach dûthaich is do gach talamh a dh’fhosgladh suas slighe chum saibhreas dorannsuchaidh Chriosd. Gidheadh, cha’n’eil ach uine ghoirid o na chaidh an t-slighe so fhosgladh dhuibhse, oir ged bha na Scriobtuirean anns a’ Bheurla, bha so do’n chuid mhor agaibhse na teanga choimhich.

Chaidh bhur cor a thoirt fainear le daoine aig an robh gradh d’ur n-anama, agus aig an robh glòir Dhe san amharc, rinn iad an seann Tiomnadh agus an Tiomnadh-nuadh eadar-theangachadh ‘nur cànan fein; agus air dhoibh fios a bhi aca nach robh sibh ach bochd, rùnaich iad an reic ruibh co saor is a b’urrainn doibh; ionnus gu’m feud an neach is bochda dhibh ruigheachd air an iomlan do’n ionmhas bheannaichte. Is beag nach robh sibh air bhur fagail gu’n leithsgeul. Ach ‘na dheigh so uile bha moran agaibh a thagradh nach b’aithne dhuibh an Scriobtuir a leughadh. Chuala na daoine ceudna bhur gearan, agus chuir iad cobhair d’ur n-ionnsuidh. Chuir iad daoine chum nan dorsan agaibh a theagasg dhuibh an fhirinn a leughadh; gu’n airgiod agus gu’n luach. C’ait a nis a bheil bhur leithsgeul? Cha’n’eil i ann, an lathair Dhe no dhaoine. Biodh meas agaibh air na sochairean sin, agus gnáthaichibh iad a chum glóir Dhe agus maith siorruidh bhur n-anamanna. Oir a nis feudaidh Dia a rádh ruibh, “Ciod tuilleadh a ghabhadh deanamh ruibh nach d’ rinn e?” Thugaibh an aire nach mi-bhuilich sibh na sochairean sin, air eagal gu mionnaich Dia ‘na fheirg nach d’theid sibh a steach d’a fhois. “Oir an talamh a dh’olas a steach an t-uisege a tha teachd gu minic air, agus a bheirr uath luibhean iomchuidh do’n droing leis an saothraichear e, gheibh e beannachadh o Dhia. Ach an talamh a bheirr uath droighionn agus drisean, tha e air a chur air cul, agus fagus do mhallachadh; d’an deireadh bhi air a losgadh.” Eabh. vi. 7, 8. Uime sin, leughaibh an fhirinn, agus guidhibh air Dia, gu’n d’thigeadh an “soisgeul d’ur n-ionnsuidhse (ni h-ann) ann am focal a mhain, ach mar an ceudna ann an cumhachd, agus anns an Spiorad naomh, agus ann am mor lan-dearbhachd; chum gu’n iompaichear sibh, agus gu’m pill sibh, o gach uile iodhol agus peacadh, “a dheanamh seirbhis do’n Dia bheo agus fhiar.” “Oir mur beirear duine a ris, cha’n fheud e rioghachd Dhe fhaicinn.” 1 Tesal. i. 5-7; Eoin iii. 3.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice