‘S IAD sin na briathan a labhair Eoin Baiste, ’nuair a chuir na h-Iudhaich a cheist ris, “Co thu?” Fhreagair am fáidh iriseal, agus dh’aidich e, “Cha mhise an Criosd.” An ath là an déigh sin, chunnaic Eoin Iosa a’ teachd d’a ionnsaidh, agus ghlaodh e, “Feuch Uan Dhé a ta ’toirt air falbh peacadh an t-saoghail!”
O’n a dh’fhag an Slànuighear an saoghal so, chan-fhaodar fhaicinn leis an t-sùil chorporra; ach, a bhi creidstinn ann, ’se sin a bhi ’ga fhaicinn le sùil a chreidimh; agus a h-uile neach a chi mar so am Mac, agus a chreideas ann, gheibh iad a bheatha mhaireannach (Eoin vi. 40).
Ghaimr Iosa Criosd a féin beannachd air a muinntir a chreid ann, ach gidheadh nach fac’e (Eoin xx. 29). Agus is math a ta’n t-abstol Peadar a’ mineachadh na beannachd so ’nuair a ta e ’g ràdh, “Iosa Criosd d’m bheil sibh a ’toirt gràidh, ged nach faca sibh e, agus ged nach eil sibh a nise ’ga fhaicinn, gidheadh, anns am bheil sibh a’ deanamh mor ghàirdeachais le h-aobhneas air dol thar labhart, agus làn de ghloir” (1 Pheadar i. 7, 8).
Tha e ’na dhìmeas air cuspair cho glòirmhor ri Criosd amharc air, agus gun ioghnadh a ghabhail as; fhaicinn, agus gun a ghràdhachadh. Air chinnte tha tlachd, agus gràdh, agus sòlas, agus aoibhneas ar cridheachan, gu buileach fo cheannsal Ughdarras, òrdugh, chumbachd. ar creidimh.
Smuainteachamaid, uime sin, ciod iad na buadhan òirdhearc a ta ann an Criosd, air son beachd-sùil, agus tlachd a chreidmhich a tharruing d’a ionnsuidh.
1. “Bha Dia ann an Criosd” (2 Corint. v. 19).
B’e Criosd Dia air fhoillseachadh, anns an fheòil (1 Tim. iii. 16). Is e Dia anns an fheòil iongantas an t-saoghail! Ann an so, bha an neo-chriochnach agus an criochnach air an co-aonadh! An Crutha-dair agus an créutair air an co-cheangal anns an aon phearsa. Tha e ’na dhearbhadh air laigs-intinn ioghnadh a ghabhail a nithe beaga; agus na dhearbhadh air dith mothachaidh gun ioghnadh ghabhail a nithe mòra. Is ioma miorbhuil a dh’oibrich Criosd anns an fheòil; ach, ’si a mhiorbhuil a’s mò gu lèir, “gu’n d’rinneadh e féin ’na fheòil, agus gu’n do ghabh e comhnuidh a measg dhaoine” (Eoin i. 14).
2. “Se Criosd gliocas Dhia,” (1 Corint. i. 24), seadh, “Ansan tha uile ionnhas a ghliocais agus an eòlais folaichte (Colos. ii. 3).
Riamh, o thoiseach an t-saoghail, cha do dhealraich gathan glormhor gliocais Dhia air sùilean dhaoine agus ainglean ann an obair sam bith, mar a dhealraich iad anns an obair so—Criosd a dheanamh ‘na Uan Dhé, ‘na iobairt air son a pheacaidh—Feuch Uan Dhé! agus annsan faic gliocas do-rannsaich Dhia, ann a bhi, trid Chriosd, ag aiseag nam peacach a chreideas ann, o uile chunnart a pheacaidh; agus, gidheadh, air an dòigh so, a’ deanamh a pheacaidh nis’ uamhasaiche dhoibh, na b’urrainn da gu bràth a bhi air a dheanamh dhoibh air dòigh sam bith eile. Feuch doimbneachd a ghliocais neo-chriochnaich a ta càradh iocshlaint ris a pheacach freagarrach do cheann aobhair a ghalair. B’e an galar, uabhar an duine. ‘Si an iocshlaint, irisleachd mhic Dhia. Thogair an duine a bhi mar Dhia: sgrios sìn e. Chaidh Dia fhoillseachadh anns an fheòil, agus fhuaradh e ann an cruth duine: shaor sìn an duine. O! an gliocas gun chrìch! a ghabh fàth (‘nuair a chaill ‘us a mhìll sinn ar céud ghloir, ‘s a thug sinn oirnn fein sgrios anam’ agus chuirp). O! an gliocas gun chrìch a ghabh fàth air ar togail an àird gu staid mòran nis’ fearr na ar ceud staid, agus a ghlac seòl air ar suidheachadh innte le barrantas mòran nis’ fearr na bha againn air tùs!
3. Tha gradh Dhia ann an Criosd.
Feuch Uan Dhé, agus annsan, feuch gràdh Dhia, air fhoillseachadh ann an dòigh cho àrd, agus cho buaidh-chaithrimeach, ‘sa bha e riamh, no b’urrainn da bhith, air a thaisbeineadh do’n t-saoghail! “Ann an so ta gràdh, chan-e gu’n do ghràdhaich sinne Dia, ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gu’n do chuir e a Mhac gu bhi ‘na obairt-réite air son ar peacaidh” (I. Eoin iv. 10). O! ‘s ann an so, ‘s ann an so, a tha gràdh Dhia do pheacaidh! Tha Dia, gach latha, a’ nochdadh a ghràidh dhuinn, ‘nar lòn, ‘nar dion, ‘nar teasraiginn, agus anns gach comh-fhurtachd a ta e buileachadh òirnn. Gu bheil slàint againne, agus muinntir eil ag osnaich fo phian—ann an so tha gràdh. Gu bheil aran againne, r’a ithe, agus muinntir eile an comhair bàsachadh le dith—ann an so tha gràdh. Ach O! Criosd a bhi againne na iobairt-réite, agus na h-ainglean a thuit, air am fágail ‘nan cor caillte—ann an so tha gràdh d’a rìreamh. An gràdh sin uile a ta air fhoilliseachadh as ar leth anns gach caochladh freasdal saoghalta, ‘nar slàinte, ‘nar cor, ‘nar daimh, agus ann ar n-uile chomhfurtachd, is neoni e, ann an coimeas ris a ghràdh so;—’se so gràdh d’a rìreamh! Mar is e crathadh fuil an uain Chàsg air ursannan dorsan nan Israelach, a theasraig iad o aingéal a mhillidh; mar sin, is i fuil Chriosd, Uan Dhé, air an robh an fhuil ud ‘na shamladh, a theasraigeas a h-uile neach a chreideas ann, o’n chorruich a ta ri teachd. Mar so, tha Criosd, Mac Dhia, a’ cur bacaidh air aingéal an sgrios, o dhibh-fheirg corruich Athar a thaomadh amach, agus tha e a’ teasraiginn nan creidmheach, mar a phobull, gus an teid iad a stigh do thalamh Chanàan, an fhois shiorruidh. Ach có a’s urrainn ionmhasan dorannsaichte Chriosd ‘fhosgladh, no a bhuaidean òirdhearc a’aireamh? B’ì’dh ainglean, agus spioradan foirfe nan ionracan, a’ dearcadh air ré na siorr’achd, agus cha sguir iad de ioghnadh a ghabhail as! Cha bu neamh neamh dhoibhsan, mur faiceadh iad Criosd ‘na shuidhe ann an sin, mar Righ ann an àille iomlan, air Sion, a thulaich naomha féin. Ach rachamaid air ar n-adhart a dheanamh féum de ‘n chuis so, an àite bhi ‘g oirpeachadh ni’s faide ri a soilleireachadh: chionn chi sinn iongatasan nuadh ann an Criosd, ged a dhearcamaid air fad linntean do-àireamh na bith-bhuantachd.
(1) O, a pheacaich! ma tha thu a’ mothachadh gu bheil agad cridhe cloiche, cruaidh, nach urrainn taiseachadh, agus a bhi fo bhròn, air son na rinn thu de dhochoir air Criosd le d’pheacadh; gu bheil t’aigndhean marbh, gun mhothachadh, air chor agus nach comas do smuain sam bith a dh’éireas ad chridhe, biogadh taisleachaidh a ghluasad ann, air son do pheacaidh:—ortsa sparrainn na briathran misneachail so, mar a chungaidh a’s éufachdaiche gus do chridhe a leagadh.
Amhairc an so. Feuch Uan Dhe! Smuainich air, creid, agus càirich riut féin an ni a ta ‘n so air a shàmhlachadh; agus is cruaidh do chridhe gu dearbh, mur maothaich e le a leithid so de bheachd air Criosd. Ann an Sechariah xii. 10, tha e air a ràdh, “Agus amhaircidh iad airs an a lot iad, agus ni iad caoidh air a shon mar a chaoidheas duine air son ‘aon mhic, agus bithidh an doilghios air a shon mar dhoilgheas neach air son chéud-ghin.” Feuch Mac Dhia air a thoirt “mar uan dh’ionns’ a chasgraidd” air do sgathsa, a pheacaidh shuaraich, shalaich! Feuch fuil na h-Iobairte luachmhoir so air a taosgadh air do shon-sa! Thoir do smuaintean dlù air a chuis so. Smuainich cò a rinneadh ‘na uan air son Iobairte; co air son a dh’fhuilinge e ‘fhulangasan do-labhairt gu lèir; cia seàmhaile agus cia toileach ‘s a ghiùlain e uile chorruch Dhia agus dhaoine, a’ seasamh ‘na neochiontas iomlan gu bhi air a mharbhadh air do shon-sa! Feuch!—Esan aig nach robh peacadh sam bith, chaidh a dheanamh ‘na pheacadh air do shon-sa “chum’s gu’m faodadh tusa,” aig nach robh fìreantachd idir thu féin, “a bhi air do dheanamh ‘nad fìreantachd Dhia annsan” (2 Corint. v. 21). O! co riamh a ghràdhaich thu mar a ghràdhaich Criosd thu! Co a dh’fhuilingeadh air do shon an truaigh a dh’fhuilinge Criosd air do sgàth! Tathair, no bean do ghaol, no do charaid a ta agad mar t-anam féin, an deanadh iad-san, eadhon sealan na h-uaire, an dòruinn sin fhulang air do shon a dh’fhuilinge Criosd, an uair a “bha ‘fhallus mar bhoinnean mòra fala a’ tuiteam sios air an lar?” (Luc. xxii. 44). Nì h-eadh, ach air sgàth do leanabh gràidh féin a shaoradh, cha bhlaiseadh tusa a chaoidh a leithid de chopan ‘s a dh’òl Criosd as gu fhiar ghrunn deireannach, ‘nuair a ghlaodh e, “Mo Dhia, mo Dhia, c’ar son a thréig thu mi!” Feuch mar a ghràdhaich e thu! Air chinnte, ma shrachd na crèagan a chéile ri ‘fhulangas, is ro chruaidhe na na creagan do chridhesa, mur taisich e ri a leithid so de shealladh. Suidhich do shùilean car treise air so, agus bheir do shùilean maothachadh air do chridhe.
(2) O, a pheacaich! am bheil thu a’ deanamh faoinéis de’n pheacadh, agus am furasda leat aomadh leis a h-uile buaireadh, agus am peacadh a chur an gniomh? O, thig an so.
Feuch Uan Dhe, agus cha n-eil e comasach dhuit gu’m bi beachd faoin agad air a pheacadh an uair a gheibh thu an sealladh so air Criosd. Faic an so pris a pheacaich! Feuch na chosd e do Mhac Dhia réite a dheanamh air a shon.—An d’thainig esan do’n t-saoghail so fo cheanglaichean do-fhuasgailidh òrdaigh shiorruidh, a bhàsachadh air son a pheacaich? An d’ thainig e á uchd an Athar chum thusa ‘cheannach le’bheatha féin mar’ phris’. An d’rinn làmh ceartais Dhia fuil cridhe an uain gun smal so a dhòrtadh chum riarachadh a thoirt do Dhia air son na h-éucoir a rinn do pheacanan-sa ‘na aghaidh; agus an déigh so uile an amhairc thu air a’pheacadh mar ni faoin? Nar leigeadh Dia. Gu firinneach chaidh fuil Criosd a dhioladh air son do pheacaich-sa, agus is luachmoire aon bhraon d’i na fuil a chinne-daoine gu h-iomlan. Nach àicheadh thusa t’ anamianna, ma ta, agus nach cuir thu an aghaidh buairidh air sgàth Criosd! Amhairc air Uan Dhé air a mharbhadh air son do pheacaich-sa féin, agus cha bhi beachd faoin agad air a pheacadh gu bràth tuille.
(3) Am bheil do spiorad a’fannachadh agus tu fo dhiobhail misnich air son t’éuceartan iomadach agus antrom? Am bheil thu ‘dol fodha ann an éu-dòchas le cudthrom mùchtaidh t’ eallaich pheacanan? Ma thà, is fior iocshlaint cridhe, agus cungaidh a bheathachadh misnich agus dòchais, na briathran so: Feuch uan D’hé, a ta toirt air falbh peacadh an t-saoghail!
Ma’s urrainn fuil an uain peacanan an t-saoghail a thoirt air falbh, air chinnte’s urrainn i do pheacadh-sa a thoirt air falbh, ged robh saoghail de pheacadh ann.—Chionn, beachdaich air Criosd mar ar n-iobairt-réite air òrduchadh o shiorruidheachd—“Esan sheulaich Dia an t-Athair—(mar air iobradh ‘nar n-ionad-ne ann an lànachd na h-aimsir.”—Tha Criosd, ar n-uain Càsg air iobradh air an son.) (I Corint. i. 7.)—Beachdaich air, mar air gabhail ris leis an Athair le mor thoileachas agus thaitneas, eadhon mar fhàile cùbhraidh. (Epes. v. 2.) Beachdaich air, mar gu follaiseach air fhireanachadh agus air a shaoradh aig aiseirigh, le Dia, an Tagradair. (I Timo. iii. 16, agus Eoin xvi. 10.) Agus, fadheoidh, beachdaich air, mar tha e nis air nèamh, far a bheil e air a thaisbeanadh, air ar son-ne, ann am fianuis Dhia, mar Uan air a mharbhadh (Taisb. v. 6); ag iomchar dearbh chomharran a bhàis féin; agus ‘gan nochdadh sin ann an làthair Dhia, mar na tagrainean a’s éufachdaiche agus a’s drùightiche chum mathanas agus tròcair a chosnadadh d’a shluagh. Tha mi ‘g radh riut, smuainich gu dùrachdadh air na nithe sin, agus cha n-eil ni a’s mò a bheir faochadh do t’inntinn na iad, ‘us tu fo throm-smalan le cùram mu d’ pheacanan.
(4) Am bheil thu fann-chridheach, agus ‘nad chladhaire roimh fhulangas air sgàth Criosd, mar nach b’urrainn thu nì sam bith a dhùrachdann agus ‘fhulang air a shon? Feuch Uan Dhé.—An d’fhuilg Criosd dòruinnean cràiteach air do shon-sa, agus nach fuiling thusa dèuchainnean aotrom air a shon-san?
Och! nach faoin corruich dhaoine, ann an coimeas ri corruich lasanaich an Dia uamhasaich, mhòir! Ach, bha Criosd ‘na Uan gun lochd, nach do thoill idir, idir, am peanas ‘bu lugha ‘fhulang air a sgàth féin. Ach thusa, thoill thu ifrinn agus ged thoill, tha thu a’ fann-achadh fo fhulangas sealain! An d’ fhuilg esan urad air do shonsa, agus nach fuiling thusa ‘bheag idir air a sgàth-san’. Air chinnte, an uair a dh’fhuilg esan air do shon-sa, dh’fhàg e agad eisimpleir a cheumanan a leanailt. (1 Phead. ii. 21.) An ion ar fulangaisne, ‘n an gnè no ‘n am mèud, a bhi air an coimeas ri fulangais Chriosd? agus ciod i ar fuil-ne, ann an coimeas ri fuil Chriosd?—Cuimhneich—”ma tha thusa air do shuidheachadh ann an coslas a bhàis-san, gu’m bi thu mar an cèudna air do shuidheachadh ann an coslas ‘aiseirigh” (Rom. vi. 5). Is èudar dhuitse a dheanamh mar a rinn Criosd, an crann-ceusaidh a ghiùlan, agus am masladh a chur suarach, air sgàth an aoibhneis a ta romhad.
(5) Am bheil thu mi fhoighidneach fo dhèuchainnean agus fo thrioblaidean corparra? ullamh air a bhi gearain fo àmhgharan gnàthail? no buailteach air sèideadh suas le rùn dioghaltais an aghaidh dhaoine a ni éacoir ort? Feuch Uan Dhe!
“Mar uan, sèamh an lathàir a luchd-lomair, mar sin cha d’fhosgail e a bheul” (Isa. liii. 7). Agus nach urrainn thusa ni idir fhulang gun ghearain? Cia sèamh a bha Criosd, a t-uan an uair a dh’ fhuilg e nithe ro thaireil fo làmhan pheacach!—agus am bheil thusa a’d’ leòmhan fergach? Dh’ fhuilg esan gu foighidneach an ni nach do thoill e; tha thusa gu neo-fhoighidneach a’ fulang t’airidh. O! nach ionnsaicheadh tu a bhi ni’s cosaile ri Criosd, ann ad uile dheuchainnean, agus ann ad uile àmhgharan!
Fa dheireadh.—Am bheil thu, trid ana-creideamh, teagmhach mu gheallana an t-soisgeil? Nach urrainn thu earbsdadh á focal a gheallaidh, a chionn gu bheil do chridhe teagmhach fein ‘gad lionadh le amharrus suarach mu dhéibhinn cumhachd, firinneachd, agus toilealachd Dhia na geallana a choillonadh dhuit?—Feuch Uan Dhé!
“Nach seadh agus Amen ann an Iosa Criosd, do na h-uile neach a chreideas ann, geallana Dhia gu léir?” (2 Corint. i. 20). No, am bheil ni sam bith air a chur ann an gealladh air bith a’s luachmhoire na fuil an Uain, a chaidh a dhortach a cheannach a gheallaidh? No, nach e Criosd a thoirt dhuinn chum bàsachadh air ar son; coillonadh a gheallaidh a’s mò a thug Dia dhuinn riamh? Agus an dèigh’s gu bheil an gealladh sin air a choillonadh, ciod e am fàth teagamh a th’ agadsa nach coillonar geallana a’s lugha na sin?—Chionn, “Mur do chaomhainn Dia a Mhac fein, ach gu’n d’thug e thairis e air ar son-ne uile, ciamar nach toir e maillle ris-san gach uile ni dhuinn gu saor?” (Rom. viii. 32).
“Feuch Uan Dhé, a ta toirt air falbh peacadh an t-saoighail!”
Air caithir rioghail ‘Athair fein,
Feuch dealradh gloir an Uain;
Ur-urram deasaichibh d’a ainm,
Is bibh le taing ga luadh.
Cluinn! armailt neimh le n luathghair ait,
Timchioll na cathrach-righ;
Milte do mhiltibh s aireamh dhoibh,
Ach ‘s aon a mhàin an cridh’.
‘S airidh an t Uan a dh’obareadh,
Deir iad, air inbh’ ro-ard!
‘S airidh oir b’e ar n iobairt-ne,
Co-fhreagrath daoin’ ‘s gach ait!
Is airidh an t Uan, a stroichd do’n bhàs,
Air àgh is beannachd buan;
Biodh slainte, gloir, is aoibhneas àrd
Gu bràth air ceann an Uain!
O’r cionta shaor e sinn le ‘fhuil,
‘S thug braighde truagh a pein;
Rinn sagairt ‘s righrean dhinn do Dhia,
Gu riaghladh shuas leis fein.
As gach aon teangaidh agus tir,
Thionail ‘s thug Criosd a shliochd;
Gach dùthaich chein is innis cuain,
Fios fhuair air saibhreas ‘iochd.
‘S airidh air geil’s air ceannsal Criosd,
Air talamh ‘s neamh gu bràth;
Is cliu ni s fearr na’s urrainn daoin’,
Thugadh naomh aingle dha!
Gach neach tha’g àiteachadh nan neamh,
No chruinne-che a bhos;
Gach duil air bith, do Righ nan sluagh,
Seinnibh gach uair gun fhois.
An cruthach’ aontaicheadh gu leir,
Thoirt géill is cliu do’n Triath,
Tha riaghladh anns na neamhaibh shuas,
‘S do’n Uan air feadh gach ial.
A’ CHRIOCHE.
Mr. Renwick’s Joy.
Mr. Renwick, the last of the Scottish martyrs, speaking of his sufferings for conscience sake, says, “Enemies think themselves satisfied that we are put to wander in mosses and upon mountains; but even amidst the storms of these last two nights, I cannot express what sweet times I have had, when I had no covering but the dark curtains of night. Yea, in the silent watch my mind was led out to admire the deep and inexpressible ocean of joy, wherein the whole family of heaven swim. Each star led me to wonder what HE must be who is the Star of Jacob, of whom all stars borrow their shining.”