Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1912 » April 1912 » Earail Dhurachdach agus Chairdeil

Earail Dhurachdach agus Chairdeil

MO Charaid Ionmhuinn,—Ceadach do neach aig am bheil fíor ghràdh dhuit, ‘s leis ‘m bu mhaith gu’n soirbhicheadh do ghnothaiche araoon aimsireil agus siorruidh, labhairt riut mu’n aon ni a’s ro-fheumaile agus a’s cudthromaiche. Theagamh gu’n do smaointich thu le cùram suidhicht’ air roimbe so; ma smaointich faodai’ tu, air dhuit a léughadh, an leabhar beag so ‘thoirt do h-aon air bith dheth d’ choimhearsnaich a shaoileas tu d’am faod e bhi tarbhach. Ach mur do ghabh thu riamh na nithe sin gu cridhe, guidheam ort, nam bu mhaith leat a bhi sona’ ré siorruidheachd, smaointich air na th’air a chur sios ‘san leabhar bheag so, agus smaointich le dûrachd; lèugh e ris agus a ris; agus gu’n deanadh an Tì sin a chruthaich thu chum a ghloire féin a dhaingneach’ gu domhain air do cridhe, ‘s gu’n deònaicheadh e dhuit a bheannachd gu còmhnuidh ‘ghabhail maille riut gu bràth!

Is ro mhòr an t-aobhar bròin leam a liuthad seorsa peacaidh a tha ‘buadhachadh ‘san tir am bheil sinn a’ chòmhnuidh, a’ toirt claoichd agus truaighe air miltean dheth ‘n luchd-àitich; agus tha eagal orm ‘na léur-sgrios do mhòran fad ùine agus ré siorruidheachd. Cia gnàthaichte ‘m peacadh a bhi tric ‘san tigh-òsda ‘s ag òl dhramanna; cha’n e ‘mhàin sin, ach nach ‘eil e roghnàthaichte le neach a bha a’ saoth’reacha’ gu dichiollach ré beagan làithean, agus aig deireadh na seachduin a gheibh a luach-saoithreach, an ni bu chòir teachdantir fhaotainn d’a theaghlach, ruith air falbh do’n tighòsda, òl gus am bi e gu buileach air an daoraich, agus an sin air dhà e fein fhàgail air bheag comais smaointeachaidh no toirt fa’near, fanaidh e a’ struidheadh air falbh a’ chuid airgid, an uair is éigin d’a chloinn aimbeartaich thruaigh, agus math a dh’ fhaoidte, bean lag easlainteach, an dàrna cuid teachdantir fhaighinn air dàil, air neo bàsachadh a’ chion a bhidh. Tàirnidh a phòit e mar an ceudna chum na cuideachd a’s measa, agus bheir i air co’-chaidreamh dlùth bhi aige ris a muinntir a’s ro thruailli’ agus a’s neo-mheasarra gnàthachadh is cliù. Cuiridh i uigh air n-uigh as d’a shlainte; ach ni gu mòr a’s measa, tha i ‘na peacadh ‘an aghaidh Dhé, agus uime sin a’ fagail a phòit-fhir buailteach do thruaighe shiornidh. Tha focal na firinn a’ cur an céul nach sealbhaich “luchd-striopachais, no adhaltraichean, no pòit-fheara, rioghachd Dhé.” Tha bhi a’ tabhairt ainm an Tighearn ‘an diomhanas agus mionnan an-diadhaidh, ‘na chleachdadh a tha mar an ceudna anabarrach cumant’ aig mòran dhaoine; ach thubhairt an Tighearna “nach measar neo-chiontach esan a bheir ‘ainm an diomhanas.” Is peacadh mionnan do’n seorsa ‘s duaichni’ oir ciod an leith-sgeul a dh’fhaodar a ghabhail a’s urrainn a choire ‘lugh’dachadh? Ma mhionnaicheas neach a’ chionn gu’m bheil sin coitchionn, cha dean e ach a chiont’ an-tromachadh; ma mhionnaicheas e’m beachd gur h-ann leis a’s docha daoin’ eile ‘ga creidsinn, nach ‘eil e coltach an neach a mhionnaicheas agus a labhras toibheum, gu’n labhair e na brèugan mar an ceudna? Neach air bith a ghnàthaicheadh mionnan mi-naomh mar dhear-bhàdh air a chainnt, cho’-dhuininn air ball gur h-i ‘bhreug a bh’aig’ an duine, ‘s e a’ fèuchainn ri falach a chuir oirre le toibheum. Tha cuid a dh’ oidheirpicheas leithsgeul a ghabhail air son am mionn, le rà’ gu’n robh iad air am brosnachadh agus bhàrr an saoid, math a dh’ fhaoidean ann an àirde-feirge, no boile. Ach am bheil sin a’ mathacha’ na cuise? Nach h-ann a tha e a’ mèudacha’ na cionta? Cha’n urrainn leithsgeul a bhi air son mhionn: is e th’ann a bhi ‘g àbhachd ri ainm an Dé shiorruidh, ‘s ag cur an anma ‘n cunnart lèur-sgrios bith-bhuan. Ni eile a tha ‘na mhathair-aobhair aig ioma’ truaighe ‘se bhi a’ briseadh na Sàbaid. Tha iad lionmhor, tha eagal orm, nach ‘eil ach ainmig, theagamh nach ‘eil idir a’ frithealadh air àite sam bith aoraiddh, ach a ta cuir seachad an latha an dàrna cuid ri ceannachd, reiceadh, dol a shealltuinn chàirdean no luchd-eòlas, air neo ann an seanachas an-saoghailta gu’n bhrigh maile ri’n coimhearsnaich. Tha Dia ag iarruidh an t-Sàbaid a bhi air a coimhead naomh. Ach mo thruaighe! le mòran dhaoine tha e air a ghleidheadh ‘na latha aingidh ni’s mò na là air bith eile; ‘na latha sònruichte chum a bhi air a bhueleacheadh ann an an-diadh’achd is am peacadh. Bha e gu minic air a thoirt fa’near mu na daoine mi fhortanach ud a chaidh a dhiteadh le lagh an dùthcha gu bas follaiseach agus nàrach fhulang, gu’n d’aidich iad ‘san àm sin le bròn gur h-e mi-naomhacha’ na Sàbaid bu mhathair-aobear d’an uile thruaigh-ean, agus an ni sin a thug iad fa dheireadh gu crich mhuladaich.

A charaid ionmhuinn, tha agad anam neo-bhàsmhor! Anam a dh’ fheumas a bhi beo gu siorruidh, an dàrna cuid a’ mealtuinn an t-sonais a’s iomlaine, air neo a’ fulang na truaighe agus na dòruinn a’s mo! Rinn Dia thu comasach gu eòlas a ghabhail air, gràdh agus seirbhis a thoirt dà ana ‘san t-saoghal so, agus còmh-nuidh ghabhail ‘na làthair-san, ‘s a dheadh-ghean a mhealtuinn ‘na rioghachd fein. Ach cia mar a bha do bheatha-sa air a caitheadh? Nach robh do ghniomhara mi-naomha? Nach robh do chaithe-beatha truaill’, talmhaidh, agus feòlmhor? Nach d’fhuair do nàdar coirbte, ‘s d’anamianna làmh-an-uachdar ort? Nach robh òrduighean Dé air an cur an neo-brigh, agus nach d’rinn thu dearmad air ‘aoradh? No, ma thuit leat air uairibh dol a dh’aithe ‘san robh aoradh, nach do tharrruing thu dlùth do Dhia le d’ bhilibh, am feadh a bha do chridhe fad’uaite? Cha d’thug thu aoradh dha ann an Spiorad agus am firinn. Bha do Bhìobal ‘na leabhar air a dhearmad; an t-ionnhas naomha sin a’s luachmhoire na uile bheairteas nan Innsean, bha e air a thilgeadh a thaoibh agus air a dhìmeas; agus a’s dòcha gur h-iad na cairtean, no na disnean a’s bidheanta’ bh’ air an gnàthachadh. Bha t-ùin’ air a caitheadh ann an amaideachd, an àite bhi a’ rannsachadh teisteis na firinn, agus a’ gabhail tlachd ann an lagh Dhé.

Is ni cinnteach nach deachaidh tu cho fad’ air d’ aghaidh ann an aing’eachd gun chàil-eigin do ghèuragartas coguis air son do chion mothachaidh, agus ni-éigin a dh’eagal uamhasach a thaobh do chunnairt. Thug Dia gairm dhuit le ‘Spiorad, a bha air uairibh gu ro-chumhachdach a’ stri’riut. Dh’fhaoit’ air uaireamh ‘an àm a bhìg èisdeachd searmoin, gu’n d’rinn i drùghadh air d’ inntinn, agus gu’n do chuir thu ann an càil-eigin romhad gu d’ùrachdach peacadh a thréigsinn agus pilleadh ri Dia; no ‘nuair a chuir an Tighearna trioblaid a’ d’theaghlach, gu’n do chuir thu seòrsa do cheangal suidhicht’ ort fèin gu’n deana’ tu seirbhis dà. Ach gu sònruichte ma thàinig am bàs a steach do t-aite còmhnuidh, ‘s gu’n robb h-aon dheth d’theaghlach air a spionadh uait, am feadh a bheachdaich thu air a chorp uain-nèulach, còmhdaiichte le aodach-mairbh, bha d’anam air a mhosgladh suas; bha siorruidh-eachd, siorruidheachd uamhasach air a taisbeanadh d’ireach fa d’ chomhair, agus chuir thu romhad an sin fàs a’d’ chrèutair nuadh. Ach c’ait a nis am bheil gach deadh rùnsuidhichte ‘bh’agad? C’ait am bheil gach d’ùrachd diadhaidh? Am bheil iad uile air an dì-chuimhneachadh. Agus am bheil thu fhathast a ‘mireag air b ruaich na doimhne mòire? O gu’m mosgla’tu o d’shuain, agus gu’m pille’ tu ri Dia, an t-eagal gu’m bi thu caillte gu siorruidh!

Mar charaid dileas leis am miann gu’n èireachd gu maith dhuit ‘san t-saoghail so agus anns an t-saoghail aig bi crioch, comhairlicheam dhuit gu d’ùrachdach suim a ghabhail do na nithe sin. Smaointich air do chaithe-beatha ‘san aimsir a dh’fhalbh—air do staid ‘san àm—air neo-chinnteachd ùine—agus air cho uamhasach ‘s ata siorruidheachd. Ma ‘se ‘s gu’m bheil gu mi-fhortanach gnothach agad ri comunn an-diadhaidh mar chompanaich, no ma tha thu cleachdadh a bhi ‘n cuideachd an leithide, “thig a mach asda, bithibbse dealaichte”; agus mur ‘eil iad toilteach imeachd maile riut air an t-slighe gu nèamh, fèuch nach imich thusa maile riusan anns an t-slighe a tha treòrachadh gu lèursgrios. Cuir cùl ris gach uile pheacadh! cuir thu fein fuidh’ cheangal suidhichte mar an làthair an Tì sin fa’ chomhair am fèum thu bhi air do nochdadh latha ‘bhreitheanais, gu’n dean thusa ‘mach uaithe so aing’eachd a thréigsinn. Cia air bith mar a bha thu ‘d thraill do’n pheacadh, gairm air Dia ann an ùrnaigh dhùrachdaich, agus cluinnidh e do ghlaodh, agus bheir e saorsa dhuit. Lèugh do Bhiobal; agus lèugh e le ùrnaigh, chum ‘s gu’m bi d’inntinn air a soilleachadh, do bharailibh, air an cur ceart, do chridhe air a chur am feabhas, agus gu’n tuige’ tu gu soilleir ciod i toil Dé. Oidheirpich earrann-éiginn do d’ Bhiobal a lèughadh gach aon là; agus mar a’s mò a lèughas tu, is an a’s mo a bheir thu ‘spéis do leabhar Dhé.

Tha e mar fhiachaibh ort mar an ceudna fritheala’ gu riaghailt-eachd air ait-éiginn ‘sam bi aoradh. Cha ‘n ‘eil mi a’ gabhail orm feid seòladh ‘thoirt duit c’ àit an còir dhuit dol; codhiù ‘s ann do’n Eaglais, a Choinneamh, no àite sònruichte sam bith eile do’n t-seòrsa; ach far am bheil focal Dé gu soilleir agus gu dileas air a shearmonadh, agus far am bheil e coltach gu’m faigh thu’n tairbhe ‘s mo; a’ dearbhadh an ni ‘chluinneas tu le focal Dé, chum ‘s gum frèumhaich e gu domhain ann ad chridhe.

Tha e mar ni ceangailt’ ort cuideachd aoradh suidhichte fhaighinn a’d’ theaghlach. Ma tha clann no seirbhisich agad, nach ‘eil fhis agad gu’n iarrar cùnntas uait latha ‘bhreitheanais ciod an cùram a ghabh thu dhiubh; cha’n e ‘mhain do chùram a thaobh am maith aimsireil, ach air son an anamaibh neo-bhàsmhor? Am bi iad air an call gu bith-bhuan le d’ mhi-chùramsa, no le d’ dhroch eisioimplair? An urrainn e gun a bhi ‘na chuis-smainteachaidh eagalach do dhroch phàranta, gu’m bheil a’ chlann a dhearb Dia ri ‘chùram ‘an coslas a bhi caillte gu siorruidh le ‘choire-san. Oh! cia uamhasach a dh’fheumas a chràdh a bhi, ‘nuair a choinnicheas e iad air làimh chli an Ard-Bhreitheimh, agus a mhallaicheas iad an latha ‘san deach am breith d’a leithid a phàranta! Ach ma ghnàthaicheas tusa gach dìchioll air do chloinn a thogail suas ann an eagal Dé, agus mar sin gu’m bhi thu ‘d mheadhoin ‘na làimhsan ‘chum an deanamh sona’ ré aimsir, agus an toirt gu glòir shiorruidh, ciod an t-aobhneas do-labhairt leis an beachdaich thu air do shlioichd ‘nuair a chì thu iad air an glòrachadh, agus an taingelachd shòlasach leis an éigh thu ‘mach, “Athair, féuch mise, ‘s a’ chlann a thug thu dhomh.”

Ma tha h-aon sam bith, an dèigh dha ‘n leabhar beag so ‘lèughadh, a roighnicheas fanoid a dheanamh air diadh’achh, ‘s a chuireas ‘an suarraicheas i, ag radh ‘na chridhe, “co e an Tighearna, gu’n d’thugainn’s urram dhà, no Iehòbha, gu’m bìodh ‘eagal orm? Cuiream ‘an cuimhne dhuit, gu’m bi do chuairet air thalamh ann an ùine ghearr, glé-ghearr, air dol thairis; beagan tuille làithean a shiùbhlàs gu luath, agus bithidh tu air t-àireamh a’m’ measg nam marbh; agus an uair a bhitheas tu air do shineadh air an fhuar-leaba ‘bhàis, c’ àit an sin am bi do dhimeas air diadh’achd, agus d’ fanoid mu ghnothaichibh na siorruidheadh? Faodaidh Dia gu ceart a radh, “ghairm mi, ach dhiùlt sibhse; shin mi ‘mach mo làmhan. ach cha d’thug sibhs’ an aire; ni mis’ uime sin gàire ri ‘r truaighibhse, ni mi fanoid ‘nuair a thig ‘ur n-eagal.” ‘Nuair a ghairmear thu gu cathair-bhreitheanais Dé, ‘s a dh’fheumas tu cùnntas a thabhairt air son do chaithe-beatha air thalamh, an urrainn thu seasamh aig an àm uamhasach sin? Nach dean nàir’ agus gèur-àmhludh do chòmhdach? Nach bidh tu ullamh gu èigheach ris na creagaibh agus ris na beannta iad a thuitean ort, agus t-fhalach o fheirg Dhé a chuireas dioghaltas ‘an gnìomh air son peacaidh? Ach doigh sam bith air do dhion o’n fheirg sin cha’n urrainn a bhi ann; fèumaidh tu bhi air do thoirt làthair a dh’ain-deoin gu seasamh fa chomhdaire na cathair-bhreitheanais, a chum ‘s gu’n cluinne’ tu do bhinn dheireannach, ‘s gu’n imiche’ tu gu peanas dòruinn shiorruidh, “far nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach d’théid an tein’ as.” Guidheam gu ro dhùrachdach ort a smainteachadh, codhiù a’s fhearr toil-innlinn a pheacaidh àich-eadh car ùine ghearr ‘s a bhi gu suthainn sona’ ‘na dhéigh, no ‘thoilinnntinn a mhealtuinn ré tamuill ‘s a bhi truagh gu siorruidh.

Ma’s àill leat teicheadh o’n fheirg a ta ri teachd, pilleadh ri Dia, agus imeachd ‘san t-slighe aig a’ bheil neamh mar cheann-uighe, tha h-uile misneach agad gu d’ bhrosnachadh a’s comasach dhuit iarruidh. Gairm air Dia is bheir e spionnadh dhuit gu lámhan-uachdar fhaotain air do pheacainne leis a’ bheil thu air d’iathadh mu’n cuairt. Maithidh e gu gràsmhor dhuit mar an ceudna gach aon pheacadh ‘san ròbh thu ciontach ri amh. Thug e seachad a Mhac, aon Mhac Iosa Criosd, gu bàs fhulang air do shon. Ghiùlain Iosa do pheacainne ‘na chorp féin air a’ chrann; agus le ‘fhuil a dhòrtadh tha tobar air fhosglaidh a chum gach uile pheacadh agus neo-ghloine ionnlad air falbh. Thugadh a bheatha mar éirig air son do bheatha-sa, agus trid ‘fhulangais agus a bhàis-san faodai’ tusa bhi beo gu slorruidh. Ged bu tu h-aon do na peacach bu roghrâineile, cha chuir Dia cùl riut, ma thilgeas tu thu fein aig stòl a chas, agus éigheach ris air son tròcair. ‘Chum misneach ‘thoirt duit gu tarruing dlùth le muinghin tha e ‘g ràdh’, “Thigibh a nis agus riasanaichimid le ‘chéile; ge do robh ‘ur peacainne mar an sgàrlaid, bidh iad mar an sneachda, ge do robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olann.” Gabh an cuireadh gràsmhor a tha Dia a’ toirt duit. Gun tuille moille ‘dheanamh “pill ris an Tighearn, agus nochdaidh e tròcair dhuit, agus ri ‘r Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.” Na biodh eagal ort; tarruing dlùth do Iosa, ‘s cha chuir e cùl riut. Creid ann mar t-Iobairt-rétich agus t-Fhear-saoraidh, ‘s gabhaidh e thu ann an glaicaibh a thròcair; bidh t-uile pheacainne air am maitheadh dhuit; théid buaireas agus mi-shuaimehnneas d’anma thionndadh gu sìth agus aoibhneas. An sin ni aingle gairdeachas thairis air a mhac stròthail a phill, air dha bhi air a dheanamh réidh’ ri Athair nèamhaidh, agus air a dheanamh subhach ann an gràdh an Fhir-shaoraidh.

A pheacairibh! rachaibh gu làath chum an Fhir-shaoraidh—teichibh—teichibh gu luath gu Iosa.—Tha Neamh ‘ga ‘r failteachadh—tha Ifrinn a’ bagra’—tha Uin’ a’ ruith gu dian—tha ‘m Bàs ag earalachadh—tha Siorruidheachd am fagus. Co ‘s urrainn cainnt a chur air cho cudthromach ‘s a ta Siorruidheachd! Ma thuites sibh do shiorruidheachd gun iompachadh, tha sibh caillte gu bràth. Ach a nis faodaidh sibh greim a dheanamh air tròcair. A nis tha maitheanas, làn mhaitheanas, gu saor n-ur’ taigse. ‘Se ‘nis an t-am taitneach, agus is e ‘nis latha na slàinte. Oh! gu’m b’urra’ mi impi a chuir oirbh gu gabhail ri slàinte am feadh ‘s a ta slàinte ri fhaotainn; le sin a dheanamh bidh sibh sona’, da rreadh sona’, ré ‘ur n-uine ‘sa bheatha so: ann an comhrag a bhàis is sibhs’ a gheibh buaidh, agus fa dheireadh coinnichidh sibh an t-iomlan do mhuinntir shaorta ‘n Tighearna, anns na h-ionada comhnuidh far am bheil aoibhneas bith-bhuan.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice