Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1912 » May 1912 » Cunntas mu Iain Cobhey: Seoladair, Air Bord na Venerable, a Fhuair a Dha Chois a Sgathadh Dheath ann an Cath Champerdown, 11th October, 1797

Cunntas mu Iain Cobhey: Seoladair, Air Bord na Venerable, a Fhuair a Dha Chois a Sgathadh Dheath ann an Cath Champerdown, 11th October, 1797

THA ur-sgeul brigh’or air aithris mu Seoladair a bh’ air bord an Venerable, an Loingeas air an robh Ceannard a Chabb-laich, Ceann-feadhna Chlann-donnachaidh, an aghaidh nan Duitseach m’ a chomhair Champerdown. Fhuair e ‘n sgeula-sa o ‘n Olladh Mac Dhonnachaidh, caraid agus minsteir a mhor-fhear Mhic Dhonnachaidh, a bha ann an teas a chattha, a’ comhnadh nan leigh ‘an ceangal suas, agus ‘an gearradh chos agus lamh nan daoine buailte. Tha ‘n t-Olladh ag radh, gun tugadh seoladair, gam ‘b ainm Cobhey a nuas far an robh na lighichean, agus a dha chois air an sgathadh dheth: agus mheasa feumail gu ‘m b eigin an gearrudh dheth ni b’ airde. Thuirt Cobhey leis na mionnaibh mora, gun robh fughair aige gun deanadh an gearradh sin an gnothach air dochann a pheileir? Tha eagal orm dheth, ars an leigh. Cha ‘n ‘eil diuras ann arsa Cobhey, chaill mi mo dha chois ris, agus math a dh’ fhaoide mo bheatha cuideachd, ach thuirt e leis na mionnaibh mòra, thug sinn buaidh air na Duitsich! uime sin bheir mi aon ghàir eile asam: Husà! Husà!

Tha ‘n sgeul so nis ro-chomharaichte, le nithibh a thachair roimhe agus ‘na dheigh so. Bha Cobhey na rogha Seoladair, agus bha e ainmeil a thaobh a mhor-mhisnich; ach bha e comh-araicht a thaobh peacaidh co math agus cruadail. Beagan laithean m’ an do choinnich iad na Duitsich, bhruadair e gun robh e ann am blàr, far an deachaidh a dha chois a thilge dheth, agus gun robh e air mhicheill. Thug an aisling air a churaidh so bhi air bhall-chrith, agus oirp a thoirt air urnuigh a dheanamh; ach a chionn nach bu chaomh leis Dia bhi na aire, thug e oirp air a leig air di-chuimhn, agus air an drughadh a rinneadh air arson a pheacaidh a chuir as aire, le pòit agus le gnathacha mi-stuama le cho-sheoladairibh. Bu diomhain dha an oirp. Bha smuainte mu a pheacaidh, mu Dia, agus mu bhas, a’ cur iomaguin shonruicht’ air a la agus a dh’ oiche, agus a’ cuir eagail air mu na bha ri tachairt da sa bheatha so agus san ath-bheatha, gus ‘n do chuir sealladh air a chabhlach Dhuitseach, agus a cho-chainnt ri muinntir na Luinge san robh e fein, le iad a bhi cuir rompa an treubhantas a dheanadh iad, na smuainte dubhach ud as aire. ‘Nuair bha’n da chabhlach a’ teachd ‘an gar ga cheile thug an sar Cheannfeadhnadh a bh’ againn, àithne ga chuid sluagh iad gan leige fein nan sinedh air clàr nan soithichean, agus am biodh iad dlu air an namhuid, ‘s gur ann bu mho a dheanadh an teine de dholaidh dhoibh. Bha na soithichean Duitseach air tòiseacha ri losgadh air an Venerable, an àm dhi bhi dol sios r’ an taobh gu ‘n cur as an ordugh. Bha ‘n fuirbi trein aingidh so, Cobhey, ri guidheachain agus ri mallachadh do ‘n chuid eile de na seolad-airibh a chionn iad a bhi nan sineadh a sheachnadhe pheileirean nan Duitseach. Dhiult e geill a thoirt do ‘n iartas, gus an robh e fo eagal le fear de na h-oifgich a bhi dlu dha, agus thug e ann an cail geill do ‘n ordugh, le uchd a chur air buideal a bha ‘m fagas da, gus an d’ fhuair iad ordugh tein’ a thoirt. ‘Sa’ cheart am san robh e ‘geiridh sguab peilier an lethchas agus a chuid bu phailte de ‘n te eile dheth; ach bha ‘n gniomh co obann, ged a mhothaich e ‘n goirteas, ‘s nach d’ thug e ‘n aire gun do chaill e na cosan gus ‘n do thuit e sos. ‘Nuair chaidh a chasan a ghearradh ni b’ airde, ‘sa sguir gair a chatha, thainig a bhruaradar na aire, agus smaoinich e, leis mar a thainig an dara earrann deth gu crich, gun d’ thigeadh an earrann eile dheth ann cuideachd. Agus ma smaoinichear air a chradh a dh’ fhuilng e le chosaibh a ghearradh ni b’ airde, agus leis an iomaguin shonruicht’ a bh’ air gun tigeadh a chuid eile d’a aisling gu crich; ‘sann is mor an t-iongantas nach deachaidh e as a cheill; ach bha so r’ a shoilleireacha dha ‘an deigh laimhe. ‘An ceann aimsir an deigh sin, thainig e mach a tigh-eiridinn Haslair, ‘s e na urrainn caileign de ghlusad a dheanamh air da luirg, agus air cosaibh maide; ach bha e ro-throm-intinneach fo eagal mar thug breitheanas De uaith a dha chois arson a pheacaidh, gun caitleadh e air an son an da chuid a chiall agus anam.

Se iompachadh obair Dhe;—obair-san a mhain; agus is tric a tha e ga toirt gu crich air doigh iongantaich. Tha i air a toirt gu crich air dhoigh a bhrosnuicheas aire, agus ioghnadh. Mar ann an riaghladh an t-saoghail, tha e air uairibh a’ dealachadh o chleachda naduir—’s amhuil ann am fritheala nan gras, a tha e nochdadh a dheagh thoil ard-uachdramaich, le caileigin de dh’ eadar-dhealachadh a dheanamh o’n doigh ghnathaichte chum anman a shaoradh. Chaidh daoine a bh’ ann am mearchdaibh millteach, a bh’ air an toirt thairis do na lochdaibh bu ghraineile, ‘sa bha co cheann-laidir ‘sa bha iad aingidh;—daoine bha’n caithe-beatha na champar agus na thamailete d’ an cairdibh, na dhragh da’n choimhearsnachd ‘s an robh iad, agus na mhalluchadh do’n chomunn da’m buineadh iad; daoine a bha seolta teomadh ann an toileachadh neo-ghlan, innleachdach ann am mi-naomhachadh, ladurna ann an toibheum, agus a thaobh coslais abuich chum leir-sgrios; ann an aon fhocal, chaidh daoine a bha air thus gach peacaidh, iompachadh gu rioghachd Dhe le gras, fa leth, am feadh a bha’m fein-ionraic, ag earbsa r’a dheagh chaithe-beatha agus r’a dheanadas, air a chall na chionta.

Tha mor chumbachd Iosa, air fhoillseacha na mhinstreileachd fein, agus ann an ceud shearmonachadh an t-soisgeil leis na h-abstoil—a’ toirt buaidh ann am focal na firinn. Tha ioma neach aig a bheil dreuchd fheumail san am ann an Sion, a bha aon uair co’-ionann ris na daoine bu truaillidh. Tha san am so, ioma neach “nan suidh aig cosaibh Iosa, air an sgeudachadh, agus nan ceill shuidhichte fein,” a tha an teagamh, roimhe bheil eagal, agus fo thair, a thaobh co chomharrachte sa bha iad aon uair ann an slighibh an uile. Ion-samhuil a bhrathar bu shineadh ann an samhladh a Mhic Stroghail, air a sheide suas le uaill as a mhaitheas agus as aithrighead fein, bithidh cuid fo mhi-ghean, agus cha ghabh iad co’pairt de’n chuirm a dheasaicheadh arson a pheacaich a phill ri Dia. Ach ge b’e barail a bhios aig an Phairiseach uaibbreach anndana, ’s e so a bhitheas na mhuinghinn agus na aoibhneas aig a chreideach aithreachail, nach ’eil caithe beatha no cor, no cionta, ris nach gabh saorsadh an t-Slanuigh’ear caramh, agus cha ’n ’eil aon neach san am so sleuchdta sios aig a chosaibh, ged a bha e roimhe so am measg nan ciontach bu ghraineile, nach fhaigh fa-dheoidh lan chòir air uile shochairean na slainte sin an lathair a righ-chaitreach. Tha so air a dheagh shoilleireachadh ann an sgeula Cobhey.

Chual ’e iomradh air tigh-aoraidh Phortsea a cheud fheasgar sabaid an diaigh dha an Tigh-eiridin fhagail, agus chaidh e ann. B’ e ’n steigh theagaig air an fheasgar sin, Marc. v. 15. Agus thainig iad chum Iosa, agus chunnaic iad an ti anns an robh an deamhan agus aig an robh an legion, na shuidhe, agus eudach uime, agus a chaill aige. Nochd am ministeir gun robh an duine so a bha fo chumbhachd an droch-spioraid na shamhladh freagarach do gach peacach; ach gu sonruicht air peacaich a tha ’caitheadh am beatha gun riaghailt gun ordugh, luchd-misg agus mhionn a tha deanamh dochair orra fein, agus air daoim’ eile: ach tha e bhi na shuidhe aig cosaibh Iosa, le eudach uime, na cheill fein, na shamhladh iomchuidh air peacach air iompachadh gu Dia trid an t-soisgeul, air a dheanamh mothachail air olc a pheacaiddh, mor luach an anma, agus am feum a th’ air slainte trid an Fhir-shaoruidh; a’ sealbhacha sith inntinn, co-chomunn ri Criosd agus r’a shluagh a ’toirt creideis do na sgriobtuiribh naomha, agus a faghail teagaig o Chriosd Caraidd pheacach. Dh’ esd Cobhey ris le aire agus ioghnadh; ghabh e iongantas cionnas a b’ urrainn do ’n ministeir easan a chomharrchadh a mach a’ measg a choilion ceud, no co a dh’ fhaodadh innse comion uime-san do ’n fheartheagaig. Bha ’m barrachd ioghnaidh air ’n uair a chual e a cur an ceill, ar leis, a chaithe beatha gu h-iomlan, gu ruig na peacaiddh bu diomhaire a chuir e ’an gniomh. Cha b’ urra dha innse c’ arson a dheanadh fear-teagaig, searmoin gu h-iomlan uime-san, nach robh ann ach maraiche bochd air dhà chois mhaide. Leis mar chaidh a pheacaiddh a chuir na aire as ùr, bha e air a lionadh le uambunn gu mòr na bu chràitiche na bha roimhe air. Bha e re seal air a lionadh le ea-dochas, agus ar leis gun robh e nis a call a chéille, gun rachadh e eug, agus gum biodh e caillte; gus an do nochd am pears-eaglais gun robh Iosa Criosd co toileach am peacach bu ghraineile a thearnadh ’s a bha e air cobhair a dheanamh air an duine bhochd ud san robh, ’n deamhan; agus gun robh duin’ air aiseag chum a chéill shuidhichte fein ’nuair a chreideadh e ann. Thòisich e nis ri fior-bhrigh a bhuadair a thuigsinn. Bha e meas gun robh e air mhearaichinn fad a bheatha gus anis, agus le e chreidsinh ann-san gu ’m biodh e air aiseag gu cheill cheirt a rithist. Bha aiteas ro-mhor air an sin. ’Nuair a chual’ e mu ghradh anabarrach Iosa Criosd do pheacaichibh, ghabh e dochas an aite ea-dochas agus aoibhneas an aite uamhunn! Bha na sùilean air nach d’thaing deur an am a dha chois a chall, a nis a’ sile gu frasach, arao’n le aoibhneas agus le mulad! An ceann seachduinn no dha an diaigh so, rinn e guth orm, agus dh’ aithris e dhomh eachdruidh uile, agus fhein-fhiosrachadh. Bha iongantas air nach d’fhuair mi riabh sgeul uime ’n uair a liuthair mi an t’ searmoin a ffreagair ga chor-sa. Mu thimchioll bliadh’n deigh so chaidh a ghabhail a stigh mar bhall d’ ar ’n-eaglais-ne, air dha dearbha taitneach a thoirt gu’m b’fhior Criosduidh e. O chionn ghoird chuala mi gun robh e gu tinn, agus chaidh mi ga fhaicinn. ’Nuair a dh’inntrinn mi a sheomar, thuirte e. Thig a stigh, a dhuine le Dia! Bha mi gabhail fadail gu t’fhaicinn, a dh’ innse dhuit cor sonadh m’-inntrinn. Se mo bharail gu’m faigh mi ’n uine ghearr am bàs: ach cha’n’eil am bas a nis na uamhas orm. Se gath a bhais am peacadh, ach buidheachas do Dia, thug e dhomhsa a bhuaidh trid Iosa Criosd. Tha mi triall gu neamh! O! ’s mor a rinn Criosd as mo leth, aon de na peacaich bu ghraineile bh’ air thalamh! Beagan m’ an do chaochail e, thuirte e. “‘Stric a bha mi ann am barail gum b’eagallach an ni dol gu bas, ach tha mi nis ga mhothacha so-dheanta. Tha lathaireachd Chriosd ga dheanamh furasda. Tha ’n solas a tha mi ’faireachduinn ag eiridh o ghradh Dhe do pheacaich, o bhi smaoineachadh air bhi maille ris an t’ Slanuighear, air mo shaoradh o chridhe peacach, agus a bhi mealtuinn lathaireachd De gu siorruidh, nis mo n’ as urrainn domh a chuir an ceill! O am muthadh baralach a th’ agam mu Dia, umam fein, agus mu shaoghal eile an drasta, seach na bh’agam ’n uair a chaill mi mo dha chois air bord an Venerable! Bu sholasach an call dhomhs’ e! Mar caillin mo chosan, bha mi ’n cunnart m’ anam a chall!” Le lamha togta agus glaiste r’a cheile, agus a shuilean a’ dealradh le fior-dhurachd troimh na deoir a bha sruthadh uatha, thuirte e, “O fhir-theagaig ionmhuinn, guidheam ort, ’n uair a theid mis eug, searmonaich searmoin adhlaic do sheoladair bochd; agus innis do chàch, gu h-araidh do na maraichibh, a tha co aineolach agus co malluichte sa bha mise, gun d’fhuair Cobhey bochd trocair o Dhia, tre chreidimh, ann am fuil Chriosd! Innis doibh o’n a fhuair mise trocair, nach ruig aon neach a dh’ iarras e dùil a thoirt dheth. ’Saithne dhuit fein mar their thu gu mor ni’s fearr na’s aithne dhomhs’ e! Ach, O! buin gu durachdach riu; agus gun deonaiche Dia gum faigh mo choimhearsnaich aingidh, agus mo cho’ sheoladairean trocair co math ’sa fhuair Cobhey!”—Thuirte e moran tuille: ach si cainnt ma dheire thuirte e, Haleluia! Haleluia!

Ma tha cunntas mu threubhantachd agus mu chruadal airidh air an cumail air chuimhne, cha lugha tha iompachadh, airidh air a chuir sios, chum cliu grais Dhe, mar urram do chreidimh ar Tighearna Iosa Chriosd. Nam faiceadh na daoin uails, abha aon uair nam fianuisean air a neo-dhiadhachd, mar ghnathaich se e fein aig uair a bhais, chitheadh iad an caochladh taitneach a thainig air tre ghras foghainteach ar Fir-shaoruidh throcairich. Cha ‘n ‘eil an sgeul mu thoiseach caithe-beatha an duine so n’i’s freagarriche do ghnathachadh a chuid is pailte de mharaichibh cruaidh chridheach, mi-naomha, na tha a chaithe-beatha an deir-eadh a laithibh, air caithe-beatha a Chriosduidh, agus na dhearbh-adh air an fhianuis fhior agus dhileas, airidh air gabhail rithe leis gach taitneach, “Gun d’ thainig Iosa Criosd do ‘n t-saoghal a thearnadh pheacach.” Tha ‘n co’chordadh a tha eadar oibre naduir agus focal De, air an comharrachadh gu cothromach a mach a dhearbhadh gur ann o Dhia a thainig iad arao, agus a nochda gu bheil ioma ni annta, nach urrainn duinn a làn thuigsinn. Ach ‘s coir a thoirt fanear nach ‘eil a bhi meoraich air a cho-chordadh so a mhain a socrachadh creidimh, ach mar an ceudna dochas chreutairean ciontach a philleas ri Dia. Mar nach d-fhag se e fein an aon aite gun fhianuis, a’ dearbhadh le oibríbh agus le fhreasdal, nach ‘eil e fada o aon neach againn agus gur h-ann uait-san a tha ar bith, ar beatha agus comas gluasad; ‘s amhuil a tha ‘n soisgeul ga thoirt dlù do ‘n chiontach, agus dhoibh san a thà ‘gan diteadh fein. Ma tha an neach-a tha ‘g aideachadh an Tighearn Iosa le bheul a’ lan chreidsinn, agus a’ tuigsinn brigh a chainnte fein, cha ‘n fheum e tuille a thoirt misniche da gu teachd le muinghinn chum Dhe, agus gu barantas a thoirt dha chum gairm air, agus earbs’ a throcair. Tha na tha air aithris m’ an t-seoladair so a’ cuir sin gu soilleir an ceill. Gun deonaicheadh Dia gun smaoinich gach neach a leughas e air a chuis, gun gabh iad aithreachas agus gun creid iad an soisgeul! agus gun cum iad ‘nan cuimhne gur neo-chomasach dhoibh-san dol as, a ni dearnad air slainte co mor agus co cinnteach ‘s a tha focal De a’ foillseachadh.

EIFEACHD FUIL CHRIOSD.

  1. O’s ann tha ‘n eifeachd ‘am fuil an Uain!
    Chum ar n-euceartan ghlananadh uainn;
    ‘S bochd an sgeul a tha r’ a leughadh
    Nach ‘eil speis di a reir a luaich.
  2. Tha daoiné gorach air sheol n’ a dha,
    Nach aill leo dochas a dhur ‘n a bhas;
    Theid iad a dhi a dhiobhuil eolais
    Air an fhuil chaidh dhortadh chum ar slaint:
  3. An dream thug speis di cha dean iad uaill,
    On is e chaidh cheusadh an ait’ a shluaigh?
    Cha ‘n ann diu fein a fhuair iad an reite,
    Ach leis an eifeachd tha ‘m fuil an Uain.
  4. ‘S e fein is eigin an cumail suas,
    An uair thig deuchainnean iomad uair;
    Tha mheud de thruallidheachd mu ‘n cuairt doibh
    ‘S nach toir iad buaidh ach le fuil an Uain.
  5. Tha daoin’ an t-saoghail an gaol ‘s gach uair
    Chum na caoirich thoirt thaobh o’n uan;
    ‘S tha ‘n leoghann beucach a ghnath a’ saothaireach
    Dh’ fheuchainn co dh’ fhaodas e shlugadh suas.
  6. O fanaibh dluth chum ‘s nach toir e buaidh!
    Na tugaibh geill da is theid e uaibh:
    A shaighdibh teinteach deanaibh a mhuchadh,
    O ‘n rinn sibh cumnhannt ri fuil an uain.
  7. O bithibh laidir le armachd Dhe!
    Biodh creideamh slainteil agaibh mar sgeith:
    ‘S an uair hhios satan ag iarruidh fath oirbh
    Le cainnt an t-Slanuighear duinibh a bheul.
  8. ‘N uair bhios e faineachd am bheil sibh sgith.
    Innsibh dha gu do bhasaich Chriosd;
    ‘S gu bheil ni ‘s leoir anns an fhuil chaidh dhortadh;
    ‘S gum bhi bhor dochas innt’ gus a’ chrioch.
  9. ‘N sin thig e ‘n cardeas is their e-fein,
    Gur sibhs’ an aireamh tha ‘m fabhor Dhe;
    Is ge do ghluais sibh mar is aill libh,
    Gum bi sibh sabhailt air feadh gach re.
  10. Ach innsibh dha gur h-iad cairdean Dhe,
    Aig am bheil aithntean ‘s a ni d’ an reir;
    Nach dean àicheadh an lathair an t-sluaigh,
    Ach a lean an t-Uan ge b’ e taobh a theid.
  11. ‘S e cuilbheirt shatain bhi laidir treun,
    A chumail chairdean gun ghradh da cheil;
    Feuchaidh e faillinnean anns na braithribh,
    Dh’ fheuchainn an tar e an cur o cheil.
  12. O ‘s feumail a bhi ri caithris bhuan!
    ‘S a bhi ‘g eigheach ri Righ nan sluagh;
    Cha ‘n ‘eil ni chumas dluth ri cheil’ iad
    Ach an eifeachd tha ‘m fuil an Uain.
  13. Trid an Ti thug ar sith mu ‘n cuairt,
    Cha ‘n ‘eil ni anns nach toir sinn buaidh:
    Co a dhiteas, no leagas sios sinn
    ‘S Fear-coimhead Israeil ‘g ar cumail suas?
  14. A’ dol troimh ‘n fhasach ‘s e fein an cul,
    Oir tha iad dha-san mar chloich a shul’;
    Tha ghealla grasmhon nach dean e ‘m fagail,
    Gus an toir e sabhailt iad chum na h-uir.
  15. Trid gleann a’ bhais bidh e fein ‘n an coir,
    Gu ‘n toirt sabhailt a suas chum gloir;
    ‘S gu ‘n cumail tearuint o gach namhad,
    San tir aghmhor am mar iad beo.
  16. ‘S an uair bhios iad thall thar na h-uile truaigh.
    Bidh iad ag innseadh co thug dhoibh a bhuaidh
    Cha bhi a h-aon diu nach cuir ris a sheuladh,
    Gur h-ann bha ‘n eifeachd ‘am fuil an Uain.

A’ CHRIOCHE.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice