Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1912 » June 1912 » Teachdaireachd o Dhia a d’ Ionnsuidhsa

Teachdaireachd o Dhia a d’ Ionnsuidhsa

LEIS AN URRAMACH DR. RYLAND.

NUAIR a thubhairt gaisgeach Iudhach ri righ iodhalaodharach agus aingidh Mhoib. Tha teachdaireachd agam o Dhia a’ d’ ionnsuidh, dheirich e suas le urram na lathair, ge do bi teachdaireachd bàis agus uamhais a bh’ innte dhasan. Ach a ta agam ri innseadh dhuitsa, gur h’ ann le crich chairdeil—le iarrtas durachd airson maith siorruidh t’ anama neobhasmhor, tha an teachdaireachd san leabhran so, air a cuir a d’ ionnsuidhsa.

Smuainich co an Ti o’m bheil an teachdaireachd air a cuir a d’ ionnsuidh. S’ ann o’n Dia Uile-chumbachdach, Cruith’ear neamh agus na talamhainn, an Ti anns am bheil do bhith—do bheatha agus comas do ghlusaid, aig am bheil snaithin do bheatha na laimh—da’m buin t’ uile shlighe—tha lionadh do bheoil le nithibh maithe—tha frasadh throcairean saor ri gach aon la. Se t’ uachdaran dligheach e, da’m buin umhlachd agus gradh o chreutairibh uile—Se do Bhreitheamh e mar an ceudna, an lathair an eigin duit seasamh ann an uine ghearr, a thoirt cunntais as gach gniomh a rinneadh leat sa cholainn, co dhiu bhios iad math na olc—O ‘bhinn cha’n ‘eil dol as. O! air an aobhar sin, thoirt aire da theachdaireachd, agus biodh ioghnadh ort gu’n irioslaich-eachd se e fein co mor’s gu’n deanadh e labhairt e cnuimh shalaich an duslaich. Tha caochladh de nithe air am foillseachadh na fhocal a bhuneas dhuit a thoirt fainear, co dhiu tha thu sean na og, bochd na bearteach, urramach na easurramach, san t’ saoghal-so. O gun robh am focal air a dheanadh tarbhach dhuit—air a mheasgadh le creideamh ann a d’ anam, sa teachd le cumhachp an Spioraid Naoimh dhachaidh gu d’ chogais.—Ainnmicheam.

I.—Cuid de’n teachdaireachd choitchionn tha Dia a’ cur dh’ ionnsuidh gach nach a leughas na dh’ eisdeas fhocal.

Co dhiu tha thu beusach na mibheusach, eolach na aineolach, measail na taireil, buinidh dhuit an aire shorruichte ‘thoirt do ‘n teachdaireachd-so mar gu’n labhradh Dia riut air t’ ainm. Tha ‘n teachdaireachd-so a g iarruidh ort an Tighearna Dia a ghradhachadh le t’ uile anam, le t’ uile, chridhe, le t’ uile neart, le t’ uile inntinn, agus do choimhearsnach mar thu fein. Sin suim do dhleasnais gu h-iomlan; “air an da aithne so tha ‘n lagh agus na faidhean uile an crochadh.”

Tha Dia ag’ aithneadh dhuit esan a ghradhachadh osceann nan uile, agus a ghlorachadh anns na h-uile ni. Agus ma ‘s aill leat fios fhaotainn cionnus a ghradhaicheas tu e, leugh agus beachdaich air a cheud cheithir de na deich aitheantaibh.

Cha ‘n fheud Dia sam bith eile a bhi agad na lathair.
Cha ‘n fheud thu aoradh thoirt do ‘n Dia bheo le deal bhaibh, na air sheol sam bith nach eil orduichte na fhocal.
Cha ‘n fheud thu ainm a thoirt an diomhanas, oir cha mheas an Tighearna neochionntach esan a bheir ainm an diomhanas.
Cuimhneich la na sabaid a naomhachadh.
Na ‘m b’ aill leat fhoghllum cionnas a ghradhaicheas tu do chochreutair mar thu fein, beachdaich air na sia aitheanta a leanas.
Thoir onoir do ‘t athair agus do d’ mhàthair. Na dean mortadh.—Na dean adhaltranas.—Na dean goid.—Na tog fianuis bbreige. Na sanntaich.—Cha d’ thoirt thu, ann a d’ chridhe caidreamh, do aon iarrtas a lotas do choimhearsnach, na mhaoin, na chliu, no na phearsa, ach gach uile ni bu mhianach leat daoine eile dheanadh dhuitsa, dean thusa leithid eile dhoibhsan mar an ceudna, agus gradhaich iad á cridhe glan gu durachdach.

‘S iad so aitheanta Dhe, agus is peacadh gach briseadh orra, fagaidh e am peacach buailteach do chorruich Dhe; ach pheacaich thusa agus thainig thu gearr air gloir Dhe; bha thu briseadh a lagha re do laithean uile; aon chuid ann am focal, an smuain, no an gniomh; air an aobhar sin dh’ fhag thu thu fein buailteach do cheartchorruich Iehobbhah. Theagamh gu’n abair thu, nach robh thu ciontach do bhriseadh follaiseach sam bith air na h-aithentanso. Ach cuimhnich gu bheil lagh Dhe a diteadh duine airson a bhriseadh ann an smuain. “Cha b’ aithne dhomh peacadh mar abradh an lagh na sanntaich.” Leugh searmoin Chriosd air a bheinn. Matt. v. Leugh an dara caibidil do litir an abtoil Sheumais. Ge be choimheadas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon aithne, tha e ciontach de ‘n iomlan am fianuis De.

Tha agam uime sin teachdaireachd bhagraidh a d’ ionnsuidh. An t’ anam a pheacaicheas gu cinnteach gheibh e bäs; oir is e tuarsdal a pheacaich am bäs.—Cha ‘n e so mhain sgarachdainn an anama on chorp: oir cha ‘n eil an sin ach crannchur nan naomh co math ri daoine aingidh. Ach an t’ anam bhi air fhogradh gu doruinn shiorruidh—bas gun chrioch, fo shamhladh loch
a ta dearg lasadh le teinne agus pronnasc. O is ni eagallach tuiteam an lamhan an De bheo—basachadh fo ‘mhallachd—buailteach da choruich a bhios a sior shruthadh air ceann a naimhdean gu bith-bhuantachd ann an ifrionn. Thoill thusa am mallachd a luidhe gu bràth air do cheann.—“Is Malluichte gach neach nack buanaich anns na h-uile nithe a ta sgiobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh.” Gal. iii. 10.

Tha agam a ris, O pheacaich, teachdaireachd dhitidh o Dhia thugadsa. Is tusa an duine bhris lagh naomha Dhe, agus a thoill a mhallachd uamhasach. Oir is cinnteach mi nach urrainn thu a radh am fianuis Dhe, gu’n do bhuanachd thu anns na h-uile nithe tha sgiobhta ann an leabhar an lagha, chum an deanadh. Cha do gloraich thu, aon chuid, Dia, na daoiné gu ceart; ach bha do bhuanachd fein agad san amharc ni bu mho na Dia agus an cinne-daona gu leir.—Cha do ghlorachd thu an Dia sin aig am bheil t’ anail na lamhaibh—cha do ghluais thu na shlighe—’s cha d’iarr thu urram a chuir air. Pheacaich thu agus thaing thu gearr air gloir an Ti se ‘n t’ Ard Chusbair aoraidh agus graidh. Eadhn ann a d’ dhleasnais dhiadhaidh an fianuis dhaoine, cha d’ amais thu air a chrich cheart, se sin, gu ‘m biodh Dia air a ghlorachadh leat anns na h-uile ni. Tha uime sin do dhearbh dhiadhaichd, gun bhuanachd sam bith dhuit; oir mar tha an corp marbh as eugmhais an Spioraid, mar sin tha do dhiadhaichd a dh’easbhuidh Spioraid a ghraidh, na cumhachd agus na h-inntinn fhallain.

O nach ann, bhiodh so na teachaireachd geur mhothaichidh o Dhia dhuit.—Feoraich dhe d’ choguis fein mar eil a chuis dhitidh so a reir ceartais. Thug thu le briseadh an lagha easonoir do Dhia.—Tha esan a bhris an lagh ann an aon ni cionntach do ‘n iomlan. Am measg dhaoine fagaidh briseadh aon earrainn do choimh-cheangal, an t’ iomlan gun bhrigh no eifeachd.—Tha esan a bhriseas lagh a dhucha ann an aon ghniomh airidh air peanas. Ach air do shonsa, o pheacaich, tha do ghiulan a taisbeanadh gach la gur fear brisidh an lagha thu. Ma tha thu neo-mhothachail air a sin, sann a chionn gu’n do dhall Dia an t’ saoghail so do shuilean—gu bheil druidheachd a pheacaidh a luidhe co trom ort ‘s nach eil thu a faireachdain luibhre t’anama agus nach eil thu faicinn gu soilleir gu bheil thu toilltinn fearg agus corruich Iehobbah. Ciod an t’ aon do aitheantan an Tighearna nach do bhris thu, ma bheirear fainear iad nam farsuingeachd agus na ‘n spioradalachd. Tha fhios againn gu bheil lagh Dhe spioradaid; tha e toirt breith air runtaibh diomhair a chridhe. Cha ‘n urrainn thu ard riaghailt do dhleasnais a ruigheachd mur eil do chridhe lan do ghradh dha. Cha do chuir thu do dhleasanas riabh an gniomh do d’ cho-chreutair mar eil gradh neo-chealgach agad da. Ciod a rinn thu riabh do Dhia na do dhuine gun chriochan mearachdach agus feineil a bhi agad san amharc.

B’ fhearr leam gu’m biodh so na teachdaireachd mharbhaidh o Dhia dhuit—sin ri radh gu’m marbhadh i gach dochas mealltach
—gach earbsa á t’ fhein-fhireantachd air am b’ abhaist duit bhi leagadh do dhochais, mar gu’m biodh Dia toilichte le d’ luideagan salach fein, agus gu’n saoradh e thu airson do dheagh oibre fein. Is neo-sheasmhach an dochas so—’s andana an earbsa sin—’s eigin da bhi air a thilgeadh bun osceann. Mar deanar so cha bhi soisgeul na slainte chaoideh air a mheas mar sgeul aoibhinn leat. Oir cha ‘n eil feum acasan a tha slan air an leigh, ach cuiridh iadsan tha faireachdain an galair os ceann an comais fein a leigh-eas, mor mheas air. ‘S eigin duit a chreidsinn gu bheil d’ uile dhochas ri slainte trid na ‘s urrainn thu fein a dheanamh, a labhairt na smuainteachadh, gu h-uile ann an aghaidh innleachd iongantach na saorsa; oir cha ‘n fhirinich an lagh a chaoideh aon duine bhris e. Na ‘m biodh am mothachadh so agad, ciod an t’ aoibhneas a chuireadh e ort, saorsa shiorruidh bhi air a tarigse dhuit air doigh eile—gun airdiod agus gun òr. Ma chreideas tu an diteadh so bhi reir firinn. ‘S eigin dhuit ‘chreidsin gu bheil an t’ slainte ‘tha trid Chriosd gu saor, o ghras ard uachdaranach; nach eil aon neach de shliochd Adhamh toillteanach oirre. Ach fhad sa shaoileas tu gu ‘n coisin thu beatha le d’ ghniomhara fein, ciod sam bith co clu-thoillteanach sa dh’ fheudas iad a bhi, cha ‘n urrainn thu meas ‘chuir air Criosd, cha ‘n iarr thu bhi na chomhain airson saorsa shiorruidh t’ anama, mar so ni thu dimeas air an fhuil phriseil sin a dhoirteadh a chosnadh mailheanais peacaidh. Ach air an laimh eile, chum do mhisneachadh, O pheacaich thruagh, Tha teachdaireachd trocair agam o Dhia d’ ionnsuidh. Is naigheachd so tha cur ioghnaidh air armaitean fhlaitheas, agus air an talamh mar an ceudna. Cluinn briathra na teachdaireachd. Ge do sgrios thu thu fein le ceannairec am aghaidh, gidheadh annamsa tha do chobhair. Fhuair e mach eirig chum nach rachadh peacaich mar tha thusa sos do’n t’ slochd. Ghradhaich Dia an saoghal co mor ‘s gun d’thug e aonghin Mhic, chum ‘s ge b’ e a chreideas ann nach rachadh a sgrios ach gum biodh a bheatha mhaireanach aige. A d’ ionnsuidhsa, ma ta, tha focal na slainte so air a chur. Amhain creid teisteas Dhe mu thimchioll a Mhic, agus gabh mar shaor thiodhlac ris an t’ slainte mhoir is fu air gach aon chor gabhail rithe. An t’ uan a dh’ ullaich Dia airson reite, is leor e gu sith dheanadh eadar Dia agus t’anam. Feuch Uan De, beachdaich air a’ deanamh diolaidh airson pheacach caillte. Tha e nise am meadhon na cathrach ge do bha e aon uair air a mharbhadh, chum milte de muileinnibh de dh’ oighreachan ifrinn a ghlanadh trid fhola. Tha e’ nise’gairm air peacaich thruagh. Amhaircibh ormsa, agus bithibh air bhur tearnadh, O iomalaibh na talmhain!

Tha agam a ris teachdaireachd maitheanais agus reite o Dhia a d’ ionnsuidh. Gu’m feud thu sith agus cairdeas a shealbhachadh maile ri Dia gu siorruidh. “Treigeadh an t’aingidh a shlighe agus an duine eucorach a smuainte, agus pilleadh e ris an Tigh-earna, agus nochdaidh e trocair dha; agus ri ar Dia-ne agus bheir e maitheanas.” Na smuaintich gun d’ theid thu as le tagradh do
neo-chiontais, na le bhi lughdachadh do mhearachdan; ach aidich t’uilé lochdan len antromachadh uile do’n Dia sin bha riamh na fhianais air t’uilé ghniomhara, t’uilé smuaintean, agus a chuala t’uilé bhriathra.

Amhairc air do pheacana tha dearg mar chorcur, agus trom an dath mar scarlaid: gidheadh tha fuil Iosa Criosd mhic Dhe comasach air glanadh chum na ciud is faide mach na h-uile thig a dh’ionnsuidh Dhe tridsan. Choinnich trocair agus firinn ann-san, phog ceartas agus sith a cheile le mor aiteas. Chuir Dia esan a mach gu bhi na iobairt reitich airson pheacach a chreideadh ann; chum gu’n nochdadh e fhireantachd co maith ri ghrás ann am maitheadh eucaitan. Is Dia ceart agus is Slanuighear e. O! foghlumaibh o chrann ceusaidh Criosd, arao maitheas agus ceartas Dhe. Faicibh ann am fulangasaibh an Urrais, olc neochriochnach a pheacaidh agus ionnsuichibh grain a thoirt da mar an ni oilteil do ‘n d’ thug Dia fuath, ‘s an aghaidh an do nochd e fhearg. Ni Dia nach do chaomhain a mhac gradhach fein, gach peacach a theicheas chum na didean tha air a cur roimhe san t’ soisgeul, gu cinnteach a thearnadh. Cha’n eil ceap-tuisliadh sam bith eadar am peacach is mo a theicheas gu Criosd, agus slainte shiorruidh. Rinn esan anns am bheil geallana Dhe nan seadh agus nan amen an lagh ardachadh agus urramachadh. Thug e lan riarachadh do cheartas Dhe, le’ bhas dh’ fhosgail e dorus slainte air am feud thusa dol a stigh, ‘s a bhi air do thearnadh agus dol as o’n fheirg a sgriosas na h-eascairdean.

O! pheacach, tha agam teachdaireachd rabhaidh agus asla-chaidh o Dhia a d’ ionnsuidh. Guidheam, guidheam ort as uchd Criosd bhi reidh ri Dia—gun a chomhairle a dhiultadh a t’ aghaidh fein. Cionnus ‘theid thu as ma ni thu dimeas air slainte co mor? Maille ris gach dulan thug thu do ughdaras lagha chothromaich Dhe, na cuir ris an t’ olc uamhasach so bhi deanadh tarcuis air a shoisgeul glormhor, agus air a ghradh iongantach tha air a nochdadh ann. Na gabh an deadhghean so o Dhia an diomhain. Mar tagair thu an iobairt so airson do pheacana, aig cathair na trocair, cha’n ‘eil aon iobairt eile air neamh na air talamh, ris an gabh Dia. Agus as eugmhais doirteadh fola cha’n eil maitheanas ri fhaotain. Eabh. x. 28, 29.

Na’m biodh tu lan chreidis an t’ soisgeil, na’m biodh tu toileach aonadh ri Criosd ann an uile chrioichaibh a shaorsa, bhiodh ugh-daras nan geallana mora agus luachmhor so a thairgeadh dhuitse mar teachdaireachd o Dhia a d’ ionnsuidh. Ma tharruing an t’ Athair a dh’ ionnsuidh Criosd thu, feudaidh tu gu tearuinte bhi co-dhunadh, gu’n do ghradhaich e thu le gradh siorruidh, agus gu’n gabh thu fois na ghradh gu suthainn. Amhain dearbh gu’n robh thu umhai do ghairmibh an t’ soisgeil, agus an sin feudaidh tu le lan bharantas sealtainn air tais air do thaghadh le Dia, agus bi cinnteach gu’n gloraich e thu mar an ceudna na am iomchuidh fein. Ge ‘d’s ann tre mhor thrioblaid is eigin duit dol a steach do rioghachd neimhe, bithidh e fein maille riut anns gach triob-
laid, cha leig e leis na tuiltean dol tharad, ‘s cha dean an lasair greim ort; ach bithidh dearbhadh do chreideamh nì’s luachmhoire gu mor na òr a theid am mugha ge do dhearbhar le teinne e, chum cliu, agus urram, agus gloir aig foillseachadh Iosa Criosd. Rom. viii. 28; 1 Peter i. 3. Ach gu bhi co-dhunadh. Tha teachdair-eachd agam o Dhia a d’ ionnsuidh, a thoirt earail dhuit. Cuimh-uich ma tha neach sam bith ann an Criosd gur creutair nuadh e; chaidh na seann nithe seachad, feuch rinneadh na h-uile nithe nuadh; ma bhlais sibh gu bheil an Tighearna grasmhor, cuiribh uaibh gach uile mhirun agus gach uile mhealltaireachd, agus chealg agus fhamada, agus gach uile anacainnt, agus mar naoidheana air an ùr bhreith iarraibh bainne fiorghlan an fhocail, chum as gum fas sibh leis, eadhon chum gum fas sibh suas anns na h-uile nithe chum iomhaigh Chriosd, neach is e ceann a chuirp, na h-eaglaise, agus dhe’m bheil gach creidmheach na bhall beo. Ma tha gradh agaibh dhomhsa, coimhidibh m’ aitheanta. Si so aithne an Tighearna Iosa. Ma bhasaich e airson nan uile gu’n robh na h-uile marbh, agus bhasaich e, chum iadsan tha beo, nach biodh iad a so suas beo dhoibh fein, ach dhasan a dh’ fhuiling am bas air an son agus a dh’ eirich a ris. Cha leibh fein sibh, oir cheannachadh le luach sibh, uime sin gloraichibh Dia le bhuir cuirp agus bhuir spioraid, a ‘s le Dia. Air fhios so bhi againn gu bheil ur seann duine air a cheusadh maraon ris, ionns gum biodh corp a pheacaidh air a sgrios, chum a so suas nach deanamaid seirbheis do ‘n pheacadh; Oir tha fior chriosduighean marbh, agus tha am beatha foluichte maillle ri Criosd ann an Dia. Uime-sin ma dh’ eirich sibh maillle ri Criosd, iarraibh na nithe a ta shuas, far am bheil Criosd na shuidhe aig deis laimh Dhe. Suidhichibh ur n’ aigne air na nithe a ta shuas, agus ni h-ann air na nithe a ta air thalamh. Agus smuaintichibh ciod a ghne dhaoinn bu choir bhia nn am muintir thaghta an Tighearna, anns na h-uile caithe-beatha naomha, agus diadhachd.

II.—Ainmichidh mi cuid de theachaireachd airidh tha ‘n Tighearna cuir a dh’ ionnsuidh caochladh de mhuintir, a dh’ fheudas an leabran so a leughadh, na eisdeachd.
Tha agam teachdaireachd o Dhia a d’ ionnsuidhsa tha fathast òg. Cuimh-nich a nis do Chruithfhear ann an laithibh t’ oige, mu’n d’thig na droch laithean, agus an druid na bliadhnacha riut, anns an abair thu, cha ‘n ‘eil tlachd agam annta. Iarr an Tighearna am feadh a ta e ri fhaotainn; gairm air am feadh a ta e’m fagus; oir thubhairt gliocas Dhia. “Iadsan aig am bheil gradh dhomh, gradhaichidh mi, agus iadsan a dh’ iarras mi gu moch gheibh iad mi.”
A pheacaich aosda, tha teachdaireachd agam o Dhia a d’ ionnsuidhsa. “A chionn nach eil breitheanas an aghaidh dhroch oibre air a chur an gniomh gu luath, uime sin tha cridhe chloinn nan daoinn lan-shuidhichte air olc a dheanadh.” “Ge do ni peacach olc ceud uair agus gu’n sinear a laithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gu’n eirich gu maith dhoibhsan air am bi eagal De, air am bi eagal na lathair. Ach cha ‘n eirich gu maith
do ‘n aingidh. Ach biodh am peacach a ruigeas ceud bliadhna dh’ aos malluichte.” Eccles. viii. 11-13.

A dhuiine aineolaich ‘tha gabhail do leithsgeul fein airson dith t’ eolais, na eusbhuidh t’ fhoghllum, ge do tha thu glic gu leor gu olc a chuir an gnomh, ach maith a dheanadh, cha ‘n aithne dhuit. Tha teachdaireachd agam o Dhia a d’ ionnsuidhsa. Gu’m biodh an t’ anam gun eolas cha ‘n eil e maith: oir a ta mòran ‘dol a’ mugh a dh’ easbhuidh eolais, agus tilgear do dh’ ifrinn na h-aingidh, agus iadsan aig nach eil eolas air Dia.

Thusa ‘ta glic ann a d’ shuilbh féin agus tuigseach ann a d’ bharaill fein, tha teachdaireachd agam o Dhia dhuit. Na mealladh duine sam bith e fein, ma shaoileas neach air bith e fein bhi glic san t-saoghal so, biodh e na amadan, chum ‘s gu ‘m bi e glic, oir is amaideachd aig Dia gliocas an t-shaoghail so. Uime sin na deanadh an duine glic uaill na ghliocas, no ‘n duine laidir ‘na neart, no an duine saibhir na shaibhreas; ach an ti ni uaill, deananh e uaill anns an Tighearna, gu ‘m bheil e a’ tuig-sinn, ‘s gu ‘m bheil eolas aig air an Tighearna gu ‘m bheil e a’ nochdadh caoimhneas gràidh agus breitheanas’ agus a gabhail tlachd ann an co-reite agus ardachadh a bhuaidean glormhoir fein trid crann-ceusaidh Chriosd. A Pheacaich dhana, da’m bu ghnàth a bhi deanamh fochaid air peacadh, agus a bhi guidhe damnaidh, mar gu ‘m biodh e deanamh maillle: Tha teachdaireachd agam o Dhia a t’ ionnsuidh. An urradh do chridhe fulang no ‘n urradh do lamhan a bhi laidir anns an la am buin e ruit—anns an taisbeanar e na Bhreitheamh feargach? Co ghabhas comhnuidh maillle ri teine miltteach? Co a ghabhas comhnuidh maillle ri lasraichibh siorruidh? Ge d’ chomhdaichear thu le uchd-eididh iarunn, agus ge d’ bhiodh do chridhe neo-mhooth-achail mar a chlach adamaint, gu cinnteach, bheir esan a rinn thu, air a chlaidheamh dol tromhad, agus òlaidh saighdean an Uile-Chumhachdaich suas do spiorad. O! is ni eagalach tuiteam ann an lamhaibh an Dé bheo.

Fhoirmalaich! Tha ga d’ mhealladh fein le aoradh faicsinn-each, ge d’ tha thu a d’ choigreach do ghras ath-nuadhaidh Dhé: Tha teachdaireachd agam o Dhia a d’ ionnsuidh. ‘Séigin duit a bhi air do bhreith a ris, air neo cha d’ théid thu a steach do rioghachd Dhé. Cha chriosduidh esan a tha air a bhaisteadh amhain, no aig am bheil eolas na litir mu’n chreideamh Chriosd-aidh, ach esan aig am bheil a chridhe air a thiomchioll-ghearradh a ghradhachadh an Tighearna; esan a ta air a dheanamh na fhear comh-pairt de ‘n t-soisgeul, agus a ta air aonadh ris an Tighearna, air ‘leithid a dhoigh as gu ‘m bheil e a dh’ aon spiorad ris—gu ‘m bheil dearbh inntinn Chriosd aige.

O! Thusa tha dol mun cuairt a dhaingneachadh t’ fhireantachd fein, tha teachdaireachd agam o Dhia a d’ ionnsuidhsa. Nach eil fhios agad ciod sam bith tha ‘n lagh a labhairt gur h-ann riusan a ta fuidh’n lagh a ta e ga labhairt; chum gu’n druidear gach uile bheul, agus gu ‘m bi an saoghal uile buailteach do dhiteadh Dhe;
uime sin cha bhi feoil sam bith air a freanachadh am fianuis De, tre oibre an lagha, oir is ann tre ‘n lagh a ta eolas peacaidh. Mur eil thu uime sin aineolach air fior cheartas agus naomhachd naduir Dhe, agus farsuingeachd a lagha, geildh tu ann an rathad iros-lachaidh do ‘n doigh a shonruich Dia chum ruigheachd air slainte shiorruidh t’ anama. A nis, a leughadair, tha sinn a dealachadh; math dh’ fhaoidhte nach coinnich sinn gu latha na mor dheuch-ainn, co dhiu a sheasas tusa air an laimh dheis na chli, chi thu mise an sin air an dara taobh, cuimhnichidh tu gu ‘n do scriobh mi a d’ ionnsuidh am paipeir so ann an ainn an Ti sin a bheir breith chothromach ortsa agus ormsa. Gu’n d’ thugadh an Tighearna gliocas duit gu deadh bhuil a dheanadh do na h-earrailean, agus na comhairelean a chuir mi an so a d’ ionnsuidh. Beannachd leat. Gu’n robh an Tighearna trid a Spioraid maillle ruit. Amen.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice