Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1912 » July 1912 » Cunntas mu’n D’usgadh Spioradail ann an Sgireachd Khilsyth

Cunntas mu’n D’usgadh Spioradail ann an Sgireachd Khilsyth

AIR A THARRUING AMACH LE MAIGH’STIR BURNS, MINISTIR NA
SGIREACHD, AIR IARRTAS PRESBITRI, GHLASCHU.

AIR iarrtas mo bhràith’rean ann an Presbitri Ghlascchu, bheir mi oidhirp air suim a chunntais a thug mi dhoibh aig an coinneamh mu dheireadh, mu’n Dusgadh spioradail a tha dol air adhart ‘san sgireachd so, a chur an sgiobhadh. Agus air tús, theirinn, mur a chaidh cheana chur an ceill, anns an àireamh mu dheireadh do Theachdaire na h-Eaglais am Missionary Record, gu robh comharan r’am faicinn roimh laimh, gu sonruichte o chionn dha no tri bhliadhnaich, air beothachadh spioradail am measg an t-sluaigh so; gidheadh na dheigh sin uile faodaidh sinn a radh, mu’n t-sealladh mhiorthbuilleach a chunnaic sin, agus mu’n obair air am bheil sinn an tràth na’r fianuisean gach là, “Nuair a thug an Tighearn air ais ar braighdeanas, bha sinn mar dhaoine a chunnaic aisling.” Tha sinn mar gu bithamaid air ar dusgadh, an deigh dhuiinn bhi ann an suain faisg air cuig-fichead bliadhna.

‘Sann gu neo-thoileach tha mi ri tighinn thairis a ris air cuid do na nithibh a’ dh’ainnich mi, air eagal gum bi tuille ‘s a chòir do chudthrom air a leigeil air pàirt diubh; ach, cha’n’eil e ceadaicte dhomh a bheag sam bith a chumail air ais do na labhair mi an sin, agus tha cuid do nithibh nach robh air an toirt air an aghaidh aig an am sin is fheudar dhomh ‘nis a dheanamh follaiseach.

Bha mi air mo shocraichadh mar mhinisteir na Sgireachd so air an naothamh-là-deug do mhios mu dheireadh an Earraich ‘sa bhliadhna, 1821. Thoisch mi air obair na ministeirealachd “ann an anmhuineachd agus ann an eagal agus am mor chrith.”* Chunnaic mi gleann àluinn rotham, cosmhuil ri gleann Shòdoim, beartach agus air a dheadh uisgeachadh; ach mo thruaighe! bha e tuille is coltach ris, thaobh nithe spioradail agus caithe-beatha a luchd-àiteachaidh. Gidheadh, bha tuille is aon Lot, seadh tuille is aon Iacob ann, a bha ri ùrnuigh, agus “a gleachdadh” airson teachd athbheothachaidh nam measg. Be so gu tric athchuinge a mhinisteir a bha rotham, air chor ‘s gu robh cluasan an t-sluaigh air an cleachdadh ris. Bha iad a’ meas mar onair ainmean, agus uaghean an aithrichean a bhi marso air an togail suas, agus air an deanamh measail, ged nach robh iad fein, mo-thruaighe! a’ glusad ‘nan ceumannan.

Se am bicheantas, a cheud ni gus an tionndadh ministeir aire, air dha bhi air a shuidheachadh ann an Sgireachd, dol a dh’amharc gach teaghlach fa-leth. Ann an cuairteachadh an dleasnais so, dh’fhiosraich mi moran caoimhneis o gach inbhe dhaoine, ni a tha tachairt rium o bhliadhna gu bliadhna uath sin. O’n coltas

* Be so a cheud steigh-theagaig o’n do shearmaonaich mi mar mhinisteir Khilsyth.

‘san Eaglais cuideachd, agus an gluasad sòleimte, agus an ùrnuigh-ean air tòraichean, bha mi’n dòchus gu robh tuille diadhaidheachd ‘nam meag na bha mi’n toiseach a baralachadh; ach, mu choinneamh nan comharan taitneach sin, bha moran moran diùbh nach robh a cleachdadh dol do dh’ait-aoraidh sam bith, agus bha misg is mi-stuama ro-chumanta; mar-an-ceudna bha na peacanna so tuille is suarrach ann an sùilean mhoran eadhon diùbh-san air an robh coltas na diadhaidheachd. Thug so orm smaointeachadh air briathran ar Slanuighear, “Do bhrigh gu’m bi an eucoir air a meudachadh, fuaraichidh gradh mhoran.” Mat. xxiv. 12.

Cha robh thar ceithir no cuig coinneamhan airson ùrnuigh, aig an am so, anns an sgireachd air fad; bha aon diùbh sin, a bha air a deanamh suas do bhuill an t-seisein a sheas o’ laithean an Urramaich Robe.* Anns a bhliadhna 1828, thoisich mi ri feasgar do gach seachduin a chur air leth chnm buidheann do’n ogridh a theagasg (bha Sgoilean Sàbaid ann o 1809), agus tha ceathrar diùbh-san a bha tighinn thugam a dh’fhaighinn eòlais an sin, nam Foirfich dhileas, eudmhor, agus ro-fheumail aig an am so. Ann an 1826, bha atharrachadh mor air a thoirt mu’n cuairt chum feothais, ann an Sgoilean na Sgireachd: thoisich an Luchd-teagaig ri eòlais spioradail a sparradh le durachd air a ghineal òg cho maith ri eolas aimsireil. Gidheadh ann an 1829, bhris aingidheachd amach air mhodh ro-uamharra agus mi-ghnathaichte, a thoisich le tuasaidean misgeach. Air toirt fainear dha so, le mor dhoilghios, mheas seisean na h-Eaglais feumail la’ a chur air leth airson traig agus urnuigh, agus rinn iad aithnichte do’n t-slugh an t-aobhar a bh’aca airson so a dheanamh. Bha e gu ro-shòleimte air a thoirt fainear, agus bu ni soilleir, gun do shruth beannachd uaith. Anns a bhliadhna 1832, thainig an cholera do’n duthaich. Chunnaic sinn neul dubh a briseadh ‘n ar coimhearsnachd air baile Khrinkintulloch; agus bha’n sluaigh againn mar gum biodh iad a reusonachadh nam meag fein mar so, “Co aca is ann o’n ear no ‘n iar atahà ‘phlaigh so, no, ge be sam bith is mathair-aobhar dhi, faodaich sinne bhi cinnteach nach seachainn i sinn-fein.” (Gidheadh cha d’thainig i riabh ni b-fhaisge dhunnn.) Bha coinneamhan againn gach seachduin, ‘san am so airson urnuigh, araon ‘sa Bhaile, agus anns an da Bharoni, a bha ‘m bicheantas air an domhlachadh le daoine fo churam gu ‘m faodadh am bas breith orra, gun iad a bhi ullaichte air a shon; agus bha moran a ‘gabhail comhairle mu’n doigh a b’fhearr chum an gallar millteach so a chumail uatha. An uine ghoirid thoisich an iomgain ri traoghadh agus dh’fhas na coinneamhan urnuigh ni bu tainne. Tha mi ga fhaicinn air a chur sios a’ m’leabhar-cuimhne air 13 la do cheud mhios an t Samhraid, 1832, “Thugadh fios an diugh gum biodh coinneamh gu goirid air a cumail chum urnuigh a chur suas airson ath-bheothachadh diadhaidheachd.” Bha searmoin air an liuthairt

* ‘San fo mhinstirealachd an duin-uasail so bha an dusgadh ainmeil a thachair ann Kilsytn o cheann fogus do cheud bliadhna.

roimh laimh mu’n chuis; agus aig an am so cuideachd, thoisich sinn ri leabhraín a thoirt seachad uair ‘sa mhios, agus bha dichioll air a dheanamh chum stad a chur air misg, agus a thoirt air an t-slugh an adhlaicean a dheanamh gun seirbhís sam bith eile ach urnuigh. An am mios meadhonach an Earraich, 1826, an deigh a chomanachaidh bha coinneamh air a cumail ‘san Eaglais * chum urnuigh, gu h-aid, airson ath-bheothachaidh creidimh n’ar measg (bha searmoin air a liuthairt mu’n ni so air an Di-mairt roimhesin) agus an deigh an am so thoisich moran do bhuill na h-Eaglais ri cruinneachadh ann an tigean a cheile airson urnuigh. Car na h-urrad do bhliadhnachan bha cail-eigin do dhusgadh a dol air adhart fo shearmonachadh na dream ris an abrar Methodists; agus chuir ministir na Relief, mar-an-ceudna, coinneamhan air an cois mu’n am so airson an aon aobhair. Bha searmoin na uairean air a liuthairt ‘san Eaglais againn air feasgar na Sàbaid, agus tha sinn a cleachdadh so na h-uile Sàbaid o chionn tri bliadhna. Thaing moran do dhaoine bochd a dh’ eisdeachd ‘san fheasgar nach b’urrainn duinn a thoirt amach aig na h-amannaibh suidhichte; agus tha cuid ag aideachadh gur e so an rathad anns an robh iad an toiseach air an toirt fo churam. Tha aireamh nach gann, mar-an-ceudna, ag aideachadh gur ann aig na coinneamhan urnuigh, thoisich an Fhirinn ri drùghadh air an cridhe; agus tha searmoin a bha air an liuthairt anns a chladh o chionn bliadhna le Maighstir Somerville, minister, Anderston, agus leam fein, gutric air an ainmeachadh mar mheadhonan a bha air am beannachadh chum dùsgaidh agus beothachaidh do mhoran. Gidheadh na dheigh so uile, agus comharan taitneach eile dh’ fhaoduin ainmeachadh, cha b’ann gu Dia-màirt an 23 la’ do mhios mu dheireadh an t-Samhraidh a bha e soilleir, gun teagamh, gun d’thaing fior-bheothachadh spioradail n’ar measg.

Bha an Comanach, mar a b’abhaist, air an treas Sàbaid, agus air an 21 là do’n mhios. Bha fios air a thoirt do’n cho’-thional Disathuirne gu robh toil aig a mhinistear labhairt ri ‘mheud dhiubh ‘s a bha fo churam ma’n anmaibh, oir thaing dithis no triuir ga’m ionnsuidh roimh an am sin dhiubh fein. An lorg a chuiridh so, thaing iomadh aon a labhairt rium. Air feasgar Di-luain sheas coinneamh na leth-bhliadn’ do chomunn na Sgireachd a tha cuideachadh ministearan a chur amach do na cinnich, agus shearmonaich Dr. Burns, aon do mhinistearan Phaisley, o bhriathraibh an Fhaidhe Isaiah, Caib lii. 1, “Duisg, Duisg, cur umad do neart o Shioin, cur umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusalem, a chathair naomh,” etc. Thugadh fios gu robh Maighstir U. C. Burns, oganach a shearmonaich uair no dha an am frithealadh an òrduigh le mor-bhuaidh, ri searmoin eile a liuthairt do mhinistir Khilsyth an ath la, a muigh, nam freagaradh an uair. Se bha ‘san amharc, daoiné a tharruing amach nach d’ thigeadh a dh’eisdeachd

* Shearmonaich Maighstir Walker, ministear, Mhuthil. Zec. x. 12, “Agus neartaichidh mi iad,” etc.

aig na h-amannaibh gnathaichte. Bha e aithnichte, cuideachd, gu robh Maigstir U. C. Burns, air ti an t-áite so fhagail airson Dhundeadh agus gun robh e ag ullachadh gu dol amach gu goirid a shearmonachadh an t-soisgeil do na cinnich. Bha an la dorch agus fluch; gidheadh, bha ‘n cruinneachadh an ionad a mhargaidh mor; agus air dhoibh gairm fhaotuinn gu dol do’n Eaglais, cha b’ada gus an robh i cho lan ‘s a chumadh i, eadhon na stairichean, tiomchioll nan dorsan, agus gach àit anns am faigheadh duine-gach seorsa dhaoine, nan eudach cúmanta. Bha ‘n urnuigh sóleimte agus drùighteach; bha an dara caibdeal do Leabhar Gniomhara nan Abstol air a leughadh; agus b’iad briathran an steigh-theagaig, “Bithidh do shluagh ro-thoilleach ann an la do chumhachd.” Salm cx. 3. Tre’n t-searmoin uile bha barrachd cùram air a thoirt fainear ‘san luchd-eisdeachd na tha bicheanta ri fhaicinn; ach, sann goirid mu’n d’thainig e ionnsuidh a’ cho’-dhunaidh, air dha bhi ‘g innse mu ‘n dùsgadh spioradail a thachair an di-luain an deigh a chomanaich, ann an sgìreachd Eaglais Shotts ‘sa bhliadhna 1630, an uair a bha cuig ceud air an iompachadh fo shearmonachadh Maigstir Livingston, aon do nàistin Khilsyth, ‘sann an sin nach b’urrainn an sluagh cumail orra fhein ni b’fhaide. Shruth na deoir, ach beag, o shùilean gach aoin a bha ‘san eisd-eachd; agus bha futhar, aca-san aig an robh sealladh na b’fhearr do’n cho’-theanal na bh’ agam-sa, ris a cheart ni a thachair leth-uair mu ‘n do bhris e mach. Air do’n t-searmaiche steigh-theagaig Mhaigstir Livingston ainmeachadh, “Bheir mi dhuibh cridhe nuadh, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh astigh dhibh,” Esec. xxxvi. 26. Agus air dha a bhi sparradh le dûrachd agus gradh ro-mhor gnothuichean na slainte air a luchd-eisdeachd, a’ guidhe orra, iad a ghabhail ri Criosd, gun dàil, gach aon fa leth air a shon fein—agus a’ cur an ceill cho mor ‘s a bha eagal, air dha bhi deallachduinn riu, gu faodadh e moran dhiùbh fhagail an taobh a mach do Criosd, agus air dha a thoirt fainear gu robh a bhriathran a’ drùghadh orra, is e ag asluchadh air sean agus òg iad a ghabhail ri Criosd airson slainte—an uair a labhair e na facail “as eugmhais na croise cha sealbhaichear an crùn,” b’ann aig an am so, bu mhò a bhris am faraichduinean amach, agus bha sealladh ri fhaicinn air an gann an urrainear cunntas a thoirt. Cha ‘n eil an teagamh is lugh agam o’n toradh a tha ri fhaicinn agus o sheirbhais an la’ so bhi air ainmeachadh le moran mar chion-fàth an atharrachaidh mhoir a thainig air an cridhe is an caith’beatha, gu robh moran aig an am so, air mhodh miorbhuleach agus neo-chumanta, air an toirt gu mothuchadh, agus gu iompachadh le cumhachd an Spioraid Naoimh. Re seal cha b’ urrainear guth an fhir-labhairt a chlùinntinn idir: bha Salm air a sheinn leis a chleireach ‘s e air chrith, agus le pàirt de’n luchd eisdeachd, ‘s na deoir a sruthadh gu frasach o shùilean na cuid bu mho dhiubh. Bha mi nis air mo ghairm le aon de na foirfich a dh’ fhaicinn mna a bha ri urnuigh, ‘s i gu mor air a cràdh: bha na h-urrad diubh-san bu mho a bha fulang air an toirt do sheomar

an t-seisein, far an do chuireadh suas urnuigh leo, am feadh a bha Dr. Burns a’ labhaint ris an t-sluagh ‘san Eaglais, gan comhair-leachadh agus gun seòladh chum obair eifeachdach an Spioraid a leigeil air adhaint ‘san duine an leth stigh, agus gun iad a bhi ‘g earbsadh ris a ghlusad a bha ri fhaicinn an leth a mach.

An deigh dhomh fios a thoirt dhoibh gu bithimid ullamh gu labhaint riusan a bha fo amhghar agus iomgain, agus gu biodh coinneamh ann a ris airson aoraidh aig sè uairean ‘san fheasgar, sgaoil am pobull. Chaidh sinn an sin’ do sheomar an t-seisein a bha cho lan ‘s a b’urrainn e chumail do’n muinntir a bha fo theanntachd anama, agus chuir sinn seachad uine mhaith leo. Fhuair cuid fuasgladh o’n amhghar mu’n do dhealaich sin riu: bha iad sin a’ glusad mur Chriosdughean roimh an am so, ach, cha robh iad “a deanamh gairdeachais an dòchus.” Dh’ fhan feadhain eile ‘san staid iomagannaich anns an robh iad, airson na h-urrad do làithean, agus thainig iad thugam a ris ‘s a ris; ach tha iad anis am bicheantas a’ mealltuinn sith agus dochuis, agus a’ cur an ceill gur e am miann comh-pairt fhaotuinn do shuipeir an Tighearna.

Anns an fheasgar bha ‘n Eaglais a ris cho lan ‘s a chumadh i: Se Maighstir U. C. Burns a shearmonaich, agus ghabh e mar bhonn-teagaig, Mat. xviii. 3, “Gu firinneach tha mi ag ràdh ribh, Mur iompaichear sibh, agus mur bi sibh mar leanabana na thid sibh a steach do rioghachd Dhe,” agus dhruigh an fhirinn fathast ni bu mhò, ged nach robh na h-urrad do ghlùasad corparra ri fhaicinn: be d’urachd an t-searmonaiche gun rachadh fior obair an Spioraid air adhart (cha b’urrainn e àite a dh’ fhas cho taitneach leis fhàgail, agus chaidh Maighstir Lion, ministear, Bhanton do Dhundeadh air a shon). Na dheigh so thainig moran ionnsuidh an tighe againn, gu labhaint mu ‘n anamaibh: agus b’ fheudar dhuiinn coinneamh a chumail ‘san Eaglais gach feasgar, agus air uairibh ‘s a mhadainn. Bha moran againn ri dheanamh, ach, bha an obair priseil, agus gu tric fior-thaitneach. Fhuair, agus tha sinn fhathast a’ faotainn cuideachadh luachmhor o na Foirfich, agus o dhaoin eile a bha ri urnuigh nar measg roimh ‘n am so. Bha esan a fhuair a’ dh’onoir a bhi na mheadhon chum an obair mhor so a dhusgadh gu dian air iarraidh a mach leis gach aon, agus cha robh na h-urrad againn ri dheanamh gus an deachaidh an obair ni b’fhaide air a h-aghaidh. Air Dir-daoin an 25 là de ‘n mhios, air do ‘n uair bhi fabhorach, bha cruinneachadh again an ionad a mhargaidh ionnsuidh an d’thainig sluagh anabarrach mòr, aig leth-uair an deigh sè. O mhullach staidhreach labhair Maighstir U. C. Burns ri corr is tri mile pearsa o briathraibh Dhaibhidh. Salm lxxi. 16, “Theid mi air m’ aghaidh ann an neart an Tighearna De.” Bha faireachduinean an luchd-eisdeachd ro-gheur, agus ged a bha iad a cumail orra fhein mar a dh’ aodadh iad, gidheadh thainig nis ‘s a ris brùchd do ghlusad-inntinn a mach nach b’urrainn iad a chleith: agus ann an aireamh aodana gun chunntas, bha moran curam agus iomgainn ri fhaicinn. Air an la’n mhàir-

each, thainig seisear nigheanan òg fo shè-bliàdh’n-deug a dh’ aois ga’m ionnsuidh, dithis diubh nan dleachdain, a sileadh nan deur, ‘s iad ag iarraidh Chriosd. Bha ‘n sealladh so anabarach druigh-teach ri fhaicinn. Bha Maighstir U. C. Burns a chuid bu mho’ do’n 26 là, a labhàirt ri muinntir a bha fo churam, ann an seomar an t-seisein; agus bha mise agus mo mhac is òige (a tha cur gu bhi na mhinistear) aig an obair cheudna ‘sa Mhanse. Air an ath Shàbaid an 28 là do ‘n mhios, bha ‘n Eaglais air a domhlachadh, agus thugadh fainear nam measg moran do mhnathan gun bhonaitean, ni nach robh ri fhaicinn gus a so, maile ri fir agus clann nan eudach cumanta. Shearmonaich mi o Eabh. Caib. iv. 15. Agus bha coinneamh againn a ris aig tri uairean an deigh mheadhon là ‘sa chladh, far an robh, air a chuid bu lugh, ceithir mile air cruinneachadh. Thug Maighstir U. C. Burns dhoibh searmoin fallain agus druigh-teach o Rom. viii. 1. Chriochnaich e mu chuig uairean; ach, air dha am beannachadh a labhàirt dh’ fhan mù thiomchioll an treas cuid diubh, am measg an robh moran do dh’ ògridh, far an robh iad. Thoisich sinn a nis ra’n ceusnachadh, agus ri labhàirt gu durachdach riu, gus an robh e soilleir gu robh moran diubh air an tiomachadh ‘nan cridhe, agus cuid fo bhuaireas inntinn nach bu bheag air chor ‘s gu do bhuaicaich mis’ agus mo mhac fad a labhàirt riu, a seinn Shalm, agus ag urnuigh a ris ‘s a ris, agus an sluagh fhathast neo-thoilleach falbh. Bha ceathrar dhaoine diadhaidh, dithis diubh nam foirfich a’ cuideachadh leinn aig an am so, agus an traths ‘s a ris ag urnuigh, ni a rinn iad air mhodh ro-thaitneach. Cha b’ann le deoin an luchd-eisdeachd a sguir sinn aig leth-uair an deigh ochd uairean, ged a bha’sinn a’ cur romhainn an coinneachadh a ris aig seachd ‘sa mhaduin ‘san Eaglais. Lean mbran ruinn an uair a bha sinn dol dhaichaidh, agus dh’fhan cuid leinn gus an robh a aon-uair-deug no da-uair-dheug a’ dh’oidheche. An ath là chaidh mi mar a gheall mi ‘sa mhaduin do’n Eaglais, an deigh dhomh taghalt, air an rathad a dh’ fhaicinn mhna aosda a chuala mi anns an dol seachad ri gul agus bròn airson a peacanna, agus eadhon aig an uair mhoich sin fhuair mi o dha gu tri cheud, nan suidhe gu samhach sòleimte featheamh rium: chomh-aontaich sinn ann an urnuigh agus aoradh, agus mhinich mi dhoibh a cheud chuid do’n dara caibdeil do Dhàn Sholaimh. Trid an là bha moran seanachais aguin ri feadhainn a thainig thugainn, araon ‘sa Mhanse, agus ann an seomar an t-seasain. Bha ‘n clag air a bhualadh airson aoraidh aig leth-uair an deigh sè; ach, air do’n Eaglais bi cho lan ‘s a chumadh i roimhe sin, agus urrad eile a cruinneachadh mu na dorsan; b’ fheudar dol do dh-aite a mhargaidh. Shearmonaich Maighstir Somerville, ministear, Anderston, do chomh-theanail domhail a dh’ eisd ris le mor-dhùrachd, be steigh a theagaig briathran Chriosd ‘san 16 caib, do’n t-soisgeul a reir Eoin aig a 14 rann. Air dha criochnachadh, bha mi air mo ghairm a dh’ fhaicinn triuir no cheathrar a bha fo gheur-theanntachd anma agus ghuidh iad gu buanaicheamid ann an urnuigh. Chaidh iad

na dheigh sin a ris don eaglais far an robb cail-eigin do bhuaireas inntinn car tamuil air a nochdadh nam measg; ach ann an uime ghoirrid thainig iad gu suidheachadh inntinn foinseach agus ro-shòleimte, an uair a labhair Maighstir U. C. Burns agus Maighstir Somerville riu, agus a rinn iad urnuigh agus aoradh leo. Air an ath là, aig aon-uair-deug, shearmonaich Maighstir Somerville a ris do chomhtheanal mor’san eaglais. Bha ministear Frangach do ‘n Eaglais athleasaichte comhlaruinn air an là sin, air an do dhruigh an sealladh a chunnaic e gu ro-mhor, agus a dh’earailich an sluagh air mhodh ro-thaitneach.

(Ri leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice