C’HA chomasach a rannsuchadh a mach a nis fuidh dhearbhadh diongmhalta ‘s am bith, air mhodh Eachdraidh chinntich, c’ uin chaidh an creidimh Criosduidh a thoirt a stigh do Alba air tús. Cha bhiodh e ach ‘n a dhiomhanas dhuinn ar taic a leagadh ‘s a’ ghnothuch so air sgeulachdaibh faoine ach beag, a chaidh a sgríobhadh o chionn fada le cuid do shean luchd-Eachdraidh ar Rìoghachd. Tha e ro-shoilleir nach robh aig a’ chuid mhòr dhiubh sin, làn-dearbhachd ‘s am bith mu fhirinn gach iomraidh a rinneadh leo.
Dh’ fheudadh gur h-e an ceud iomradh mu thimchioll so, ris am feud sinn amharc mar ni dearbhta, agus tha a’ nochdadh gu ‘n d’ thàinig an soigeul a stigh co moch d’ ar Tir—ni a chuireadh air chumhne le tìghdair àraid Ròmhanach, Tertullian. Tha esan a’ sgrìobhadh mar so—”Na h-earrannan do ‘n eilean Bhreatannach a dh’ionnsuidh nach d’ fhuair armailtean cogaidh nan Ròmhanach tighinn a stigh, tha nà càrrann sin air tighinn gu bhi ùmhal do Chriosd.” Tha fhios againn gur h-e Alba, agus gu h-àraid Gael-tachd na h-Alba, na h-earrannan sònruichte sin do ‘n Eilean Bhreatannach, a dh’ionnsuidh nach d’ fhuair feachdan cogaidh nan Ròimhe ‘s na linnibh ud tighinn a stigh. Dh’ fhairtlich an ghnothuch sin orra, a dh’ aindeoin an cruadail. Cha ‘n e direach Eachdraidh tha an t-tìghdair so Tertullian a’ sgrìobhadh. Agus cha ‘n fheud sinn gu cothromach an ni tha e ag ainmeachadh a chur an suim mar Eachdraidh làn-dhearbhtha. Ach ‘n uair smuain-icheas sinn air luathas iongantach agus farsuingeachd a’ chomais ruithe sin a fhuair focal firinn an t-soigeil tre fhad agus tre leud Impireachd na Ròimhe, ann an làithibh nan Abstol, no ‘s a’ cheud linn sin, cha ‘n eil e idir neo-choslach nach d’ ráinig e air Breatainn, agus nach d’ fhuair e eadhon tighinn a stigh a measg bheanntan agus ghleanntan na h-Alba, mu thoiseach an dara Ceud bliadhna an deigh am breth an Fhir-Shaoraidh air talamh.
Tha fios, rè thrl cheud bliadhna ach beag, an deigh do Chriosd dol suas, gu ‘n robh geur-lean-mhuinnean uamhasach an aghaidh nan creidmheach a’ briseadh a mach, cha mhòr gun sgrur, air feadh Impireachd na Ròimhe o iomall gu h-iomall. Agus bha crìochan na h-Impireachd sin, ‘s na linnibh ud a’ ruigsinn gu maith dlùth air Breatainn. Bha luchd-leanmhuinn Chriosd ‘s na linnibh ud, a reir na h-àthne a thugadh dhoibh, a’ teicheadh o ionad gu h-ionad: agus is ann gu mòr air a’ mhodh so, tre àrd-uachdaranachd a’ ghliocais shiorruidh tha ag òrduchadh agus a’ ceadachadh gach ni—a bha an Soigeul glòrnmor a’ faotainn comais ruithe. Tha làn-fhios, gu ‘n robh, mar so, an Soigeul air a chur an ceill an taobh a mach do iomallaibh Impireachd na Ròimhe, ann an iomadh càrna do n’ t-saoghal, nach do ghéill idir do ‘n Impireachd mhòir sin. Agus cha chrauidh idir r’ a smuaineachadh, gu ‘m feudadh cuid dhiubh sud bha air an geur-leanmhuinn, ‘s a theich, dion agus fasgadh o ‘n luchd-tòireachd an-iochdmhor, fhaotainn, araon an Alba ‘s an Eirinn. Agus cha ruig sinn a leas bhi ann an teagamh air bith—ge b’ e ionad no cèarna ‘s am faigheadh iad fasgadh, nach oidhirpicheadh iad bhi a’ cur na Firinn an ceill, ‘s bhi ‘g a deanamh aithnichte do gach dream agus fine a measg an d’ fhuaireadh dion agus fasgadh leo. Eadhon rè lintean am buirbe, bha aoidhealachd agus caoimhneas do choigrich ‘n an subhailcibh aig sean shinnireachd ar Dùthcha. Agus cha mhi-chosslach idir, an lorg na fialachd nàdurra so, air a nochdadh do chloinn rioghachd nan gràs, nach d’ fhuair iomadh do luchd-aiteachaidh ar Tire, eadhon ‘s na h-aimsiribh ud, mar ni a dh’ òrduicheadh ann an riaghladh an t-saoir ghràis, eòlas air an fhirinn mar tha i sin ann an Losa Criosd.
Ciod na dòighean fa leth ‘s an do thòisich na coigrich bhochd agus bheannaicht’ ud air teagasg a thoirt do ‘n dream mar so a measg an do chomhbarraicheadh an crannchur dhoibh ann an gliocas Dhé—is ni so, air nach ‘eil dearbh-shoilleireachd chinn-teach air bith againn ann an Eachdraidh. Bhiodh iad, gun teagamh, a’ deanamh mar tha ‘s an là an diugh féin, an luchd-teagasg, no na “Missionaries” tha air a cur a mach leis an Eaglais, a measg fhineachan borba, tha ‘n an luchd-iodhol-aoraidh. Tha cuid do Luchd-eachdraidh a’ cumail a mach, gu ‘n deachaidh a’ chuid mhòr do na coigrich dhiadhaidh ud a null a dh’ Eirinn :— gu ‘n do chruinnich buidheann dhiubh an ceann a chéile ‘s an Tìr sin, ‘s gu ‘n do shuidhicheadh Eaglais leo an Eirinn, a reir an dòigh-rìaghaidh, teagasg, agus oilein a chleachd iad, roimh dhoibh bhi air am fògradh tre gheur-leamhmuinn as an cèarnaibh agus an dùthchannaibh féin. Ged nach ‘eil sinn a’ faicinn gu ‘m bheil làn-bharantas Eachdraidh a’ giùlan so :—tha, gidheadh, caochladh nithe mu thimchioll nan cùisean so air an cur air chuimhne, ann an sean Eachdraidhibh tha air an aideachadh leis na h-uile bhi a giùlan coslais na firinn co dhiubh. Agus, an uair a tha buidheann agus buidheann ag iarruidh, ann an rannsuchadh nan nithe so, cuideachadh a tharruing o shean eachdraidhibh, d’ am beachdaibh sònruichte féin ; tha e ro-fheumail gu stiùirteadh sinn, ann an iomradh a dheanamh orra, gu cothromach, agus go neo-leth-bhreitheach.
Tha, mar thubhairt sinn cheana, iomadh aobhar bhi a’ creidsinn, gu ‘n d’ thàinig an Soisgeul do Alba agus do Eirinn, an taobh stigh do dha cheud bliadhna an deigh do Chriosd bhi air a bhreth o mhnaoi. Agus cha mhi-chosslach idir, eadhon gu ‘n d’ thàinig e rè linn nan abstol. Tha eadhon cuid do luchd-Eachdraidh a’ smuaineachadh gu ‘n do shearmonaicheadh an soisgeul le Pòl, ann am Breatan. Air so, gidheadh, cha ‘n’eil solus eachdraidh againn air mhodh diongmhalta ‘s am bith. Ach, gu h-araid, ‘s an Treasamh ceud bliadhna o linn Chriosd air thalamh, feudar a radh gu ‘m bheil làn-sholus Eachdraidhean a’ nochdadh dhuinn, gu ‘n robh an soisgeul an uair sin, air tighinn a stigh do Alba agus do Eirinn. Ann an àrd-uachdaranachd Dhé, bha gach geur-lean-mhuinn uamhasach a rinneadh ‘s na linnibh ud air Eaglais Chriosd, ‘n am meadthonaibh, an Soisgeul bhi air a chraobh-sgaoileadh, ni ‘s mò agus ni ‘s mò.
Cha ‘n ‘eil, gidheadh, làn-bharantas againn o Eachdraidh air bith, gu ‘n d’ oidhirpich an dream leis an d’thugadh a stigh an Soisgeul do Alba agus do Eirinn air tìs—an am dhoibh tòiseachadh ri a chur an cèill—gu’n d’ oidhirpich iad Riaghlaidh Eaglais air dòigh fhaicsinnich no fharsting ‘s am bith chur air chois. ‘S e tha air a nochdadh le sean eachdraidhibh mu ‘n timchioll, co fad ‘s a dh’ fheudar fhaicinn leinn, gu ‘n do chòmhnuch iad thall ‘s a bhos air feadh na Tire, ann an tomhas mòr gu h uaigneach agus air leth ; gach teach dhiubh ag oidhirpeachadh a réir a chomais ‘s a thiodhlacan, bhi a’ cur na firinn an cèill do ‘n dream mu ‘n cuairt da féin mar choimhearsnaichibh, agus mar fhuair gach teach, ann am mathas Dhé eisdeachd, o luchd-àiteachaidh nan dùthchannan ‘s an robh iad a nis air chuairet.
Co fad ‘s a tha Eachdraidh nan linnean o shean ud, ‘n ar Tìr féin agus an Eirinn, a’ toirt soluis dhuinn ; ‘s ann bha o àm gu h-àm a leithid do shior chonnsachaidhean agus do chogaidhean borba eadar fine agus fine, eadar sluagh agus sluagh, araon an Alba ‘s an Eirinn, ‘s nach coslach gu ‘m faigheadh na daoine diaidhaidh ud, a dh’ aindeoin an euda, mòran comais no saorsa, no cead, bhi a’ suidheachadh riaghailtean Eaglais air bith, air mhodh follaiseach. Is ann bha araon Alba agus Eirinn an uair ud, air an roinn a mach ann an rioghachdaibh beaga fa leth : agus cogaidhean fuitheach gach dara la eadar aon ‘s a h-aon eile dhiubh. Agus mar so, fhad ‘s a bha an Soisgeul fuidh chumhachd gràis, ann an anamaibh fa leth a’ faotainn tomhais soirbheachaidh, rè ùin ‘fhad ; ‘s ann gu h-uaigneach, ach beag, tha aobhar bhi a’ creidsinn, bha e a’ tighinn air aghaidh. Ach, air an dòigh so, tha e gu maith soilleir, gu ‘n do shoirbhich leis ; agus sin gu farsuing, a measg shinnsireachd nan linnean ud ‘n ar Tìr, tre dhìchioll nan creidmheach bochd ud agus na dreama a ghabh, tre ghràs ri an teisteas ; gun chomhairle shuidhichte ‘s am bith bhi aca eatorra féin mu ‘n chùis, ach a mhàin, mar threòraichteadh fuidh ghràs iad ‘n an ionadaibh féin fa leth, “s an aon spiorad,” bhi a’ cur saoibhreis Chriosd an cèill do na cinnich. ‘S an doigh so tha e ro-choslagh, gu ‘n robh an Soisgeul gu maith farsuing air a chur an cèill, agus eadon air ‘aideachadh, am Breatann agus an Eirinn, agus anns na h-eileanaibh timchioll, roimh do Eaglais fhaicsinnich ‘s am bith bhi air a cur suas gu coitchionn a measg luchd-còmh-nuidh ar Tire.
Cha robh an uine, gidheadh, ro fhad, a dh’ aindeoin gach geur-leanmhuinn a fhuair an creidimh air feadh Impireachd na Ròimhe, gus an do bhuadhaich an fhèirinn, agus gus an d’ thàinig an Impireachd mhòr agus fharsting ud air fad, gu bhi ag aideachadh a’ chreidimh Chriosduidh. Sguir, an sin, geur-leanmhuinn rè tamuill. Fhuair an Eaglais a ris, sith o ‘n leth muigh. Ach ma fhuair, cha b’ fhad, mo thruaighe, a ris, gus an do thòisich olc eile—olc agus dòruinn bu truime eadhon no geur-leanmhuinn—cùl-sleamhnachadh farsuing o’ n chreidimh. ‘S ann mu ‘n am sin, a thòisich a nis duine a’ pheacaiddh bhi air a nochdadh. Thòisich cumhachd na Pàpanachd. Ghlac Easbuig na Ròimhe ain-tighearnas os ceann nan Eaglaisean air feadh taobh an Iar na h-Impireachd fharsuing ud; agus o cheum gu ceum, shoirblich leis ‘n a chomhairlibh agus ‘n a as-inneachdaibh truailidh. ‘S e dh’ iarr, a nis, Easbuig na Ròimhe gu ‘m biodh e féin air ‘aideachadh ‘n a Cheann do ‘n Eaglais fhaisinnich air feadh an t-saoghail gu léir. Cia mar a thàinig so gu bhi a’ buadhachadh; cia mar a fhuaireadh daoine air an glacadh ann an ribbh a’ mhillidh eagalaich so, cha ruigeadh ar cothrom, ann an géarr-iomradh ‘s am bith mar so, a chur gu farsuing an ceill. Ach feudaidh sinn, direach a thoirt fainear, gu ‘n d’ fhuaireadh, eadhon ‘s na h-amannaibh ud, mar gheibhear anns gach linn do ‘n t-saoghail, ach a mhàin mar bhacar tre ghràs e—gràdh an t-saoghail a ta làthair, a’ rioghachadh ann an aignbh luchd-aideachaidh na firinn o’n leth muigh; mar Luchd-dreuchd agus mar bhuill Eaglais, agus mar luchd-riaghlaidh ann an inbhibh saoghalta. Dh’ éirich, mar so, cumhachd na Pàpanachd; agus cha b’ fhad a gus an do mhothaicheadh an cumhachd truailidh so, eadhon an Alba, air feadh Bhreatainn, agus na h-Eirinn.
A réir Eachdraidh àraid, a sgriobhadh leis an àrd-Easbuig Ùsher—(duine diadhaidh, ro-fhoghluitme an Eirinn), chuir Easbuig na Ròimhe teachdair, no duine mòr, d’ am b’ ainm Palladius, “a dh’ ionnsuidh luchd-àiteachaidh na h-Alba a bha creidsinn ann an Crìosd,” ‘s a’ bliadhna o bheith an t-Slànughir, 431.—Tha cuid do luchd-Eachdraidh a’ cumail a mach, gur h-ann do Eirinn a mhain, a chuireadh an duine so le Easbuig na Ròimhe: agus gur h-ann a chuireadh e gu bhi ‘n a Ard-Easbuig air Eaglais na h-Eirinn. Tha e dearbhta co dhiubh gu ‘n d’ thàinig an duine ceudna do Alba; agus gu ‘n do bhàsaich e aig Fordun, air Ghalldachd, dlùth air siorramachd Abair-eadhoin. Ged nach ‘eil làn-shoillearachd Eachdraidh againn air na croichaibh araid bha aig Easbuig na Ròimhe ‘n a amharc, ‘s an duine so a chur air theachdaireachd do Eirinn agus do Alba; tha ni ‘s leòir air a leigeil ris dhuinn, gu a nochdadh gu ‘n robh aon ni àraid ‘n a amharc: agus ‘s e sin, Eaglaisean na h-Alba agus na h-Eirinn a thoirt mar dh’ fheudadh e, gus an aon ghìnè shuidheachaidh agus riaghailt ‘s a bha a nis Easbuig na Ròimhe ag iarruidh gu ‘n geilleadh gach aon Eaglais ‘s am bith dhoibh. Cha robh, fathast an t-ainm Pàpa, air a thoirt do Easbuig na Ròimhe ‘s an là ud. Tha e soilleir gur h-e so a’ cheud ghnòthuch a bha eadar Easbuig na Ròimhe agus Eaglaisean na h-Alba ‘s na h-Eirinn.
Tha cuid do luchd-eachdraidh, a ris, a’ cumail a mach, an deigh Phalladius, gu ‘n robh duin’ ainmeil àraid eile, air a choisrigeadh le Easbuig na Ròimhe, mar àrd-Easbuig os ceann Eaglais na h-Eirinn, an Naomh Pàdruig, mar theirear ris a measg Phàpanach na h-Eirinn fathast; agus an uine dha fhichead bliadhna gu ‘n robh luchd-àiteachaidh na h-Eirinn uile air an tionndadh leis chum a’ chreidimh. Ach, tha làn-dearbhaidhean againn ann an Eachdraidhibh eile an aghaidh so. Cha ‘n ‘eil dearbhaidhean air bith againn ann an aon Eachdraidh, càrdeas no gnothuch idir bhi eadar an duine so agus Eaglais na Ròimhe. Tha na h-uile h-aobhair bhi a’ creidsinn gur h-ann a mach á Alba chaidh an duine so; agus an teagasg a thug e seachad an Eirinn, gu ‘n d’ fhoghlum e fein e an Alba. Agus ciod e am fonn-suidheachaidh agus riaghlaidh-Eaglais a chuir e air chois; tha so air a dheanamh aithnichte ni ‘s leòir, le Eachdraidh an duine fhoghlumte urramaich sin a dh’ainmich sinn cheana, an t-àrd-Easbuig Usher. “Tha sinn a’leughadh,”—deir e, “ann an eachdraidh Nennius, gu ‘n do shuidhich an Naomh Pàdruig an Eirinn Trì cheud trì fichead ‘s a’ chìg Eaglais; agus gu ‘n do choisrig, no gu’n do chuireadh air leth leis a chum na dreuchd, Trì cheud trì fichead ‘s a’ cùig Easbuig, a thuilleadh air Trì mile fear-cléire,” (no seanair). A nis, ma ‘s e ‘s gu ‘n robh Easbuig fa choinneamh gach Eaglais; agus ma ‘s e agus gu ‘n robh a leithid sud do àireamh luchd-cléire, air an cur air leth; mu ochdnar do gach easbuig; tha so ‘g a fhágail làn-shoillear dhuinn, nach b’ i an Eaglais Easbuigeach a chuireadh air chois an Eirinn idir leis an Naomh Pàdruig. Tha fios gur h-e suidheachadh agus dòigh na h-Eaglais sin, eadhon o shean, na h-Easbuigean bhi ‘n an daoinibh mòra, aig am bheil tighearnas os ceann iomadh Eaglais fa leth. Agus a leithid sud a dh’ àireamh luchd-cléire, no sheanairean bhi auns gach aon Eaglais, no anns gach coimhthional; so ni nach ‘eil idir air ‘òrduchadh no air a cheadachadh, ann an Eaglais nan Easbuig. Agus ‘n uair tha sinn a’ coinneachadh an duin’ urramaich sin Usher, a bha e féin do ‘n Eaglais Easbuigeach, ag aideachadh gu’ m b’ e sud suidheachadh na h-Eaglais ann an Eirinn a chuireadh air chois leis an Naomh Pàdruig—tha so ‘n a dhearbhaidh nach beag dhuinn, nach b’ i an Eaglais Easbuigeach, a chunncas leis an Naomh Pàdruig an Alba; ach an t-aon suidheachadh ceudna agus an dòigh-riaghlaidh Eaglais ‘s a tha a nis, eadhon fathast, air ‘eideachadh ann an Alba, o ‘n leth muigh. B’ i Eaglais nan Easbuig dòigh-riaghlaidh Eaglais na Ròimhe o a t’is, ‘s a tha fathast air a chumail suas inntne sin, mar ann an Eaglais Shasuin. Agus ge b’ e mar shoirbhich le Palladius a theachdaireachd-sa, an Alba no ‘n Eirinn, agus gur h-ann an dèigh a là-sa, chaidh an Naomh Pàdruig a null do Eirinn; tha e soilleir, nach do chinnich le Palladius an Eaglais a bha ‘n uair sin an Alba, a thoirt gu dòigh-riaghlaidh no frithealaidh Eaglais na Ròimhe aideachadh no a chleachdadh.
Agus tha sinn ag ainmeachadh so uile, do bhrigh agus gu ‘m faighear araon Pàpanaich agus luchd-Eaglais Shasuin a gnath dian ni ‘s leoir ‘n am beachdaibh féin, a’ cumail a mach gu ‘n do thòisich dòigh-riaghlaidh Eaglais na h-Alba a mhàin an làithibh Knox, agus aig àm an Ath-leasachaidh. Ma tha an dòigh-riaghlaidh a réir nan Sgiobtur, is e sin an gnothuch a ‘s mò, ge b’ e àm no meadhonan tre an do shuidhicheadh e. Ach, ged ‘eil iomradh agus Eachdraidhean cheud linnean an t-Soisgeil ‘n ar Tir, neo-iomlan gun teagamh ; gidheadh, tha ni ‘s leòir anns na h-eachdraidhibh sin, gu a leigeil ris dhuinn, nach b’ e dòigh Eaglais nan Easbuig, an ceud suidheachadh, no dòigh-riaghlaidh Eaglais a bhuadhaich ann an Alba ; ach gu ‘n robh am Fear-teagaisg agus an Seisinn, no an cuid seanar féin, aig gach coimthional fa leth, anns gach cèarna, eadhon ‘s na linnibh ud, far an do ghabh an sluagh ri teaeasgaibh an t-Soisgeil.
Ach thig sinn a nis air aghaidh, gu bhi deanamh iomraidh aithghearr air aimsiribh, agus air chùisibh mu ‘m bheil tuilleadh do sholus Eachdraidh mar chuideachadh againn.
Dh’ ainnich sinn cheana, gu ‘m b’ ann le daoibh bha air am fògradh tre gheur-leanmhuinn a mach thar iomallan Impireachd na Ròimhe, bha an Soisgeul air tìs, air a shearmonachadh, no air a shuidheachadh a measg luchd-àiteachadh na h-Alba, agus gu h-àraid ann an criochaibh Gàidhealtachd na h-Alba ; cèaran nach d’fhuair cumhachd cogaidh agus ceannsachaidh nan Ròmhanach an toirt fuidh chìs dhoibh féin. Tha làn-shoilleireachd againn eadhon o eachdraidhibh nan Ròmhanach féin, gu ‘m b’ iad na h-earrannan sò gu h-àraid—Gàidhealtachd na .h-Alba. Tha e aithnichte gu ‘n robh an luchd-teagaisg ud, a thàinig do Alba, air an sloinneadh le luchd-eachdraidh fuidh ainn àraid—’s e sin, na Cùil-dé-ich ; no mar sgriobhar ‘s a’ Bheurla e, “Culdees.” Tha iomadh mineachadh air oidhirpeachadh air an ainn féin. Tha cuid a their gu ‘m bheil an t-ainm air a tharruing o dhà fhocal ‘s an Laidinn—Cultores Dei—’s e sin, Luchd-aoraidh Dhé. Their cuid eile, gu ‘m bheil an t-ainm air a tharruing o dha fhocal ‘n ar cànain féin—Gille Dé—no seirbhiseach Dhé : agus cuid eile a their, gu ‘m bheil e o aon fhocal eile ‘n ar cànain—Cùildich, o ‘n fhocal Cùil, no Ceal, a’ ciallachadh, mar is aithne dhuinn, ionad uaigneach, no aonaranach. Tha e gu maith coslach gu ‘n d’ éirich an t-ainm, no ‘n sloinneadh o ‘n dà aobhar maraon—an comh-nuidh bhi aca mar bu trice ann an ionadaibh uaigneach na dùthcha ; agus mar an ceudna gu ‘n d’ aidicheadh leis na h-uile iad bhi ‘n an luchdseirbhais Dhé, ‘n an caithe-beatha diadhaidh, mar le an teagasg.
Tha fios gu ‘n do ghabh iad seilbh gu moch ann an Eilean I, no I-Challum-cille, mar shloinnear gu coitichonn. B’ e an t-eilean sin an t-ionad ‘s an do shuidhich iad an ceud chòmhnuidh, no anns an robh aca an àrd-ionad-teagaisg agus riaghlaidh. Tha iomadh ni ris am feudadh sinn amharc gu còthromach mar aobharaibh dh’ fheudadh an treòrachadh chum an eilein bhig ud. Cha mhi-choslagh idir nach d’ thàinig ionadh cruaidh-chàs ‘n an caraibh, an déigh dhoibh an toiseach tighinn a dh’ Alba. Cha ‘n urrainn sinn smuaineachadh nach robh an sluagh a measg an d’ thàinig iad, ‘s na làithibh ud, ann an tomhas mòr, borb agus mi-riaghailteach. B’ e cogaidhean, airmhreit, agus connsachaidean, cleachdamh na dùthcha. Bu mhaith leis na Cùil-dé-ich, agus cha b’ iongnadh e, ionad bhi aca, a dh’ionnsuidh am feudadh iad teicheadh, ann an amaibh trioblaideach. Bha, anns na linnibh ud, dlùth-chomunn air iomadh dòigh eadar Eirinn agus Alba. ‘S ann a mach á Eirinn a thàinig sluagh àraid, a bha ‘n uair sin air an còmhnuidh a ghabhail ‘s an Earrraghàidheal, agus taobh an iar Gàidhealtachd na h-Alba ach beag air fad. Bha an t-eilean so, I-Challum-cille, co-ionnan freagarrach ach beag, araon do Eirinn agus do Alba. Bha e furasda dhoibh dol no tighinn do gach aon d’ an dà thir. Mar so, ghabh iad an còmhnuidh ann ; agus is ann an sin air tìs, tha aobhar againn a chreidsinn a chuireadh air chois an dòigh-rìaghlaidh Eaglais sin, an dara cuid a dh’ fhoghlumadh leo anns na h-Eaglaisibh, no anns na càrnaibh as an d’ fhògradh a mach iad le geur leanmhuinn, no mar a theagaigeadh an Soiseul e féin do dhaoinibh simplidh, aon-chridheach, agus aon-fhillte ann an eòlas na Fìrinn, a chur air chois.
An Fhianuis.