MU Eachdraidh nan Cuil-dé-each, mar dh’ainmich sinn ‘s a’ chaibidil mu dheireadh, is e an ceud iomradh cinnteach tha againn mu ‘n déighinn, na tha ann an sean Eachdraidhibh, air a sgrìobhadh mu Challum-cille, ceann na buidhne a ghabh seilbh ‘s an Eilean, a chaidh mar so a shlòinneadh air féin—I-Challum-cille. B’ann do mbuinntr na h-Eirinn e; agus a réir nan Eachdraidh tha againn air, bha e air tighinn o theaghlach rioghail ‘s an Tìr sin. Tha Eachdraidh a’ giulan gu ‘n do thog e Abaid, ‘s an Eilein ud, ann am bliadhna an t-Slanuigh-fhir 563; agus gu ‘m b’e féin an ceud Aba. Tha e air innseadh gu ‘n d’ thug e a nall á Eirinn dà dhuine dheug, a bha ‘n an companach maille ris ‘n a shaotharaibh; agus nach robh uachdaranachd ‘s am bith eile aig’ os an ceann, ach a mhàin e bhi ‘n a Cheann-suidhe aca ‘n an comhairle. Cha ‘n ‘eil fianuis no iomradh, ‘s am bith ann an Eachdraidh, mu ainm no dreuchd Easbuig bhi aige air doigh ‘s am bith, a réir seadh coitchionn an ainme sin. Bha, gu soilleir an comhairle ‘s an suidheachadh aca mar tha aig gach Cleir eile d’ar n-Eaglais gus an là an diugh—an Ceann-suidhe féin aca; no mar theirear ‘s a’ Bheurla, “Moderator”; a mhàin gu robh an oifig so aig an aon neach, an àite mar chleachdar a nis, ministeir mu seach do ‘n chleir bhi ‘s an oifig so, car bliadhna no leth-bhliadh’n. Cha ‘n ‘eil an t-iomradh a ‘s lugha, gu ‘n deachaidh riamh an duin’ ainmeil ud, no aon do na daoine a thàinig ‘n a àit an deigh a bhàis, an I-Challum-cille, a choisrigeadh no chur air leth mar Easbuig, no chum dreuchd no oifig ‘s am bith d’ am buineadh uachdaranachd no comas riaghlaidh os ceann chaich. Tha fear do cheud luchdeachdraidh na h-Eaglais Shasunnaich, “Bede, an t-urramach” mar theirear ris, a’ deanamh so aithnichte. A’ sgrìobhadh mu ‘n dreuchd a bha mar so a meag nan Cuil-deach tha e a’ labhairt uimpe mar ni “neo-àbhaiseach,” do bhrigh ‘s gu ‘n do chleachd e féin bhi a’ faicinn a mhain òrdugh agus suidheachadh Eaglais nan Easbuig. Is fù ainnmeachadh mar an ceudna, gu ‘m b’ e da fhear dheug àireamh na Cléire bha aca an I-Challum-cille; agus is e an t’àireamh ceudna a ghleidh na Cuil-dé-ich, anns gach ionad eile do ‘n Tìr, far an do ghabh iad an comhnuidh an deigh sud. Is e a ‘s coslaiche, gu ‘n do lean iad an dòigh-suidheachaidh so, o urram bhi aca do àireamh nan abstol, aig an robh an da fhear dheug ‘n an comhairle, ri àm suidheachaidh Eaglais fhaicsinnich an t-Soisgeil. Agus tha so fein a’ leigeil fhaicinn duinn, gu ‘n d’ thainig na Cuil-de-ich a stigh do Alba, gu moch an linn an t-soisgeil air thalamh, ‘n uair nach d’ atharraicheadh, ‘s nach do thruailleadh fathast, simplidheachd na h-Eaglais; agus roimh do òrdugh no do dhreuchd Easbuig bhi air ‘fhaicinn no air ‘aideachadh innte: no, direach gu ‘n do lean na Cuil-de-ich ri riaghailt nan Sgriobtur, co dlùth ‘s a bha ‘n an comas, a thaobh riaghailtean-suidheachaidh agus riaghlaidh Eaglais. Agus tha dearbhadh eile air so, ged theirear le luchd-eachdraidh—Manaich—riutha gu tric (‘s e sin luchd-dreuchd Eaglais d’ am bheil am pòsadh air a thoirmesg le Eaglais na Ròimhe), gu ‘n robh na Cuil-de-ich ‘n an daoinibh pòsda mar bu trice; oir tha sinn a’ faotainn dearbhadh o Eachdraidhibh, gu ‘n robh an cuid mac gu tric a’ tighinn ‘n an àit, an deigh bàis an aithrichean, ‘s an dreuchd cheudna. Agus o so uile, ‘s gann a ghabhas e seachnad idir dhuinn, fhaicinn, gu ‘n d’ thainig air tús, na daoiné diadhaidh so a stigh do Alba, o ionadaibh, agus aig àm, anns nach do thruailleadh fathast an Eaglais Chriosduidh, o bhi a’ leantuin theagasgan agus chleachdaimhean nan abstol, agus na dreama sin a thainig direach ‘n an lorg-sa. Agus mar so, ‘s e ‘s coslaiche, gu ‘n d’ thainig an Soisgeul a stigh do Alba, ‘s an dara ceud bliadhna do linn an t-Slànuigh-fhir.
Mu ‘n tomhas soirbheachaidh a fhuair na Cuil-de-ich a measg luchd-àiteachaidh na h-Alba, cha ‘n ‘eil Eachdraidhean ‘g a fhàgail ro-shoilleir, ach gu ‘n d’ fhuair iad tomhas maith farsuing a dh’ aindeoin mar bhacadh an còrr dhoibh, tre chogaidhiba agus thrioblaidibh na Tire, tha so air a nochdadh leis na h-ionadaibh-tuinidh a thogadh leo—an Dunchaillin, an Abair-brothaig, am Brechin, Monimusc, agus an Eilean-Chormaig, taobh an Iar Earraghaidheal, a thuilleadh air I-Challum-cille. Agus annta so air fad, tha e soilleir o Eachdraidh, gun robh an t-aon dòigh-riaghlaidh Eaglais aca ‘s a bha aca an I-Challum-cille—da fhear-dheug fear-cléire agus Ceann-suiche na Comhairle, gun ghuth air dreuchd ‘s am bith a b’ àirde na sin.
Agus ma chumadh air ais soirbheachadh an t-soisgeil an Alba, troimh chogaidhean agus thrioblaidean na Tire, cha b’ fhèarr, ach bu mheasa, cor luchd-àiteachaidh Shasuinn ‘s na linnibh ceudna. Tha e soilleir ni ‘s leòir o Eachdraidh, ‘n uair dh’ fhàg na Ròmhanaich Breatann, gu ‘n do shir luchd-àiteachaidh na Tire sin còmhnadh an aghaidh nan Albanach (a bha ‘g an sàruchadh), o na Sagsonaich, a bha ‘n an luchd-còmhnuidh air mòr-thir na Roinn-Eorpa, ann an càrnaibh àraid do ‘n Ghearmailt. Ach an uine ghearr, ‘s ann a thionndaidh an luchd-cuideachaidh ud an aghaidh nan Sasunnach féin; ‘s cha b’ fhad an ùin’ gus an do cheannsaich iad Sasunn gu h-iomlan. ‘N uair bhuadhaich mar sud, na Sagsonaich air Sasunn, agus iad ‘n an ana-creidmhich, no ‘n am Paganaich, gach càrna air an do glac iad comas riaghlaidh, ni ‘s am bith bha ann do ‘n chreidimh Chriosduidh, chuir iad as da gu tur. Agus iarmad an t-sean luchd-àiteachaidh, ‘s na fhuair dol as do na creidmhich an Sasunn, theich iad do ‘n dùthaich sin, Uales, taobh an Iar-thuath Shasuinn, no mar dh’ fheudtadh ràdh ris an Tir sin, Garbh-chriochan, no Gidhealtachd Shasuinn; agus an sin, mhair, agus ‘s beag nach feud sinn a ràdh, gu bheil a’ mairsinn fathast, dòigh-riaghlaidh Eaglais nan Cuil-de-ach. Feudar ainmeachadh an so, gur h-e an sluagh ud na Sagsonaich, o ‘n d’ fhuair Tir Shasuinn an t-ainm sin féin Sasunn. Agus is ann o chanain nan Sagsonach ud tha mòran do ‘n Bheurla mar chanain air a tarruing. Cha ‘n ionann do ‘n Tìr, do ‘n t-sluagh, no do ‘n cànan, agus d’ ar Tìr, d’ ar càirdibh, ‘s d’ ar cànan urramaich fein, a tha ach beag uile d’ an t-sean stoc, agus an aghaidh nach do bhuadhaich fathast gu tur, coigrich, no naimhdean ‘s am bith. Mu thimchioll na Dùthcha sin Uales, bithidh ni no dha againn fathast r’ a thoirt air aghaidh. Tha an cànan-sa, gu maith dlùth air ar sean chànan fein. Agus ni ‘s fearr eadhon na sin, tha an t-aon chreidimh, an t-aon dòigh-riaghlaidh Eaglais, fathast a’ mairsinn ‘n am measg.
Ach, fa dheòidh, an Sasunn, thainig sìth agus clos. Agus thòisich a ris, an creidimh Criosduidh gu bhi ceum air cheum, air a chraobh-sgaoileadh mu dheas, air feadh Shasuinn. Bha Sasunn fathast, no an uair sin co dhiubh, air a roinn a mach ‘n a riogh-achdaibh beaga fa leth. Tha am fear-eachdraidh a dh’ ainmich sinn cheana, “Bede an t-urramach,” ag innseadh dhuinn, gu ‘n do thogadh ‘s gu ‘n d’ fhoghluimeadh Osuald Righ nan Sagsonach an taobh tuath Shasuinn, an I-Challum-cille; agus co luath ‘s a fhuair esan bhi ‘n a Righ, gu ‘n do chuir e fios gu Luchd-cléire na h-Alba, minsteir, no Fear-teagaig a chur d’ a ionnsuidh, chum ‘s gu ‘m biodh iochdarana a Rioghachd air an toirt chum a’ chreidimh Criosduidh. Agus o ‘n àm sin, mhair Cuil-de-ich na h-Alba fhad ‘s bu mhaireann dhoibh, bhi a’ saothrachadh chum an t-soisgeil a chraobh-sgaoileadh a measg nan Sagsonach, le mòr shaothair. Air tìs, cha d’ fhuaireadh ach ro bheag soirbheachaidh leo. Tha e air innseadh gu ‘n robh an ceud fhear-teagaig a chuir iad do Shasunn, d’ an b’ ainm, Corman, ‘n a dhuine gnì, teann; agus nach robh a mhinistreileachd-sa taitneach do na Sagsonaich; agus nach d’ fhuair e mòran deadh-ghean ‘n am measg. Agus an sin, chuir clèir I-Challum-cille duine eile d’ an ionnsuidh, Aidan, air dhoibh an toiseach a chur air leth mar fhear-teagaig. Thog, no shuidhich e so, ionad-còmhnuidh ann an Eilein Lindisfearna air taobh Shasuinn, an Ear-thuath, a’ gabhail an aoin dòigh-riaghlaidh ‘s a dh’ fhaghluim e ann an I-Challum-cille: agus o ‘n ionad sin, thòisich an Soisgeul gu bhi air a chraobh-sgaoileadh air feadh Shasuinn. Ach, bha a leithid a dh’ urram aca do I-Challum-cille, agus do ‘n dòigh theagaig bha an sin, ‘s gu ‘n do chuireadh iomadh do luchd-leanmuinn Aidain do ‘n eilein sin gu bhi air an teagasg le Luchd-cléire I-Challum-cille.
Ach, an uair, mar so, bha an Soisgeul air a chraobh-sgaoileadh ann an tomhas mòr air feadh Shasuinn, bha bacaidhean agus trioblaidean a’ tighinn ‘s an rathad orra. Bha an t-aon Pàpa nis air a thoirt do Easbuig na Ròimhe; agus b’ e Greagoraidh mòr, ainm Pàpa an là ud. ‘S ann a chuir esan Augustin, duine mòr innleachdach, agus dà fhichead fear-teagaig o ‘n Ròimh maill ris, a chum nan Sagsonach a thionndadh chum a’ chreidimh Phàpanaich. ‘S ann tha e coslach o eachdraidhibh, gu ‘n do tharruing greadnachas agus cuilbheirtean an duine mhoir’ so, sgleò air inntinnibh nan Sagsonach; agus choisinn e fein ‘s an dà fhichead fear bha maille ris, buaidh, air na Cuil-de-ich bhochd agus shimplidh. Bha connsachadh mòr (gun seadh) an uair ud mu ni àraid—an t-àm fa leth do ‘n bhliaidhna, ‘s am bu choir do ‘n Chàisg bhi air a coimhead leis an Eaglais; agus mu chuid do nithibh beag’ eile, mu nach robh, tha sinn a’ creidsinn, mòran eòlais aig na Cuil-de-ich, no mòran suim aca d’ an leithid. Ach choisinn an duin’ ud Augustin agus a’ chuideachd Phàpanach bha maille ris, deadh ghean o na Sagsonaich. Chruinnich Augustin Seanadh Eaglais an Sasunn; thainig eadar e féin agus na Cuil-de-ich. Agus is ann an uair, sin a thòisich ùghdarras na Pàpanachd an Sasunn. Chinnich, ceum air cheum, le cuideachd nam Pàpanach; agus ann an Seanadh eile a chruinnicheadh leo aig “Whitby” (an Sasunn) far an robh duine do ‘m b’ ainm “Wilfred” ‘n a cheannard air taobh na Pàpanachd, agus lànfhoghlum aige ann an innleachdaibh Eaglais na Ròimhe, bha a’ chonnspiod eadar buidheann nam Pàpanach agus na Cuil-de-ich gu bhi air a socruachadh. Ach bhuadhaich “Wilfred,” le andànadais cainnt an aghaidh Cholmuin bha ‘n uair sin ‘n a Cheann-suidhe air clèir Lindisfearna. Ach a roghainn air geill-eadh do mhearachdaibh an teàgaig Phàpanaich, dh’ fhàg e ‘aite fein an Sasunn, agus phill e dhachaidh do I-Challum-cille.
O ‘n àm sin a bhuadhaich ùghdarras nam Pàpanach gu luath agus farsuing an Sasunn. Tha mòran do dhòighean agus do shaobh-theagasgan na h-Eaglais truaillich sin co-shinte ri aignibh truaillich, agus uabhair na h-inntinn’ fheolmhoir: is ann le so a fhuair an Eaglais sin riabh a leithid do shoirbheachadh ‘s an t-saoghal. Bha cuid do na Cuil-de-ich an Sasunn, a thuit air falbh chum nam mearachd ud; agus dh’ fhag cuid eile dhiubh an ionadan fa leth ‘s an Tir sin, agus phill iad dachaidh do Alba. Ach tha so uile a’ taisbeanadh dhuinn an dealachaidh bha eadar Eaglais na h-Alba agus Eaglais na Ròimhe, eadhon ‘s na linnibh ud.
Ach mar bhuadhaich, ‘s a’ cheud àit, mar sud, cumhachd na Pàpanachd an Sasunn; cha b’ fhadà ‘s an ath àit, gus an d’ thainig an cumhachd ceudna air aghaidh gu bhi a’ buadhachadh ann an Alba, ar Tir fein. Cha bhi e ‘n ar comas mion-chunntas a thoirt mu gach dòigh anns an d’ thàinig an cùl-sleamhnachadh agus an truailleachd so a stigh. Tha e soilleir, mar aon ni àraid, gidheadh, o Eachdraidhibh nan aimsir ud, gu ‘m b’ i a’ cheud phonc shònrùichte mu an do chuir Eaglais na Ròimhe mach air na Cuil-de-ich—nach robh aig na Cuil-de-ich ‘n an dòigh-riagh-laidh, dreuchd no oifig an Easbuig air chor ‘s am bith: agus mar an ceudna, gur h-i dreuchd nan Easbuig bhi air a toirt a stigh do Alba, an ceud ceum troimh an d’ fhuair a’ Phàpanachd mu dheir-eadh an t-ùghdarras a ghlacadh os ceann ceud Eaglais shimplidh agus Sgriobtuireil na h-Alba. Agus cha lugha na sin, tha e soilleir, gur h-ann tre ùghdarras agus tre eisimplir Shasuin a chaidh Eaglais na h-Alba a thruailleadh, cheana, an uair ud, agus a thainig cumhachd aa Pàpanachd a stigh do Thir ar n-aithrichean.
Bha nithe araid a chuidich le so. Agus feudaidh sin ainmeachadh mar aon ni, gu ‘n robh cuid do no Righribh bu chumhachdaiche a bha air Alba ‘s na linnibh ud, a chòmhnuich ann an Sasunn cuid d’ am beatha—mar bha Callum a’ chinn mhoir, no mar theirear ‘s a’ Bheurla ris, “Malcolm Canmore,” agus an dara righ Daibhidh a bha air Alba. Phill iad sud dachaidh do Alba, agus an inntinne làn do bheachdaibh mearachdach, faoine, mu greadhnachas agus mu mhòr-chuis na h-Easbuigeachd Shasunnaich; agus chuir iad gach oidhirp bu ghniomhaiche an cleachdamh, eaglaisean mòra, greadhnach a thogail, agus ulluchadh a dheanamh air son Easbuisean a chumail suas, a bhiodh co-ionann ann am mòr-chuis, ‘s an greadhnachas ris na chunnaic iad an Sasunn. Cha b’ fhada gus am facas toradh truaillidh na saothrach mi-dhiadhaidh so. Fhuair-eadh daoinne gu furasda, a ghabh os làimh bhi ‘n an Easbuigibh an Alba:—gu bhi ‘n an daoinibh mòra ‘s an t-saoghal. Bha atharrachaidhean air an deanamh leo sud, o latha gu latha, ‘s o bhliadhna gu bliadhna, air an dòigh-riaghlaidh Eaglais a chuir na Cuil-de-ich air chois. Dh’ iarr an sin, Ard-Easbuig Eaglais Shasunn uachdaranachd a chosnadadh gu h-iomlan dha fein os ceann Eaglais na h-Alba. Shaothraich, ach gun dol leo, luchd-teagaig phriomh Eaglais na h-Alba, an truaillidheachd so a philleadh air a h-aig; ach bha cumhachdan an t-saoghal so air taobh nan Easbuig. Agus mu dheireadh, ‘s a’ bhliadhna 1176, a roghainn air géilleadh fathast do Ard-Easbuig Shasunn, chaidh soarsa spioradail Eaglais na h-Alba thoirt seachad do làmhaibh Phàpa na Ròimhe.
Thachair mar so do Eaglais na h-Alba, eadhon ‘s na linnibh ud, ann an tomhas mòr, mar chithear leinn fathast ‘s an Eachdraidh so, direach mar dh’ éirich dhì an deigh am an Ath-leasachaidh a ris. Fhad ‘s a dh’ fhàgadh saor i o ùghdarras dhaoine an t-saoghail so, bha i glan ‘n a teagasg, agus simplidh a réir na firinn, ‘n a dòigh-riaghlaidh, a’ gabhail focail Dhé mar a riaghailt annta sin le cheile. Agus dh’fhuathaich Eaglais Shasunn i, agus dh’ iarr i sin Eaglais na h-Alba a thilgeadh bun os ceann; agus i ‘n a diteadh do ‘n Eaglais mhòr-chuiseich, thalmhaidh sin, eadhon ‘s na linnibh ud.
Agus bha righrean agus àrd-uaislean na h-Alba, le bhi a’ gabhail an còmhnuidh an Sasunn ann an tomhas mòr air tighinn gu bhi, air an tomhas cheudna eadhon ‘n an Sasunnaich iad fein. Agus dh’ oidhirpich iad sin, agus chinnich leo, an dòigh-riaghlaidh Eaglais, smachdail, mhòr-chuiseach, a chunncas leo an Sasunn, le a teagasgaibh truaillidh, a thoirt a stigh—colg-dhìreach mar bha iad sin uile, an aghaidh riaghailt nan Sgriobtur, agus an aghaidh smioralachd fhialaidh, shaoir, luchd-còmhnuidh na h-Alba.
Ach an deigh do Alba mar sud tighinn fuidh uachdaranachd a’ Phàpa, ciod e, an sin, a dh’ éirich do na Cuil-de-ich? Mar dh’ fheudar smuaineachadh, dh’fhuiling iad gu goirt. Eadhon roimh ‘n am a dh’ainmich sinn, ‘n uair fhuair a’ Phàpanachd làn-ùghdarras an Alba, mar bha a truaillidhachdean a’ tighinn a stigh bha na Cuil-de-ich a’ fulang. Tha Eachdraidhean àraid a sgriobhadh an Eirinn, a’ cur an céill, gu ‘n robh Teaghlach I-Challum-cille, air am fògradh thar Druim-Albainn, ‘s a’ bhlìadhna 716, le Righ Neachdain. Agus tha e soilleir o Eachdraidh, mar an ceudna, gu ‘n d’ rinneadh an gnìomh ud leis, a chum ‘s gu ‘m biodh dòighean na h-Eaglais Shasunnaich air an cur air chois leis, ‘n a Rioghachd. Shuidhicheadh aig an am cheudna, Sagart Sasunnach “Egberht,” an I-Challum-cille. Agus chuir an Righ ceudna fios gu duine mòr do Phàpanaich Shasuinn, a’ shireadh luchd-togalach, a thogail Eaglais ghreadhnaich dha, a réir dhòigh-ean na Ròimhe. Ach bhàsaich an Righ so, mu ‘n d’ fhuair e a chomhairlean uile a thoirt gu buil: agus rè thri fichead bliadhna bha a ris ni-éigin do shith aig teaghlach I-Challum-cille.
Ach thòisich an sin nàimhdhean eile bu ro-mhiosa;—na Lochlunnaich bhorba, le an cuid luingeas ‘s am feachdaibh-cogaidh, a’ tighinn a stigh a measg nan Eilean, ‘g an creachadh ‘s ‘g am spùinneadh. ‘S a’ bhlìadhna 801—chaidh aitribhean I-Challum-cille a losgadh gu làr leo, agus àireamh mòr do na Cuil-de-ich a mharbhadh leis na daoinibh fiadhaich, borb’ ud. ‘S a’ bhlìadhna 877, thog na Cuil-de-ich an imrich mhuladach a I-Challum-cille, agus na Lochlunnaich a ris air tighinn a stigh orra; agus theich iad do Eirinn—a’ giùlan leo, mar rinn clann Israeil as an Eiphit cnàmhan Ioseiph—cnàmham Chaluim-cille. Ach dh’fhan fathast iarmad do na Cuil-de-ich ‘s an eilein; cha dùraichdeadh iad ‘fhàgail :—b’ e ionad an graidh e; agus is ann an sin bha cuimhne agus iomradh an sinnsireachd. Ach mhair an deuchainnean agus am fulangasan.
(Ri leantuin.)