(Continued from page 238.)
S A’ bhliadhna 985, thainig a ris na Lochlunnaich a stigh orra: mharbh iad an t-Aba (no Ceann-suidhe na comhairle), agus cuig fear deug do ‘n luchd-cléire. ‘S a bhliadhna 1059, chaidh a ris an aitreachh a chur na a theine; ach fathast, gidheadh, dh’ fhan cuid do na Cuil-de-ich bhochd ‘s an eilean. Mu ‘n am sin, tha eachdraidhean ag innseadh, gu ‘n d’ thainig àireamh dhiubh fad an rathaid do Dhun-chaillin (an Siorramachd Pheairt); agus dh’ oidhirpich iad, bhi a’ giùlan air aghaidh ‘s an àite sin an dòigh aoraidh simplidh agus sgriobtuireil fein. Ach dh’ fhan, agus bhuanach iarmad dhiubh an I-Challum-cille, gu ruig a’ bhliadhna 1203, agus mu ‘n am sin, tha Eachdraidh araid a’ cur an ceill gu ‘n do “thog Ceallach (duine mòr Pàpanach), Tigh-Mhanach, a dh’ aindeoin, agus an aghaidh dhaoine foghlumte an eilein. Mar so, mu dheireadh, fhuair na Pàpanach seilbh a ghlacadh ann an daingneach-làidir nan Cuil-dé-ach: agus a réir gach coslais, dh’ fhàg, an sin, a chuid mu dheireadh dhiubh I-Challum-cille, gun philleadh:—air an geur-leanmbuinn leis a’ chumhachd an-iodch-mhor bha a’ nis a’ cosnadh na h-uachdaranachd. An déigh an àm ud, cha ‘n ‘eil sinn a’ faotainn ann an Eachdraidh, ach a mhain ainmeachadh lom, thall ‘s a bhos, mu na Cuil-de-ich. Agus is e stùm na tha air a nochdadh mu ‘n timchioll ann an Eachdraidhibh an déigh an àm ud, gu ‘n do sgapadh an iarmad thall ‘s a bhos, air Ghalldachd, taobh an Iar na h-Alba, agus gu h-araid an Siorramachd Ara (Ayr). Agus ged dhi-chuimhnich-eadh rè ùine, an ainm; gidheadh cha do chailleadh gu tur an teagsg, no eòlas na firinn a theagaisgeadh leo. Bha sràd bheò d’ an eòlas so, a bhuanach fathast, a measg uile ghrainealachdan na Pàpanachd, a ruith thairis mar thuil air aghaidh ar Tìre air fad. Mhair an t-srad so gu sonruicht’, ann an càrnaibh araid do Shiormachd Ara: agus is ann o n t-srad bheò sin ‘n ar Tìr, a dh’ éirich ceud thòisichidhean an Ath-leasachaidh—mar chamanach na maidne, no mar bhriseadh na fàire, an déigh na h-oidhche dhuibh dhuirche gheamhraidh.
Ach, ged thachair mar sud, do Chuil-de-ich I-Challum-cille:—bha ionadan-còmhnuidh agus teagaig eile aca, a thuilleadh air an Eilean sin, an Alba; ged b’ e I-Challum-cille am Prìomh ionad urramach. Agus ann an cuid do na h-ionadaibh eile sin, bhuanach an cathachadh eadar iad fein agus a’ Phàpanachd mheallta, ni b’ fhaide na bhuanach e an I-Challum-cille. Cha do bhuaidhach a’ Phàpanachd an Dun-chailinn, gu ruig a’ bhliadhna 1176; agus an sin gheill Ceannsuidhe na comhairle ‘s an ionad sin, agus rinneadh ‘n a Easbuig e. Bha ionad eile aca, aitreach, agus àite-foghluim, aig “Moni-musc”—an siormachd Abar-eadhain. Cha do bhuaidhach na Pàpanachd orra-sa gus a’ bhliadhna 1230—’n uair thilgeadh a mach mu dheireadh iad—le an sochairean a spùinneadh, fuidh ain-tigearnas na Pàpanachd. Agus tha iomradh againn, gu ‘n d’ thugadh an ionnsuidh mu dheireadh an Alba, air taobh nan Cuil-de-ach an aghaidh ain-tigearnais na Pàpanachd, le Cuil-de-ich Chill-Rìmhinn (St. Andrews), ‘s a’ bhliadhna 1297. Ach ‘s i a’ Phàpanachd a bhuaidhach. Bha cumhachdan an t-saoghail a nis air a taobh. Agus feudaidh sinn amharc air a’ bhliadhna sin, mar an t-àm anns an do chuireadh as gu h-iomlan do ainm agus do dhòigh-riaghlaidh Eaglais nan Cuil-de-ach an Alba, leis a’ Phàpanachd.
‘S an mar sin, ma ta, a dh’ éirich do ‘n cheud Eaglais Shoiseulach a shuidhicheadh an Tìr ar n-aithrichean, fuidh riaghlaidh Chriosd. Cha b’ Eaglais Phàpanach i, gu cinnteach. Cha mho a’ b’ Eaglais Easbuigeach i. Cha robh gnothuch aice ri Eaglais Shasuin no ri Eaglais na Ròimhe. Bha a dòigh-suidheachaidh agus riaghlaidh, a réir nan Sgriobtur, stéidhichte air riaghailtibh na Firinn. Ach ‘n uair thruailleadh Eaglais Shasuin, ‘s ‘n uair chaidh i sud agus cumhachd na Pàpanachd ann am bannaibh a cheile;—le ain-tigearnas, le an-ìochd, agus le cumhachd mealltaireachd na Pàpanachd agus nan Easbuig, air an co-chuideachadh le cheile le daoinibh mòra an t-saoghail so; an sin chaidh neart tar cheart. Ach bha sùil Dhé fathast air Tìr ar dùthchais.
Agus mar dhearbhadh nach b’ e teagasgan na Pàpanachd a bha idir aig na daoinibh urramach ud—na Cuil-de-ich; anns an iomradh aithgearr so orra a thoirt a nis gu co-dhùnadh, tha Eachdraidhean nan linnean ud a leigeil fhaicinn dhuinn gu soilleir, nam poncan Pàpanach an aghaidh an do sheas, ‘s an do chathaich na Cuil-de-ich. Ainmichidh sinn cuid dhiubh so, mar tha Eachdraidh ‘g an deanamh soilleir.
Tha e soillte gu ‘n do sheas iad an aghaidh:
(1) Bhi a’ deanamh aideachaidh pheacaidhean do ‘n t-Sagairt, no Faoisid, mar their na Pàpanaich ris. (2) Saobh-theagasg a Phéin-dhìolaidh—no Peanas pheacaidhean air ùghdarras nan Sagart—no an lorg pheacaidhean aideachadh, gu ‘m feumar peanasan corporra agus aimsireil a ghiùlan air an son, direach mar chi an sagart iomchuidh. (3) Saobh-theagasg a’ mhaitheanais, a tha an Eaglais Phàpanach a’ gabhail oirre bhi toirt seachad do dhaoinibh. Dh’ aidich na Cuil-de-ich am peacaidhean do Dhia; agus chreid iad gur h-Esan a mhain a b’ urrainn maitheanas a thabhairt. (4) Chuir na Cuil-de-ich an aghaidh saobh-theagasg an Iodhoil-aoraidh sin, anns am bheil an Eaglais Phàpanach a’ cumail a mach, gu ‘m bheil fior chorp agus fìor fhuil Chriosd, eadhan air mhòdh corporra, ann an aran na sàcraimint, no a’ Ghearrag choisrigte;—no saobh-theagasg a’ Brigh-atharrachaidh—gu ‘m bheil a’ ghearrag choisrigte ud air a tionndadh le beannachadh an t-sagairt gu fior chorp agus gu fior fhuil Chriosd; agus mar sin, gach neach leis an gabhar a’ ghearrag through ud, gu ‘m bheil, an sin, Chriosd aige, Chriosd an sin, ann-san, agus esan ann an Chriosd. Chuir na Cuil-de-ich an aghaidh an toibheim sin. (5) Chuir na Cuil-de-ich an aghaidh an t-saobh-theagasg eile sin, bhi a’ deanamh aoraidh do ainglibh, do na naomhaibh, agus do Chuimhneachanaibh nan naomh. Tha e soilleir o Eachdraidh gu ‘n robh a leithid do fhiamh a measg nan Cuil-de-ach mu pheacadh an iodhoil-aoraidh, ‘s nach ceadaicheadh iad eadhon gu ‘n sloinnt-eadh aon ‘s am bith d’ an Eaglaisibh air aon neach do na Naomhaibh—cleachdamh, ann am baltibh mòra ar Tire, gun teagamh thainig a stigh leis a’ Phàpanachd. (6) Chuir na Cuil-de-ich an aghaidh an t-saobh-theagasg sin—bhi ag ùrnuigh ris na Naomhaibh, agus ag iarruidh an eadar ghuidhe-san maillle ri Dia; agus mar an ceudna bhi ri ùrnuigh air son nam marbh. Tha fhios aig na h-uile gu ‘m bheil an dà theagasg thruaillich so ro mhòr aig Eaglais na Ròimhe; agus ‘na inneal-buannachd aimsireil thar tomhas do na sagairtibh. (7) Tha e soilleir gu ‘n do chuir iad an aghaidh an t-saobh-theagasg eile sin—luach-fireanachaidh oibridhean an duine. Is teagasg Pàpanach—gu ‘m bheil, cha ‘n e a mhàin luach a chum fireanachaidh an anama, ann an oibribh a nithear leis an duine; a chum maitheanas peacaidh a chosnadh o Dhia; ach gu ‘m feud eadhon neach tuilleadh oibridhean a dheanamh na ‘s leòir gu maitheanas a chosnadh dha fein; ‘s gu ‘m feudar am barrachd a chur as leth neach eile. An t-uamhas saobh-theagasg agus meallaidh so, oillteil do rireadh mar tha e, dh’ àicheadh na Cuil-de-ich; agus tha e soilleir gu ‘n do chathaich iad ‘n a aghaidh.
Dh’ ainmich sinn, cheana, nach b’ e dòigh-teagaig, no riagh-laidh, no frithealaidh Eaglais nan Easbuig bha aig na Cuil-de-ich. Is dearbhadh eile air so tha soilleir, gu ‘n do chuir iad an aghaidh aon seirbhis àraid tha fathast air a frithealadh ann an Eaglais nan Easbuig;—’s e sin, mar theirear ris, “Dol fuidh làimh an Easbuig.” Gach naoidhean a bhaistear ‘s an Eaglais sin, air dhoibh tighinn gu h-aois àraid, ceithir bliadhna deug no sèa bliadhna deug, no timchioll—tha an t-Easbuig, mar dhuine mòr, a’ tighinn; tha an ògridh air an toirt ‘n a làthair; agus maillle ri nithibh eile, tha an t-Easbuig a’ cur a’ làimh air ceann gach neach dhiubh sud, agus ‘g am beannachadh, mar chomh-dhaingneachadh d’ am baisteadh; agus is e seirbhis a’ Chomh-dhaingneachaidh, a their iad ris. Tha so, araon anns an Eaglais Phàpanach, agus ann an Eaglais nan Easbuig.
Agus mar aon dearbhaidh eile air gloinead theagasg nan Cuil-de-ach, tha e soilleir, gu ‘n do chuir iad an aghaidh, ni ‘s am bith eile bhi air a chleachdadh ann an sacramaint a’ bhaistidh, ach an t-uigse a mhàin. Tha fios, gu ‘m bheil iomadh ni eile a thuilleadh air an uisge, air a ghnàthachadh leis na Pàpanaich anns an òrdugh naomh so, an aghaidh riaghailt an fhocail. Tha, agus cuid do nithibh thuilleadh air an uisge, ann an Eaglais nan Easbuig. Chuir na Cuil-de-ich an aghaidh sud uile.
Ach a nis, air fàgail iomraidh nan Cuil-de-ach leinn, o ‘n d’ thigeadh dhuinn fhaicinn ‘s a chuimhneachadh, mar bha a’ cheud Eaglais chaidh a shuidheachadh ‘n ar Tìr, fuidh bheannachadh Dhé, simplidh, glan, sgriobtuireil, agus dìleas: agus mar chaidh a truailleadh agus a cur fuidhe rè uine, tre mhealltaireachd duine a’ pheacaidh, agus a chum àlghios dhaoine an t-saoghail so:—faiceamaid a nis, mar tha Eachdraidh shoilleir agus dhearbhta na h-Alba ‘g a’ dheanamh làn-aithnichte, cia mar chaidh cuisean air an aghaidh, aon uair ‘s gu ‘n d’ fhuair a’ Phàpanachd a h-àrd-cheannas féin a shocruchadh os ceann ar Tìre.
Bha cogaidhean trom, fùilteach, bàsmhor, mar bu trice, eadar Alba is Sasunn fad iomadh linn: Sasunn ag iarruidh na h-uachdaranachd, ann an rathad riaghailidh agus cumhachd aimsireil, agus Alba a’ seasamh na h-aghaidh. Ach ge b’ e soirbheachadh no eile, bha mar so a’ dol air aghaidh; tha sinn a’ faicinn na h-Eaglais Phàpanaich, ‘s e sin a Luchd-dreuchd, a cuid Easbuig, a h-àrd-Easbuigean agus a cuid sagart, a’ fàs agus—ag atadh suas ann am mòr-chuis, ann an àrd-cheannas, ann an saoibhreas saoghalta; agus a réir sin mar an ceudna, ann an truaillidheachd fhollaiseach an caithe-beatha féin. Eadhon anns a’ bhliadhna 1004, bha cùirtean na h-Eaglais ud an Alba air còir a ghlacadh dhoibh féin breth a thoirt anns gach càis mu dhileabaibh, agus mu gach tochradh a bheirteadh le pàrantaibh do chloinn nighean. An sin, chinnich leis na h-Easbuigibh agus an cuideachd, lagh a dhaingneachadh, gu ‘m feumadh gach neach ni-eigin fhàgail mar dhlilb do ‘n Eaglais. Tharruing so buannachd thalmhaidh gun tomhas do ‘n Eaglais. Bha na sagairtean a’ toirt a chreidsinn air an t-sluagh, le bhi a’ buileachadh an cuid maoin mar sud air an Eaglais, gu ‘n robh iad a’ deanamh an slàinte shlòrruidh cinnteach, a dh’ aind-eoin mar dh’ fheudadh an caithe-beatha bhi, ciontach agus ain-diadaidh. A thuilleadh air so, do bhrigh ‘s nach d’ oidhirpich ad agus nach d’iarraid fòghlum no soilleireachd a thoirt do ‘n t-sluagh, ach an cumail aineolach, dorcha, balachail;—foghluim idir bha ‘s an Tir, ghleidh iad a measg an làmh féin e; agus is ann roghann a bha e eadhon ‘n am measg féin. Ach, leis gur h-ann aca féin a mhain bha fòghlum idir bha r’ a fhaotainn—choisinn so dhoibh gu ‘n d’ fhuair iad a stigh anns gach aon inbhe no dreuchd, a thaobh chùisean na Rìoghachd, anns an robh feum air fòghlum agus soilleireachd. Le so, bha, ach beag na h-uile ùghdarras aimsireil aca ‘n an làmhaibh féin. Bha righrean na h-Alba a’ toirt fearainn dhoibh anns gach dara cearna do ‘n Tir. Ghlac iad, cheana, le ain-tighearnas agus ain-ìochd, dhoibh féin, fearann ‘s am bith bha aig Eaglais bhochd agus iriosal nan Cuil-de-ach. Bha luchd-dreuchd na h-Eaglais Phàpanaich a nis ‘n an daoinibh mòra; a’ glacadh àrd-cheannais eadhon air àrd-mhaithibh na Rìoghachd. Bha dreuchdan na h-Eaglais air an ceannach, ‘s air an reiceadh. Cha b’ fhiù leis na h-Easbuigibh searmoin a dheanamh; ‘s cha bu mhòr an eòlas air a leithid. ‘S ann a chaidh bhi a searmonachadh do ‘n t-sluagh ach beag, gu h-iomlan á cleachdamh.
Cha robh, a réir suidheachaidh agus riaghlaidh na h-Eaglais Phàpanaich, ùghdarras ‘s am bith os ceann luchd-dreuchd na h-Eaglais; ‘s cha robh chridhe aig bochd no beartach coire ‘s am bith fhaotainn dhoibh. Bha an caithe-beatha air tighinn gu bhi ‘n a mhaosladh agus ‘n a gràinealachd. Thoirmisg am Pàpa òrdugh a’ phòsaidh do Luchd-dreuchd na h-Eaglais gu léir. Ach cha ‘n e mhain gu robh clann diolain nan Easbuig air am faicinn ‘s air an aideachadh gu follaiseach; ach bha mòran dhiubh sin air am pòsadh ri mic agus ni nigheanaibh nan teaghlaichean a b’ àird’ inbhe ‘s an Rìoghachd. Bha tighean-Mhanach, air an suidheachadh thall ‘s a bhos air feadh na Rìoghachd—aitreabhan mòra, farsuing, greadhnach, far an robh na h-uile truaillidheachd agus neo-ghloine air tighinn gu àirde bha tur eagalach. Bha na Mannaich so, dìomhain, uaibhreach, neo-gheamnuidh, mar a’ còmhdachadh aghaidh na Tire. Bha aineolas nan Sagart mu nithibh na diadhachd, air tighinn gu bhi anabarrach. Cha bu nàr eadhon le Easbuigibh aideachadh, gu ‘n robh iad féin tur aineolach air an Sgriobtur, agus eadhon air riaghailtibh an Eaglais féin.
Bha am Blobal air a ghlasad suas o ‘n-t-sluagh; agus cleachdamh air bith a dheanamh dheth ‘n an cànan féin, bha sin air a thoirmseag fuidh gach peanas bu truime. Seirbhis aoraidh ‘s am bith bha aca, ‘s anns an Laidin a bha i, air an robh an sluagh uile, agus na sagartan féin ach beag, tur aineolach. Theich eòlas theagasgan, na diadhachd. Cha do mhair ach an t-ainm. Bha an sluagh air an teagasg bhi a’ deanamh aoraidh, cha ‘n ann do ‘n aon Dia, agus do ‘n aon Eadar-mheadhonair; ach do iomadh eadar-mheadhonair, do ainglibh agus do naomhaibh, agus do dhealbhaibh; agus bhuadhaich toibheum an àite na diadhachd.
Is ann is gann a chreideadh daoine ‘s an là an diugh, an àirde gus an d’ thàinig truailleadh, air gach aon ni, air an abradh neach eadhon samhladh na firinn a bhi idir. Bha lobairt na h-Aifirinn, mar their iad féin rithe, a’ cosnadh maitheanais peacaidh araon do na beóthaibh agus do na marbhaibh: bha coguis agus inntinne dhaoine air an tarruing air falbh gu tur, o amharc ri aon iobairt Chriosd, mar an t-aon ni anns am bheil luach a chum maitheanais peacaidh. Fuasglaidhean o chionta peacaidh fuidh bhilibh nan sagart, litrichean-maitheanais a’ Phàpa, féin-dhìolaidhean air son peacaidh: ‘s ann annta sin a mhain bha luach, na ‘m b’ fhìor. Ma rinn iad aideachadh do ‘n t-sagart, ma thubhairt iad ùrnuigh an Tighearn agus a’ chreud gu maith tric, ma phàidh iad an deachamh do ‘n Eaglais, ‘s an tabhartasan, gu poncaill, ma phàidh iad air son iobairt na h-Aifirnn as leth nam marbh, ma chaidh iad air thusaibh cràbhaidh fad as, gu h-uaghibh nan naomh, ma dh’ fhan iad air ais o fheòil itheadh air Di-h-aoinne, ‘s an leithide eile sin; bha an slàinte shiorruidh cinnteach dhoibh! Agus a thaobh na dreama bu shaoibhre ‘n an inbhe shaoghalt’—na ‘n togadh iad sin Caibeal, no altair; na ‘n suidhicheadh iad beath-achadh air sagart a chum ùrnuighean a dheanamh gu an anama a thoirt a mach as a’ Phurgadair, no anama an luchd-dàimh, bu leòir sin; bha sud a’ cosnadh an slàinte shiorruidh dhoibh.
Bha daoine ri uchd bàis—an leapaichean air an dòmhlachadh timchioll le sagartaibh gionach, a’ tagradh air son dhillibean do ‘n Eaglais. Agus co luath ‘s a chrioch neach ann an aon teaghlaich—bha ‘n tiodhlac-cuirp air agairt o ‘n teaghlaich. Agus mur biodh na tabhartasa so air a dioladh gu saor, agus gu h-ealamh, bha cronaichidhean agus mallachdan Eaglais air am bagradh. Bha aoradh na Sàbaid air a dhearmad, agus làithean sòluitne nan naomh air an cur an àite na Sàbaid. Bha Eaglaisean air an deanamh ‘n an ionadaibh teichidh agus folaich do gach luchd-mi-ghnìomh; ‘n an ionadaibh reicidh agus ceannach, agus eadhon ‘n an tighibh-cluiche.
Is ann le geur-leanmhuinn bha so uile air a chumail air chois. Cha ‘n e a mhain gu ‘n do chuireadh an fhirinn gu teicheadh; ach na ‘m bu dana le neach sireadh air a son, no teagamh ‘s am bi a chur an céill mu na nithibh bha air an deanamh no air an teagasg leis na sagartaibh; an sin bha cumhachd na h-Eaglais air a nochdadh ‘n an aghaidh air ball. Cha robh cionta bu mhò na foghluim bhi aig duine, no e bhi ag iarruidh foghluim no soilleireachd. B’ ionann ‘n am beachd-sa aig an robh riaghladh na h-Eaglais, fogh-lum agus ana-creidimh. Bha na h-uile dorus air am feudadh an fhirinn tighinn a stigh do intinnibh dhaoine air a ghlasad suas. Bha gach dealbh a b’ uamhasaiche air a tharruing mu neach ‘s am bith a chaidh a thaobh o Eaglais na Ròimhe. Ma bha neach ‘s am bith aig an robh air aon doigh tuilleadh soilleireachd na bha coitchionn, ‘s na ‘n cluinnteadh tarruing na h-analach, no diog á cheann, ann an rathad coireachaidh air mi-dhòighibh na h-Eaglais no nan sagart, bha ‘s a’ mhionaid sin comharadh bàis air a chur air, mar anacreidmheach: agus mur faigheadh e teicheadh air son a bheatha, b’ e an dubh-phriosan a chuibhrionn air ball, agus fa dheòidh mur géilleadh e, na lasraichean. Agus ‘n uair thòisich, mu dheireadh, ann an àm maith Dhé, an solus—solus na firinn ri briseadh a mach, agus ri sgaoileadh air feadh na Tire; an sin, tha lan iomradh ann an Eachdraidh, cia mar thòisich Luchd-dreuchd na h-Eaglais truaighe ud, ris na h-innleachdaibh a b’ fhuiltieiche chur air chois, chum an t-soluis sin a mhùchadh agus a chur as.
Tha na tha anns a’ chaibidil so air a thabhairt, air ùghdarras Eachdraidhean ar Rìoghachd, tha fosgailte do gach neach: agus air a tharruing gu h-àraid, o Eachdraidh nan Cuil-de-ach, a sgrìobhadh leis an duin’ urramach agus fhoghluimte sin nach maireann, Dr. Jamieson; o Eachdraidh beatha Iain Knox, a sgrìobhadh leis an duin’ urramach eile sin nach maireann, Dr. MacRie; agus o Eachdraidh Eaglais na h-Alba leis an urramach Dr. Hetherington, ministeir na h-Eaglais Saoire an Cill-Rimhinn.
—An Fhianuis.