AN DARA CAIBIDEIL, A tha mu thimchioll eolais an ni fhein, agus gu h-àraidh mu thimchioll crìche agus rùin an ordugh, ni gu’r h-e ar n-aonadh ri Criosd.
THA aonadh so a’ mhorain ann an aon—[saic deireadh a’ cheud caibideil]—air a chumail fa’r comhair ann an rathad roiomchuidh le bunabhais an arain agus an fhiona, do bhrigh gu bheil an t-aran o mhoran ghràinean cruineachd a tha a’ dlùthachadh ri cheile ann an aon mheall, agus na gràinean so mar sin, le innleachd a bhi air a cleachdadh, a’ deanamh suas aoin arain. Agus mar an ceudna is dibh am fion, a ta o mhoran bhagaidean agus fhion-dhearcán ‘th’air am bruthadh, o’m bheil an deoch sin air a’ dheanamh “tha a’ cur cridhe dhaoine air ghean” (Salm civ. 15). Gidheadh cha’n e cho co-chosmhuil as tha an samhladh ris an ni a ta air a shamhlachadh, anns gu bheil air gach taobh aon air a dheanamh suas o mhoran, am priomh ni anns a’ chuis so, ged is ni sud ‘tha fior agus neo-sheachanta, ni dha’m bheil an t-Abstol fein (1 Cor. x. 17), a’ toirt an aire mar ni a ta araidh air gu’n tigeadh e fa chomhair ar n-aire-ne mar an ceudna. Tha an Tighearn fein ann an suidheachadh na Suipearach g’ar teagasg-ne gu’r h-e aran na Sacramaid so a chorpsan, agus gu’r h-e fion a’ chupain so fhuil-san, agus tha an t-Abstol Pol ga leantuin agus agradh (1 Cor. x. 16): “An t-aran a ta sinn a’ briseadh, nach e comunn cuirp Chriosd e, agus cupan a’ bheannachaidh a ta sinn a’ beannachadh, nach e comunn fola Chriosd e?” Cha ‘n ‘eil na briathran sin g’ar fagail ann an amharas nach b’e toil Chriosd, ann an sinn a bhi a’ deanamh feum dhe an t-Sacramaid so, E fein a’ thoirt duinn, agus n-ar deanamh n-ar luchd comh-pairt d’ a chorpsan, agus d’a fhuil-san airson maitheanais pheacaidhean chum na beatha siorruidh. Tha an t-aonadh dubailte a tha eadar nan creidmheach ‘nam measg fein, agus a ta eadar iad sud uile agus Chriosd air a’ thuigsinn gu maith agus air a chur an cèill ann am briathraibh beothail le Chrysostom, agus e ag radh (Homil. 24, in Matth.): “Ciod is e an t-arán? Corp Chriosd. Ciod e a ta iad, sin a’ tighinn gu ‘bhi a ta a’ gabhail ris? Corp Chriosd. Cha’n e moran chuirp, ach aon chorp. Oir direach mar tha an t-arán air a dheanamh mar sin ‘na aon o mhoran ghráinean ionnus ‘snach faicear na gráinean, agus, ged tha na gráinean anns an aran gidheadh gu bheil e eu-comasach an t-eadar dhealachadh ‘tha eadar na gráinean a thoirt fainear a thaobh mar a ta iad air am misgeadh troimh cheile, ‘sann mar sin tha sinn uile fa leth do cheile, agus sinn uile air ar comhcheangal ri Criosd.”
Mar an ceudna ged tha Mac Dhe ‘na Phearsa fhein ‘na aon, gidheadh faodar beachdachadh air mar Dhia agus mar dhuine eadar-dhealáichte ann an aonachd a Phearsa. Chum so a dheanamh tha sinn a’ beachdachadh air an toiseach anns a staid anns an robh E o’n bhith-bhuantachd ‘nuair nach robh e fathast air fhoillseachadh ‘s an fheoil, agus, anns an dara h-aite, anns an staid anns an do dh’ fhoillsicheadh E ‘san fheoil. Tuilleadh fós, anns an fhoillseachadh so feumaidh sinn beachdachadh air mar a bha E air irioslachadh agus “chuir Se E fein ann an dímeas, agus rinneadh E umhal gu bàs eadhon bàs a’ chroinn-cheusaiddh,” agus mar, an deigh sin, bha E air árdachadh gu airde ro-mhoir, ionnus ‘s gu’n do shuidh E air deas-laimh Dhe, puincean gu’r h-iad cinn a’ chreidimh Chriosduidh, a ta air an cur os ceann deasboireachd, gu ‘re bhig, leis na h-uile ‘tha ag aideachadh an t-ainm Chriosduidh.
Tha e gu buannachd dhuinn mar an ceudna gu’n tuigeamaid ciod e an doigh anns am bu chòir dhuinn beachdachadh air Criosd mar a tha E air a thoirt dhuinn aig a’ bhord naomh so, ni ‘tha sinn a’ meas ni’s neo-sheachanta feumail o’n so: ma dhearcas sinn air an ni so, agus ma thug eas sinn an ni so gu ceart bitheas e ‘na gnothuich furasda dhuinn na deasboireachdan uda ‘tha teanndaidh Sacramaid ud na h-aonaidh gu bhi ‘na h-ubhail na h-aimhreit a’ chur an dara taobh, oir cha’n ann gun chron muladach do’n Chriosduidheadh uile tha na deasboireachdan so.
So uime sin tha sinn a’ cur sos anns a’ cheud aite: nach ‘eil Mac Dhe fein, gu beachdachadh air gu simplidh mar is E Dia, agus mar nach bitheadh suil againn ris an fhoillseachadh a thug Se air fein ‘s an fheoil, air a shamhlachadh, no ‘air a’ chur ruinn, anns an t-Sacramaid, do bhrigh as anns a staid sin gu bheil E gu h-iomlan ‘na Spiorad neo-chorpora, agus anns an staid sin nach h-urrainn da mar Dhia a mhain a bhi ‘na cheann duinne, no sinn a bhi ‘nar buill dhasan. Oir, mar bitheadh gu’n d’ rinneadh E ‘na dhuine cha b’ urrainn da aon chuid n-ar saoradh, no riarachadh a thoirt air son ar peacaidhean, ni mo a b’ urrainn da a bhi air a thabhairt duinn air son loin agus beathachaidh chum beatha shiorruidh. Ma bheachdaichear air, thubhairt mi, ann an rathad eadar-dheal-aichte mar is E Dia. Oir o’n rinneadh E ‘na dhuine, ‘se an Dia-duine E, gun roinn air bith ann fein, agus mar sin ‘nar smuaintean d’a thaobh cha’n fhuilingear gu’n deantadh roinn d’a thaobh, ach is aon ni an da nadur ‘th’annsan a’ roinn agus a’ dhealachadh, is ni eile an eadar-dhealachadh, agus a bhuadhan fein a thoirt do gach nadur fa leth: agus their sinn an ni ceudna ‘nuair tha n-ar gnothuch ris na gniomharan agus ris na fulangasan a ta a’ sruthadh a mach o bhuadhan eadar-dhealaichte anns an aonadh neo-sgaraichte agus iongantach so. (Ri leantuin.)