Teagasg a chum iad sin leis am b’ail ‘tighinn gu bord naomh an Tighearna gu h-iomchuidh a bhi air an ullachadh roimh laimh;
LEIS AN URR. ANDREAS RIVETUS.
(Air eadar-theangachadh o’n Laidinn airson a’ cheud uair.)
AN TREAS CAIBIDEIL,
A tha a’ nochdadh gu bheil Criosd ann an samhlaidhean naomha an arain agus an fhiona ‘ga thabbhairt fein dhuinn mar (no, anns an t-seadh anns an d’) fhuair E bas air a’chrann-cheusaidh.
IS iad na samhlaidhean noamha a roghnuich an Tighearn, aran agus fion, nithean ata ro-chumanta a measg nam biadhan àbhaiseach a dh’ orduicheadh do dhaoine airson cumail suas am beatha, agus biadhan air nach ‘eil neach air bith a dh’ fhaodas a reusan a’ chleachadh aineolach, ciod iad an gnè agus am feum. Tha iad air an gabhail le buill corpora, agus tha iad air an leigeal sios dha-n’ a’ ghoile chum as, an deigh dhoibh a bhi air an cnamh agus air an roinn a mach air feadh a’ chuirp, gu’m biodh iad air an teanndaidh gu ‘bhi ‘nan cuid dhe-n’ a’ chorp fein. Chum, uime sin, gu’n tugadh an Tighearn fianuis air gu’m b’e a thoil gu’m bitheadh E air a cheangal ruinn ann an aonadh ro-theann, rinn E feum de dh’ iomadh seorsa coslachdan leis an sparradh E oirnn an diomhaireachd ud, agus leis an cuireadh E ann an seadh eigin e fa chomhair ar sül. Cha’n’eil coslachdan air bith ‘tha air an cleachdadh a chum na criche so cho tric riu sin a tha air an tarruing o’n cheann agus na buill, a tha a’ dluthachadh ann an aon chorp; o’n fhear agus a’ bhean, a tha, a reir orduigh Dhe, a’ tighinn gu a bhi ‘nan aon fheoil; o’n fhionan agus na geugan ata a’ fantuinn ann, agus ata a’ fas suas comhladh ris; ach tha ‘na coslachdan sin a chum a bhi a’ soilleireachadh agus cha’n ann a chum a bhi ‘nan sacramaidean gu ‘bhi a’ seul-achadh agus a’ co-chur ris gach creidmheach fa leth na nithean a ta, anns na coslachdan ud, air an cumail a mach fa chomhair nan uile. Ni mo na sin bha na coslachdan ud air an suidheachadh le Dia gu bhi ‘nan Sacramaidean, ach bha iad air an ordachadh ann an nadur agus ann an comuinn choitcinn dhaoinne a chum criche eile. Ach anns an t-shuidheachadh mu am bheil sinn a’ labhairt, bha an t-aran agus am fion air an toirt airson a’ cheirt chriche so, agus cha’n ann (mar tha iad air an cleachdadh anns an t-Sacramaid) airson feuma eile, agus tha iad air am meas mar shamhlaidhean ann an Suipeir Naoimh na Sacramaid so.
Feumaidh sinn, uime sin, ‘thoirt fainear nach ‘eil an t-aran agus am fion a’ tighinn gu bhi nam biadhan dhuinne a dh’ easbhuidh air ullachadh iomchuidh a bhi air a dheanamh roimh laimh, agus anns an ullachadh sin tha toraidhean na talmhainn, o’m bheil na biadhan ud air an deasachadh, air am briseadh sios, agus, mar sin, tha iad, le innleachd a bhi air a cleachdadh, air an deanamh a chum cumail so beatha an duine; ni, a thaobh nan nithean so, ‘tha ro-aithnichte ciamar tha e’ gabhail aite, oir is ni e ‘tha ann fhein cumanta agus coitchionn. Leis na nithean sud, thoilich an Tighearn ‘dheanamh aithnichte dhuinn nach d’thainig a chorpsan agus ‘fhuilsan gu ‘bhi ‘nam biadh agus ‘nan deoch, ‘nam beath-achadh spioradail dhuinn, a dh’ easbhuidh air ullachadh iomchuidh roimh laimh, ullachadh anns an robh a chorpsan air a bhriseadh, agus, mar gu’m bitheadh, air a mheileadh agus air a bhleith ann am muilean, air dha a bhi air a bhualadh air a’ chrann-cheusaidh le piantan de dh’iomadh gnè agus a bha ro-shearbhha, air a lot le tàirngean agus le sleagh, agus, mar gu’m bitheadh, air a rostadh ann an teine ‘amhghairean. Bha ‘fhuil mar an ceudna air a fàsgadh mach as mar ann an amar bruthaidh, mar is gnath ‘tachairt dha bagaidean nam fion-dhearcán ‘nuair a shaltrar oirre agus ‘nuair a bhruthair iad. Mar a dh’ fhaodas mi a radh, bha Criosd troimh ‘fhulangas ro-shearbh sin eadhon gu báis a’ chroinn-cheusaidh, air a dheanamh ‘na bhiadh agus ‘na dheoch dhuinn, agus, dealaichte o’n t-suidheachadh sin, cha bhitheadh E aon chuid air a theirgsinn, no air a cho-chur ruinn anns a’ bhord naomh. Uime sin ‘nuair a labhair E mu dhéighinn an ithidh so, tha E ‘caradh an ithidh, cha’n ann ann an rathad generalite ri Phearsa, ionnus ‘s gu’n abradh E, ‘se an t-aran so mi fhein; ni mo tha E a’ labhairt, ann an rathad a tha ‘deanamh eadar-dhealachaidh, mu a nadur diadhaidh fein, mur gu’n abradh E, ‘se an t-aran so mo dhiadhachd; ach tha E ‘ga chàradh ri nadur daondach fein, agus, air mhodh sonruichte, ri ‘fheoilsan agus ri ‘fhuilsan. Eadhon ‘nuair, an taobh am muigh do’n t-Sacramaid, labhair E mu’n ghne ithidh ata spioradail, agus E mar sin ‘ga ghairm fhein fo’n ainn sin, aran neamhaidh (Eoin vi.), tha E a’ mineachadh so, air iomadh doigh agus gu tric, mu ‘chorp fein, no mu ‘fheoil fein, a bha E gu a thabhairt, ‘se sin air a’ chrann-cheusaidh, airson beatha an t-saoghail, agus an deoch a bha E a’ gealltuinn, mhinich E mu ‘fhuil fein, ‘se sin ‘fhuil a bha E gu ‘dortadh a mach, air a’ chrann-cheusaidh. Oir mar is iad so an da phairt de’n chorp do’n gnath a bhi air an dealachadh o cheile ann am bas ainneartach, d’ur tha neach air a lot troimh, agus mar sin gu’r h-ann annta a bha fulangas Criosd air a’ chumail a mach fa chomhair sùl dhaoiné, rinn E luaidh oirre sud, air an ainn; oir, o’n dealachduinn sin o cheile, lean am bas ud fo’n d’thainig E fein gu toileach, bas, ged nach deachaidh E foidh ach aon uair a mhain, agus ged rinneadh E a nis gu siorruidh saor uaith, gidheadh is i a thoil gu’m bitheadh e fa’r comhair-ne aghnath, mar ni a ta a lathair agus a ta ùr, direach mar a ta am bas sin an comhnuidh mar sin ‘an lathair Dhe, ‘na fhàile cùbhraidh (Ephes. v. 2). Agus mar sin tha E ‘ga thabbhairt gun sguir fa chomhair ar sùl mar iocshaint-bacaidh ann an aghaidh a’ bhais, agus mar chomharradh air neo-bhàsmhorachd. Mar an ceudna ged tha E ann a fhocal fein, cia minic agus tha a bhas agus ‘fhulangas air an cur an ceill duinn, air a nochdadh gu soilleir fa chomhair ar sùl gach là, air a cheusadh ‘nar meag, gidheadh, mar ‘nuair a chuirear am focal ris an t-shamhlaidh gu bheil Sacramaid cuimhneachaidh againn, mar sin (air dha da bhuadh de anam an duine a bhi mar gu’m bitheadh a’ gabhail a stigh a’ combladh) tha a’ chlaisneachd agus an fhradharc air an gluasad ann an rathad ni’s eifeachdaich le da ‘chuspair—cuspairean a tha a’ toirt air ni-eigin nach e iad fein a’ tighinn a stigh do’n tuigse, ‘se sin am bas ‘bha maslach ann an sealladh dhaoine, ach priseil ann an sealladh Dhe, ni gu’r h-ann air son e a bhi air a chur an ceill agus air a chumail air chuimhne gu bheil an t-Sacramaid so, a dh’aoin ghno-thuich, g’ar gairm. “Cia minic agus a dh’itheas sibh an t-aran so, agus a dh’ olas sibh an cupan so, tha sibh a’ foillseachadh bais an Tighearna gus an tig E.” (1 Cor. xi. 26.) Leis na briathran sin tha an t-Abstol a’ mineachadh nam briathran ud a chleachd an Tighearn ann an suidheachadh na Suipearach—”Deanaibhse so mar chuimhneachan ormsa”—ormsa a tha a’ toirt suas mo chuirp, agus a tha a’ doirteadh mach m’fhola air a’ chrann-cheusaich. Ithibh mo chorpa so a ta air a bhriseadh air bhur sonsa, agus olaibh m’ fhuilsa so a tha air a’ doirteadh air bhur sonsa. Ann an sin tha E a’ toirt fianuis shoilleir gu bheil E, ann ‘bhi dhuinn a’ cleachadh na Sacramaid so, a’ teirgsinn agus a’ tabhairt dhuine a chorpa mar bha e air a bhriseadh, agus ‘fhuil mar bha i air a doirteadh a mach as a chuislean. ‘Se so mar an ceudna an t-aobhar gu’n do chleachd E da chomharradh a tha sgarraichte o’ cheile, eadhon aran agus fion air leth, a chum ‘s gu nochdadh E dhuinn an dealachadh a bha air a dheanamh eadar a chorpsan agus ‘fhuilsan ann a fhulangas, a chum ‘s gu’n ceangladh E sinn ris fein, agus gu’m b’e sinn ‘fheolsan agus a chnamhansan agus ‘fhuilsan.
Uime sin, ged a dh’ fheumas e a bhi ‘na ni mu nach’eil amharus ‘nar sealladh, cha’nea mhain gu bheil, an deigh aiseirigh bheannaichte agus ghlormhior an Tighearna, aonadh a’ dlùth-leantuin ann am Pearsa Chriosd eadar a Dhiadhachd agus gach pairt dhe a chorpa (mar nach d’ fhag E riamh pairt dhe a chorpa gu ‘bhi dealaichte no sgapta o Dhiadachd) ach mar an ceudna gu’n d’ thainig na h-uile pairt a bha feumail do dhuine ri cheile troimh ‘n a’ bheatha a ghlac E a rithist, beatha nach ‘eil E gu brath tuilleadh gu leigeal sios: Gidheadh tha e cinnteach gu bheil Chriosd ann an Sacramaid na Suipeire naoimhe ‘ga theirgsinn fhein dhuinn [cha’n ann]* mar ‘tha E beo o na mairbh agus air a glòrachadh, ach mar chuir E E fein ann an dimeas mor, eadhon gu bas a’ chroinn-cheusaiddh, agus is i a thoil gu’n itheamaid a chorpsan mar a bha E air a bhriseadh agus air a mharbhadh air ar sonne, agus gu’n olamaid ‘fhuilsan mar a bha i air a doirteadh a mach air ar son-ne eadhon mar gu’m bitheadh E fathast anns a staid sin, neach bu choir a ghnath a bhi fa chomhair sùl ar n-inntinn fo shealladh an t-shuidhichidh sin anns an robh E comasach dha a bhi comh-pairteachadh dhe ‘ftheoil agus dhe ‘fhuil ruinn. ‘Sann mar so bu choir dhuinn na briathran ‘tha ag amharc ris an àm a ta a lathair (present tense) a thugisinn mar gu’m bitheadh iad a’ comharrachadh a mach gniomh a tha a’ buan-leantuininn, agus ‘tha buan-mhaireannach ‘nuair tha E a labhairt mu a chorps fein “a tha air a thabhairt” (cha’n e “a thugadh”) air ar son, agus “a tha air a bhriseadh” (cha’n e “a bhriseadh”) air ar son, agus ‘fhuil fein “a tha air a doirteadh” (cha’n e “a dhoirteadh”) air ar son. Oir mar, ann an seadh diomhair, a thugadh agus a bhriseadh a chorps agus a dhoirteadh ‘fhuil roimh dha a bhi, ann an gniomh, air a cheusadh, eadhon troimh an t-Sacramaid a bha a’ cumail a mach na nithean ud, mar sin tha an ni ceudna air a dheanamh o linn gu linn le Sacramaid a tha gu ‘bhi a’ cumail bais Chriosd air chuimhne ann an co chomunn naomh, Sacramaid anns am faod agus anns am bu choir do gach creidmheach a radh agus a chur sios mar ni cinnteach gu bheil e fein a’ gabhail cuirp Chriosd a bha air a thoirt thairis agus air a bhriseadh air a shon fein, agus fola Chriosd a bha air a doirteadh air a shon fein, ged tha mille agus sia ceud bliadhna o’n dh’fhuiling ar Tighearn.*
A chionn ‘s gu bheil e ro shoilleir o’ bhriathran suidhichidh na Sacramaid gu’n d’ thug Chriosd a chorps fein d’a dheiscioibuil, agus dhoibhsan a chreideamh ann ‘nan deigh, gu a bhi air itheadh leo mar a bha e air a bhriseadh, agus ‘fhuil mar a bha i air a doirteadh, agus gu bheil E anns an doigh cheudna ‘gan tabhairt dhuinn a nis, tha sinn a’ tarruing a cho-dhunaiddh a leanas: Cha’n e, cia mar a dh’ fhaodas sinn ann an rathad farsuing corp Chriosd a ghabhail, no cia mar a dh’ fhaodas sinn corp Chriosd a thug E suas leis ‘na chorps glormhor agus neo-bhasmhor do neamh a ghabhail ‘a bu choir dhuinn a bhi a’ feòrachd? Ach ‘se a bu choir dhuinn a bhi a’ feòrachd, ciod i an doigh air am faod sinn a bhi ag itheadh de chorps Chriosd mar bha e marbh, agus ol de fhuil Chriosd mar a bha i air a doirteadh a mach? Oir d’ur tha a’ cheist air a suidheachadh o’n toiseach ann an rathad cli tha ro-thric deasboireachd gun fheum agus eadhon calldach a’ dol air chois, ni a dh’ fhaodadh a bhi gu furasda air a thoirt gu ceann n’am bitheadh briathran na ceist air an suidheachadh ann an rathad soilleir, agus mar bitheadh na briathran leis an robh an t-Sacramaid air a suidheachadh air an reubadh o cheile, ‘nuair tha iad da rireadh a’ leantuininn ri cheile ann an ceangal gun bhriseadh.
(Ri leantuininn.)
* Cha’n’eil na briathran so, “cha’n ann,” anns an Laidinn, ach saoilidh mi gu feumar an tuigsinn.—I. R. M.
* Is e a dh’ fheumas sinn a radh, cha’n e “mille agus sia ceud,” ach, “mille agus naoi ceud.”