A NNS a’ choimhearnachd aig Philadelphia, bha māthair dhiadhaidh, aig an robh do thoil-inntinn a bhi faicinn a cloinne ‘nuair a bha iad fathast ro òg, air an toirt gu eolas na frinn, a’ gluasad ann an eagal an Tighearna, agus ‘nam buill mhaiseach ann an eaglais Chriosd. Chuala Ministeir a bha air thusus an ni so mu thimchioll na māthar so, agus mhianaich e gu mòr a faicinn; a’ saoilisinn gu’m feumadh ni-eigin sonruichte a bhi ‘na doigh ann an toirt seachad teagasg diadhaidh, a rinn fhàgail cho eifeachdach. A reir sin chaidh e ga faicinn, agus dh’fhiosraich e dhith a thaobh na doigh anns an do choimhlion i dleasnais māthar ann an oileineachadh a cloinne. Fhreagair a’ bhean, nach b’fhiosrach ise gu’n robh i ni bu dílse na b’ail le māthair chreideach sam bith a bhi ann an oilein diadhaidh a cloinne. An deigh beagain seanachais thuit i, am feadh a bha mo chlann ‘nan naoidheanaibh ann am uchd, air dhomh bhi g’an ionnlaid, thog mi mo chridhe ri Dia gu’n deanadh e an ionnlaid anns an “fhuil sin a tha glanadh o na h-uile peacadh,” air dhomh an sgeadachadh anns a mhadaunn, dh’ iarr mi air m’ Athair neamhaidh an sgeadachadh le trusgan fireantachd Chriosd:—air dhomh biadh ulluchadh dhoibh, ghuidh mi air Dia an anamanna a bheathachadh le aran nam flaithheas, agus uisge na beatha thoirt dhoibh r’a òl. Air dhomh an ulluchadh air son tigh Dhé, thagair mi gu’m biodh an cuirp ‘nan teampuill iomchuidh do’n spiorad naomh a ghabhail comhnuidh annta:—’nuair a dh’fhàg iad mi air son na scoil sheachdanach, lean mi an cas-cheuma leanabail le urnuigh, gu’m biodh an slighe trid na beatha cosmhuil ri “slighe nam firean, a dhealraicheas ni’s mò agus ni’s mò gu ruig an latha-iomlan: agus an uair a chuir mi luidhe iad gu fois na h-oidhche, b’i urnuigh thosdach m’anama, gu’n gabbadh an Athair neamhaidh iad na bhroilleach, agus gu’m paisgeadh e iad ‘na ghairedeinibh athaireil.”
An so tha buaidh an t-saoithreachaidh thosdaich, neo-fhaic-sinnich aig māthair dhiadhaidh; buaidh a bhios air a faireachduinn, ‘nuair a bhios buaidhean sin an leth a muigh, agus na sòlasan faileasach, a tha moran a saoithreachadh r’an toirt d’an cloinn, air an dichuimhneachadh; no a mhain air an cuimhneachadh mar na meadhona a mhineachadh dol sios ealamh do shaoghal a’ bhròin. Anns an sgeul bheag so, tha dà ni a’ bualadh ar n-aire—gu’n robh na h-oidhirpean sin air an toirt trath, agus ann an earbsa ri beannachadh Dhé. Thuig a’ mhàthair so gur ann o Dhia a fhuair i a clann, agus gu’n robh i gu cunntas a thoirt Dhasan air son an doigh anns an deanadh i an togail suas. Bha fhios aice gu’m biodh a saothair ann an diomhain, ni’s lugha na dheonuicheadh Dia dhith ‘na thròcair comhnadh a spioraid a naomhachadh agus a shabhaladh an anamanna: uime sin, trid uile dhleasnasan an latha agus an iomlain do dh’ ùine chudthromach na naoidhean-achd, sheall i suas ri Dia a tha’n comhnuidh dluth dhoibhsan a ghairmeas air, agus a dh’eisdeas r’an glaodhaich. Cia sona dh’fheumas an teaghlach sin a bhi d’an Dia an Tighearna! ciod an t-aobhneas neamhaidh a tha dearsadh o gach gnuis, agus ciod an dochas glormhor leis am beil iad ag amharc an taobh thall do’n uaigh, chum an aite-chomhnuidh sin a tha air ulluchadh air an son ann an tigh an Athar! Agus feumaidh a’ mhàthair sin a bhi da rireadh sona, a rinn ann an eagal De, agus le siorruidheachd anns an amharc, mar so a dleasnas a choimhlionadh.
Tha faireachdainn ann am broilleach màthar, a tha a mhàin air a thuisinn le mathair—an t-snaim a tha gu’n ceangal r’ an gneil, is aon i, ni r’a samhluchadh rithe, tha na h-uile snaim eile anmhunn. Is ann do na faireachduinnibh sin, a ni’n fhirinn a chaidh direach ainmeachadh cànan a labhairt a dh’ fheumas bhi air a tuigsinn; agus a dh’fheumas fuaim a bhualadh air an teud so a ruiteas a sios ‘sa suas air feadh uile shnaithinibh an anama. Am feadh a tha fhanuis air a leigeadh gu tric risan a chaith a bheatha fada ann am peacadh, a tha tuiteam cosmhuil ri fuaim na gaoithe fhalaimh air a’ chluais; agus a tha guth an rabhaidh a labhairt a mach fhirinnean mar thairneannach, ri cridheachaibh adamaint, tha an fhanuis a tha air a leigeadh ris, air a leigeadh ri cluais nach ‘eil bothar, ri cridhe is urrainn faireachduinn.
Tha gleadhrach agus gluasad an t-saoghail ghniomhaich gu tric a’ bàthadh guth cùin caol an t-Soisgeil, a tha ri fuaim ann an cluais an fhir-mhalairt; agus tha gliocas saoghalta, agus cunntas mion, air uairibh a’ treorachadh dhaoine gus a’ cheist a dhearmad, “Ciod an tairbhe a ta ann do dhuinne, ge do chosnadh e an saoghal uile, agus ‘anam féin a chall’.” Ach tha’n earail so air a sonruchadh airson staid eadar-dhealuchte, anns a’ bheatha so; air son na dream sin nach ‘eil a meagsadh ann an gluasad ‘s an cabhaig an t-saoghail; ach a tha gluasad ann an gnothuch is samhaiche, ged nach ‘eil e ni’s neo-chudthromaiche. Ann an uair eigin do bheachd-smuaineachadh tosdach, feudaidh so tuiteam ann an lamhaibh màthar chreidich; agus is urrainn na dleasnais a tha e cliuthachadh a bhi air an coimhlionadh, am feadh a ta i eadhon a sàs ann an gnothuch coitchionn an teaghlach.
Cha sgleo bàrdachd idir e, gur “ann direach mar tha ‘m faillein ag amharc tha aomadh na craoibhe.” ‘Nuair thoisicheas an intinn ri fosgladh, agus a tha greim air a dheanamh air an aire ‘n toiseach leis na cuspairibh a tha gar cuairteachadh, tha moran an earbsa rithe, a ni anns an aimsir mhaoth sin a’ cheud drùghadh air an inntinn sin, agus a sheolas an toiseach a h-aire. Is ann an sin a tha fosgladh agus cumhachd aig a’ mhàthair, nach ‘eil seol air ruigheadh orra aig àm sam bith eile. Feumaidh ceud cheistean an leinibh bhig a bhi air am freagairt leathasa a thug a dh’ ionnsuidh an t-saoghail e. Air dha bhi sior-bheachdachadh air na reulta soillseach sin a tha dealrachadh ann an iarmailt an fheagair, agus a dh’fheòraicheas e, “co rinn na nithe dealrach sin?” is e dleasnas màthar innseadh do’n bhruidhuichne bheag mu’n Ti mbòr agus mhaith sin, a tha chomhnuidh anns na neamhaibh; agus an neach is e Athair ar n-uile thròcairean. Agus mar a dh’fhosglas an inntinn, innsidh a’ mhàthair do’n fhear-eisdachd bheag mu Iosa, neach a luidh ann am prasaich, agus a bhàsaich air a’ chrann-cheusaidh.—Agus an uair a chaislicheas i a chluasag air son fhois gach oidche, agus a ni i faire thairis air dùnadh a shul, is e a sochair a chluinntinn a’ pronnadh “Ar n-athair,” agus a sheòladh gus an t-Athair sin a ghradhachadh, neach air ainm a tha e luaidh co moch. Rachadh an cothrom luachmhor so seachad, imicheadh làithean na leanabuidheachd sin air falbh, agus biodh an inntinn air a lionadh a mhàin le sgeulachdaibh breugach, agus le luinnea-gaibh aighearrrach; agus tha an neo-bhasmhòr luachmhor air a thogail suas air son staid eigin eile, seach am Parras gu h-àrd. Am bheil thu ‘g ràdh gu bheil thu aineolach, agus nach ‘eil thu comasach air teagasg a thoirt seachad? Mar a tha do leanabh an crochadh ri d’ bhroilleach, tha e stiuradh a ghnùis fhiosrachaidh do t’ionnsuidh air son naidheachd thaitnich eigin; is aithne dhuit gu leoir gu innseadh dha mu ghaiseach righ eigin; agus nach urrainn thu innseadh dha mu Righ Shioin, Prionnsa na Sith? Agus ciod tuilleadh a b’urrainn am feallsanach foghlumte innseadh do’n inntinn leanabaiddh so? Tha thu gun iomradh ort agus leth-oireach an dubhairt thu? Ach tha thu aithnichte do d’ leanabh, agus tha do chumhachd an sin ni’s mò na cumhachd lagh-thabhar-tair, no Ceannard. Tha do bhriathran air gabhail riu le muinighin, agus “dh’innis mo mhàthair dhomh mar sin,” is argumaid leoir fhoghainteach i a thoirt làn-dearbhadh do’n leanabh air na firinnbh is ro-chudthromaiche.
An so tha cumhachd agad nach urrainn creutair air bith eile bhi aige, agus is urrainn thu chur an cleachdadh anns an rathad is ro choltaiche gu buadhachadh. Ch’n e gu’m fosgladh do mhaic ionmhasan ealainn an eòlais, a ni a dheasachadh gu shuidheachadh am measg muinntir fhoghlumte agus ghlic an t-saoghail:—cha’n e gu d’ nighean a dheanamh maiseach leis a’ ghrinneas sin a thairneas aire na dream sin a dhomhluicheas talla an toil-inntinn, no tha gluasad ann an cuideachd na finealtachd agus an fhasain:—tha’n cuspair a tha san amharc gu mor ni’s urramaiche, agus ni’s fearr an airidh air aire shonruichte na muinntir a tha caitheadh am beatha air son neo-bhasmhoireachd.
Feudaiddh an leanabh sin a tha nis pronnalaís air do ghluin, no tha cluiche mu’n cuairt do t’aitè-comhnuidh, fathast innseadh do chinnich eigin a tha dol am mugha mu Iosa o Nasaret; feudaiddh e fathast a bhi ‘na shaighdeir comasach ann an armaile Immanuel; agus feudaiddh e bhith bratach a chroinn-cheusaidh a chur ‘na seasamh air cladaichean Ghreenland, no fuidh ghrein loiseach Africa. Amhairc air nithibh dearbhta. Ciod a rinn an toiseach t-Eoin Neuton diadhaidh agus anabarrach feumail, a threoruchadh chum eolais na firinn? Rinn teagasgan a mhàthar air an toirt seachad aig aois thràth cheithir bliadhna dluth-leantuin r’a choguis, agus threoruich iad e dh’ionnsuidh Slanuighir. An urrainn thu luach a chur air toradh a shaoithreach? Cha ghabh e deanamh, gus an urrainn thu feumalachd Bhuchanan agus Scoit a chuir ri cheile, daoine bha air an iompachadh tre a shaoithreach-san—gus an urrainn thu ‘n lan leus do’n t-solus sin fhaicinn, a ghiulain a’ cheud fhear do theis-meadhoin nan Innsean Geintileach; agus a bhios tu t’fhanuis air a’ chomh-fhurtachd agus air an dochas dhealachrach a thug saothair an dara fir air an aghaidh ‘nar tir fein. Co theagaig do Thimoteus òg a bha ‘na shaoithriche moch ann am fion-lios Iosa Criosd, na ceud theagasan do fhirinnibh an Tighearna? Co threoraich Samuel, a bha ‘na Fhaidh agus ‘na Bheitheamh ann an Israel, do thigh an Tighearna am feadh a bha e fathast og, agus a choisrig e do sheirbhis Dhe nam flaiteas? Mâthair a bha air toirt suas do bhi deanamh urnuigh.
Ged fheud nach dean an siol a chuirear mar so ann an aois na naoidheanachd eiridh suas agus toradh a thoirt a mach am feadh a tha e fo shuil a mâthar; gidheadh, cha’n fheum sinn a chomhdhùnadh gu bheil e caillte. Thachair ministeir o chionn ghoird air maraiche ann an sràid baile mhòir, agus thug e sparradh dha thaobh a dhleasnnais ann an aire thoirt do na nithibh a bhuiheadh d’a anam. Bhruichd an seoladair treun a mach ann an deoir, agus ghlaodh e, “Stad, stad, na labhair riumsa mar sin, is ann ceart direach mar sin labhair mo mhàthair rium, ‘nuair a bha mi ann am leanabh.”—Lean comhairle a mhàthar e tre uile chuaireachadh, agus fathast ghleidh na briathran aice-sa a bha’g urnuigh air a shon, an greim air a choguis aige.
Tha e nis air a chunntadh ‘na urram ni’s mò aon a bhi’na mathair do Bhrainerd na do Mhartin, seach ‘na mathair do fhear-riaghluidh no do fhear-cogaidh urramach. Agus cha’n ann idir airson na staid ghoird so do bheatha a mhain, a tha thu gu d’chllann a thogail suas. Tha bhuidheann, bheag a tha tional mu’n cuairt duit, air an orduchadh air son siorruidheachd. ‘Nuair a shiubhlas an saoghal air am bheil iad ‘nan seasamh air falbh, agus a bhiteas a shòlasan agus a nithe urramach air an dichuimbneachadh; an sin cha bhi iadsan do’n fhosgail sibhse slighe a stigh do’n ghne bheatha so, ach a’ tòiseachadh ri tighinn beò. Tha’m buaidhean a nis g’an dealbh air son siorruidheachd, agus tha sibhse cuideachadh chum an dealbh.
Ged fheud nach ‘eil sibh ga rùnachadh, agus ged fheud sibh sibh fein fhàgail suaimhneach le bhi saoil-sinn, mur urrainn duibh aon mhaith a dheanamh dhoibh, nach dean sibh aon eucoir orra; gidheadh tha sibh a’ cur an gniomh cumhachd a tha air a faireachduinn, agus a bhios air am faireachduinn, ‘nuair a bhios ‘ur cinn air an cur ‘nan luidhe anns an duslach. Biodh uime sin an fhanuis so a tha air a leigeil ri faireachduinn màthar air a h-eisdachd; leigibh leatha tighinn a chum ‘ur broillichean fein; agus beachdsmuainichibh orra ann bhur cridheachaibh. An urrainn duibh saoithreachadh chum gu’m meal iad nithe maithe an t-saoghail shiubhlaich so, agus nach seòl sibh an inntinnean d’a ionnsuidh-san, neach is e aran na Beatha? An aithne dhuibh an t-slighe gu cathair thròcair, agus na guidh sibh gu’n deanadh Esan a ghabh leanabana beaga ‘na ghàirdeinibh, agus a bheannaich iad, bhur clannsa a dhluth-ghabhail d’a ionnsuidh, agus an ulluchadh air son a rioghachd?
Chunnaic thu lamh na h-euslainte a’ deanamh greim orra, agus chuir thu seachad laithean do shaothair iomagaineach, agus oidhchean do churam gun fhois, gus an eucail aca chumail air a h-ais; agus ghlaodh thu o chridhe briste, “Och! caomhain mo leanabh!” Chunnaic thu cupsair do ghraiddh ro thairisneach a’ tuiteam sios ann an gairdeinibh a’ bhàis, agus le cridhe air a reubadh le cradh, thuirt thu maillle ris an duine chumhachdach, “Thig a nuas mum faigh mo leanaban bàs.” Agus an uair a bha na dleasnais mu dheireadh do ghràdh mathaireil air an coimh-lionadh, agus a dhùin an uagh air leanabh do bhroillich, feudaidh e bith, gu’n d’ amhair thu air t-ais ris an àm a bha e air do churam, agus gu’n d’ rinn thu bròn nach do ghabh thu barrachd curaim mu n chuid neo-bhasmhoir dheth,—nach d’ rinu thu barrachd ùrnuigh air son ‘anama luachmhoir.
Ma chaidh thu troimh’n leithidibh sin do cheumanna, ma dh’fhairich thu air an doigh, so uime sin cuimhich orrasan a tha nis ann am beatha agus an slainte, agus builich gu maith an còthrom a tha nis air a thoirt dhuit. Tha’n ùine air son do shaoithreachaidh ro ghoirid. Ann an ùine ghoirid ruigidh do chlann an t-àm sin do bheatha, ‘nuair a bhios cumhachd māthar air fhaireachduinn ro a anmhuinn ni’s lugha na bha e air a chur an gnìomh tráth. Am b’áill leibh gu’m faigheadh sibh annta tomhas soaibhir do dh’aobhar sòlais, ‘nuair dh’fhàsas bhur cuirp a’ cromadh a dh’ionnsuidh na h-uaghe? an sin ni sibh a nis an cur air a churam-san, Neach is urrainn an t-anam a naomhachadh agus a shabhaladh. Ma’s e’s gu’n teid sibh sios do’n uagh agus gu’m fág sibh na cuspairean sin aig bhur gràdh ann an saoghal coimheach, neo-thruacanta, ciod is fearr is urrainn duibh a dheanamh air an son, na dichioll a dheanamh air càirdeas an Ti sin fhaotainn dhoibh “a leanas ni’s dluthe na bràthair,” agus neach “a tha ghràdh ni’s laidire na’m bàs?” Bithidh an ceangal caomh a tha nis ga’r ceangal-riu, ann an ùine ghoirid air a sgaoil-eadh; cha’n urrainn dhuibh cuir an aighaidh a’ bhaille a spionas iad o bhur broillichibh. Feudaidh gu’n do mhothaich thu an cràdh—feudaidh gu’n robh do chridhe air a lionadh le doighios—O uime sin, ma rinn thu urnuigh ri amh, ma chaidh t’anam a mach ri amh a dh’ionnsuidh do Dhé, ann an iartusaibh iriosal; innis dha mu thimchioll do chloinne aig nach ‘eil eòlas air: ‘nuair a ta fhios agad ciod e gleachd ann an diomhair ri Dia Iacoib, thoir dhàsan air an ais do chlann ann an creidimh. An sin anns an t-saoghal sin eile dh’ ionnsuidh am bheil thu dol, feudaidh tu ràdh trid gràis, “A Thighearna, feuch mise, agus a’ chlann a thug thu dhomh.”
Ach feudaidh na duilleaga so tuiteam ann an lamhaibh māthar (mo thruaighe! gu’m biodh na h-uiread do’n leithidibh ann), a tha curam air son a cloinne a mhain a’ ruigheadh gus an comh-fhurtachd san àm a ta làthair, agus am meas san àm ri teachd, ann an saoghal is eigin dhuibh fhàgail ann an ùine ghoirid. Tha so ‘na dhearbhadh laidir gu bheil thu dearmad do chòraichean neo-bhasmhor fein. Stad far am bheil thu nis air stairsneach na siorruidheachd, agus cuimhnich, mar a tha thu beachdachadh air a’ ghnùis a tha ri gairdeachas ann ad bhroilleach, nach robh curam ort mu thimchioll anama, a bhios beò gu bràth. Bhitheadh tu làn trioblaid, mur biodh doigh agad air ‘uireasuidh shaoghalta a leasuchadh, gidheadh cha’n’eil thu faireachduinn mi-shuaimeas sam bith mu thimchioll e bhi buailteach do leir-sgrios gun-chrioch: trid do dhearmaid sa air deadh-sgeul na slainte tre bhas Chriosd; seanachas a dh’fheudadh a bhi air a shileadh ‘na intinn òg le buaidh dhruighaidh shonruichte o bhilibh mathar.
Thoir fainear do chunnart fein mar an ceudna. A reir fianuis firinn an Tighearn, a tha freagarach do na h-uile nach ‘eil air an ath-nuadhachadh leis an Spiorad Naomh, tha do chridhe ‘na naimhdeas an aghaidh Dhe. Tha’n fhianuis so air a daingneachadh le d’ chaoin-shuarachas a thaobh maith spioradail do chloinne: oir nam biodh gràdh agad do Dhia be do mhiann agus t-oidhirp gu’m mealadh do chlann a dheadh-ghean-san a tha ni’s fearr na beatha, agus gu’n deanadh iad seirbhis dha. Ged fheadh thu bhi neo-thoileach gabhail ris gu bheil do chridhe air seacharan o Dhia, mar is lugha, aontaichidh tu gu’n do bhris thu cuid d’a àitheantaibh. Nis thubharrt esan, “Is malluichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgrìobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh.” Cha tuit am bagradh so chum an làir. Cha’n urrainn thu aon chuid teicheadh o làthair, no cuir an aighaidh cumhachd an Ti a labhair e. Ach dh’ulluich e fein slighe gu dol as. “Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu’n d’ thug e aonghin Mhic fein, chum’s ge be neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a’ bheatha shiorruidh aige. “Thaing Criosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach”—”thug e ‘anam an eiric air son mhòrain,” agus tha e toirt cuireadh dhuitsa comh-pairt a bhi agad ‘na shaorsa mhor. “Seallaibh riumsa,” deir am Fear-saoruidh beannuichte, “agus bithibh air bhrur tearnadh, uile iomalla na talmhainn,”—”an ti a thig a m’ ionnsuidh, cha tilg mi air chor sam bith a mach e.” Gabh uime sin ri maithneas trid fola Chriosd. Biodh impidh air a cur ort gu cùl a chur ri t’ fhireantachd fein, agus earbsa chur ann am fireantachd an Fhir-shaoruidh. Ma thig thu dh’ionnsuidh Dhe trid an “aon Eadar-mheadhonair,” gabhar ruit, agus bithidh tu mar an ceudna comasach air an t-slighe do neamh a theagsg do d’ chloinn. Gabhaidh tu tlachd ann an Slanuighear a chliutachadh dhoibh, air dha bhi luachmhor ann ad shuilibh fein.
Dluthaichibh tu ri caithir na trocair a dh’asluachadh beannachadh air do theagasgaibh, a dh’fheudas bhi mar so air an deanamh eiseachdach chum slainte shiorruidh do chloinne. Agus nan eireadh e mach iad a bhi air an atharrachadh as an t-saoghal air thoseach ort, feudaidh do bhròn a bhi air a chiuneachadh leis an smuaineachadh, gu’n d’ imich iad a bhi maile ri Criosd.