Ann an beil an ni ‘bha air a chantuinn (anns na caibidilean air
thoiseach air so) air a shoilleireachadh ann an rathad ni’s
farsuing, le bhi coimeas an doigh anns am beil sinn a’ teagasg
gu bheil Chriosd air a chom-pairteachadh dheth anns an
t-Sacramaid, ris an doigh anns an a’ robh cuid de na diadh-
airean a bh’ann o shean a’ cumail a mach Chriosd a bhi air
iobradh gach la.
CHA’N’EIL sinn ag aicheadh gu’n robh cuid de na diadhairean
a bh’ann o shean airson iomadh linn a’ teagasg gu’n robh
iobairt eigin air a tabhairt suas do Dhia ann am frithealadh na
Sacramaid so. Agus d’ur bha e air a chur ri’n aghaidh nach ‘eil
iobairt eile a nis ann an eaglais Chriosd ach iobairtean spioradail,
mar tha urnuighean agus breth-buidheachais, bha cuid dhiubh a
dh’ aontaich gu bheil sin mar sin, agus a theagaig nach bu choir
gu’m biodh luaidh air iobairtean eile ann, ach bha feudhainn eile
dhiubh a bha a’ freagrachd gu bheil na Criosdaidhean ann an
Sacramaid na Suipeire a’ teirgsinn iobairtean agus ofrailean do
Dhia. Fhuair mar so an t-aran agus am fion agus nithean eile a
b’ abhaist a bhi air an toirt do Dhia leis na creidmhich troimh
laimh a mhinisteirean araon airson feuma anns an t-Sacramaid
agus airson a bhi air an co-roinn ris na bochdaibh, gu leasachadh
an uireasbhuidhean, agus gu cuirmean graidh ullachadh dhoibh, na
h-ainmean, iobairtean agus ofrailean, an toiseach. Tha lorg dhe’n
chleachamh so ri fhaicinn anns an eaglais Romanach a dh’ ionn-
suidh an latha an duigh fa’r am bheil an t-aran a tha air a thoir
air aghaidh roimh ‘n choisreagadh, mar their iad, ‘faotainn an
t-ainm so, oblate (ofrail), do bhrigh o shean gu’m b’ abhaist gu’m
bithean bannaich arain air an t-slan, a reir a’ chleachaimh
choitchionn, air an teirgsinn, agus bha iad ann an sin air am
briseadh ‘nam mirean agus air an roinn an toiseach air son feuma
na Sacramaid agus an deigh sin airson loin do na bochdaibh: ‘se
so an t-aobhar airson gu’n abraid riu sud ofrailean agus iobairtean,
nithean a bha air an toirt suas do Dhia dhe ‘cheutairean fein, mar
bu toigh le Irenaeus agus le Tertullian a chantuinn.
Ach thuilleadh air na doigheadh labhairt so a dh’ainnich sinn,
tha fios againn gu’n deachdadh cuid dhe na seann diadhairean air
an aghaidh ionnus ‘s gu’n canadh iad gu bheil Chriosd air iobradh
suas agus ‘fhuil air a doirteadh gach la anns an t-Sacramaid so.
Seadh, tha Chryostom ag radh gu bheil, “Criosd air a chumail fa’r comhair mar bha E air a chur gu bas, anns t-Sacramaid so.” Agus tha Augustine ag radh, “nach e a mhainn gu bheil Criosd air a thoirt suas anns an t-Sacramaid aig amannan soluimte frithealaidh na Caisge, ach eadhon gach la, agus nach ‘eil esan ris am bidh a’ cheist air a cur, agus a fhreagras, gu bheil E air iobradh, a’ labhairt bhreige: Oir mar bitheadh aig na Sacramaidean ni eigin de choschomhuileachd ris na nithean dha’n Sacramaidean iad, cha bhitheadh iad ‘nan sacramaidean. Air son a’ cho-choschomhuileachd so tha na Sacramaidean a’ faotainn ainmean nan nithean fein.” Agus tha an t-Augustine ceudna ann an aite eile a’ mineachadh a dhoigh labhairt mar so: “Se th’anns an ni ris an abrair, leis na h-uile, iobairt, comharradh air an fhiar iobairt, comharradh anns am bheil feoil Chriosd air a taisbeanadh gu soilleir troimh sacramaid cuimhneachaidh an deigh Dha a bhi air a ghabhail suas do neamh.” Agus ann an aite eile tha e ag radh: “Tha tabhairt suas feola Chriosd anns an t-Sacramaid cha’n ann, ann am firinn na cuise, ach ann an diomhaireachd ‘tha a’ ciallachadh sin.”
Cha’n urrainn a mheud as a tha, aig an àm so, ri stri airson gu’n dearbhadh iad oirnn gu’m bu choir gu’m bitheadh corp Chriosd air itheadh leinn le beul a’ chuirp, a radh, gu bheil Criosd air iobradh suas gach la, ach aon chuidh troimh ni a ta a mhainn a’cumail sin a mach, agus mar sin gun e ‘bhi na iobradh da rireadh agus ann am firinn, air neo troimh brigh an arain ‘bhi air atharrachadh. Bu choir dhoibh uime sin aontachadh leinn ann a bhi ag radh nach ‘eil corp an Tighearna a bha marbh, agus ‘fhuil a bha air a doirteadh a mach comasach air a bhi air an tabhairt dhuinn ach a mhain troimh shamhladh air ni a ghabh aite o chian fhada ach mar sin nach ‘eil ach a’ toirt an ni steach dh’an chuimhne agus dh’an tuigse ‘tha air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh. Gun amharus ged is ni e’ ghabh ann am firinn aite o chian fhada is ni e mar an ceudna aig am bheil buaidh tha maireannach eadhon annta san a thaobh am bheil e fior gu bheil Criosd a’ gabhail comhnuidh ‘nan cridhe tre chreidimh.
Ach is ann mar so a dh’eirich e cha’n e a mhainn gu’n d’thug daoine ainm cuirp agus fola Chriosd dh’an t-Sacramaid ach mar an ceudna gu’n do chuir iad uile eifeachd cuirp agus fola Chriosd as leth an t-Sacramaid, mar gu’m bitheadh, tre atharrachadh naduir, leithid sud de dh’eifeachd air a chuir an taobh stigh dhiubh. O’n so ‘dh’eirich e gu’n d’ thainig iomadh doigh labhairt ann an cleachdadh a bha comasach (eadhon d’ur a dh’ fhaodadh ciall ceart ‘bhi air a chur air na briathan le cuid) air a bhi air an tarruing a dh’ionnsuidh cèille a bha mi-fheumail agus d’a rireadh gun chiall. Thachair sin dh’an taobh san ‘thuit gu leithid de dhaorsa as gu’n robh iad a’ gabhail nan samhlaidhean airson nan nithean fein, air neo gu’n robh iad a’ gabhail nan nithean fein mar gu’m bitheadh iad a stigh fodha nan samhlaidhean. Agus air dhoibh gun a bhi riarachte le ‘bhi a’ toirt ainmean nan nithean fein do na samhlaidhean, chaidh iad air an aghaidh gu a bhi misgeachadh an
dara ni combladh ris an ni eile, agus mar sin ‘sann a dh’ aobhar-aich iad troimh cheile anns an iomlan. Thainig cuid duibh mar so gu ‘bhi cleachdamh cainnte ‘bha gun choslas agus ‘bha gu tur as aite, d’ur bha iad eadhon ag radh, gu’n robh am fiaclan a’ dol sas ann am feola Chriosd, gu’n robh iad a’ beantuin le ‘m bili bh ri ‘fhuil, agus a’ cleachdamh doighean labhairt eile a bha cho-michosmhuil riu sud, ionnus ‘s gu’n robh a mheud ‘s bha ag eisdeachd riu air an tilgeadh ann am mor throimh-cheile ‘nan inntinnean, agus gu’n d’thug iad an creidimh Criosduidh gu a bhi ‘na bhall fochaid do na h-ana-creidmhich.
Ach, aig an àm cheudna, bithidh am fior Chriosduidh, ged nach creid e an ni nach urrainn a bhi, eadhon gu bheil Criosd ann am firinn na cuise air iobradh suas gach la, a’ co-dhunadh gu bheil an t-aran agus am fion, a tha e a’ faicinn air a bhord agus a tha air an cur air leth airson feuma naoimh, mar sin a’ fantuinn a ni ‘bha iad roimh ionnus ‘s gu bheil iad a’ tighinn mar an ceudna gu a bhi a ni nach robh iad roimh, agus gu bheil atharrachadh air a dheanamh cha’n e a mhain air na h-ainmean ach mar an ceudna a thaobh buaidh tre obair eifeachdaich Spioraid Dhe, neach a ta, a reir a gheallaidh, a’ tighinn anns an eadargain, agus ‘tha ag oibreachadh troimh na samhlaidhean chum sinn, a bha troimh ‘n pheacadh le n-ar n-aghaidh air a’ bhas, a cheangal ri Criosd ‘na bhas, agus gu a bhi mar sin a’ toirt mu’n cuairt gu’r h-ann a bhitheamaid-ne air n-ar n-ath-bheothachadh troimh Chriosd agus air n-ar co-shuidheachadh maillé ri Iosa Criosd ann an ionadaibh neamhaidh. Is ni so a bu choir dhuiinn a bhi ag iarraidh agus a’ gabhail ris ann a bhi a’ deanamh feuma dhe an t-Sacramaid.
Nis a thaobh nam buadhan agus fheartan ro phriseil a tha air an cur as leth na Sacramaid, agus a thaobh nan toraidhean iongantach a bha air am mothachadh leis na creidich a bhi trompa, d’ur bha iad air an cleachdamh ann an rathad laghail, do bhrigh nan nithean sin, tha mi ag radh, labhairt na seann diadhairean mu dheighinn nan sacramaidean le urram mor, agus iad a’ deanamh iomraidh oirre mar dhiomhaireachdan uamhasach agus eagalach. Agus c’ar son nach deanamh iad so? Bha aithrichean an t-seann Tiomnaidh a’ labhairt mar so mu na h-aitean sin anns am facas comhraidean air lathaireachd Dhe. “Cia uamhasach,” arsa Jacob, “an t-aite so, cha’n ionad eile an t-aite so ach tigh Dhe agus dorsan neamha” (Gen. xxviii. 17). Agus c’ar son nach coimeasadh iad na nithean sin ‘tha Dia ag oibreachadh troimh na sacramaidean ri toraidhean miorbhuileach a chumhachd-san, d’ur a dh’ fheumas e a bhi gu bheil cumhachd Dhe air a chur an cleachdamh mu’m bitheadh na samhlaidhean a tha annta fein cho-cumanta agus tarcuiseach air an cleachdamh mar mheadhanan agus air an togail suas gu a bhi a’ toirt a mach toraidhean dhe’n ghnè a bha sinn ag ainmeachadh? Co ach an Dia ro-chumbachdach a bha comasach air a bhi a’ gealltuinn gu’m bitheadh duine ann an deanamh feuma dhe ni anamhuinn cruthaichte, ach
ni a tha ‘tighinn gu a bhi ‘na gheall-daingnich air gras Dhe, gu’m bitheadh, tha mi agradh, duine cha’n e a mhain air a naomh-achadh agus air a ghlanaadh o pheacaidhean, ach mar an ceudna air a dheanamh ‘n a fhear com-pairt air siol neo-bhasmhorachd a chum na beatha maireannaich? Uime sin d’ur a bhitheas an Criosduidh a’ tighinn thun na diomhaireachd so, ‘sann a bhitheas e ag amharc air, cha’n ann mar tha e ‘na eleamaid, ach mar tha ‘na Shacramaid, agus mar tha e air a dheanamh troimh an fhocal a tha ag oibreachadh leis, agus bithidh an Criosduidh a’ smuaineachadh mar so: ma tha am fear nuadh posda a tha a’ tabhairt fainne dha’n mhnaoi nuadh-phosda ‘tighinn fo fhiachan a bhi dileas di, agus ma tha a neach a tha a’ tabhairt iuchraichean tigh do an neach a cheannaich an tigh mar so a, tabhairt seachad an tigh fein; mar sin, mar an ceudna, gu bheil an Spiorad Naomh, neach is E geall-daingnich ar n-oighreachdne, ‘ga cheangal fein ruinn ann an sinn a bhi a’ deanamh feuma ceart dhe an t-Sacramaid; gu bheil Dia fein a’ tighinn fo ghealladh dhuinn, agus ‘gar deanamh-ne cinreach, ann a Chriosd fein a fhuair bas air ar-sonne, an toiseach air a ghras slainteil sin, a dh’ aithnich sinn mar a tha, agus a rithist air an oighreachd shiorruidh, a chi sinn am fathast.
(Ri leantuinn.)