“Iarradh iad chum an lagha agus chum na fianuis: mar labhair iad a reir an fhocail so, ’s ann a chionn nach ’eil solus annta.”—ISAIAH viii. 20.
CAIB. I.
An teagamh san robh Aindrea, agus a cheud chòmhradh a bh’ aige ris an t-Sagart.
CHAIDH Aindrea a thogail na phàpanach, agus bhuanach e san aidmheil sin gus an robh e dà fheicheadh bliadhn’ a dh’ aois, a’ làn chreidsinn gun robh gach ni a theagaig an sagart dha fior. Bha e na dhuine tuigseach glic; ach gus a so ‘s ann a bha a ghliocas air a ghnàthachadh a mhàin mu ghnoth-aichibh aimsireil. San aois so theann e ri smaoineachadh co feumail ‘s a bha diadhachd, agus co aineolach ‘sa bha e uime; agus chuir e roimhe gun deanadh e caileiginn de rannsuchadh mu ni ris an robh a shonuas siorruidh an earbsadh. Uime sin chaidh e dh’ ionnsuidh an t-sagairt, agus thuirte e ris gun robh toil aige beagan caisnt a ràdh ris. “Seadh, Aindrea,” ars’ an Sagart, “Ciod tha mhiann ort a ràdh riumsa?” Cha’n’eil, le’r cead, ach gun robh mi smaointeachadh ged a bha mi gu teoma gleust ann an reic ‘s an ceannachd, gun robh mi gu h-inbh bhig co aineolach ri mart no ri each; agus air leam nach math a thig so do Chriosduidh. Am bhi sibhse co math ‘s gun d’thoir sibh càileiginn de fhiosrachadh dhomh m’ an chùis so? Thuirte an Sagart ris, tha thu frithealteach air faosaid a dheanamh, agus an àm na2 h airionn, agus tha thu a’ d’ dhuin’ onarach; ciod tuille tha dhi ort? Mata, le’r cead, tha nam feoraicheadh aon neach dhiom, c’ arson a bhuininn do’n eagluis choitchionn, cha b’ urrainn domh innse dha, mar abrainn a chionn gun robh, m’ athair de’n aidmheil sin romhan; agus air leam nach ‘eil ‘an so ach aobhar air bheag seadh. Ach nach aithne dhuit, thuirte an Sagart, gum buin thu do’n Eagluis Naomh Mhathaireil, agus nach ‘eil aon Eagluis fhiar eile ann, agus gu bheil gach neach nach buin di nan neochreidich, agus gu’n leir-sgriosar iad? Is minic a chuala mi sibhs’, a’ deir Aindrea, ag ràdh sin san tigh-choinneamh; ach mar mìmhodhail domh fheoraich, an cead libh innse cia mar a fhuair sibh am fiosrachadh sin? Aindrea, thuirte e ris, is tu fein an ceud fhear de m’ luchd-éisteachd a ghabh riamh de dhànadas a cheist sin a chuir orm, agus cha’n’eil tlachd agam dheth: ach tha do cheist furasd fhuasgladh. Is aithne dhomh e, a chionn gu bheil an Eagluis ga ràdh.
1 Air athleasachadh le L. Mac-Illean—1840.
2 An Comunach a reir nam Papanach.
Cha do thaitinn am freagra ri Aindrea, agus gabh e de dhàndas na thuir, gu’n cual e sluagh bu ghlice na e fein a’ cur an teagamh nach robh duine na fhanuis laghail na aoibhar fein; agus gum b’ ail leis fheòraich, cionnus a dh’ fhaoid a thuigsinn an i ‘n fhirinn a chan an Eagluis m’an chuis so. Bi t’ earalas, ars’ an Sagart, ciod a their thu, Aindrea. A’ bheil fhios agad gu bheil mearachd no mealltoireachd a chur as leth na h-Eagluis dlù air bhi na thoibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh? Chuir a chainnt so beagan athadh air Aindrea; ach air glacadh misnich dhà, a deir e, Am faod mi bhi co dàna is fhoineachd dhibh, Cionnas a tha sibh co cinnteach nach ‘eil an Eagluis ann am mearachd m’an chuis so? Oir tha fios aguibh gur iomchuidh do dhuine bhi eòlach mu ni a tha na h-urrad aige r’a chall no r’a bhuidhinn ris. Fhreagair an Sagart gu stràiceil, m’as aill leat fios fhaotainn air, tuig gun do gheall Criosd a bhi maille r’a Eagluis gu deireadh an t-saoghail, agus tha so ga fàgail neo-thuiteamach, ‘s e sin, eacomasach a bhi ann am mearachd. Tha so freagarach, a deir Aindrea, agus ma bhios sibh co math, ‘s gun dean sibh sin soilleir dhomhsa, bithidh mi am feasd tuille toilicht’ ann am inntinn. Bha ‘n Sagart, toilichte faighinn cuibhte dheth co saor-lamhach, agus dh’ innis e dha, gun robh gealladh Chriosd ri fhaotainn ann an Soisgeul Mhata; agus air dha an gealladh a bhi aig’ air mheoghair, dh’ aithris e ann an Laidinn, mar thoileacha do Aindrea. Faodai so uile, a deir Aindrea, a bhi ro chiatach agus math, a dh’ aon ni is fios domhsa; ach cha do thug mis’ aon lide dheth. Tha dearbh fhios agam air sin, ars’ an Sagart; tha sin faicilleach, chum tairbhe ar luchd-éisdeachd, comas an samhuil sin de bhriathraibh a mhineacha dhoibh a reir mar tha ‘n Eagluis a deanamh. Le’r cead, a deir Aindrea, an deoin leibh brìgh nam briathra snasmhor foghluimte sin a shoilleireacha dhomhsa? Is deoin, a deir an sagart, ‘se is ciall doibh, gu bheil Iosa Criosd a’ gealltuinn a bhi maille ris gach comhairl’ a ghairmeas am Pàp, ‘an ceann a chéile, gu deireadh an t-saoghail; gur i chomhairl’ a bhios an sin an Eagluis, gum bi i gun mhearachd, agus gum bi gach neach aig am bi bhathais na chuireas an aghaidh a reachdan buailteach do pheanas nan neo-chreideach sa bheatha so, agus gum bi anam tur-thruagh gu suthain siorruidh. Beannuich mis, a deir Aindrea, fo ìoghna ris na chual’ e, a’ bheil gach ni a dh’ ainmich sibh anns a bheagan fhocal a labhair sibh? Tha, ars’ esan, agus mòran tuille, nam biodh ùin agams’ air innse dhuit; leis an earrain so tha sinn comasach air tosd a chur air gach neach a tha gu neo-stéigheil a’ gabhail orra gu bheil creidimh aca; cha’n urrainn doibh smid a ràdh nan leithsgeul fein. M’as math mo bheachd, thuir sibh gun robh na briathra sin ann an Soisgeul Mhata; is aithne dhomh gum bu Naomh mòr Mata, agus ‘s dearbh leam gu bheil a Shoisgeul math; ach bu mhianann leam fios fhaotainn ciod e Soisgeul Mhata? Tha thu, a deir an Sagart, air fàs anabharrà liosda. Ma theid thu air t-aghaidh air an dòigh so, cha’n fhaigh mi cuibhte ‘s tu gu h-o’che. ‘Se Soisgeul Mhata an earrann sin de’n Tiomna-Nuadh a chaidh sgriobhadh le Mata. Na gabhaibh mi-thlachd, a’ deir Aindrea, gad a dh’ fheòraicheas mi ciod e an Tiomna Nuadh? ‘Se a th’ ann, fheadair e gu frionasach, an earrann sin de fhoical De, anns a’ bheil cunntas mu bheatha agus mu bhàs Iosa Criost, agus air na theagaig e fein agus a chuid Abtol. Bu chaomh leam, ars’ Aindrea, an leabhar sin a leughadh, nam bu chead leibh innse dhomh c’ait am faighinn e? Is toileach a bhuilichinn sgillinn sa là de m’ thuarasdal air a cheannach; ach air leam gun dubhaint sibh nach ann an cainnt na tìre so bha e? Nach mòr am beud nach eadar-theangaicheadh duine fòghluithe eiginne, chum feum dhaoinne bochda aineolach! Nan saoilinn gun rachadh agam air a h-ionnsachadh rachainn a dh’ fhòghlum na canain anns a bheil e air a sgriobhadh, chum gum bithinn murrach air focal De a leughadh. Cha d’ innis an Sagart da gun robh e cheana air eadar-theangachadh; ach ‘s ann a thuit e ris nach robh ann ach baoghaire, agus e ghabhuil mu ghnothach fein, an aire thoit air obair, agus gun chùram a ghabhuil mu nithibh a bha tuille is àrd air a shon.
Mheas Aindrea gum bu neo-shuaire a bhuin an Sagart ris; ach a chionn gum bu ghnà leis strìochda, ghabh e chead deth; ach san àm cheudna a’ cuimhneach air an t-seanachàs a bh’ aige ris an t-Sagart.
Bha déigh mhòr aige air an Tiomna-Nuadh a leughadh. Air leis gum bu shòlasach leugha mu Iosa Criost, agus gum b’ fheumail da fios a bhi aige mu na theagaig e, as a cheart leabhar anns an robh iad air an cuir sios mar dheachd e fein iad! Cha’n’eil farmad agam ris an t-Sagart ach arson fhòghlum. Bha’n smuain so do ghnà na bheachd; agus bhruadaireadh e san o’che gun d’ fhuair e Tiomna-Nuadh; ach ‘nuair a dh’ oirpicheadh e fhosgladh nach b’ urradh e; ‘s an uair a mhosgladh e sa mhaduinn, bha e co fada uaithe ‘s a b’ àbhuist da.
‘S e bhi bualadh a b’ obair do Aindrea. Dh’ fhòghlum e na òige leughadh agus sgriobhadh, agus air dha deagh mheoghair a bhi aige, b’ aithne dha leughadh mar nach b’ olc. Bu ghnà leis a bhi ‘g obair tric aig duin’ uasal a bha sa choimhearsnachd, agus bha cliu a bhi na dheagh fhear obair air. Bha Bhan-tighearna ro chaomhail chaomhneil ris na feumaich; agus gu sònraicht ri àm na gainne bh’ ann san àm sin, bha i ro-ioddar chum gum biodh lòn aca, ionnsa gum do chaomhainn i beatha mòran diubh. Ach an uair a cobhair i air feum a chuirp, cha d’ rinn i dearmad air an anamaibh. Thòisich i ma’n àm so air leabhraiche na Tiomna-Nuadh a cheannach, chum an toirt do bhochdaibh na sgireachd. Bu nàr leis an t-Sagart fein cur an aghaidh an deagh ghniomh mhathasaich so, ged a b’ annsa leis gu’n gleidheadh i a fughantas aice fein. ‘Nuair a bha Aindrea aon là a’ bualadh, thainig a bhean-uasal ud a stigh far an robh e a dh’ fheoraich cionnas a bha aon de’n chloinn aige nach robh na shlainte. An deigh dhoibh a bhi tamull a seanachas, dh’ fhiorsaich i dheth an robh Tiomna-nuadh aige na thigh. Cha’n’eil, le’r cead, thuit e, ach b’ fhearr leam gum bitheadh, agus gum b’ urrainn domh a leughadh, agus a thuigsinn. Nach d’ fhòghlum thu riabh leughadh a dheanamh, thuir? Dh’ fhòghlum ars esan; ach cha’n aithne dhomh ach beurl’ a leughadh. ‘S ann am beurl’ a tha ‘n leabhar a tha mis’ ag ràdh, a deir i. Rinn a chridhe gairdeachas ris an sgeul. ‘Se sin, a deir e a cheart ni a bha uam! A’ bheil aon diubh agaibh r’a sheachnad? Chaidh i gu’ grad chum an tighe, agus thug i Tiomna-nuadh a nasguidh do Aindrea, leis an robh e anabarrach toilichte. Chuir e an leabhar seachad gus am biodh croich air obair ‘s an sin dh’ fhalbh e gu sùrdail dhathigh, chum gum biodh ùin’ aig’ air cuid deth a leughadh air an o’che sin fein. ‘S iad briathra Dhe a th’ anns an leabhar so, a deir e ris fein. Nach mòr an meas a bhiodh agam air leabhar a sheoladh dhomh mar dh’ fhàsainn saibhir, ach teagaigdich an leabhar so dhomh mar dh’ fhàsas mi saibhir gu siorruidh. C’ arson a bha mi co fad aineolach air an leabhar bheannuichte so? Agus c’arson a bha rùn air an t-Sagart a chumail an cleth orm? Tha mhiann orm, ge b’i ni a thacharas, trid beannacha Dhe, gun leugh mi e. Air dha bhi mar so a’ meòraich ris fein rainig e dhathigh, agus ghabh e cheud chothrom air dol an uaigneas chum a leabhar a leughadh, agus thuir e, ‘Se so leabhar Dhe, a chaidh òrduchadh chum peacaich bhochda, mar tha mise, a sheola do neamh. Mar is e a leabhar fein a th’ ann, tha dòchas agam gun neartaich e mi chum a thuigsinn; uime sin asluichidh mi air glicocas a thoirt domh gu a thuigsinn, agus nach gabh mi ann an seadh mear-achdach e. Air dha so a ràdh, shleuchd e sios air a ghlùinibh, agus ghuidh e air a mhodh so: “O Thighearna, Dhe nèimhe agus na talmhuinn! is creutair truagh, aineolach mise; soillsich m’ inntinn, chum, an uair a leughas mi t-fhocal beannuichte, gun tuig mi e, agus gun aithnich mi ciod is àill leat mi dheanamh, chum gun sàbhalar m’ anam.” Air an o’che sin fein leugh e earrann deth, a thug mor thoileacha dha, agus lean e air sin a dheanamh, gus an do leugh e uil’ e. Am feadh a bha e leughadh bha ioghnadh air nach robh e faicinn a bheag de na b’ àbhuist an Sagart a theagasg dhoibh; cha robh guth air a phàp, air an1 airionn, air aidmheil, air peannas corporra, air lughadh,2 mu dheagh thoiltinneas nan naomh, làithibh féille, a’ deanamh ùrnuigh le paidreanaibh, etc. Mo chreach! thuir e, An robh mi cluinn-tinn nan nithe sin air an searmonachadh rè mo bheatha, mar na h-aon nithe feumail, ach cha’n fhaic mi iomra oirre san Tiomna-Nuadh? A’ bheil an Sagart fiosrach air an ni so! no’n do chuir Dia cagar na chluais, ag ràdh nach ‘eil fhocal fein fior? Ge nach b’ urrainn Aindrea na nithe sin fhaotainn anns an Tiomna Nuadh, fhuair e ann nithe gu mòr a b’ fheumaile. Dhruigh gu sònraichte na teagasgan so a leanas air. A deir Iosa, “Cha’n’eil feum aig a mhuinntr shlàn air léigh, ach acasan a tha euslan.” Seadh, thuir e, “Tha mi tuigsinn so: mar biomaid nar peacaich, cha bhiodh feum againn air Slanuighear.” A ris, “Cha’n ann a ghairm nam firean a thainig mise, ach na peacaich chum aithreachais.” O nach sólasach na briathra sin! Tha mis’ a’m’ pheacach; thainig e ga m’ ghairms’ am measg chàich. A ris, “Mar so ghràdhaich Dia an saoghal co mòr’s gun d’tugh e aon ghin Mhic, chum nach rachadh iadsan am mughadh a chreideadh ann, ach gum biodh a bheatha mhaireannach aca.” “Se dh’eigh Aindrea, ann an deòthas anama, ‘se so gràdh da rireadh; gu’n cuireadh Dia a Mhac air leithid de ghnothach.” Ach air dha smaoineach ris fein, “Ghlaodh e mach mo thruaigh mi! Ciod am fàth misnich a tha dhomhsa san teachdaireachd so? Cionnas is fios domh a’ bheil cuid agamsa dhi?” Chlaoidheadh na h-earrannan a leannas e gu goirt. (Matt. xxv. 46.) “Nach ’eil fhios agaibh nach sealbhaich luchd deanamh na h’ eucorach rioghachd Dhe?” (1 Cor. vi. 9.) “Bheir Dia do gach aon a réir a ghniomhara. Amhghar agus teanntachd air gach anam duine a ta deanamh uile.” (Rom. ii. 6-9.) ’Nuair a leughadh e earrannan mar iad sin, thuiteadh e fo thrumadas; oir bha deagh fhios aige gun robh e fein na pheacach, agus gum bu cheart-bhreitheach do Dhia peannas a dheanamh air le leir-sgrios bith-bhuan. “Och, is duine truagh mi!” ’s tric a ghlaodh e, “cò a shaoras mi?” Leis a bheachd so, air uairbh air àrduchadh le dòchas, agus aig àm eile gu trom-inntinneach le eagal, bhuanach e rè tamuill.
Faodar an so ainmeacha gun robh aig Aindrea bean, mac, agus dà nighinn; bha chlann air fàs mòr. Cha robh e na chomas staid inntinn a chumail am folach oirre; agus is minic a dh’ fheoraich iad deth ciod e fàth iomaguin? An toiseach b’ àbhuist da leithsgeul eiginn a ghabbuil; ach air dhoibh fàs ni bu déine, thireadh e: “A bhean mo ghaoil, agus a chlann mo cridhe, tha tuille ann an diadhachd na bha sinne a’ saoilsinn. Tha’n Tionna Nuadh ag innse dhomh gur peacach mi, agus ’se sin a tha cur omaguin orm.” Bha spéis mhòr aig a theaghlach air, agus mheas .ad an toiseach gun robh e fo chaileiginn de sheachran inntinn, ni a chuir mòr mhulad orra; ach air dhoibh fhaicinn gun robh e gu ciallach tuigseach anns gach cuis eille, dh’ oirpich iad misneach a thoirt da, le ràdh. Ged a bha e gu deimhin na pheacach, agus cò nach robh? Gidheadh, gun robh e co deagh-bheusach ri aon duine sa choimhearnachd, gun robh deagh chridhe aige, agus a’ sior dheanamh a dhleasnis. Is lag a mhisneach sin, thuirt Aindrea, iochshlaint fhaoin do choguis leointe! Mar ’eil am barrachd co-fhurtachd aguibh ri thoirt domh, leigibh leam; na cluinneam na bheir an tuille cràidh dhomh! A’ bheil e ’nar comas innse domh mar gheibh mi cuibhte de m’ pheacaidh? Gu deimhin tha, a deir a bhean, theirig a ghràidh a dh’ ionnsuidh an t-Sagart, dean t-fhaosaid ris, agus bheir e maitheanas duit ann am prioba na sùl. Bheir esan domh maitheanas! ars Aindrea, ’s e tarruing osna throm; dh’ fhaodadh sin fòghnad an làithibh m’ aineolais; ach is atharacha maitheanais a tha nis a dh’ easbhuidh orm. ’Se Dia a mhain, a ghaoil, a dh’ fhaodas maitheanas a thoirt arson peacaidh; agus cha mhò tha e’n comas an t-Sagairt maitheanas a thoirt seachad, na tha agadsa no agamsa. Is minic a chual a theaghlach e ri mionnan agus malluchadh, a’ guidhe mballuchd air anam fein agus dhaoin’ eile, gun iomaguin; ach ‘nuair a chual’ iad e a’ cur an t-Sagairt an suarachas, agus a chomas air maitheannas peacaidh a thoirt seachad, a chur an ag, dhruid iad an cluasan, mu’n cluinneadh iad tuille de chainnt co eagallach. Air an doigh so bha Aindrea air iomadhruideadh le còmhrag o’n taobh a muigh agus le eagail o’n leth a stigh.
Ghlac e aon là a leabhar, agus leugh e ann an Soisgeul Luc. xv. ‘Nuair a thainig e chum na h-earrainne sin, far a bheil am mac struidheil ag ràdh, “Eiridh mi, agus theidh mi dh’ ionnsuidh m’ athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi’n aghaidh fhlaitheanais, agus a’ d’ làthairse, agus cha’n fhiu mi tuille gu’n goirte do mhaic dhiom,” thuit e air a ghluinibh, a caramh’ na h-earrainne so ris fein, ghlaodh e mach gu durachdach a’ guidhe arson maitheanais, trid Iosa Criosd. Ach air dha stùl a thoirt air an leabhar, chunnaic e na briathra so, “‘Nuair a chunnaic Athair e, ghabh e truas mòr dheth, agus ruidh e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg se e.” Agus gu grad chuimhniche e air earrainn eile, “gu’n glanadh fùil Iosa Criosd o gach pheacadh”; mhaothaich a chridhe le beachd a ghabhuil air gràdh Dhe, le Mhac a chuir a shaoradh pheacach; agus le e fein a thilgeadh am buil De trid Chriosd, mhothaich e sòlas ag éiridh suas ‘na chridhe nach d’ fhairich e riamh roimhe.
1 Mass.
2 Absolution.
(Ri leantuin.)
Obituaries.
MRS. HENDERSON OF WESTERDALE, CAITHNESS.
WE regret to record this month the death of Mrs. Henderson, widow of the late James Henderson, Esq., of Westerdale, Caithness, which sad event took place on Sabbath the 13th day of April. The deceased lady, who was a little over seventy years of age, was much esteemed by all who knew her for her personal worth, intelligence, and amiability of character, and her removal causes a real blank in the parish and county where she resided. At an early period of her life she showed herself a hospitable friend to the Lord’s people, and it was very interesting to hear her relate her reminiscences of some of the outstanding worthies of the past. One of “the men” of Caithness whose memory she fondly cherished was the well-known Hugh Stewart, who lived at a place called Achingills. Hugh was a strong and impressive personality—a man of God of the real Puritan stamp—who lived very near the Lord, and steadfastly walked in the old paths of doctrine and worship. Mrs. Henderson had some very striking anecdotes to tell of his prayerful interest in the welfare of others, and his intimacy with heaven on their behalf. A valuable letter of Hugh’s appeared some time ago (November, 1910) in our Magazine. Mrs. Henderson, from the very first, took a deep interest in the Free Presbyterian cause, and as a member of the Halkirk congregation was an attached and liberal supporter of its interests to the end. During her last illness she appeared to be gradually ripening for “the better country.” Her mind was much exercised upon the truth. To a friend she said, “O that I may touch but the hem of His garment, that I may be made whole.” Much sympathy is felt with the surviving members of her family in the great bereavement they have sustained. May the Lord fill the breaches in Zion!
RODERICK MACDONALD, CLYDEBANK.
It is with real sorrow we record the death of Mr. Roderick Macdonald, elder, Clydebank. On the last Sabbath of April he attended to his duties as one of the elders of St. Jude’s, Glasgow, and appeared to be in good health. The following Wednesday morning he felt unwell, and on Monday the 5th May, he passed away. The cause of his death was pneumonia.
Along with several others (the most of whom have passed away before him), when Dr. Dods was made a Professor of the New College, Edinburgh, in 1889, he left the communion of the Free Church, and began separate meetings in a hall in Clydebank. Mr. John Hamilton, a student of the Free Church, and a truly God-fearing young man, joined them. In 1893 they joined the Free Presbyterian Church, and Mr. Hamilton, at the urgent request of our Oban congregation, was transferred to that place, where he died two years later. The Mission of Clydebank continued the services in their own hall ever since. Since the other men who associated with him had been taken home to their everlasting rest, the responsibility of the Mission fell very much into the hands of Roderick Macdonald. His death will be felt very much by all his friends, with whom we deeply sympathise. It was true of him that he finished his course and kept the faith, and we believe he has received a crown of righteousness from the Lord, the righteous Judge.
N. C.