PAPANACH EIRIONNACH; AGUS M’AN CHO’-CHAINNT A BH’ EADAR
E FEIN AGUS AN SAGART.1
“Iarradh iad chum an lagha agus chum na fianuis: mar labhair iad a reir
an fhocail so, ‘s ann a chionn nach ‘eil solus annta.”—ISAIAH viii. 20.
CAIB. II.
Bha Aindrea ni bu mhisneachaile ann an labhairt r’a theagh-
lach. A dhara coinneamh ris an t-Sagart. Mar ghnàthaich
an Sagart e fein.
THOISICH Aindrea a nis air labhairt ni bu mhisneachaile r’a
theaghlach na b’abhuist da, agus chuireadh e’n céill doibh
mu ghràdh Chriosd ann e fein a thoirt suas mar éiric airson
pheacach. Dh’earalaicheadh e iad gun dearmad a dheanamh
air slainte co mòr; agus le deoir air a shùilbh, sparradh e orra
am feum anabarrach a bha air aithreachas a ghabhail a oibrbh
mharbha, air a cridhe atharachadh, agus air nuadhachd beatha.
Bha iad uile, ach a nighean b’dige, ga mheas as a riaghailt; ach
bha ise o thuis ag éisdeachd ris le ro-aire; agus ‘an ùine ghearr thainig i ga ionnsuidh, agus le caomhalachd na gnùis, dh’aidich
i gun do dhruigh na nithe a labhair e gu mòr oirre, gun robh iad
na beachd a là agus a dh’oiche, agus gur minic a bhruidair i
umpa; gum bu nàr leatha, rè ùine mhor, sin aideachadh, agus uime sin, gun do cheil i e; ach gun robh a h-intinn co iomag-
aineach, ‘s gun d’thainig i nis ga ionnsuidh a dh’ iarradh a
chomhairle. Bha aiteas mòr air Aindrea sin a chluintinn; shoilleirich e dhith co feumail ‘sa bha e gun chuis co cudthrom-
ach a chuir air faoineachd, agus dh’oirpich e gràdh Chriosd do cheann-cinnidh nam peacach a chuir fa comhair, ag earalachadh
oirre gabbuil ris a chuireadh agus tighinn da ionnsuidh gun dàil;
nach ruigeadh i a leas aon ni ga cliuthachadh do Chriosd, ach a
h-uireasbhuidh, ni a dheanadh e gu saor suas. An ceann ùine
bheag fhuair Aindrea de thoileacha gun d’ iompachheadh a bhean
‘sa mhac, tre ghràs De, chum na firinn, gu h-iriosal ag iarruidh
slainte aig bun e chroinn-cheusaidh; ionnas nach robh a nis ach
a nighean bu shine na theaghlach gun iompachadh. Bhuanach
ise gu h-adhartach a’ cur an aghaidh gach comhairl, agus earail a bha e na urrainn a thoirt oirre.
Air an doigh so bha na gnothaichean; agus bha e nis còrr agus
bliadh o’n a bha cheud chonaltradh aige ris an t-sagart; agus
bha e gach àm a dh’ fhaodadh e a’ meoraich air ann an Tionna
Nuadh, agus bha e ga thuigsinn agus eolach uime mar nach b’
olc; agus bha e trid gràis comasach a ghnàth chum freagrach a
1 Air athleasachadh le L. Mac-Ilean—1840.
thoirt maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh’ iarradh air reusan an dòchas a bha ann. Mu’n àm so rinn an Sagart guth aig tigh Aindrea gu fios fhaotainn ciod a bha ga chumail air ais o theachd ga fhaosaid agus gu bhi aig an airionn. Sa cheud dol a mach, bha sgath air Aindrea an fhirinn innse, agus ghabh e gne leithsgeil arson a dhearmaid; ach smaoinich e nach b’ ion da nàir a bhi air arson aon ni a dh’ fhòghlum e o fhocal Dhe, agus gum b’e ghnothach aidmheil fhollaiseach a dheanamh gun robh e air iompachadh o na mearachdan gun robh e roimhe ciontach. Chuir e riombe an ath-uair a thigeadh an Sagart, gun labhradh e ris gu saor soilleir m’an chuis.
Goirid an daigh so, rinn an Sagart guth air Aindrea, agus thug e achmhasan sgaiteach dha arson e dhearmad a dhleasnais. Ghnàthaich e cainnt smachnail gharg ris, agus thug e mòran ana-gnàthachaidh dha. Ach bha Aindrea air oileanachadh le Chriosd, agus dh’ fhòghlum e bhi macanta agus iriosal na chridhe, agus air an aobhar sin, gad a bha eagal tràilleil ro’n t-Sagart air fhagail, cha’ robh mhiann air cainnt bheadai no mhi-mhodhail a thoirt dà, ach cho’-riasonaich e gu séimh ris arson a sglàmhruin. Ro mhath, ars’ an Sagart, bharalaich mi gur ann mar so a dh’ éireadh dhuit arson do ro-dhèigh air fiosrachadh. Dh’ ionnsuich thu, tha mi tuigsinn, tàir a dheanamh air a chléir, agus cha’n’eil nì’s mò eagal peanais ort. Cha robh futhair agam ris ni b’ fhear le d’ ladurnas a dhol a leughadh na Tiomna Nuadh. Nam biodh tu agam san Spainnd no ann am Portugal, gheibhinn do chuir ann an tigh-peanais,1 leis an dioladh tu arson t-ann-dànachd. Ach anns an rioghachd so, far a bheil saorsa coguis aig gach neach, agus comas smaoineach air a shon fein, ionnas gu bheil ar cumhachd-ne ann an cor fior chunnartach. Gun tàmailt air bith a thoirt duibh, thuirt Aindrea, tha mi toirt
1 Inquisition.
Chum gun tuig mo leughaidearan ciod e an t-ionadclaoidh so, soilleir-ichidh mi dhoibh ciod e. Is gne de mhòd Eagluis a th’ ann, a tha rann-suchadh a mach gach seorsa mearachd, a reir am beachd-san. ‘S ann a dh’ òrduicheadh e an toiseach anns an treas-linn-deug, le Eagluis na Roimhe, agus bha e air a ghabhuil a stigh do chuid de rioghachdan, agus ann an cuid eile, cha robh. Theirear ri àrd-luchd-riaghluidh a Mhòid so, “Luchd rannsuich gach easaonachd mhi-chreid-each,” agus tha tigh aca ris an abrar Luchuirt Ionad a chlaoidh, far an cum iad mòd air muinntir a mheasas iadsan ana-creideach. Tha seirbbisich aca fòdhpà ris an abair iad maoir, a chuireas an òrdugh an gniomh, a reir mar chi sibh an tighibh mòd eile. ‘Nuair a shaoilear neach a bhi na ana-creideach tha aon de na maoir sin air a chur ga ghlacadh. Tha ‘n t’ òrdugh so air a ghrad chuir ‘an gniomh gu h-ullamh diomhair, ionnas gu bheil an duine air iunndrain gun fhios aca c’ ait an deachaidh e; agus thachair e aon uair gun deach fear, a thriuir mac, agus a thriuir nighean, a bha san aon teaghlach, a ghlacadh, agus an cuir do phriosan an Ionaid-chlaoidh, gun fhios aig a h-aon duibh gun robh càch ann, gus an d’thainig ceann seachd bliadhna, ‘s gun deach an cur fa sgaoil.
Anns a phriosan dhòineach sin tha’n neach a chuirean ann air a chlaoidh agus air a riasladh gu goirt, gach alt air an cur a’ tàdh a cheile; fheoil air a reubadh agus air a beubanachadh gu sgreitidh. Mar iompachd so e, tha e ‘n sin air a liuthairt thairis do na h-uachdarain, chum a losgadh le teine.
taing do Dhia arson gu bheil mi thàmh ann an rioghachd far am faod gach neach roghainn a dheanamh air a shon fein; cha mhò tha mi meas gu’n cuir e mòr urram air creidimh gur eiginn peannas a ghnàthacha mu’n cumar daoinne ris. Chuir an ter-rachad so, a labhair an fhirinn, air mhodh co séimh, an Sagart ann am feig mhòir; ionnas gun do dhì-chuimhnich e a mheas-arachd a bhuineadh ga dhreuchd, agus air togail a bhata os cionn a chinn, bhagair e grad pheanas a dheanamh air Aindrea, nam biodh a chri’ aige labhairt tuille air an doigh sin. Bha dulichinn mhòr air Aindrea, a chionn an Sagart a dhòl cor mòr air airmh-reidh; oir leis mar leugh e’n Tiomna Nuadh, thuig e mar bhuineadh do shearmaonach an t-Soisgeil e fein a ghiulan, agus bha e na thosd gus am fac’ e gun do leag e làmh, agus gun do thraoigh corruich an t-Sagairt. Labhair e ris air a mhodh so. An e ur barail, le’r cead, gur ann le shambuil so de ghiulan a mhòlas sibh an creidimh air a bheil sibh nar minsteir? No bheil dùil agaibh gun d’ thoir an leithid sin de ghnathachadh mis air m’ais? Ma tha, tha sibh air ur mealladh. ‘S e rinn an t-atharrachadh orm gun d’ fhuair mi mothachadh gun robh mi ann am mearachd, a tha toirt na h-urrad oilbheum dhuibse: agus cha dean ach am barrachd dearbhaidh air an taoibh eile mo thoirt air m’ ais. Ma tha fiuthair agaibh drùghadh ormsa, thigibh a steach do m’ thigh, agus leigibh leam na th’ aguibh ri ràdh a chluinntinn, agus ma bhitheas e a reir focail De, cha bhi mise do-chomhairleachaidh.
An uair chaidh cosg air fearg an t-Sagairt, bha nàir air arson a ghiulain: ‘s an uair a choimeas e a ghnàthacha neo-chuanda fein ri clùineachd Aindrea, bha e gu mòr air irioslachadh na bheachd fein, air chor ‘s gun robh e déigheil air falbh gun dol a stigh; ach smaoinich e aige fein, Ma dh’ fhalbhas mi, agus gun seachain mi a chùisa cho’riasonachadh ris, bithidh buaidh mhòr aig’ a’m’ aghaidh, agus innsidh e do gach neach so choimhearsnachd gun d’ fhartluich e orm; agus leis sin mi-mheas a’ tharruing orm o’n chuid eile dheth ‘n t-sluagh. Osbarr, cha’n’eil ann ach duine truagh aineolach, agus cha bhi e cruaidh orm, mar d’ thoir mi mothachadh dha, a chuir gu tosd. Air leis, le aontacha r’a thaigse, gu’n rachadh di-chuimhn air co neo-iomchuidh ‘sa throid e roimhe, agus gun d’ thugadh e dearbhadh air a shuairceas agus air irisleachd. Leis a bheachd sin chaidh e stigh, agus shuidh e taobh a ghealbhain; agus theann muinntir an tighe gu’n còir a dh’ eisdeachd ris na theireadh iad.
(Ri leantuininn.)
The late Murdo Mackenzie, Tomatin.—We regret to notice briefly the death of this worthy man, which event took place upwards of a month ago. He was a regular speaker at Friday fellowship meetings, and his remarks bore the stamp of conviction and godly sincerity. We extend our deepest sympathy to surviving friends.