“Iarradh iad chum an lagha agus chum na fianuis: mar labhair iad a reir an fhocail so, ‘s ann a chionn nach ‘eil solus annta.”—ISAIAH viii. 20.
CAIB. III.—Continued.
Aindrea.—Le ‘r cead, nan abradh ar Slanuighear, Cha ‘n ‘eil so na aran ni ‘s faide, ach tha e gun teagamh air a chaochla gu brigh mo chuirp, ged a tha coslas arain do ghnà air; b’e dleasnas nan deiscioibuil a chreidsinn, a dh’aindeoin an dearbh bharail; ach leis mar nach do shoilleirich e a chùis, cha ‘n ‘eil mi ni ‘s mò r’a shaoisinn gur ann am fior bhladh nam briathran a labhair e, no ‘nuair a thuirte, “Is mis’ an dorus,” no “Is mis’ an t-slighe.” Tha e air innse dhuinn gun do thionndaidh ar Tighearnn uisge gu fion aig cuirm bainnse: ach cha d’thug e dhoibh deoch ann an uile dhreach agus buaidh uisge, agus innse dhoibh, gu ‘m b’fhion a bh’ ann. ‘S an uair a thog e Lasarus o na marbhaibh, bhuilich e air gach coslas agus buaidh a bh’air duine beo; ach cha d’ iarr e air a dheiscioibuil a chreidsinn gun robh Lasarus, am feadh a bha e na shlneadh anns an uaigh, as eug’ais comas gluasad, no sambladh air bhi beo, na fhor dhuiine beò, ag imeachd ma ‘n cuairt, a lbhaint agus a’ deanamh mar dhaoin eile. Nam b’ ann de ‘n ghne so a bhiodh a mhiorbhuile, is tearc iad, mar mo bheachd, a bhiodh air an aomadh chum a leantuin. A thuill-eadh, thug ar Tighearna soilleireachd dhuinn air gach earrainn de ‘n ghne so, ‘nuair tha e ‘g ràdh, “Is spiorad, agus beatha na briathra tha mi labhaint ribh. ‘S e ‘n spiorad a tha beothachadh, cha ‘n ‘eil tairbhe sam bith san fheoil. Os barr, Tha ar Tighearnn ag ràdh, Deanaibh so mar chuumhneachan ormsa; a tha nochdadh dhomh, gur e bha na bheachd gun d’ thugadh an t-Suipéir so ‘n ar cuimbne na dh’fhuilg e arson a shluaigh. Ach an déigh so uile, ceadaichibh dhomh dà cheist fheoraich dhibh m’ an chùis so.—’S e ceud ni, C’ait am faigh sibh, ann an giulan ar Tighearna air an àm so, aon ni mar ni na Sagairt ‘an àm na h-airionn iobradh? Tha mi ‘g aideacha gu bheil an caochladh mòr a th’ eadar mar ni sibhse anns an tigh-choinneamh, agus na tha mi leughadh uime anns an t-soisgeul, a’ cur mòr loghnadh orm. Seadh, le’r ceud, cha mhòr nach saoileadh coigreach a thigeadh a stigh gur ann a bha sibh ag aithris earrann de chluiche, mar thoileachadh ris an luchd-éisdeachd, seach a’ toirt aoraidh do ‘n Dia sin ga’n coir seirbhis a toirt ann an spiorad agus ann am firinn. ‘Si a cheist eile a dh’ fheoraicheas mi—Ciod a chòir a
th’ aguibh air an fhion a chumail o ‘n luchd-éisdeachd? Oir dh’áithn’ esan a dh’ iarr air a dheisciobluihb an t-aran a ghabhuil, iad a ghabhuil an fhiona mar an ceudna.
Bha an da cheist gu math draghail do’n t-Sagart; agus ‘se gach ni a bh’ aige ra rádh, gun d’ òrduich an Eagluis e, agus gum b’ eigin da bhi ceart. Ach chuir Aindrea roimhe an Tiomna Nuadh a ghabhuil mar a riaghailt, agus cha ghéilleachd e ann an aon phonc, mar deanta gu soilleir a mach dha e o fhocail De.
Dh’ innis an Sagart dha gum bu bhurraidh, tagluinneach, draghail e; agus nach cuireadh deagh Chriosduidh air bith ag nach b’e fior chorpa agus fuil Chriosd a bh’ ann uime sin, dh’ iarr e air an t-ath ni a bha e cur na aghaidh ainm eachadh.
Aind.—Their sibhse r’ír luchd-éisdeachd, gu bheil e fiachaicht orra iad fein fhaosaid ruibh, agus peanas a shònrachadh dhoibh arson an ciontaidh, agus an sin maitheanas a thoirt doibh.
Sagart.—Tha sin uile fior; cha do chuir fior Chriosduidh riamh an ag e.
Aind.—Bhithinn ‘nar comain nam feuchadh sibh aon ni san Tiomna Nuadh a tha ‘g àithne sin.
Sag.—Is réidh a ni ma sin. “Ge b’e air bith iad d’ am maith sibh am peacaidh, tha iad maithte dhoibh; agus cò air bith iad d’ an cum sibh am peacaidh gun mhaithheadh, tha iad air an cumail.” Eoin xx. 23.
Aind.—A’ bheil sibhse cinnteach, le’r cead, gu bheil sibh a làn-thuigsinn nam briathra sin? Agus am faod sibh a chreidsinn, gum faigh, le ùghdarras an fhocail so, gach sagart comas àithne ga shluagh aidmheil a dheanamh ris, e shùnracha peanas doibh, agus an sin maithheanas a thoirt doibh? Gabhaibh mar shamh-ladh sagart L. ann an sgireachd N. duin’ is minic a fhuaradh na shineadh air an rathad-mhòr, air mhisg; no idir sagart eile M. ann an sgireachd O. a tha a chaithe-beatha ro mhi-stuama; an abair sibh gu bheil na daoinne sin iomchuidh air maithheanas a thoirt arson peacaidh do chiontach? Cha ‘n ‘eil iad, ma tha mo leabhar-sa ag innse na firinn, ‘s ann a tha an leithide sin de dhaoine, eadhon, ged is sagairt iad, ma bhuanaicheas iad gun iompachadh, airidh air an tìlgeadh anns an loch a tha dearg-losgadh le teine agus pronnusc. Ach an déigh sin uile, c’ait a’ bheil faosaid ri sagart air ainmeachadh ‘s na Scriobturibh?
Sag.—Tha ‘n t-Abstol Seumas ag rádh, “Aidichibh ur lochdan.”
Aind.—Tha ioghnadh orm gu bheil sibh a’ creidsinn gur e sin brigh nam briathra. Ma ghabhas sibh a chuid eile de’n earrainn, tuigidh sibh ciod a tha ‘n t-Abstol a’ cialluchadh.—”Mo bhràithre, aidichibh ur lochdan do chàch a chéile”; o bheil e soilleir nach robh an t-Abstol a’ cialluchadh a bheag coltach ri aideachadh do Shagart. Agus c’ait a’ bheil còir air a thoirt duibh san Tiomna Nuadh air peanas a leagadh air ur luchd-éisdeachd?
Sag.—Bha mi smaoineacha mar thachair; leig thu ris e a nis. Cha chaomh leat smachdachadh càirdeil na h-Eagluis; agus ‘s e sin an cionfath mu nach toigh leat i.
Aind.—Is fad a ghabh e uaithe sin; oir riamb o leugh mi ‘n Tiomna Nuadh, tha mo ghiulan gu tur air mughadh, ionnas, tre ghras De, nach ‘eil mi, mar bu ghnà leam, air mo thoirt thairis do ‘n pheacadh; uime sin cha b’ion domh eagal a bhi orm, de m’ thaobh fein, arson ur peanais; ach tha toil agam fhaicinn c’ait a’ bheil ur barandas air a shon o fhocal De?
Sag.—Nach do leugh thu na thuint an t-Abstol Pol. “A shamhuil sin de dhuine a thoirt do Shátan chum sgrios na feòla, chum gu’m bi an spiorad air a shaoradh ann an là an Tighearn Iosa.” 1 Cor. v. 5.
Aind.—Tha Pòl a’ nochda ciod a bha e cialluchadh leis na leanas; “Uime sin,” tha e ‘g ràdh, “cuiribh air falbh an droch dhuine sin as ur meadhon fein.” 1 Cor. v. 13. O bheil e, air tìs, soilleir gu bheil an Sagart ann am mearachd, ‘nuair a tha e gabhail air fein an ni a sheol an t-Abstol do Chomunn nan Criosdui’eàn a dheanamh; san dara h’àite, ‘nuair a bheir e air duine peanas a dheanamh air a chorp fein, tha e deanamh ni nach buineadh dha; a chionn nach i’n àithne, thoirt orra peanas a dheanamh, ach, Cuiribh air falbh a shamhuil sin de dhuine as ur measg.
Sag.—Tha peanas na smachdacha feumail, agus tha e freagarr-ach do chrìch àraidh.
Aind.—Tha e do’n Chléir; a chionn gu bheil fiamh air an t-sluagh rompa, agus a’ toirt orra tuille eagail bhi aca roi’n t-Sagart na bhios aca roi Dhia fein; agus tha so soilleir o iad a bhi bristeach àitheanta Dhe gach la; ach ‘s eiginn iarrtas an t-Sagairt a dheanamh air gach aon chor. Is cuimhne leam a bhi aon uair air mhisg, agus cha d’rinneadh orm ach peanas ro bheag; ach chaidh mi uair eile a dh’éisdeachd searmoin, nach d’inn sagart, ach mheas mi ro mhath i; thug sibhse orm dol timchioll an tighaoraidh air mo dhà ghluin; agus leag sibh orm ioma peanas eile, a bha mi co socharach ‘s gun do stroichd mi dhoibh. A nis, le’r cead, am bu mhò a chiont dol a dh’éisdeachd deagh shearmoin na bhi air an daoraich? Cha b’fheadh; ach bha mi dhòl ann cosmhuil ri mi smaoineach air mo shon fein, ni a mheas sibhse mar am peacadh bu mhò a dh’fhaodainn a chur an gniomh; ach leis a mhisg cha do bhris mi ach’aon de àitheantaibh Dhe, nach do dhritigh air ùghdarras na Cléire. Nach ‘eil e, uime sin, soilleir gu bheil peanas air locadh nì’s mò mar thoileachadh do’n Chléir na chum cosg a chuir air peacadh? Agus nach ann a tha e chum gum bi ‘m barrachd sgàth aca roi’n t-sagart na gu’n coimhead o chiontachadh ‘an aghuidh Dhe! Tha sibh ag ràdh gu bheil peanas feumail; ach cionnus a thachair sin! Ciod is urrainn duibh a dheanamh leis? A’ bheil sibh comasach air ur sluagh a chumail o bheacanna follaiseach gràineil? Tha fhios agaibh nach ‘eil; ‘s urrainn duibh a thoirt orr’ an Carbhuis a choimhead, no latha fèill a ghleidheadh; na faodui sibh an cumail o dhòl a dheanamh ùrnuigh maile riusan ris an can sibh neo-chreidich; ach cha’n urrainn dhuibh an cumail gun bhi air mhisg, no mi-
stuama no mionarach; c’ait an sin a bheil feum nar smachdachadh? Agus arson ur maitheanas, ciod am feum a th’ annsan? Ma bheir Dia maithheanas duinn, ciod am feum a th’ againn air maithheanas an t-sagart? Agus mar deonaich esan maithheanas duinn, cha’n’eil maithheanas an t-sagairt comasach air ar saoradh o’n pheanas a thoill ar peacaidh.
Sag.—Tha mi ‘g innse dhuit, mar thuirt mi roimhe riut gur ùmaidh ro mhòr thu; oir shocraich an Eagluis a chùis sin fada m’an d’rugadh tu fein na mise; agus faodai tu co math oirp a thoirt air steigh an domhain a charachadh, ri neo-thuiteamachd na h-Eagluis a chuir bun os cionn.
Smaointich Aindrea gum b’fhearr an airidh focal De air ainm a bhi neo-thuiteamach na an ni ris an dubhairt an sagart an Eagluis; agus, mar chuir e roimhe nach ceadaicheadh e aon lide nach gabhadh dearbhadh o fhocal De, cha b’urrainn doibh a bhi aon-sgeulach ma’n chùis so; agus mar sin b’eiginn doibh fhàgail, agus teannadh ri aon eile; agus ‘se sin an ola bhàis, no an corp ùngadh le ola leis an t-sagart ùine ghearr roi’n bhàs.
Sag.—M’an ni so, cha’n fhaod connsachadh a bhi uime; oir tha’n t-Abstol Seumas ag ràdh gu soilleir, “Ma tha neach air bith tinn ‘nar meag, cuireadh e fios air seanairibh na h-eagluis; agus deanadh iad ùrnuigh os a cheann, ‘ga ùngadh le h-ola ann an ainm an Tighearna.” Seum. v. 14. Ciod a their thu ris sin?
Aind.—Le’r cead, their mi so; nach d’ainmich sibhse ach cuid de’n earrainn, leis a’beil sibh a’ cumail na tha’n t-Abstol a’ cialluchadh as an-sealladh. Tha e ‘g ràdh, agus slanuischidh ùrnuigh a chreidimh an t-euslan, agus togaidh an Tighearn sua e; agus ma rinn e peacanna, maithear dha iad.” Ge nach ‘eil mis a’gabhuil os laimh a chùis a làn thuisinn, tha mi faicinn ni ‘s leoir a tha feuchainn domh gu bheil sibhse ga ghabhuil ann an seadh mearachdach. Ungaidh sibhse duine ma shaoileas sibh e bhi dlù air a bhàs, chum gu’n gabhar a steach do neamh e. Cha’n fhaod iad mir bidh itheadh an diaigh so a dheanamh, agus tha cuid a’ dol gu bàs leis a acras. Faodai leanamh fhaicinn gur ann a tha’n t-Abstol a’ labhairt m’an duine thinn a bhi air a thogail suas an déigh dha bhi air ùngadh le ùrnuigh a chreidimh; air chor’s gur da ni eadardhealaichte ùngadh an Abstoil agus ur n-ùngadhsa. Is cuimhne leamsa, ‘nuair a shaoileadh gun rachainn eug o chionn chüig bliadhna, gun do chuir mi fios oirbhse le mòr chabhaig, chum gun rachadh m’ ùngadh, a ‘saoilsinn gun rachainn do ifrinn mar rachadh deas-ghnàtha na h-Eagluis a chàramh rium. Cha robh ‘n leab’ air an robh mi a’m’ luidhe ni bu neo-mothach-aile mu dhiadhachd na bha mise san àm sin; gidheadh co luath ‘sa fhuair sibh ur duais ni nach do dhì-chuimhnicich sibh iarruidh, dh’ ùngadh sibh mi gu grad, agus rinn sibh cintheadh mi gun rachainn do neamh. Och mo thruaighe! nam bàsuichinn an sin, tha fios gu’m bithinn caillte gu siorruidh; agus cha’n urrainn domh smaointeach air a chunnart san robh mi gun bhi air chrith
leis an eagal; no idir a chuimhneachadh air mòr thròcair mo Shlanuighir gun deoir na taingealachd agus a bhuidheachais a shileadh.
Sag.—Is mi-mhodhail am balaoch thu; agus is truagh a dh’èireas duit, ‘nuair a thig am bàs ort, m’ar ùngar le Sagart thu.
Aind.—Gu deimhin cha’n àill leam fhaotainn; cha ‘n ‘eil focal De ga ainmeachadh anns an t-seadh sa bheil sibhse; agus cha’n eagal leam, ma theid mi eug le làn earbsa ri iobairt-réitich mo Shlanuighear, nach fàiltichear do neamh mi. A nis, tha mi toirt buidheachas do Dhia gun d’thugadh air falbh gath a bhàis, agus nan rachadh a nis mo ghairm chum am bàs fhulang, tha dòchas agam, tre ghràs, nach b’ aobhar eagaill leam e.
Sag.—Amadain cheann-laidir, ann-dàna.
Aind.—’Nuair a chaith mi mo beatha ann am pheacuibh, cha dubhairt sibh riamh amadan rium; cionnas a nis a tha mi air fàs a’m amadan o na thréig mi iad?
Sag.—So, so, greasamaid chum na h-ath phuince. Cha mhòr nach do chlaoichd thu m’fhoighidinn led’ bhòilich.
Si’n Staid-mheadhoin* no ghlanaidh air an do thionnsgain iad.
Sag.—Cha’n eil thu, mata, a’ creidsinn san Staid-mheadhonaich, o na leugh thu ‘n Tiomna Nuadh.
Aind.—Dh’fhartluich orm aon ni coltach rithe fhaicinn ann.
Sag.—An d’fhartluich d’a rireadh? Is iongantach sin, ‘nuair a dh’ amuis a choilion duin’ ainmeil air ann. C’arson a thuirte an t-Abstol Pol, Gun dearbhadh an teine obair duine sam bith, ge b’e air bith bu ghne dh’ith. 1 Cor. iii. 13.
Aind.—Air leam gu bheil na tha sin a’ ciallucha ro shoilleir. Le beachdachadh air an earrainn sin, chi sibh gu bheil an t-Abstol a labhuirt mu na teagasgan fa leith a dh’fhaodadh luchd-aidmheil de gach gne a theagasg, an déigh do stéigh na firinn bhi air à socrachadh. Tha e coimeas cuid diubh sin ri òr, airgiod, agus clacha buadhach, ni tha ciallachadh teagasg fallain; agus cuid eile ri fiodh, connlach, agus asbhuain, a’ cialluchadh teagasg mi-fhallain. Tha e nis ag ràdh, gun dearbhar gach aon diubh air a cheann fa dheireadh; agus ciod a bha co ionchuidh chum nan nithe sin a dh’ainminch e a dhearbhadh, re teine? Ma bha na teagasgan cosmhuil ri òr, airgiod, no clacha-luaehmhor, cha deanadh an teine mòr dholaidh dhoibh. Ach nam biodh iad mar chonnadh, mar chonnlaich, no mar asbhuain, chuireadh an teine as doibh. Ach ciod a th’aige so ri ionad a losgadh anama, gu’n glanadh chum an deanamh ionchuidh arson néimhe.
Dh’ amharc an sagart air an àite, agus leugh e thairis e an déigh dha mineachadh Aindrea a chluinntinn, agus bha loghnadh air nach do thuig e roimhe e. Ach cha d’aidich e gun do mheas e mineachadh Aindrea ceart; ach dh’innis e dha nach robh esan ach ag amharc air uachdar na cuise, ach gun robh ‘n Eagluis
* Purgatory.
a’faicinn ni bu doimhne, agus gun do nochd iad gun robh a shamhuil de ionad ann, agus gum bu leoir sin.
Aind.—Na gabhaibh mi-thlachd, ged a bheir mi mo bharail m’an chìus so. ‘Si so i, nach biodhte co mor an geall air an staid-mheadhonaich so, mar biodh e chum buannachd na cléire. Is math is cuimhne leam airgiod a thoirt duibh arson ùrnuighean a dheanamh chum anama mo dhaimhich agus mo luchd-eolais fhaotainn as an ionad sin. Ma tha leithid sin de chumhachd agaibh, shaoilinn gum b’ait libh a ghnathachadh, a thaobh iochd do na h-anamaibh bochda sin a bh’air an claoidh ann, gun aicheamhail air bith air a shon. Ach ‘nuair a chi mi gum feum na h-ùrnuighean sin dioladh air an son ma’n cuirear suas iad, cha’n urrainn mi smuainteachadh nach e is fior aobhar gu bheil an t-ionad sin air a chumail an cuimhne, gu bheil a chléir a’ faighinn mòr bhuannachd uaithe. Cha mhò a chreideas mi gu bheil iad d’ùrachdach gus am faic mi iad a’ deanamh an dichill gun duais air bith chum na h-anama truagh, a deir iad, a tha fulang a shaoradh as na piantaibh sin. Agus ged a ni iad sin fein, cuiridh mi le focal De an aghaidh an teagaig mhearchaich so, a chionn gu bheil e buileachadh air an ionad-mheadhonach an cliu a dhlighear a mhàin do fhuil Chriosd, a réir na h-earrainne sin, “Gu’n glan fuil Chriosd o gach peacadh”; ni nach biodh fior nam biodh cuibhrionn de’n obair an earbsa ris an ionad sin.
Sag.—Dh’innis mi roimhe dhuit, agus tha mi nis ga innseadh a ris, nach ‘eil annad ach an dearg bhuuraidh, agus balaoch mi-mhodhail gun tuigse; agus cha’n ion fiuthair a bhi ri aon fheum uait, am feadh a leanas tu air bhi ann am barail gur glice thu fein n’an Eagluis.
Aind.—’Se focal De is reull-iùil domh; agus cha chreid mi ach na dhearbhar uaithe.
Mar nach b’urradh dhoibh còrdadh m’an Ionad mheadhonaich, b’eiginn sguir dheth, agus teannadh ris an ath-ni nach do thaitinn ri Aindrea; eadhon a bhi ‘g ùrnuigh ris na naomhaibh.
Bha ‘n sagart a nis, cha mhòr, na thosd, agus cha b’urrainn da a bheag fhaotainn san scriobtuir chum sin a dhearbhadh. Dh’ainmich e an duine saibhir ann an ifrinn a’ guidhe ri Abraham. Ach bha samhlaidh spiorad malluichte na dhroch chulaidh leanmhuinn do dhaoinibh cràbhach air thalamh; ach air dha so a thoirt fainear ghabh e dion fo fhasgadh neo-thuiteamachd na h-Eagluis; agus dh’ iarr e air Aindrea dol air aghaidh chum an ath-ni.
Aind.—B’urrainn domh mòran a ràdh mu na h-ainmean mi-iomchuidh a tha iad a’ buileachdh air an Oighe Muire, mar ta m’athair na tròcair, sgiath dhion pheacach, geata fhlaitheis, etc. Dh’fhaodainn co gràineil ‘sa tha paideireanan, usge coisrigte, etc., ag amharc. Ach tha mi teachd chum na cuid is mi-chiataiche, agus ‘se sin an doigh anns am faigh peacaich deadh-ghean De. Bha mi do ghnà ann am barail, m’an do leugh mi focal De, mar cuirinn peacadh ro an-trom an gniomh, agus
mo dhleasnas a dheanamh gu riaghailteach, mar theirear riu gum bu deagh Chriosduidh mi; agus ‘nuair a thigeadh àm no bhàis, na’n gnàthaichte deasghnàtha na h-Eagluis orm, nach b’egal domh. ‘Se so an ni a dh’ fhòghlum mi, agus an t-ionlan de na dh’ fhòghlum mi san Tigh-aoruidh; agus mar sin bhuanach mi rè dà fheichead bhliadhna. Ach o leugh mi’n Tiomna Nuadh tha mi mothacha mìgha mòr seach mar bha mi a’ baralachadh. Tha focal De ag innse dhomh an tuis, gu bheil mis agus an cinneadaonna air fad ‘nar peacachaibh ‘am fianuis De; gu bheil sinn uile, arson ar peacaidh, a’ toilltinn truaighe shiorruidh; agus gu bheil ar nàdur gu h-ionlan truaillidh agus aingidh; a réir nan earrannan so, “Chum gun druidear gach beul, agus gum bi an saoghal uile ciontach am fianuis De.” Rom. iii. 19. “Is naimh-deas an inntinn fheolmhor an aghaidh Dhe.” Rom. viii. 7. “Tha’n fheol a ‘miannuchadh an aghaidh an Spioraid.” Gal. v. 17. “Oir is ann as a chridhe a thig droch smuaintean, adhaltrannas, striopachas, mortadh, goid, sannt, aingidheachd, mealtoireachd, macnus, droch shùil, toibheum, uabhar, amaideachd.” Mar. vii. 21, 22. Tha e ris ag innse dhomh, gur ann a tha iadsan a shàbhalar, air an saoradh tre ghràs De, trid bàis agus toilltinnis Iosa Criosd, gun deagh thoilltineas air bith annta fein, a reir mar tha e air a chuir sios, “Air dhoibh bhi air am fireanachadh (‘se sin maitheanas bhi air a thoirt doibh, agus air an gabhuil a stigh gu taitneach) gu saor le a ghràs, tre an t-saorsa a ta ann an Iosa Criosd; neach a shonraich Dia na iobairt-réitich, trid creidimh ‘na fhuil, chum fhireantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacachd a chaid seachad, tre fhad-fhulangas De.” Rom. iii. 24, 25. Agus a ris, Cha’n ann o oibríbh fireantachd, a rinn sinne, ach a réir a thròcair fein, a shaor e sinn, tre ionnlad na h-ath-ghineamhuinn, agus athnuadhachadh an Spioraid Naoimh.” Tit. iii. 5. Tha e ris ag innse dhomh, gu bheil acasan a gheibh co’-roinn de’n t-slainte so co’-roinn d’ith tre chreidimh, a reir nan iomad earrann a dh’fhaodainn ainmeachadh, ach is leoir iad so a leanas. Uime sin, tha sinn a’meas gu bheil duine air fhireanachadh tre chreidimh. Rom. iii. 28. Agus an ait eile, Air dhuinn bhi air ar fireanachadh tre chreidimh, tha sith againn ri Dia, trid Iosa Criosd ar Tighearna. Rom. v. 1. Tre ghràs tha sibh air ar slànuchadh, tre chreidimh. Eph. ii. 8.
Osbarr, tha’n leabhar sin ag innse dhomh gu bheil iadsan aig a’ bheil co’-roinn de’n chreidimh phriseil so, da thrid air an dlù-cheangal ri Criosd, mar tha na meanglain ris a chraoibh, no na buill ris a chorpa; gu’n cuir iad an aghaidh a pheacaidh air gach doigh; gun d’ thoir iad buaidh air an t-saoghal; gu bheil iad dealasach mu dheagh oibríbh, agus gan tìomna fein suas do Dhia. Gu cinnteach is teagasg so a tha co’-fhreagrach do dhiadhachd. Mhòthaich mis e ro thaitneach do m’ inntinn fein, agus cha d’ thugainn suas mo chòir air dheich mile saoghal.—An so chuir an sagart cosg air seanachas Aindrea, is dh’ éirich e suas ann an àrd bhoile, le fheoraich dheth ciod bu chiall de a
leithid de thàmailt a thoirt dà; ag ràdh ris nan saoileadh e gum b’ann mar sin a bhiodh a chùis, nach aontaicheadh e am feasd dol a steach da thigh. An sin thionndaidh e ris a chuid eile de’n teaghlach, a’ feoraich dhiubh an robb mhiann orrasan am fear so a’ leantuinn ‘na chùl sleumhnachadh aingidh o’n Eagluis? Fhreagair iad uile gun robb, ach an tè bu shine, agus gad a bhiodh iad an teagamh roimhe sin, gun do chuir na chual iad gu tur as an teagamh e.
Thuirt e riu gu’n cuireadh e fo ascaoin-eagluis iad air an ath-là sàbaid, ni nach do chuir ach beag smuairein air Aindrea. Ach rinn an Sagart a mhat h ga fhocal.
Am feadh a bha Aindrea gnathaichte ris an Tiomna Nuadh a leughadh, thuig e gun robb iomad earrann a’ leige ris da gun robb leabhar eile ann, air nach robb e idir eolach, ach as eug’ais, nach robb e comasach dha na h-earrannan sin a thuigsinn. Leis mar chuir e roimhe an t-iomlan deth, nam b’urrainn da, a thuigsinn, bha e ro dhéigheil air fios fhaotainn ciod e an leabhar eile; agus mheas e nach robb aon neach aig am bu dòcha fios a bhi uime na a bhean-uasal o’n d’fhuair e ‘n Tiomna nuadh; smaointich e gun leigeadh e iomaguin ris di, agus gun asluicheadh e a comhairle m’an chùis. Bha toil aige, mar an ceudna buidheachas a thoirt di arson an Tiomna nuadh a thoirt a nasgudh dha, ni a dheanadh e o chionn fada, mar b’e gun robb i o’n àm a fhuair se e gun bhi, gus a so, aig an tigh. Ghabh e cheud chothrom air taing a thoirt di; agus thuirt e rithe nam bu toil leatha innse dha c’ait am faigheadh e an leabhar a bha air ainmeacha san Tiomna nuadh; a chionn gun robb e gu soilleir a’ faicinn gus am faigheadh e sin gun robb iomad earrann de na bha e leughadh, nach b’urrainn da a thuigsinn. Dh’innis i dha gur e’n Sean-Tiomnad bha air ainmeachadh ann, no a chuid sin de na Scriobtuire a chaidh a sgriobhadh m’an d’ thainig ar Slanuighear san fheol: agus gheall i dha gum faigheadh ise Biobull da, anns am biodh an Seann Tiomna agus an Tiomna Nuadh. Bha i co math ‘s a gealladh; agus an tine ghearr fhuair Aindrea Biobull. Leugh e an Seann-Tiomna le mòr thlachd; agus gad a bha cuid de nach robb e làn-thuigsinn, bha e tuigsinn earrann mhòr eile dheth. Bha mòr thoileachadh aige bhi leughadh mar shaoradh clann Israeil as an Eiphid, agus mar chaidh iad gu buadhar a steach do thir Chanaain. “Seadh,” theireadh e, “Bha mise roimhe so, am thràill bhochd aig a pheacadh, ach shaor gràs De mi; agus gad a tha mi san àm ag imeachd tre fhàsach an t-saoghail so, is gearr an t-àm gus an cuir Dia ann an seilbh mi air a Chanaan Néamhuidh!” A thaobh an eolais a bh’ aig air Litir an abstoil chum nan Ebbbruidheadh, bha e na urrainn mòran de na deas-ghnàthaibh a dh’ àithn Dia dhoibh a choimhead; agus thaitinn e gu ro mhat ris mar bha Criosd air a ro’i-innseadh co fada m’ an d’ thainig e. Bha cuideachd Leabhar nan Salm, agus Faidheadoireachd Isaiah, a’ toirt mòr shòlas da.
(Ri leantuinn.)