Air athleasachadh le L. Mac-Illlean—1840.
“Iarradh iad chum an lagha agus chum na fianuis: mar labhair iad a reir an fhocal so, ‘s ann a chionn nach ‘eil solus annta.”—ISAIAH viii. 20.
CAIB. IV.
Mar thoisich aoradh r’a ghnàthachadh ann an teaghlach Aindrea. Mar thearuinn iad o bhi r’e theine. Cunnias mu dhroch-rùn Sheumas Nòlain do Aindrea, etc.
BHA mothachadh aig Aindrea gum b’e a dhleasnas, mar cheannard teaghlach, aoradh Dhe a ghleidheadh na thigh; thug e nach gabhadh aon ni a leithsgeul nan deanadh e dearmad as so suas air an dleasnas so; agus ge nach biodh ach an dearmad so a dhearbadh mi-dhiadhachd a choimbearsnach, gum bu leoir e ga dheanamh. O dh’ fhàs Aindrea eolach mu fhocal De, bhuilich e earrann iomchuidh de gach là ann an ùrnuigh dhìomh-air ri Dia: thilg e uath a phaidaireanan agus a ghisreagan de gach gne; agus rinn e ùrnuigh le mothachadh air uireasbuidh, a’ miannacha bhi air a bheannuchadh. Ach ged a rachadh aig air sin a dheanamh na aonar, bha sgàth air nach robh e comasach air a choilionadh am fianuis a theaghlaich; cha mhò bha riaghailt ùrnuigh teaghluich aige, agus cha b’ fhios da c’ àit am faigheadh e sin; ionnas gun robh e fo mhòr-iomaguin, le mothachadh air a laigsinn chum a dhleasnas a chur an gniomh. Ach, aon là ghlac e misneach, agus labhair e mar so r’a mhnaoi agus r’a chloinn. A bhean mo ghaol agus a chlann mo ghràidh, trid gean-math Dhe, thugadh a chuid is pailte dhinn gu càileiginn de eolas fhaotainn air an fhirinn; ach cha leoir gun dean sinn aoradh do Dhia a lion aon is aon, ach feumaidh sinn a dheanamh ‘an ceann a chéile mar theaghlach. Agus is e an t-eadar-dhealuchadh a tha eadar teaghlach air a’ bheil eagal De, agus iadsan, air nach ‘eil, gu bheil a cheud muinntir a’ gleidheadh aoradh teaghluich. Bha mi o cheann ghoirid san ioma-chomhairle mu theannadh ris, o mhothachadh air mo chion comais air a dheanamh; ach tha mi nis a’ faicinn gur ann o uabhar a dh’ éirich an leithsgeul ud, agus tha mi nis, trid còmhnadh Dhe, a’ cur romham gun tuille dearmad a dheanamh air ni a tha mi meas a bhi na dhleasnas fiachaicht orm; an nochd fein tòisicheamaid air. Dh’ aontaich iad uile leis; agus an déigh na suipeireach, dh’ fhosgail Aindrea an oidheam, agus leugh e’n treas Caibdeil de Shoisgeul Eoin, Caibdeil bu ro-chaomh le Aindrea. Ghabh e mhisnich na rinn caileiginn de mhineachadh air; agus le sin a dheanamh, chaidh iad air an glùinibh, agus rinn e ùrnuigh. Rinn e sinn o lànachd a chridhe; thug e buidheachas do Dhia arson lòin agus aodaich, agus arson fardoch ghoireasach, ged a tha iomad neach eile as an easbhuidh; ach thug e gu sonraichte cliu do Dhia, arson a mhòr ghràidh ann an cur a Mhic a dh’ ionnsuidh an t-saoghail a shaoradh pheacach; agus arson gun do dheonaich e dhasan agus do’n chuid bu mhò da theaghlach fios fhaotainn air saibhreas a ghràis, am feadh a bha choilion aon m’ an timchioll turaineolach uime. Chuir e suas ath-chuinge dhùrachdach as leth a chairdean, agus as leth a naimhdean cuideachd, gun di-chuimhn’ air an t-Sagart a bhuin co neo-shuarce ris. Ghuidh e ri Dia as a leth, agus as leth a luchd-éisdeachd uile, agus gun d’ thigeadh uile shochairean an t-soisgeul air fein, agus orrasan. Ghuidh e arson math na tire san robh e chòmhnuidh, agus arson fàs diadhachd anns gach àite; agus cho’dhuin e le e fein agus gach ni agus neach a bhuineadh dha, earbsa “Ris-san air nach aom codal no suain.”
Air an o’che sin fein bha sàr chothrom aig Aindrea air curam Dhe da thaobh a thoirt fainear. Mu mheadhon o’che dhùisg comhartaich a choin e; dh’ éirich e a dh’ fhaicinn ciod a bha cur dragh air; ach an uair a chaidh e a mach cha d’fhairich e ni air bith a chuir ioghnadh air, agus thug e ionnsuidh air dol a luidhe, an dùil gun robh gach ni gu math; ach air dha pilleadh a stigh air leis gun robh toit feadh an tighe, agus le rannsuchadh thug e gun deach éibhleag bheag, air doigh eiginn ann an measg conlaich a bha ann an cuil, agus nach mor nach robh e na lasair; ionnas gun robh cionfath aig a smaointeachadh mar rachadh a dhùsgadh air a cheart àm sin, gum biodh an tigh na lasair m’an cuairt doibh, agus gum bu choltach gum biodh iad air ar losgadh ann, agus gach ni a bh’ aca.
Chuir Aindrea as de’n teine, agus chuir e suas ùrnuigh dhùrachdach bhuidheachais ri Ughdar gach maithes, arson a chaoimhneas iongantach dhoibhe. An uair a bha an teaghlach air cruinneachadh an ceann a chéile sa mhaduinn, dh’ innis e dhoibh mar thachair; agus ghabh e’n còthrom sin air maithes De a mholadh dhoibh, a rinn faire thairis orra, agus la fhreasdal caomh cairdeil, a choimhead iad o’n chunnart a bhagair orra. Leugh e ‘n sin caibdeil as an Tiomna nuadh, agus chuir e suas ùrnuigh ri Dia maille r’a theaghlach, a’ deanamh luaidh air a mhothachadh a bh’ aige mu chùram Dhe d’an taobh. Uine bheag roimhe so mheasadh Aindrea gach ni dheth so na thuiteamas, agus gum b’fhortanach an t-àm san d’rinn a chù tathunn; ach a nis chunnaic e freasdal De anns an iomlan, agus dh’ aidich e a chùram le taingealachd.
‘Nuair bha Aindrea dol aon mhaduinn a dh’ ionnsuidh oibre, chunnaic e duin’ òg laidir fallain, ga luchd-eolas, na shineadh air an talamh, gun fhios aige ciod a dheanadh e ris fein. Seachd, a Thòmais, ars Aindrea, ciod is coireach nach ‘eil thu aig t-obair ris an deagh latha so? A’ bheil thu gu math? Gu deimhin tha, arsa Tòmas, cha robh mi riamh ni b’ fhearr; ach nach aithne dhuit gur e so là Fhéill-Muire? Agus ciod uime, a deir Aindrea? Ciod uime? a deir am fear eile gu sgaiteach, B’ fhearr leam mo lamh-dheas a sgathadh dhiom na obair a dheanamh air an là so. Ach a deir Aindrea, nach faca mi thu a ‘s t-Earrach so chaidh, a’ cur buntàta air là na Sàbaid, maille ri muinntir eile? Creididh mi gum faca; oir thug an Sagart cead domh. Ach co dhà air leat, ars’ Aindrea, is còir am barrachd meas a thoirt do Dhia, no do ‘n Oigh Muire? Is saoilidh mi gur mò is còir a thoirt do Dhia, a deir Tòmas. Agus c’arson, ars’ Aindrea, nach seachna tu obair a dheanamh air là an Tighearna, agus gu bheil thu co seachantach air obair a dheanamh air Làithibh-Mhuire? Cha ‘n aithne dhomh, a deir e, Tha mi toirt géill do òrdugh an t-Sagairt. Mo thruaigh e an Sagart! a deir Aindrea. Is iomad anam air a mhealladh a tha aige ri freagrath air a shon! Cha ‘n e sin mo ghnothachs’, ars am fear eile; tha mis a’ géilleadh do m’ Chléir, agus ma dh’ àithneas iad domh deanamh gu h-olc, is iads’ an coireach, ‘s cha mhise. Tha iadsan ciontach gu deimhin, ars Aindrea; ach tuigidh d’thus’ a bhi air do mhealladh ma smaoin-ticheas tu gu’n gabh sin do leithsgeul. Cha ghabh, a Thòmais, is eiginn do gach aon againn luidhe fo chionta fein: agus tha Criosd ag ràdh, “Ma threòraicheas dall an dall, gun tuit iad arao san dig.” An ni nach buin duit na buin dà, a deir Tòmas, agus na cuireadh mo dheanadas-se iomaguin ort. Saoilidh mi gur mòr is fearr is aithne do ‘n t-Sagart, is urrainn Laidinn a labhairt, mu na nithe sin, seach dhuitse. Le sin a ràdh, dh’ fhalbh e gu stràiceil roimhe. Mo thruaigh, a dhuine bhochd, ars Aindrea ris fein, thig an là anns an tuig thusa gur i’n fhirinn a chan mise. Nior leige Dia gur ann ‘nuair a bhios e tuille ‘s anamoch a thachras sin.
An uair a chuir an Sagart Aindrea agus a theaghlach fo ascaoin-eagluis, labhair e mòran mu anacreidimh, agus dh’ ainmich e gu saor soilleir, nach bu ghnothach mòr dochair a dheanamh air ana-creideach; agus ma dh’ aithriseadh an sgeul air chòir, thuirte gur ni bhiodh ann cuis ionmholta. Thachair gun robh fear san éisdeachd, d’ am b’ ainm, Seumas Nòlan, aig an robh gàmhlàs do Aindrea, arson mir fearainn a fhuair e toiseach dheth, agus cha sòradh e aicheamhail a thoirt deth. An uair a chuala Nòlan an sagart a’ càineadh Aindrea, thuirte e ris fein, “S e so an t-àm dhomhsa mo shàth dioghaltais a dheanamh air. Tha ‘n sagart ag ràdh gur còir éirigeach,* a mheas mar anacreideach, agus mar chìs-mhaor; agus nam biodh e ann an iomad àite gun lois geadh iad gu bàs e, mar eas-caraid do ‘n Eagluis; ach nach ‘eil e ceadaichte sin a dheanamh san rioghachd so. Ma tha Aindrea Mac’Ille-duinn a’ toilltinn bhi air a losgadh, ciod a choire ged a bheirinn deagh ghabhail-air dha, a bhios na chuimhne am fad ‘s is beo e: ni so seirbhis do Dhia.
* Heretic.
Air dha sin a shocrachadh na inntinn fein, chuir e roimhe gun rachadh e ‘n ath-o’che gu tigh Aindrea, agus gun deanadh e peanas air a réir a thoillteannais do ‘n Eaglais. Dh’ fhalbh e, agus rainig e tigh Aindrea, dreach mar bha e ullamh de leughadh a chaibdeil, agus air lùbadh a ghlùn, maillle r’a theaghlach, a thoirt buidheachas do Dhia arson sochairean an latha, agus a dh’ asluchla gum buanaicheadh e dhoibh a dheadh-ghean. Sheas e aig an dorus car beagan, chum gu ‘n cluinneadh e na bha iad ag ràdh. Thuig e gur e guth Aindrea a bha e ‘cluinntinn, ach cha’n ann a bha e mar gu ‘m biodh e co’chainnt ri fear eile, no cosmhuil ri aon ni a chual’ e riabh. Air dha éisdeachd rè seal, sheall e stigh air sgoltadh a bha san dorus, thuig e, le mòr ìoghnaidh gur e bh’ ann Aindrea ri ùrnuigh, le theaghlach ma thimchioll. Dh’ éisd e la furachras ris na bha e ‘g ràdh, agus chaidh an gnòthach m’ an d’ thainig e gu tur as a bheachd. Chual’ e a’ toirt buidheachais do Dhia arson gach sochair a bha e mealtuinn, ach gu ro-shonraichte arson e fein agus a theaghlach a shaoradh o pheacadh agus o thruaighe; ach ‘s e is mò a dhruigh air mar rinn e ùrnuigh as leth a naimhdhean. “O Dhe, a deir e, Ma tha naimhdhean againn, deonaich dhoibh maitheanas, ge b’e air bith co mì-chneasta no mi-shuaire’ a bhios an droch rùn d’ar taobh, agus builich orra eolas na slainte; agus neartuich sinne chum math a dhioladh an aghaidh an uile.” Anns an t-suidh-eachadh so bhuanach e rè seal ag ùrnuigh, ni a bhur anabharrra iongantais air Seumas Nòlan; ‘s an uair a sguir an ùrnuigh, air leis gum biodh e toileach a nis Aindrea a ghabhail le fàilte na ghlaicaibh, gad is ann air thì cron a dheanamh air a thainig e. O na thuirte an Sagart, shaoil e gun do reic Aindrea e fein a chur aingidheachd an gniomh, agus gun do chuir e du-chul ri diadh-achd: cha b’ìoghna mata, ged a chuir na chual’ agus na chunnaic e iongantas mòr air! Ciod e, thuirte e ris fein, an anacreideach an duine so? Ma ‘s h-eadh, c’ait’ a bheil na Criosdui’ean? ‘S deimhin leam nach ann an coithional an t-sagairt. Nam biodh gach neach a deir Criosduíean riu fein, agus an sagart maillé riu, coltach ris an duine bhochd so, bhiodh an saoghail air mhùgha doigh seach mar tha e. Chaidh gach droch-rùn agus seana ghàmblas a bh’ aige do Aindrea as aire, agus bha e cuir-iomachuir air fein arson gun robh na bheachd dochair a dheanamh air. Cron a dheanamh air! thuir e, Nior leige Dia! Cha dean; b’fhearr leam mo lamh dheas a bhi gun lùths’, search gun deanainn ciorram air a leithid de dhuine. Bha mhiann air falbh roimhe; ach chuimhnich e air fein, agus chuir e roimhe dol a stigh, agus gun innseadh e do Aindrea ciod a bha roimhe na bheachd a dheanamh air, agus a ghuidhe maitheanas air arson na bha na rùn. Bhuaill e, uime sin, aig an dorus, agus air dhoibh fhosgladh, chaidh e steach, agus thug Aindrea cuire cridheil da suidhe aig taobh a ghealbhuin. An cuala tu, arsa Seumas, gun d’ thug an Sagart a mhallachd ort fein agus air do theaghlach san tigh-aoruidh air an domhnach so chaidh? Chuala, a deir Aindrea, agus tha truas mòr agam ris, agus tha mi ‘guidhe gu d’urachdach as leth an duine bhochd a tha air seacharan. Ach, a deir Seumas, nach ‘eil eagal ort roi ghuidheachan an t-sagairt? Gu dearbh cha ‘n ‘eil, ars Aindrea, am feadh a tha dearbh-fhios agam gu bheil Dia ga m’ bheannuchadh. A’ bheil fhios agad, Aindrea, gur ann a thainig mis an so a nochd le rùn dioghaltas a dheanamh ort mar ana-creideach, agus gu peanas a dheanamh ort arson na sean fhalachd a bh’ agam dhuit a thaobh an fhearainn. Mu thimchioll ana-creidimh, a deir Aindrea, ‘s esan a tha na ana-creideach nach glulain e fein a réir focail De; agus tha mise deonach cuid mo chunnairt a ghabhail de bhuanachadh a réir an fhocail sin an aghaidh gach sagart air thalamh. Agus mu dheimhin na co’-strigh mu ‘n chrioman fhearainn, tha deagh fhios agads’, a Sheumais, nach robh a bheag mi-dhleasnach no mi-chiatach ann na rinn mise; ach m’as i do bharailse gun robh, tha m deonach a thoirt suas duitse, ma gheibh thu toil a mhaighstir gu sin a dheanamh; oir gad a tha teaghlach agamsa ri solar air an son, is fearr leam gach ni a th’ agam a thoirt seachad, agus a bhi ‘n earbsa ri Dia chum mo chumail suas, na gum biodh cionfath aig duine sam bith gearan a dheanamh a’m aghaidh. Nior leige Dia, ghlaodh Seumas, ‘s e ‘g amharc le mòr urram, air an duine, gu ‘n gabhainnse t-fhearann! Cha gabh, Aindrea; fhuair thu e gu cothromach, agus gleidh e; agus cha ‘n ‘eil a dhi ormsa ach gun n’ thoir thu maitheanas domh arson mo dhroch-rùin a’ d’ aghaidh, agus gum meas thu mi mar charaid. Tha mis, a deir Aindrea, a’ deonacha maitheanas cridheil duit, agus ‘s e mo ghuidhe ri Dia gun d’ thugadh e dhuit mothachadh air do staid, mar thug e dhomhsa, agus gum pill e thu, trid a ghràis, d’a ionnsuidh fein. Ge nach do làn thug Seumas brigh na guidhe, bha e cinnteach gur ni math a bh’ ann, agus bha e air aomadh gu Amen a ràdh ris! Oir dh’ùigh na chunnaic agus na chual’ e gu ro-mhòr air. Dh’ innis e nis do Aindrea ciod a rinn an caochladh na bheachd, a’ feoraich dheth am bu ghnà leis ùrnuigh a dheanamh maillè r’a theaghlach mar a chunnaic esan e. Thuirt am fear eile ris gum b’ fheadh; agus dh’ iarr Seumas cead teachd air uairibh ga éisdeachd; oir cha robh an da thigh fada o chéile. ‘S e do bheatha, a deir Aindrea, mar fuathach leat co neo-dheas-chainn-teach’s a tha mise. Cha’n fheadh idir, a deir Seumas, le fior dhùrachd. Cha do dhruigh ùrnuigh riamh a chuala mi orm gus an cuala mi thusa. Do thaobh an t-sagairt, cha tuig mi ciod a their e: Tha ùrnuighean tuille’s foghluimte arson mo leithidse; agus mar b’e gum bu mhiann leam a ràdh gum bithinn aig an airionn, dh’ fhaotainn co moth fuireach aig an tigh. Cha b’ urra dhomh riamh a thuisinn c’arson a tha ùrnuighean an tigh-aoruidh air an cur suas ann an cainnt choigrich. Nach ‘eil cainnt ar dùthcha co freagarach an àm ùrnuigh chur suas ri aon chainnt eile? Agus an sin tuigidh an sluagh ciod a tha iad ag ràdh. Is ceart a labhair thu a Sheumais; chaidh ar cumail fada ni’s leoir ann an aineolas; is mithich dhuinn teannadh ri smaointeach air ar son fein. Dh’ innis e’n sin da gum faigheadh e iad m’ an àm cheudna gach feasgar a’ deanamh mar chunnaic e, le còmhnadh Dhe; agus gum bu mhaith leo fhaicinn san àm sin, ‘nuair bhiodh e goireasach dha; agus nan d’ thigeadh e tamull beag ni bu luaithe, gum b’e bheatha gu co’-roinn a ghabhail d’an suipeir. Thug Seumas buidheachas da, agus ghuiddh e o’che mhathe dha. Thuirt e ris fein, Thainig mi mach le làn rùn gu’n gabhainn gu gramail air Aindrea, agus cha b’oil leam a bheatha a ghabhail; agus tha mi nis a’ dol air m’ ais, gun dochoir sam bith a dheanamh dha, fo loghnadh mòr ris an duine, a’ cuir iomachuir ormfein a chionn gum robh e a’m rùn olc a dheanamh air. Tha mi nis a’ cuimhneach gun robh ‘n sagart ann am buaireas mòr san eagluis, ‘nuair a labhair e mu Aindrea; ach tha Aindrea gu clùin, socraich! Le breith a thoirt a réir coslais, tha tuille mòr de’ n Chriosduidh ann an Aindrea na th’ anns an t-sagart. Rainig e nis a thigh, agus chaidh e luidhe, ach cha b’ ann a chodal! Cha b’ ann; oir bha e ‘smaointeach air a dhroch rùn fein—air ùrnuigh Aindrea—air a chìùineachd—air a dhanarrachd. Bha e’n t-ath-là a’ sior smuainteach air an ni cheudna. Mu fheasgar chaidh e do thigh Aindrea, agus ghabh e leo anns an aoradh a thug iad suas. Ghuiddh Aindrea gu dùrachdach arson Sheumais, gum bu deonach le Dia inntinn a shoillseachadh, agus aomadh chum gabhail ris an uile fhirinn. An déigh na h-ùrnuigh, thòisich iad ri labhairt mu thimchioll diadhachd, agus bha iad co dlù’an sàs ann’s nach mòr nach robh e meadhon oidhche man do dhealaich iad. B’ e brigh an t-seanachais, Ciod a b’ éiginn do pheacach bochd a dheanamh, a fhuair mothachadh gun do thoill e fèarg Dhe, ‘s gu bheil a chridhe aingidh, chum gun saorar e? Nochd Aindrea do Sheumas gu soilleir o fhocal De, nach robh gach peanas a b’ urrainn da a choilionadh, gach claoideadh a b’ urrainn da fhulang, agus gach ùrnuigh a bha e comasach a chuir suas, am fad’s bu bheo e, nan urrainn aiseag chum deadh-ghean De; gur e focal De an t’ aon dòigh a tha leige ris mar théid sin a dheanamh, eadhon feart réiteachaidh iobairt Chriosd, air a cháramh tre chreidimh ris an anam. Nochd e dha mar an ceudna, cionnas a tha gràdh Chriosd a’ co’-eigneachadh a chreidich gu e fein a thoirt suas chum a sheirbhis, air chor’s nach buanaich e ni’s faide anns a pheacadh, ach gur ann a dh’ fhuathaicheas, agus a bheir e buaidh air. ‘S iad sin na nithe m’an robh iad gu h-àraidh a’ cainnt air an o’i’che sin; agus bu toil le Dia cridhe Sheumais fhosgladh, a ghabhail ris na firinne cudthromach sin a chual e; ionnas gun robh do thoileachadh aig Aindrea, ann an ùine bheag, na chunnaic gun robh deagh stèigh dòchais aig Seumas ann an Criosd, agus a’ toirt dearbhadh do ‘n t-saoghail air an ni sin, le e a thréigsinn a pheacaidh. Bha ‘n Seumas so na cheatharnach mòr laidir; bu ghnà leis dol a dh’ ionnsuidh gach cruinneachadh agus margadh, titheach air iorghuill a thogail, agus a bhi ann an tuasaid gun athadh gun sòradh. B’ abhaist da cuaille mòr bat a bhi aige, leis an leagadh e gach fear a chusadh ris. Ach dh’ iompaicheadh an duine so, a bha na aobhar eagail do gach neach, le cumhachd na diadhachd; agus dh’ fhàs e na shamhlaich air firinn na cainnte sin, “Ma bhios duine ann an Criosd, is creutair nuadh e.” Bha a choslas air caochladh: oir roimhe sin bha e gu coimheach gruamach. Ach an déigh dha bhi air iompachadh, dh’ fhàs e gu h-aidheil ciùin, a leige ris co-siochail’s a bha inntinn. Thug e aon o’i’che chum tighe Aindrea a bhata mòr garrachdail, agus loisg e na làthair, an t-inneal sin leis an d’ oibrich e iomad olc. ‘S e so a cheart bhata leis an robh rùn orm gabhail ortsà; agus ‘s e so an t-àite is iomchuidh chum a losgadh; agus ‘nuair a bha e lasadh thurit e “Fhir-shaoraidh bheannuichte! bha na làmha so tuille’s tric comharaichte anns an olc, agus bheachdaich na sùilean so le tlachd air nithibh a b’ ion a bhi na chulaidh ghràin. Ach theagaig do ghràs dhomh fuath a thoirt do m’ aingidheachd. Cha ‘n eil toil-inntinn a nis agam ach ann am fuil do chroinn-cheusaidh, trid a bheil m’ anam air a shaoradh; agus am feadh a tha mi’g amharc, tre chreidimh, air a chuspair sin, gum faigheam bàs do ‘n pheacadh, agus mo chumbachdan a choisrigeadh chum do sheirbhis bheannuichte-sa!” Cha b’ urrainn Aindrea gun éigheach a mach, Tha m’ anam ag árd-mholadh an Tighearna, agus tha mo spiorad a’ deanamh gairdeachas ann an Dia mo Shlànughear.
(Ri leantuin.)
“The Gospel Magazine.”—We have more than once in these Notes called the attention of our readers to this excellent Magazine. It is decidedly one of the most wholesome scriptural periodicals printed. The high-toned spirituality of its pages is refreshing and edifying. We are pleased to see in the September issue a warmly-sympathetic biographical sketch of the Rev. Donald MacDonald, Shieldaig. Brief extracts of some of his sermons are also given. “The Gospel Magazine” is published monthly (price 6d.), and may be had through any bookseller.