Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1913 » November 1913 » Eachdruidh mu Aindrea Mac=ille=Dhuinn,

Eachdruidh mu Aindrea Mac=ille=Dhuinn,

PAPANACH EIRIONNACH; AGUS M’AN CHO’-CHAINNT A BH’ EADAR
E FEIN AGUS AN SAGART.1

“Iarradh iad chum an lagha agus chum na fianuis: mar labhair iad a reir an fhocail so, ‘s ann a chionn nach ‘eil solus annta.”—ISAIAH viii. 20.

CAIB. V.

Tha teaghlaich Sheumais Nòlain air an iompachadh, etc.

A CHIONN gun d’amuis Seumas air an nèamhnuid ro-luachmhor, bha e ro-dheonach gum biodh còir aig a theaghlach air an t-sochair cheudna. Uime sin dh’earalaigh e iad gu dol maille ris do thigh Aindrea, aig an àm shuidhichte. Dhiult iad rè seal dol ann, ag ràdh, gum bu chiatach a shealladh e iadsan a dhol gu ùrnuigh fir a thuirt an Sagart nach bu mheas an companach an deamhan fein na e. Gidheadh cha’n fhaodadh iad gun a thoirt fainear an t-atharracha mòr a thainig air Seumas. Cha robh e ni b’ fhaide gu misgeach tuasaideach mar bu ghnà leis, ach a’ fuireach aig an tigh, ag oirpeachadh sonas a theaghlaich. Cha b’ urrainn doibh àicheadh nach d’rinn Aindrea ann am beagan sheachduinean tuille mìghaidh air Seumas (oir cha do thuig iad gur e gras De a rinn e), na b’urrainn an Sagart a dheanamh rè fichead bliadhna, le shearmoinibh, le pheanasaiibh, agus le uisge coisrigte. Cha robh iad a’ tuigsinn so; agus air leo gun rachadh iad a dh’ aon-obair chum tighe Aindrea. Chaidh iad ann, agus bha ùrnuigh Aindrea gu dìrachdach, drùigtheach, agus cha robh sùil thioram san èisdeachd. Dh’ aontach iad uile ann am moladh Aindrea ‘nuair a chaidh iad dachaichd; agus air an ath-o’che dha d’fheum iad earail sam bith a dhol ann, ach ‘s ann a bha iad a’ gabhail fadail gus an d’thainig an t-àm. Gun tuille seanachais a ràdh m’an chùis, cha b’fhada gus an do mhothaich teaghlaich Sheumais cumhachd na fior dhiadhachd air an anam, le’m peacaichd a thréigsinn, agus teannadh ri nuadhachd beatha. Bha so na mhòr aobhar mhisnich agus bhuidheachais do

1 Air athleasachadh le L. Mac-Ilean—1840.

Aindrea. Bha nis de thoileachadh aige gun d’iompaicheadh a nighean bu shine, chum na firinn; ionnas gun robh an aonachd bu chaidriche na theaghlach beag. Air laithibh na Sbaide, bn ghna leo-san agus le teaghlach Sheumais coinneachadh mochthra agus feasgar chum aoraidh, agus bha an gnàthachadh air an dòigh so. An déigh do Aindrea ùrnuigh ghearr a chur suas, ag as-luchadh beannachadh air an saothair, leughadh aon diubh caibdeal as a Bhiobull; agus dheanadh Aindrea caileiginn de mhineachadh air a chuid a b’áraidh dheth, agus chàireadh e riu fein iad chum an creidimh a neartachadh, agus an caithe-beatha a leasachadh. ‘Nuair a bhiodh crioch air sin, dheanadh iad an athùrnuigh, ‘san deigh sin sgaolteadh iad. Cha robh aig an da theaghlach sin, c’ar tamuill, de bhatheis na dhùraigeadh bhi sonraichte san aite; a chuir cùl ri riaghailtean faoin, agus ri deas-ghnathaibh gun seadh anns an d’aracheadh iad. Bha sgàth air muinntir eile aontacha leo, air eagal droch ghuidheachain an t-Sagairt, agus bha iad buailteach do ioma beum agus tuaileas sgainnileach arson an toil a bh’ aca gu deanamh a réir focal De. Ach an deigh de’n cheud othail mu bhagraidh an t-sagairt dol seachad, thòisich cuid ri smaointeachadh air an atharracha shoilleir a thainig air teaghlach Aindrea agus Sheumais. Cha’n fhaodadh iad gun a thoirt fainear co caoimhneil chàirdeil ‘sa bha iad r’a chéile, seach mar bha teaghluchean eile: bha ioghnadh orra cuideach ris mar bha soirbheachadh leo ann an nithibh aimsireil. Shaoil leo, leis mar thuirt an sagart, gun nochdadh Dia, ann an cursa a fhreasdail, a chorruich an aghaidh Aindrea arson ana-creidimh. Ach an àite sin a thachairt, ‘sann a shoirbheich le Aindrea gu mòr ni b’fhearr na le aon neach a bha ‘n co’-inbh ris fein. Cha robh iongantas air bith ann an so. Thionndaidh fior chreidimh a mach dha-san na ghnothach tarbhach a thaobh na beatha so, co math ris an ath-bheatha; oir dh’fhàs a bhean agus a chlann a nis gu deanad-ach dichiollach, ged a bha iad roimhe gu leisg lunndach; agus bha nis an t-am a b’abhaist doibh a bhuideachadh ann am faoin-eachd agus an diomhanas air a chosg ri gnomh feumail mathasach. Cheannaich iad innealan sniomh, agus fhuair iad lion a sniomh agus a reic iad le sàr-bhuannachd: am feadh a bha e fein ag obair aig an Uachdaran, bha a mhac ag àiteachadh a bheagan fhearainn a bh’ aca, agus bha a bhean agus a nigheanan a ‘sniomh gu sùr-dail. Leis na nithe sin fhaicinn, bha ‘m barail mu Aindrea a fàs ni b’fhearr; agus ghlac cuid diubh de mhisnich na rachadh air maduinn na sàbaid chum tighe Aindrea a dh’ aontacha leo nan aoradh; agus bha cuid eile fo fhiamh leis na thuirt an sagart, nach deanadh ach èisdeachd taobh muigh an doruis gun a dhànadas a ghabhail na rachadh a stigh; ach an ceann ùine bheag rachadh impidh orra dol ann. Leis mar bha Aindrea gun bhi gabhail air fein ach focal De a leughadh, agus ro-bheagan min-eachaidh a dheanamh air, agus a sheòladh dhoibhsan a thigeadh ga èisdeachd iad a ghabhail nan scriobtuire mar riaghailt beatha agus beusan; mhothaich e gun robh fhann oirpean air am beann-

achadh, agus nach robh a shaothair lag an diomhain. Shoilleirich e dhoibh nach robh esan ag oirpeachadh teagasg ùr sam bith a mholadh dhoibh, ach dreach a nochda dhoibh na bha air a chuir sios ann am focal De; agus gum bu chòir dhoibh am focal sin a leughadh, agus foghluim a ghabhail uaithe, agus nan deanadh iad sin, gum faigheadh iad ann gach ni a bhiodh feumail do shlainte shiorruidh an anama.

Fhuair Aindrea m’an àm so leabhar Shalm agus Laoidhean, a mheas e bhi ro-luachmhor; agus dh’fhoghlum e cuid de na fuinn a bha iomchuidh gu’n seinn, agus chuir e seinn shalm ris a chuid eile d’a aoradh. Mheas e gun robh so a reir nan seolaidh a thug an t-Abstol Pòl seachad. Eph. v. 19. Bliadhna no dha ro’n àm so b’abbhuist de Aindrea agus da theaghlach a bhi air thoiseach gach coinneamh, a’ seinn orain dhraosta; nithe, mar a tha’n t-Abstol ag ràdh, nach robh air an seinn le gràs nan cridheachaibh do’n Tighearna, ach gan seinn air doigh pheacach do’n droch-spiorad. Mhothaich iad a nis co cunnartach ‘s a bha na nithe sin; agus le bhi cuimhueachadh mar a b’abbhuist doibh a bhi, thigeadh deòir air an sùilbh, le taingeaclachd arson gun do shaoradh o sin iad le matheas comharaichte Dhe.

Bu toil le Dia, air impidh laig Aindrea, muinntir eile a bhros-nachadh suas o’n neo-chùram, agus an aomadh chum fhocal beannuicht’ a leughadh. Bha iad fo ìognadh an toiseach, agus an uine ghearr thuig iad gur briathra firinneach a bh’ anna; sguir an anamhruis m’an timchioll; agus bha gnàthacha taitneach aig Aindrea, le ceistean cuid-eiginn a fhreagrachd, misneach a thoirt do dhream eile, agus le aontachadh dlùthachadh le muinntir eile ann an clùthachadh am Fear-saoraichd a ghairm iad o dhorchadas gu solus iongantach a Shoisgeil. Nach iongantach sligean Dhe, theireadh e, a ghnàthaich cnuimh mar mise ann an obair co glòrmhor! Ach air dha na briathra so a chuimhneachadh, i Cor. i. 27. Ròghnaich Dia nithe amaideach an t-saoghail so, chum gu’n cuireadh e nàire air na daoinibh glùce. agus ròghnaich Dia nithe anmhann an t-saoghail, chum gu’n cuireadh e gu nàire na nithe cumhachdach; theireadh e, Air an doigh so, ‘s ann do Dhia a bhios a ghloir; gu ma h-amhuil a bhitheas e; do Dhia biodh cliu siorruidh agus urram. Bha nis tigh Aindrea air a lionadh moch agus anamoch gach là sàbaid; agus ge nach robh an t-aoradh a a rinn iad aon chuid riomhach no mòr-chuiseach o’n leth a muigh, bha e measaii aig Dia, ann an spiorad agus ann am firinn; agus mhothaich iadsan a choinnich ann, o’m fiosrachadh taitneach, nach ‘ell meas aig Dia air ionaid, ni’s mò no air pearsaibh. ‘Nuair a sguireadh seirbhis na maidne, chruinnicheadh iad beagan a tuarasdal na seachduin; agus ‘s ann an earbsa ri Aindrea agus ri Seumas a bha’n tabhartas, chum a riarachadh air na feumaich: agus leis mar bha gach neach toileach na dh’ fhaodadh iad a thoirt seachad, rinn e ioma feum sa choimhersnachd. Bha iad fritheailteach air uireasbhuidh nam bochd, agus air dol a dh’ fhaicinn nan daoine tinne. Air an doigh so, bha ‘n solus a’ deal-

radh an lâthair dhaoinibh, agus dhearbh iad nach ann an cainnt, no ‘an cuir am fiachaibh a bha’n aidmheil-san, ach ann an creidimh a dh’ oibriceas tre ghrâdh.

Ainmichidh mi cuis bheag a thachair m’an am so. Bha duine bochd air a thuras tre’n dûthaich sin a thuit ann am fiabhras. Co luath ‘s a thuig muinntir an tighe san robb e gur e sin galar a bh’ air, chuir iad rompa gu’n cuireadh iad a mach e. Chual’ Aindrea an sgeul, dh’ fhalbh e chum an tighe san robb an duine tinn, agus a mhac maile ris. Bha iad ullamh gu chuir a mach; agus an deigh dha an-iochd an rùin a leige ris doibh, thug e fein agus a mhac leo air ghiulan e chum an tighe fein, far an do fhritheil iad da uireasbhuidh co math s’ a dh fhaod iad. Cha ‘n e mhain gun do bhuilich iad air na bha feumail da chorp; ach leughadh Aindrea dha earrannan as a Bhiobull, agus dheanadh e ùrnuigh ri taobh a leapach. Bha’n duine, trid beannachadh Dhe, air aiseag ‘an ùin’ iomchuidh chum a shlainte; agus theireadh e, Gu cinnteach ma tha aon Chriosduidh san tìr so, tha iad san fhràdoich so; thug iad a stigh mi ‘nuair bha mi tinn gun chobh-air; agus le ‘m beatha fein a chuir an cunnart, thug iad a stigh mi, agus ghabh iad cùram dhiom. Ga bu mhac, no bràthair dhoibh mi, cha b’ urrainn doibh a bhi ni bu chaomhaile riumsa. ‘Nuair chunnaic Aindrea gun robb e co mothachail air an caoimhneas, ghabh e’n cothrom sin air cùram anama a mholadh dha, agus trid beannachadh Dhe cha robb a shaothair caillte. Air an doigh so chaidh an duin’ ud a thoirt chum eolas na firinn; ‘s an uair a rainig e thigh fein, cha mhòr nach robb e co dealasach as leth na firinn, agus co buadhar na choimhearnachd fein, ‘s a bha Aindrea na sgireachd-san.

M’an am so, chual’ Aindrea gun robb an Sagart air leabuidh a bhàis. Agus an deigh iomad teagamh, chuir e roimhe dol ga fhaicinn: agus an uair a thuig an luchd-frithealaidh cò bh’ ann, dh’ innis iad do’n t-sagart e, a’ baraluchadh gur ann a thainig e a dh’ iarruidh maitheanais air an t-sagart m’am faidheadh e bàs. Chaidh Aindrea a leige stigh, agus chuir mar chunnaic e an sagart mòr dhuilichinn air. ‘Nuair a chunnaic e Aindrea, dh’ éigh e mach, Och, Aindrea! tha mis a dol eug, ach cha’n e sin cuis is cruaidhe; tha eagal orm gu bheil m’ anam caillte’ gu siorruidh! Na h-abruibh sin, a deir Aindrea, fo mhòr iomaguin, am feadh a tha Focal De ag ràdh, gu’n glan fuil Chriosd o gach peacadh. Och, Aindrea! nan gabhainnse mud’ chomhairle dhileas an là a bha sinn a’ co’-riasunachadh r’a chéile aig do thigh, dh’ fhàodadh a chuis a bhi gu math. Dh’ innis thu dhomb, gum bu ghnothach cudthromach cùram anama; tha mi nis a’ tuigsinn gur e sin a th’ ann; is goirt an cunntas a tha agamsa r’a thoirt seachad aig cathair breitheanais De arson call anama a chaidh a dhith le m’ neo-chùram agus le m’ aineolas. Och, ‘s eagallach an ni tuiteam ann an lamhaibh an De bheò! ‘Nuair thuirt e sin, thainig earrasan ‘na chliabh agus laigsinn air, leis an d’ fhàs e neo-mothachail, agus an ùine ghearr thug e suas an deo. Dh’

fhalbh Aindrea dhachaidh cho luath ‘s a dh’ fhaodh e, a’ sile nan deur mar bha e ‘g imeachd, a’ smaointeachadh air staid eagallach na muinntir a chuireas dàil ann an ullachadh arson siorruidheachd, gus an d’ thig tinneas a bhàis orra! Thug e buidheachas do Dhia na chridhe, gun do mhosgail e o neo-chùram, agus o staid neo-iompaichte; agus bha a smuaintean air an roinn eadar a bhi duilich arson an t-sagairt, agus taineil do Dhia arson na staid bheannuichte san robh e fein.

Cuiridh mi crioch air an eachdruidh so le cunntas m’an staid shonadh air an deachaidh Seumas Nòlan gu bàs, ni nach do thachair gu ceann dà bhliadhn’ an deigh an àm so. Thainig fios aon o’ch a dh’ ionnsuidh Aindrea gun robh Seumas gu tinn, agus gun robh toil aig fhaicinn. Fhreagair e an teachdaireachd gu luath, agus an uair a chaidh e steach do thigh a charaid euslaintich, labhair e ris air a mhodh so. Aindrea, tha mi ga m’ fhaireachd-ruinn fein gu ro-thinn, ach tha m’ anam làn sòlais. Cha’n fhios domh am bi no nach bi an galar so gu bas, ach is aithne do m’ Fhear-saoraiddh e, agus is leoir sin. ‘S ann chum glòir Dhe a bha, o cheann tamuill, mi a’ caitheamh mo bheatha; agus ma chuireas mo bhàs am barrachd glòir air seach na ni mo bheatha, b’ fhear leam dol eug na bhi beo. Bha aiteas mòr air Aindrea sin a chluinntinn, agus ghabh a leis gu neo-chealgach ann am moladh gràdh an Fhir-shaoraiddh. O! a deir Seumas, is priseil do m’ chridhe, geallaine sòlasach an t-Soisgeil! Is caomh leam ainm IOSA! Anns an t-suidheachadh inntinn so bhuaich e rè seal. Cha chuireadh Aindrea stad air a sheanachas, ach an uair a stad e, thairg e gu’n cuireadh e suas ùrnuigh, agus gun leughadh e earrann de fhoical De. O dean, a deir Seumas, Leig lèam guth m’ Fhirshaoraiddh a chluinntinn; is esan a tha labhairt; tha m’ anam ro-fhurachair. Leugh Aindrea, i Cor. xv., ‘s an sin chaidh e air a dhà ghluin ri taobh na leapach, agus thaosg e mach anam le buidheachas dùrachdach do Dhia arson a mhaitheis da charaid, agus dh’ asluich e gràs chum a ghnà chumail suas. Phill e’n sin dachaidh; ach chaidh e gu moch air maduinn an ath-là a dh’ fhaicinn Sheumais. Fhuair e a chorpr ni bu laige, ach laidir na spiorad. Bha e soilleir gun robh a thinneas a meudachadh, agus bha e fein agus na bha ma thimchioll a’ mothachadh gun robh e gun dàil gu dol air imirich do ionad còmhnuidh nan ionracan. Beagan man do chaochail e, bhris e mach ann an gair éibhinn, ‘s a cantuinn na ranna is deireannaich a th’ anns a chaibdeil a chaidh leughadh an raoir. O a bhàis, thuirt e, c’ait a’ bheil do ghath? O uaigh! c’ait a bheil do bhuaiddh? Buidheachas do Dhia, a thug dhùinne a bhuaiddh trid ar Tighearn Iosa Crìosd. Seachd, a deir e, thug mo Shlanuighear le bhàs buaidh air an nàmhuid dheireannach, agus tha e ceadachadh dhomhs’ am faobh a thogail. Air dha fhaicinn gun robh theaghlach a’ caoineadh, thuirt e, Na deanaibh bròn air mo shonsa, a muinntir chridhe; ach deanaibh gairdeachas leam, agus cuidichibh mi ann an cliuthachadh ain an FIR-SHAORAIDDH. Tha mis a’ dol far am faic mi e

díreach mar tha e, agus bithidh mi gu siorruidh maille ris. Och, an cudthrom anabarrach de ghloir shiorruidh, air a bheil m’anam saorta a’ dol a dh’ fhaighinn co’-roinn! Cha robh toil, no comas aig aon neach stad a chuir air le focal a ràdh; bha iad uile nan tosd le ioghnadh ri ro-oidheirceas gràs Dhe, a neartuicheadh cnuimh dhìblidh bhochd gu gairdeachas a dheanamh ‘an dlù bheachd air a bhàs, agus le nämlich co cumhachdach a dhìarmachadh gun chomas aige dochoir a dheanamh air. Na smuaintichibh, a bhean mo ghaoil, agus a chlann mo ghràidh, theireadh e, gur ni faoin leamsa am bàs; is fad a ghabh e uaithe sin. Tha mi ga mheas na chuis ro-eagallach: ach am feadh is urrainn domh amharc air CRIOSD tre chreidimh, cha ‘n ion domh eagal a bhi orm ro’n bhàs; agus is ion domh futhair a bhi agam ris gach àgh le mi dh’ fhàgail an t-saoghail so, chum na staid bheannuichte sin a chaidh a chosnadh agus a sholar dhomh an taobh thall de ‘n uaigh. Bha neart a sior fhàs ni bu laige; ach bha anam a’ sealbhachadh am beachd a b’ àghmhoire air sonas. Air dha bhi tamull beag na thosd, ghlaodh e. Haleluia! beannachd, agus urram, agus gloir, gun robh do’n Uan gu siorruidh! B’ iad sin na briathra ma dheireadh a labhair e; ach bha ‘n fheith ghàire néamhuidh a bh’ air a ghnuis a’ leige ris do gach neach a bha m’ an cuairt da gun robh sìth na inntinn; agus bha ‘n doigh thùrail air an togadh e suas a shuilean agus a làmhan ri nèamh, ‘nuair nach robh e ‘na urrainn labhairt, na làn dearbhadh gun robh a cheud-faithean ann am fonn cràbhach, agus gun robh a bhuaidh air a bhàs iomlan. Ann an uine ro-bheag, bha a spiorad sona air a ghiulan gu phàrras De. Gum faigh sinn bàs an ionracain, agus gun robh ar croich dheireannach mar a chriochsan! Air. xxiii. 10.

(Ri leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice