Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1914 » March 1914 » Suípeir an Tighearna: Rivetus

Suípeir an Tighearna: Rivetus

Teagasg, a chum gu’m bitheadh iadsan lèm ò’lll’ tighinn gu h-ionchuidh gu bord naomh an Tighearna air an ullachadh roimh laimh;
LEIS AN URR. ANDREAS RIVETUS.
(Air eadar-theangachadh o’n Laidinn airson a’ cheud uair.)
(Air a leantuinm o t. d. 388.)

AN T-OCHDAMH CAIBIDEIL,

Tha a’ cheud ni, dh’am feumar an aire a thoirt anns an ullachadh so, air a shuidheachadh, agus air a bhonntachadh ann am fior aithreachas, agus ann an aideachadh air peacaidhean, o’m bheil irioslachd ag eiridh.

DIREACH mar a ta an t-Sacramaid so ‘na geall-daignich air trocair Dhe dh’ar taobh-ne, is amhuil sin a ta i ‘na comharradh air ar truaighean-ne, oir tha i a’ teagasg dhuinn gu’r h-ann is eiginn duinn ar beatha agus beathachadh ar n-anama-ne iarriadh o’n taobh a mach dhuinn fein, o ionad eile na sinn fein. Tuilleadh fos tha i a’ teagasg dhuinn an ni ceudna leis an ni a ta an t-Sacramaid a cumail f’ar comhar mar iocshlaint air son ar galairean, mar tha e soilleir gu’r h-e ‘th’ann am maithneas pheacaidhean toradh a’ chuirp a bha air a bhriseadh air ar son agus na fola a bha air a doirteadh air ar son. Tha sinn, uime sin, a’ co-dhunadh nach ‘eil e comasach gu’m faigheadh neach air bith sasachadh anàma aig a’ bhord naomh so mar tig e dh’ ionnsuidh a’ bhuird naoimh so mar neach ocrach agus tartmhor, ‘se sin le ocras agus le tart as deigh na còrach. Cha mhò na sin is urrainn iadsan nach ‘eil mothachail air a bhi tinn a bhi air an leigheas ann a bhi a’ suidh aig a’ bhord so. Oir cionnus, air dhoibh a bhi ‘meas gu bheil iad slan, dh’ iarras iad cungaidhean leighis aig a’ bhordr d’ur nach ‘eil iad a saoilisinn gu bheil feum air bith aca dhiubh? ‘Si toil an Ti sin, “a bha saoibhir agus a rinneadh bochd air a, son-ne, chum gu’m bitheadh sinn saoibhir tre a bhochdann-san” (2 Cor. viii. 9), gu’m bitheamaid-ne, mar an ceudna, mothachail air ar bochdann-ne, mu’n doirteadh E a mach oirnn dhe a shaobhreas fein. ‘Si toil an Ti sin a chuir E fein fo ocras agus fo thart air ar son-ne, gu’m bitheamaid-ne mar an ceudna ann an seadh spioradail ocrach agus tartmhor, oir tha E a lionadh na h-ocrach le nithibh maithne, ach tha E ‘gan cur-san air falbh falamh a tha a’ saoilisinn gu bheil iad fein saoibhir. Tha na creidmheich mar sin, aig am bheil aithne orra fein mar chreutairean uireasbhuidheach, uile a’ tarruing a lanachd an Ti sin gu’m b’e a bhiadh milis a bhi a’ deanamh toil Dhe air son ar slainte-ne. Riu so a mhain tha E san g’a chom-pairtachadh fein mar bhiadh chum na beatha maireannaiche. Is ni mor ‘tha sinn a’ gabhail os laimh ann a bhi a’ dearbhadh firinn na puinc so, agus gidheadh cha ruig sinn a leas a bhi fada g’a dhearbhadh. Oir anns an rannsachadh so cha’n’eil feum air gu’m bitheadh fianaisean air an gairm ach o’n choimhearsachd. Rachadh neach air bith a steach gu diomh-aireachd a choguis fein, agus gheibh e ann an sin fear-casaid a bhuineas dh’a thigh fein, fear nach’eil leth-bhreitheach, fianus ann an aghaidh nach urrainnear ni thogail, breitheamh nach ‘eil air a ghlusad leis na h-aignidhean. Thugadh an duine a mhain creideas dha fein, ann an sin chi e, air dha na reusainean a ghairm f’a chomhair, nach ‘eil e comasach air freagradh a thoirt no riarachadh a thoirt airson aon ann an mile. Ann an so tha aicheadh ‘na ni gun fheum, oir tha dearbh shoilleireachd o’n taobh a stigh ann an so. Cha mhó na sin tha cuideachadh ri fhaotaínn ann a bhi deanamh an t-olc ní’s lugha na ní’s eutrom, d’ur “tha ar n-euceartan air dol thar ar ceann, agus mar eire thruim tha iad ro throm air ar son-ne” (Salm xxxviii. 4). ‘Sann a dh’ fheumas sinn uime sin teicheadh d’a ionnsuidh-san a mhaithreas ar n-eusaontas, a chuireas folach air ar peacaidhean-ne, nach cuir euceart as ar leth, neach d’ur dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, agus nach cuir sinn folach air ar eusaontais, ach gu’r h-ann a dh-aidicheas sinn ar lochdan do Iehovah, bheir E air falbh peanas ar peacaidh. Cha’n e gu bheil feum aige-san air a bhi a’ foghlum uainn mu ni air am bheil E fein ní’s min-eolach no tha sinn; ach tha so chum gu’n tugamaid gloir d’a ainn airson a bhreitheanais, agus gu’n tugamaid rugha gu ar n-aghaidhean fein, maille ri gnuis-naireachd a bhitheas a’ nochdamh nan comharraidhean air ar n-aodainn, maille ri naire agus doilghíos cridhe, ach ‘se a’ ghne sin a tha a reir intinn Dhe. “Oir n’an tugamaid breth oirnn fein, cha tughtadh breth oirnn” (1 Cor. xi. 31).

Feumaidh sinn an t-aidheachadh so dheanamh cha’n ann ann an rathad cumanta agus coitchionn, ach ‘sann a dh’ fheumar rann-sachadh mean a dheanamh air peacaidhean, chum ‘s gu’m bitheadh ar coguisean air an cur thuige, oir le rannsachadh curamach thig ar peacaidhean gu ar cuimhne. Air an doigh cheudna, cha’n ann ann an rathad coitchionn no cumanta is abhaist dhuinn ar galairean cuirp fheuchainn d’an leigh, ach innsidh sinn dha ciod an galair araidh a tha oirnn, air neo feuchaidh sinn dha ciod e am ball do’n chorpa anns am bheil sinn fulang, eadar an e lamh no meur a bhitheas ann, agus iarraidh sinn gu’n dean e a dhichioll air son gu’m bitheadh an trioblaid air a togail dhinn. ‘Nis, cha’n urrainnear ni fholach uaith-san ris am bheil ar gnothuch-ne anns an fhrithealadh spioradail so, oir is leir dhasan na nithean is diomhaire, ach ged nach ‘eil feum aige air ar saoithir-ne, airson gu’m bitheadh gach ni follaiseach dha, gidheadh cha’n i a thoil gu’n leighiseadh E sinn, agus ar galairean am folach oirnn fein.

Cha’n’eil E ag iarraidh an rannsachadh so uainn, chum ‘s gu’n deanamid na peacaidhean, a tha am folach o dhaoinne eile, a nochdamh do chuid a thilgeadh iad ann ar n-aodainn, no eadhon dhoibhsan a ghealladh le mionnaibh gu’n cumadh iad am folach iad mar ni ‘bh’air a sheulachadh. Is cuisean peacaidhean a ta am folach o chreutair air bith eile a bhuineas, mar a thirear, do Dhia ‘mhain. Gidheadh ma bhitheas cuid ann a tha a’ cur feum air comhairle, agus air comhfhurtachd àraidh (no sonruichte), agus nach h-urrainn na ceisdean a th’ oirre fein fhuasgladh agus a tha mar sin iomaguineach agus fo amharus, nach h-urrainn na geallaidhean a tha air an toirt seachad ann an rathad coitichionn a mhineachadh mar air an son fhein, mar tha e ag rath: “Gu’n robh Dia ann an Críosd a’ deanamh an t-saoghail reidh ris fein, gun a bhi a’ meas an cionta dhoibh” (2 Cor. v. 19), agus a ris: “Gur esan a dh’orduicheadh le Dia ‘n a bhreitheamh air beothaibh agus air mairbh, agus dhasan tha na faidhean uile a’ toirt fianuis, gu’m faigh gach neach a chreideas maithneas ‘nam peacaibh tre ‘ainm-san” (Gniom. x. 42, 43). Tha mi ‘gradh, ma ‘se is ann a bhi deanamh co-chur dhe an naigheachd shlainteil so, gu bheil iad sud mothachail air feum a bhi aca air neach a stuireadh agus a chuidicheadh iad, agus nach ‘eil a’ chridhe aca ‘tighinn thun na Sacramaid so, dh’ easbhuidh air gu’n gabhadh iad an toiseach comhairle maille ri comhairleach creidmheach eigin chum ‘s gu’m faigheadh iad a mach am bheil toraidhean an aithreachais a tha iad a’ faotaínn annta fein dhe’n gne sin, gu’m foad iad le misnich iad fein a nochdamh fa chomhairl Dhe agus itheadh dhe na biadhan coisrigte so, air neo am bheil ni-eigin fathast a dh’ uireas-bhuidh orra a dh’ fheumas a bhi aca roimh dhoibh ‘tighinn gu compairteachadh dhe an t-Sacramaid so. Tha e ceaduichte agus bu choir dhoibh sin feum a deanamh de shaothir an aodhairean fein, air thoiseach air saothir feadhainn eile. Oir direach mar a bha iad air an cur suas “gu a bhi nan teachdairean air son Chríosd mar gu’n cuireadh Dia impidh leo” (2 Cor. v. 20), mar sin mar an ceudna cluinnidh creidmhich gu toileach o bheul an leithidean sin: “Gu’n do chuir Dia air falbh am peacaidhean, agus nach faigh iad bas” (2 Sam. xii. 13).

Ach a chum ‘s gu’n sealbhaich sinn an ni mor so annainn fein, cha dean aideachadh a mhain air peacadh a’ ghnothuch, ma ‘se ‘s nach bi briseadh naomh cridhe a’ dol comhladh ris an aideachadh, an ni a ta fuath peacaidh a’ gintinn, oir cha’n’eil an Tighearn anns an t-seadh so ag amharc ach a mhain “airsan a tha bochd agus leonta ‘n a spiorad, agus a chriothnaicheas roimh ‘fhocal” (Isaiah lxvi. 2), eadhon air an neach a tha ag iarraidh di-chuimhne na n nithean a chaidh seachad ann an Dia, ach cuimhne bhuan orra ann fhein; nach leis nach bu mhaitht gu’n cuimhneachadh Dia a pheacadh ni’s mo, ach leis am bu mhaitht gu’m bithadh e fein a’ cumail an ni ceudna ‘na chuimhne, chum ‘s gu’m foghlumadh e an droch ni ud a sheachnad o so suas. Oir direach mar a ghabh-as an neach a chiurr e fhein le bualadh ann an aghaidh cloiche araidh, beachd air an aite sin chum ‘s nach tuislich e air a’ chloich sin ni’s mo, ach gu’m bi i dha ann an aite carn-cuimhne, ‘s ann mar sin tha Dia an deigh dha sinn a’ deanamh reidh ris fein gar fiosrachadh le smachdaichean, nithean a tha mar athailt (no long) air leon, an deigh d’an leon fein a bhi’ air a shlanachadh, agus mar so tha Dia a’ cur impidh air a’ pheacach gun e fein a chur a ris anns na cunairdean ceudna.

Aris, cha’n urrainn gu bheil am peacadh da rireadh searbh do neach, no gu bheil cridhe neach briste air a shon, ma ‘se is nach cuir e ris na nithean a dh’ ainmich sinn, rùn diadhaidh gu’n ath-leasaich e a bheath, cha ‘n e a mhain ann a bhi a’ seachnadadh an uilc, ach mar an ceudna ann a bhi a’ deanamh an ni a ta maith, agus curam a bhi air mu fhireantachd agus mu naomh-achd. Oir d’ur tha sinn ag iarraidh gu’m bitheadh Mac Dhe a’ gabhail comhnuidh annainn mar ‘na theampull fein, cha’n e a mhain gu’m bu choir do na h-uile salchar a bhi air a thilgeadh a mach as, ach bu choir gu’m bitheadh e air a dheanamh miseach le glainead agus le fireantachd, chum ‘s gu’n gabhadh E tlachd anns an aite comhnuidh-so, agus gu’m bitheadh clachan beo an team-puill, troimh ‘n bheatha sin a bha air a compairteachadh leis an Spiorad Naomh, cha’n e a mhain air an togail gu h-ard le iad a bhi air an cur ri feadhainn eile, ach gu fasadh agus gu meudaich-eadh iad anna fhein, mar gu’m beadh. Agus ged nach bi duil aig a’ chreidmheach gu’r h-urrainn e le dhichioll fhein so a thoirt m’an cuairt, gidheadh is coir dha iarraidh o Dhia agus a bhi ag amharc air a shon uaith-san a tha “ag oibreachadh an toil agus an gniomh a reir a dheadh-ghean fein” (Phil. ii. 13).

Fosglaidh gach pairt dhe cleachdadh naomh so an aithreachais dh’an chreidmheach sgoil na h-irioslachd agus na fein aicheadh. Cha’n fhaigh e ann fein ni leis an ùrrainn Dia a bhi air a ghluasad, no aobhar airson gu’n gairmeadh Dia e gu compair-teachadh dhe diomhraiseachd a tha cho mor. Ach cuiridh e an t-iomlan as leth grais agus trocair Dhe. Aidichidh se gu’r th’ann a thoill e gu’m basaicheadh e le ocras agus le tart, agus e gun furtachd air bith aige, mar neach a thug le ‘chron fhein air fhein na h-uireasbhuidhean agus na truaighean so uile comhla. Aid-ichidh e gu’r h-ann a bha e fein marbh ann am peacaidhean agus ann an eucartan, agus gu’r h-ann mar sin a dh’ fhanadh e mar bitheadh Esan aig am bheil tobair na beatha. Seadh aidichidh e gu bheil moran dh’ uireasbhuidhean maillte ris gu ruige so, ach gu bheil ‘fhoghainteachd o Dhia, chum ‘s nach deanamh neach air bith uaill ach anns an Tighearn.

(Ri leantuininn.)

“HOLD fast the truth, for the world sells not one drachm-weight of God’s truth, especially now, when most men measure truth by time, like young seamen setting their compass by a cloud.”—Rutherford.

“So narrow is the entry to heaven that our knots, our hunches, and lumps of pride, and self-love, and idol-love, and world-love, must be hammered off us that we may squeeze in, stooping low, and creeping through that narrow and thorny entry.”—Rutherford.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice