BY THE LATE ALEXANDER COOK, MISSIONARY, SALTCOATS.*
* The Author of this poem was first cousin to Rev. Archibald Cook, late of Daviot, Inverness-shire. There was a very striking resemblance between the two men as regards the deep spirituality and intense earnestness of their minds. This poem reveals a fertile mind; a wide knowledge of the Scriptures; and a rare power to apply the same to the cases of the Lord’s people.
I.—IOSEPH.
G ED gheibhinnse onoir, ‘s ged gheibhinnse stór,
Cha bu mhòr leam mo chòir, mur faighinn thu féin.
B’ fhearr suidh’ air an òtrach, ag iarraidh do ghloir,
Na cathraichean òir, le d’ mhallachd ‘n an déigh.
Tha mòran a’ sireadh ‘s a’ sgrìobadh an òir,
‘S Ochoin! cha ‘n eil sòlas idir ‘n a dhéigh.
B’ fhearr mionaid a’ d’ chomunn-s’, ag itheann de d’ bhòrd,
Na ònoir, is glòir, is comunn an t-saoghail.
Nam faighinnse tuille de d’ chomunn ‘s an fheòil,
Is tuille de d’ cheòl, air feadh nan deich teud,
Biodh m’anam ag imeachd gu Sion na glòir’,
A’ seinn na laoidh’ mhòir a’ direadh an t-sléibh.
An là mo dhunaidh do iarr mi thu,
Is m’ anam gu dlù a’ leantuin a’ d’ dhéigh,
‘S ged theireadh tu ruim “na tig-sa dhomh dlù,”
Cha tionndainn-s’ mo chùl gus am faighinn mo ghaol.
Bha m’ anam ro theann ‘s ro dhian air do thòir,
Is plogail ro mhòr a stigh ann am chléibh,
A’ bùireadh mar fhiadh airson na doch bheò,
‘S cha ghabhadh E òr, ‘s cha ghabhadh e leug.
Bha gaol aig mo chridh ‘air t’ aon Mhac beò,
‘S air làn mo bheòil ‘a tobar na treud;
‘S mur faighinnse sbruileach cha bhithinnse beò,
An laithibh mo bhròin is m’ osnaich ro ghèir.
‘Nuair thairrginn am fagus a lùbadh mo ghlùin,
‘Se solus do ghnùis’ bhiodh m’ anam ‘n a dhéigh ;
‘S nuair gheibhinn fo d’ bhrataich a thagradh mo chuis,
Cha ‘n fhàgainnse cuil, ‘s cha ‘n fhàigainnse creuchd.
‘N sin sgaolinn mo lotan fa chomhair do shùl,
‘S cha ‘n fhàgainnse lùb nach innsinn duit féin ;
Gach troitear is gaduich’ bhiodh bagradh mo chrùin,
Rachadh air cùl le anail do bhéil.
Bhiodh Iosa le ola ag ungadh mo shùl,
‘S a sgeadach’ mo ghùis le trusgan nan deur ;
‘S bu mhilis bhi blasad do aran na tuis’,
Air fhuineadh gu dlù le fuil na fion chraoibh.
Cha chumadh gach aran ‘n sin m’ anamsa beò,
‘S cha b’ urrain mi sòlas a tharruing o phlaosg ;
Ged dh-fhoghnadh le coigrich faileasan mòr,
Is ainm a bhi beò gun eòlas Mhic Dhé.
O ‘n chaidh an anail a shéideadh cho beò
Le Spiorad Iehobhah stigh ann mo chléibh,
Bha acras is pathadh is fadal gu leòir
A’ tarruing co-chomhla m’ anam a’ d’ dheigh.
‘Nuair gheibhinnse sealladh de aghaidh ‘n a glòir,
‘Sa sgapadh na neòil o aghaidh nan speur,
‘N sin chluichinn is sheinninn’, ‘s bu shuim do mo cheòl,
Bhi moladh do mhòrachd a thug mi o’n Eiph’t.
‘S e d’ fhàbhor, ‘s do dheadhghean, ‘s dò chaomhneas bha mòr,
‘S e ‘n t-loghnadh as mò iad sin a bhi saor—
Gu ‘n cuireadh tu dh’ onoir air cnuimh anns an fheoil,
Gu ‘m faigheadh e beò ded phògaibh ro chaomh’.
Tha fion agus bainne gun ghainn’ air a bhòrd,
‘S an drùchd sin tha beò air an fhaiche do ‘n treud,
‘S tha ‘n Spiorad, ‘s an Eaglais, ‘s gach deiscioibul òg,
‘S am buachaille mòr toirt cuiridh dhoibh fein.
“Ithibh, mo chairdean, de m’ fhuil is de m’ fheòil ;
‘S mise bhur n-Ioseph ‘reic sibhse do ‘n Eiph’t,
‘S ged thig sibh a cheannach is airgiod ‘n ur dorn’,
‘S thann a tha an stòr a th’ agam-sa saor.
“Fagaich e ‘n t-anam nis beartaich ra bheò
Na Alastair Mòr a cheannsaich an saogh’l ;
O faicibh, is blasibh, is thigibh am chòir,
Is mise bhur n-Ioseph ‘reic sibh do ‘n Eiph’t.
“An uair a bhios cunnart, ‘s an uair a bhios bròn,
‘S an uair a bhios lòn ‘n ‘ur n-uireasbhuidh fein—
‘Bhios ciont air a choguis, ‘s an t-anam fo leòin,
‘S e Dia ‘chuir Ioseph roimhibh do ‘n Eiph’t.
“ Ged bhitheas ifrinn a’ bualadh le ‘dorn,
‘S air sreaging ann an ordugh a saighdibh gu léir,
Thig comhnadh á Sion, gabh misneach, ‘s bi beò,
‘S e Dia ‘chuir Ioseph romhad do ‘n Eiph’t.
“ Ged a thig gort anns an dûthaich ‘bhios mòr,
‘S nach faigh thu bhi beò, thu féin na do spréidh,
Dean amharc le creidimh a dh’ ionnsuidh ‘n tigh-stòir,
‘S e Dia ‘chuir Ioseph romhad do ‘n Eiph’t.
“ Ged reic thu le d’ pheacaibh am Buachaille Mòr,
Chum aislingean Ioseiph a thabbhairt gu bréig,
Ann an la na gainne ‘s ann a dh-fhosgail an stòr—
Cha tus’ ach Iehobhah a chuir E do ‘n Eiph’t.
“ A theàrnadh do bheatha le fuasgladh mòr,
‘Nuair nach robh lòn aig tigh Israeil,
‘Thoirt anam mur aran chum t-anam s’ thoirt beò :
Cha tus ach Iehobhah a chuir E do ‘n Eiph’t.
“ Tha ionmhas nam flaiteas gu beachd ann a stòr :
Thig falamh gu leòir ‘s cha diùlt E an déirc,
‘S cha ‘n aicheadh E idir, tha ‘chridhe co mòr,
Cha tus ach Iehobhah a chuir E do ‘n Eiph’t.
“ Feuch nach fear brath thu, le aidmheil gun deò,
Ag iarruidh gu Ioseph a mhain le do bhéul :
Bheir Dia dhiot an fballuing, a chealgair’ mhòir !
Tha fiosachd gu leòir aig Ioseph E féin.
“ Mu thàinig ort gainne agus anshocair mhòr,
Is thusa le deòir ag iarraidh na déirc,
Tiomaichidh ‘chridhe ri gearan do bheòil,
Is mise t-Ioseph ‘reic thu do ‘n Eiph’t.
“ Thig thusa am fagus is tabhair dhomh pòg,
Is faic, mur rinn Tòmas, gur mis’ E gun bhréig,
Is sàsuidh do chreidimh le beantainn do mheòir :
Tha cnàmhan is feòil aig Ioseph E fein.”
‘S E am Bràthair a ‘s sine, ‘s E Tighearn na glòir’,
‘S E ‘m Fear-nuadh-posda d’ a Eaglais E féin :
‘S E dh’ fhosgail a chridhe do ‘n pheanas bha mòr,
‘S e cupan an dòlais a thug E do ‘n eug ;
Ach dh’ eirich an Gaisgeach, is chaidh E gu glòir,
Is thiormich E Iordan uile d’ a threud,
Is bheir E iad dhachaidh’ chur pailmean ‘n an dòrn,
‘S a sheinn air a ghloir,fad saoghail nan saogh’l.
O ! gabhaibse misneach, tha ‘g imeachd le bròn,
Siabaidh E deòir gu slorruidh o threud,
Is crùnaidh E ‘n t-anam le naomhachd co mòr
‘S nach foluich na neòil gu slorruidh a’ ghréin.