Teagasg, a chum gu’m bitheadh iadsan lèm b’áill ‘tighinn gu h-iomchuidh gu bord naomh an Tighearna air an ullachadh roimh laimh;
LEIS AN URR. ANDREAS RIVETUS.
(Air eadar-theangachadh o’n Laidinn airson a’ cheud uair.)
(Air a leantuinn o t. d. 435.)
AN NAOTHAMH CAIBIDEIL,
Ann am bheil (a reir doigh riaghailt choitchionn) seoladh air a thoirt dh’an chreidmheach, cia mar a dh’fhaodas e cainnt a chur air na nithean ud a thaobh am bheil e mothachail gu’r h-iad gu h-araidh na nithean iad leis am bheil e a nis air a chur thughe.
A N deigh dh’an chreidmheach na nithean ud a smuaineachadh aige fein, agus an deigh dha e fein fhaotainn anns an t-suidbeachadh intinn a chaidh ainmeachadh, air dha ‘bhi air tì tarruing am faisg do Dhia, faodaidh e feum a’ deanamh dhe’n riaghailt aideachaidh air peacanna a leanas, air neo air ni-eigin cosmhuil ris a so: riaghailt a thaobh, nach e a mhain gu-m beachd smuainich e ‘na chridhe agus ‘na smuain air, ach mar an ceudna air an cur e cainnt le a bhilibh, chum as mar sin gu’n gluais e e fein suas ni’s mo:
O mo Dhia, feuch tha mise ‘ga mo thaisbeanadh fein ann ad lathair-sa, mise, ‘tha ‘nam chreutair ciontach, ann an lathair righ-caithir d’ fhireantachd-sa, righ-caithir, d’ur a smuainicheas mi uimpe, a tha ag aobharachadh dhomh a bhi air mo lionadh le uamhunn, agus sin airson lionmhoireachd mo pheacaidhean, agus tha do lathaireachd ‘ga mo chur air chrith. ‘Sann a dh’ iarruinn, n’am faodadh e a bhi, gu’r h-ann a tharruinginn mi fein air falbh uat, agus gu’r h-ann a ghabhainn comhairle mu theicheadh uat, ‘nuair a bheachdaicheas mi orm fhein mar neach, nach e a mhain gu bheil mi ruisgte de fhireantachd agus de naomhachd, ach mar an ceudna, gu bheil mi comhdaichte le aingidheachdan, agus mi mi-mhaiseach le salchar peacaidh. Bha mo thoiseach air a thruailleadh, agus rugadh m’ aingidheachd comhladh rium, agus eadhon, comhladh ris a’ bhainne, dheothail mi e, a’ tarruing puinnsean marbhtach orm fhein, ni a tha a nis ‘g a mo losgadh agus ‘ga mo caitheamh anns an taobh a stigh dhiom. Chuir mi truaillidheachd ri truaillidheachd, agus chuir mi ann an lionmhoireachd iad, cha’n ann a reir aireimh mo bhliadhnaichan, ach mo laithean, seadh m’uairean, agus mo mhionaidean. Och, mise, cia trom an t-uallach ‘th’air mo ghuaillean-sa, ionnus ‘s gu bheil mi tuitem fo a thruime. Co a bheir fuasgladh dhomh? A’ d’aghaidh a mhain pheacaidh mi, agus rinn mi olc a’ d’ shealladh, na mo smuaintean, ‘na mo bhriathran, agus ‘na mo ghniomharan.
Bha uile bhuill mo chuirp ‘nan armachd eucoir do’n pheacadh, dh’ an d’rinn mo shuilean agus mo chluasan agus uile bhuadhan mo chuirp seirbhis. Thilg’ mo thugse dhorcha mi an coinneamh mo chinn, chog mo thoil cheanairceach ann an aghaidh do thoil naomh-sa, agus bhris m’ aignidhean, mar shruth dian, troimh na h-uile balla-daingneachd a chaidh a chur suas ann am aghaidh. Ciod a ni mi, mo Thighearn Dia? C’aite an teich mi? Cha’n’eil an t-aite sin ann anns nach faigh Thusa mach mi cha’n’eil, air neamh, no air talamh, no ann an ifrinn shios. An iarr mi Thu fhein? Ach tha mi fo nambunn air eagal ‘s gur h-ann a loisgeas d’ fhearg ro-cheart ann am aghaidh-sa, ‘tha toilteaneach air farg. Ach na tig ann am breitheanas gu d’ oglach; oir ann ad fhianuis cha’n fhireanaichear duine beo air bith. Deonaich domh cridhe briste da rireadh, agus miann naomh as deigh ath-leasaichidh beatha; nithean ris am bi suil agam uat do bhrigh ‘s d’ur tha Thusa ‘gan tiodhlacadh gu saor orm agus ‘gan oibreachadh annam, gu bheil mi mothachadh agus gu bheil mi fiosrach air Thu a bhi a’ labhairt agus a’ teagasg mar gu’m beadh comhladh ri mo chridhe: “gu bheil maitheanas agadsa chum as gu’n stroichdamaid ann ad eagal duit”; agus, “O Thighearn, eisd, O Thighearn maith, O Thighearn cluinn agus dean, na dean moille, air do shon fein, O mo Dhia”: air sgath an Tighearn sin a thug Thu dhuinn ‘na Fhear-saoraidh. Air a sgath-san deonaich gu’r h-ann a chithinn do chathair-rioghail air a teanndaidh, dh’am mo thaobhsa, o a bhi ‘na cathair ceartas lom, gu a bhi ‘na cathair trocair agus grais. Abair Thusa, “Is mise, mise fein esan a dhubhas d’eu-ceartan as, air mo sgath fein; agus do lochdan cha chum mi air chuimhne.” Tha na briathran so ‘ga mo thogail suas, agus ag aobharachadh dhomh a bhi a’ stiuireadh mo ghlaodh thugadsa, oir, ann an aite leanamh-feirge, tha Thu ‘ga mo ghabhail airson mic, troimh shaorghrais na h-uchdmhacachaidh. Feuch uime sin, agus amhairc air do Mhac Fein, a thug E fein suas mar phris mo shaorsa-sa, a thug air falbh peacaidhean an t-saoghail, agus thug gu tur air falbh agus a chuir air cùl mo pheacadh-sa, neach a tha a nis a’ tabhairt domh seul agus earlas air beannachd a cho mor, aig a bhord fhein. Theid mi air m’ aghaidh uime sin, agus suidhidh mi sios a’ measg nan uidhean: ach a mhain le rùn naomh air mo bheatha a bhi air a h-atharrachadh gus a chuid is fearr, comhladh ri fuath do mo sheachrainean uile, agus beo-iarrtas air gu’m faodadh Esan a bhi beo annam a thug E fein air mo shon gu bas, agus nach b’e mise a so suas a bhitheadh beo, ach gu’m bitheadh Criosd beo annam, agus a’ bheatha a tha mi a nis a’ caitheamh ‘s an fheoil, gu’m bithinn ‘g a caitheadh tre chreidimh Mhic Dhe, a ghradhaich mi, agus a thug E fein air mo shon. Air a sgath-san agus annsan tha mi a’ tighinn le earbsa gu righ chaithir nan gras, agus nì mò tha an geur-cheartas, a fhuair riarachadh ‘nam Fhear-saoraidh, a’ cur crith agus eagal orm; m’ Fhear-saoraidh a tha toileach E fein a thabhairt domh gu saor, chum as gu’n deanamh E a chuid fein dhiom gu siorruidh. Dean, a Thighearn, gabh sealbh air do sheirbhiseach gu h-iomlan, agus na ceadaich dha a so suas a bhi air a tharruing air falbh uat, an deigh dhuit a tharruing a’ d’ionnsuidh, na ceadaich dha a ris tuiteam ann an daorsa do na mhuinntir sin gur h-ann o’n aintighearnas a shaor Thu e. Dean, oir is e an ti dh’am maith Thu moran, a bheir gradh mor. Gabh tioldac an neach a tha a’ tabhairt suas na h-uile ni dhuit, eadhon e fein a bha air fhuasgladh agus air a chur saor leat fhein. Deonaich gu sinedh e a mach lamh naomh, agus th’air a glanadh ann an neo-chiontas, gus na soithichean naomha a ta fa chomhair, agus air dha beathachadh air na biadhan slainteil so, gu’m bitheadh e beo gu siorruidh. Amen.
(Ri leantuin.)