Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1914 » May 1914 » Suípeir an Tighearna: Rivetus. Teagasg, a chum gu’m bitheadh iadsan le’m b’ail ‘tighinn gu h-iomchuidh gu bord naomh an Tighearna air an ullachadh roimh laimh; Leis an Urr. Andreas Rivetus

Suípeir an Tighearna: Rivetus. Teagasg, a chum gu’m bitheadh iadsan le’m b’ail ‘tighinn gu h-iomchuidh gu bord naomh an Tighearna air an ullachadh roimh laimh; Leis an Urr. Andreas Rivetus

(Air eadar-theangachadh o’n Laidinn airson a’ cheud uair.)

(Air a leantuin o vol. xviii., t. d. 474.)

AN DEICHEAMH CAIBIDEIL, A tha mu thimchioll a’ chreidimh, an dara ni sonruichte dh’am feumar an aire a thoirt anns an ullachadh naomh so.

“CEASNAICHIBH sibh fein,” ars an t-Abstol, “am bheil sibh anns a’ chreideamh, dearbhaibh sibh fein: nach aithne dhuibh sibh fein gu bheil Iosa Criosd annaibh, mur daoine a chuireadh air cùl sibh” (2 Cor. xiii. 5). Tha an ceasnachadh so gu neo-sheachanta feumail, do bhrigh’s far nach ‘eil creideamh, nach ‘eil ann an sin fior aithreachas. ‘S maith a dh’ fheudta gu nochd an creutair tòisichean bruiteachd de ghne eigin, no gu’n toisich e air e fein a ghiùlan gu bronach, ach cha’n ann a reir Dhe; agus cha teid e gu brath air aghaidh gu rùn suidhichte a bhi aig air a bheatha agus a shlighe atharrachadh gus a’ chuid a’s fearr a dh’easbhuidh air gu’m bi e tre chreideamh a’ faotainn aithne air e a bhi air a dheanamh reidh ri Dia. Cha’n’eil sith do’n aingidh (Esai. xlviij. 22) gus am fireanaich Dia an duine mi-dhiadhaidh tre chreideamh (Rom. iv. 5), agus ann an sin air dha a bhi air fhireanachadh tre chreideamh bithidh sìth aig ri Dia tre ar Tighearna Iosa Criosd (Rom. v. 1), agus cha bhi e ni’s mo aon chuid mi-dhiadhaidh no aingidh. Ma ‘se an creideamh salann nan uile dheadh ghniomharan, ma tha e eu-comasach as eugmhais creidimh Dia a thoileachadh (Eabh. xi. 6), cionnus idir a ghabhas E do ionnsuidh a bhuidh fhein esan a tha a’ tarruing am fagas as eugmhais creidimh? Cionnus a bheir E E fein dhasan nach ‘eil a’ creidsinn ann? ‘Se an creideamh an t-inneal troimh am bheil E ‘ga chompairteachadh fein ruinn, agus tre chreideamh tha E a’ gabhail comhnuidh ‘nar cridheachaibh. ‘Se an creideamh beul an anam, leis am bheil an t-aran neamhaidh air a ghabhail leinn. “An ti a thig a’m ionnsuidh-sa cha bhi acras air; agus esan a chreideas annam-sa cha bhi tart gu brath air” (Eoin vi. 35). ‘Se an t-aon ni a ta air a chiallachadh le a bhi a’ tighinn d’a ionnsuidh, agus a bhi a’ creidsinn ann; no co dhiubh ‘sann le a bhi a’ creid-sinn tha sinn a’ tighinn gu Criosd. Agus direach mar tha e ag radh (Eabh. iv. 2) nach robh am focal a chual iad chum buan-nachd dhoibh do bhrigh ‘s nach robh e air a mhisgeadh annta le creideamh, ‘sann mar sin nach bi na sacramaidean a chum taibhe dhoibhsan nach ‘eil ‘nan creidmhich; oir, mar a thubhairt Augustin, “Air dh’an fhocal a bhi air a chur ris an t-samhladh, ‘se sin a tha a’ deanamh sacramaid dhe’n t-shamhladh, ach cha’n ann air son gu robh am focal air a labhairt, ach gu robh e air a chreid-sinn.” Tha mi ag radh ma ta gu’n d’ thug Augustin gu coramach fainear nach ‘eil an t-Sacramaid chum taibhe dhuinn as eugmhais creidimh, cia b’e air bi mar bu choir gu’m bitheadh an t-sacramaid mar a tha i innte fein a bhi chum taibhe a reir orduigh Dhe. Tha a’ chuis ann an so ni-eigin mar a tha e fior a thaobh nam biadhan a’s fearra a tha airson beatha ar cuirp. Air cho lan sugh ‘s gu’m bi iad, agus air cho freagarrach ‘s gu’m bi iad chum beathachaidh, gidheadh cha chuidich agus cha neartaich iad iadsan aig nach ‘eil na buill corporra a tha freagarrach airson nam biadhan so ‘ith, agus a chnamh, agus an sgaioileadh mach air feadh nam ball. “Na briathran,” arsa an Tighearna, “a ta mise a’ labhairt ribh, is spiorad agus is beatha iad” (Eoin vi. 63). Ach co dha tha iad mar sin? Is cinnteach gu’r h-ann dhoibhsan a fhreagras o chreideamh neo-chealgach—”A Thighearna, co dh’ionnsuidh an teid sinn? Agad-sa tha briathran na beatha maireannaich: agus tha sinne a’ creidsinn agus tha fhios againn gu’r tusa Criosd, Mac an Dhe bheo” (Eoin vi. 68).

Is e so esan air am feum ar creideamh crochnachadh, agus ris am feum sinn a’ gabhail anns an diomhaireachd so. Oir ged tha e ‘na dhleasdanas oirnn gu’n gabhamaid ris gach firinn a dh’ fhoillsich an Spiorad Naomh, agus nach’eil e ceaduichte dhuinn firinn air bith, eadhon mu na nithean is lugha, a dh’foillsich an Spiorad Naomh a chur ann an amharus, eadar E a bhi a’ teagasg dhuinn ciod e is coir dhuinn a dheanamh, air neo E a bhi a’ cur sios ann an eachdraidh na nithean a ghabh aite o shean, no E a bhi a’ gealltuinn nithean maith anns an àm ri tighinn, gidheadh ‘se Iosa Criosd so, agus esan air a cheusadh, is eigin a bhi ‘na chuspair sonruichte ar creidimh, direach mar o shean b’e an nathair a thog Moais anns an fhasach gu sonruichte an cuspair air am feumadh suilean nan Isrealach a’ dearcadh, mar an aon doigh air an ruigeadh leigheas orra o phuinsean nan nathrach, oir rinn Dia cinnteach iad le a ghealladh gu’n ruigeadh leigheas mior-bhuileach orra d’ur a dheanamh iad feum dhe’n chomharradh a bha air a chur suas leis fein a chum na criche so. Mar sin mar an cheudna cha leoir gu’n cumamaid cuimhne, ann an rathad eachdraidheal, air bas ar Tighearna, ach feumaidh sinn beachd a’ ghabhail air a chrioch a bha aig Dia anns an amharc, agus a rinn am bas so ‘na bhas neo-sheachanta, ‘se sin an co-chomunn a tha againn ri Criosd ‘na bhas, tre bhas ar peacaidhean agus tre bheatha nuadh ar n-anama, agus tre so gu’m faigheamaid beath-achadh chum na beatha siorruidh. ‘Sann tre chreideamh a bhitheas an creidmheach comasach air a chridhe a thogail suas os ceann gach ni a chi e le a shuilean corporra air a’ bhord naomh, agus a chridhe shocrachadh air nithean a ta neo-ftaicsinneach agus a ta spioradail. Bheir an creidimh air na nithean ri’m bheil dochas, a bhi mar gu’m bitheadh iad a lathair, agus bheir e dearbh chinnte air na nithean nach faicear (Eabh. xi. 1). Tre chreidimh cha’n e a mhain gu’m bi na nithean a bha air an geall-tuinn air am faicinn, mar a thachair do na sinsear, fad o laimh, an deigh dhoibh an lan chreidsinn agus gabhail riu, ach eadhon anns an am a ta ‘lathair bitheas iad do na h-uile creidmheach ann an Criosd ‘nan seadh agus ‘nan Amen chum gloire Dhe (2 Cor. i. 20). A mhain, bitheadh beul a’ chreidimh air fhosgladh, agus bithidh an creidmheach air a shasachadh le lathaireachd an Tighearna. Nochdaich E dha slighe na beatha, agus sealbh-aichidh an t-anam dhe’n t-shubhachas a ta aig deas laimh Dhe gu brath.

Mu dh’arras neach air bith ‘tighinn gu bord an Tighearna as eugmhais creidimh, ‘se dol air ais a bhitheas ann da-san ni’s mo na tighinn air aghaidh. Faodaidh e Sacramaid an ni a ta a cho mor a ghabhail, ach teichidh an ni a cho mor fhein air falbh uait. Is cosmhuil e riu-san a dh’ith manna anns an fhasach. Dh’ith iad uile an t-aon bhiadh spioradail (1 Cor. x. 3) ‘se sin, dh’ith iad an ni aig an robh ciall spioradail, ach cha do ghabh iad uile ris an ni spioradail a bha air a chiallachadh. Dh’ol iad uile de’n charraig spioradail sin a lean iad: agus b’i a’ charraig sin Criosd, ‘se sin ri chantuinn b’e Criosd a bha a’ charraig ag ciallachadh, ach do bhrigh ‘s nach robh Criosd aca tre chreideamh, uime sin, le moran diubh cha robh Dia toilichte; oir sgriosadh ‘s an fhasach iad, oir mhiannaich iad droch nithean, agus thainig iad gu a bhi nan luchd-iodhal-aoraidh, agus rinn iad striopachas; d’ur bu choir dhoibh a bhi air blasad agus air faicinn gu-r maith Iehovah. Ann an so gu firinneach tha E a’ nochdadh a mhaitheis uile gu a bhi air fhaicinn le suil a’ chreidimh, ged nach ann le leithid de dh’ fhoillseachadh as a nochd E E fein do Maois o shean. Cha’n’eil E toirt seallaidh dh’ar suilean corporra dhe a ghreadhnachas, agus dhe a mhoralachd neo-chumanta ionnus ‘s gu’n abramaid le Maois gu’m faca sinn a ch’tlaobh: ach tha E tabhairt Esan duinn anns am bheil Dia ga fhoillseachadh fein mar Dhia iochd’mhor agus gras’mhor, mall a chum feirge, agus pailte ann an trocair agus ‘am firinn, ga nochdadh-san chum ‘s gu’n dearcamaid Air le suilibh ar n-inntinn, agus gu’n glacamaid E ann an gairdeanan ar n-aigndhean, seadh tha E ga thabhairt thairinn dhuinn chum ‘s gun gabhamaid thugainn E sios a dh’ ionnsuidh ar goile, agus gu’m bitheadh E mar bhiadh ar n-anama air a chom-pairteachadh ri gach pairt de’n duine anns an taobh a stigh.

(Ri leantuinm.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice