THA comunn ro-uasal
Eadar am Buachail’s an treud;
‘S e ifrinn da rireadh
‘Bhi dhith ‘bhi ris réidh.
Bha toiseach na suiridh’
Air mullach nan sléibh—
‘S ann air beanntean an d’om-
hanais
Fhuair Criosda a threud.
A nigheanan stròghail
Am pòs sibh Mac Dhé?
Tha culaidhean glormhor
Na stòras da threud;
An àill leibh bhi sgiamhach?
Is Dia bhi ribh réidh?
‘S e ceangal ri Criosda
Bheir sith dhuibh nach tréig.
An àill leibh bhi bòidheach
Le òige nach tréig,
Is bhur maise bhi siorruidh?
Luidh sios ann a ghaol:
An àill leibh bhi uasal,
Gun uaill annaibh féin,
‘S bhur stòr bhi neo-chriochnach,
Gun di bhi na dheigh?
An e stòras tha dhith ort?
‘N dean Rioghachd leatsa feum?
Mu se Criosda t-fhear pòsda
‘S crùn gloir E dhuit féin.
Ni maise na diadhachd
Mar ghrian thu, na reult
Is mairidh do stòras,
‘S do cheòl feadh gach ré.
Och, a bhean uasal,
Na cuir suarach Mac Dhé!
Cha ‘n eil a choimeas da rireadh
Measg righrean an t-saoghail.
Mu phòsas tu ‘n t-Uan,
Bheir E buadhan dhuit féin
Air an crùnadh le naomhachd,
‘S cha tig mi-dhreach no aois.
Rachainn thar gleanntan
‘S thar beanntan an t-saoghail,
‘S thar tonnan ro uaibreach,
Dh-fhaotainn buaidh ann a ghaol:
Tha Do ghradh gu ro-mhilis,
‘S tha Do chridhe co saor,
‘S tha beath ann Do phògan
Chuireas ceòl anns gach teud.
S’ fhada leam an uair
Gus am fuasgail gach teud,
‘S an snamh m’ uile bhuadhan
Far nach gluais ach Thu Féin;
Far am bi ‘m oran cho-binn
‘S gur grinn leam mo sgeul,
‘S theid gach cuidhil mun cuairt
Le buaidh air gach péin.
Tha t-ionnhas co naomha,
‘S tha t-iocshlaint co saor,
‘S cha chreicinn mo phòrsan
Air òr no air leug.
Bi thusa co sanntach
‘S gur gann leat an saoghal—
Cha traigh thu an cuan so
Gu buan feadh gach ré.
Tha doimhne is àirde
Gun tràigh ann na ghaol
Nach rannsuich an t-siorruid-
heachd,
Ge neo-chriochnach i féin.
Na dean uail anns an fheòil—
‘S och! a glòir mur am feur—
Feuch, seargaidh do ghruaid-
hean,
‘S bheir buaidh ort an t-eug.
Mu tha thusa gun Dhia
Cha’ n’ eil sgeimh annad féin,
Nì am bàs thu ro-shuarach
‘S do thruaighe cha tréig;
Cha tig làtha nan gràs
Gu bràth ort a’ d’ fheum,
Is cobhair cha dean Dia ort,—
Nì diabhoil do theum.
Mar ghaduich’ na h oidhch’
Thig sgìos ort is péin,
‘S theid deatach do thruaighe
SuaS feadh gach ré
Rinn Sàtan do mhealladh
‘S do tharruing a thaobh
Le maise na feòla,
Mar phòrsan dhuit féin.
Chum t-anam a dhalladh
Bha thu ‘g aideachadh creud,
Ach comunn ri Dia
Cha robh riabh ann ad chléibh:
Cha robh t-eud air ath-naom-
hachadh
Le firinnibh Dhé,
‘S ann do ghràdh bha thu ‘g
iarraidh
Do riarachadh féin.
Chumadh tu comunn
Le pobull ud Dhé,
Ach tathasd trid naomhachd
Cha do dhibir thu ‘n saogal;
B’ eun do gach ealt thu,
‘S thu tathaich gach treud;
‘S cha chailleadh tu t-anail
‘An cladach an t-saoghail.
Roinneadh tu ‘n cridhe
Eadar t-iodhail ‘s Mac Dhé;
Sgoilteadh tu ‘n ladhair,
Ach cha chnàmhadh thu’n deud:
Feudar do sgriobhadh,
Le firinn gun bhreug,
Measg nam beathaichean neo-
ghlan
‘Bhios beo air na plaoisg.
Gun srian ri do theangadh,
Tha t-aidmheil gun fheum,
‘S gun atharrach’ naomh
Theid do dhiteadh gu péin.
Och! a dhaoin’ òga
Am pòs sibh Mac Dhé?
An gabh sibh r’ a stòras
Mar phòrsan dhuibh féin?
Tha seudan is trusgan
‘N an uidheam dhuit féin,
‘S an àite do bhròineag
Gheibh thu onair nach tréig.
Mu ghabhas tu ‘n t-Uan.
Bheir E uaisle dhuit féin
Measg cathraichean rioghail
Gu siorruidh leis féin.
Tha iomad leth phosadh
Eadar mòran ‘s Mac Dhé—
Cha robh ‘n làmh is an cridhe
Dol idir le chéil:
Tuigidh tu ‘n t-shuiridh’
Air mullach nan sleibh,
Mu phòsas tu Criosda
Le firinn gun bhréig.
Dean aithreachas tràthail,
‘S gheibh thu gràs a ni feum,
Oir mu dhìbreas tu ‘n t-earrach
Bi thu falamh fo’ phéin.
Och! chi mi thu rithisd,
A ghille mo chléibh,
‘S bi do shiorruidheachd mar
chaith thu
Do laithean san t-saoghail.
Bha Adhamh an tus
Glé chliùtèach e féin,
‘S a chomunn ri Dia,
‘S a mhiannan ‘na dhéigh:
Bha thuigse ro-usal,
A gluasad ‘na dhéigh,
Is claonadh cha d’ fhuaradh
‘Na bhuaidhibh gu léir.
Bha ‘inbhe ro ard
Ann am fàbhar a Dhé.
‘S air bàs no air buaireadh
Cha do smuannich e féin :
Marbhaig ort a Shattain !
‘S tu ‘n tràill feadh gach ré !
Tha thu féin is am bàs
Do ghnàth dol le chéil.
Ged gheall thusa sith
Do ar sinnsribh gu léir,
Is beatha neo-chriochnach
Gu siorruidh na chéim,
‘S tu athair nam breug,
‘S tha ‘m bàs fo do sgé,
‘S tha thu féin is do legion
‘G iarraidh fàth air gach taobh.
Chreid thusa e, Adhamh,
‘S thàinig ‘m bàs oirn’ le chéil,
Is theich sin a Pàras
Mar thràillean dha féin :
Chaill iadsan Dia,
‘S gach iarrtus na dhéigh,
Is dh-aithnich iad còmhla
An dòruinn ‘s am péin.
Och ! chaill iad an iomhaigh
‘Tha naomha gu léir,
‘S chaidh trusgan àn-uasal
Chuir suas air a dhéigh.
Faic Adhamh bochd, truagh,
‘S e’ fuaghail nan craobh !
‘S cha leòir na cròinn fhìge
Gu dhìon o ‘n a ghaoith.
Tha anam co-feòlthor,
‘S co-reòta tha chléibh,
‘S a chridh’ a bha uasal
Air fàs cruaidh agus braon ;
Nuair thig a ghaoth tuath
Tha cruadal ‘na déigh—
O ! ‘s corraich thu, Shinai,
Gu ‘d dhireachadh féin !
Tha do bhilean glé-fhuar,
Gle-uamhasach do bheul,
Do thrombaid glé chruaidh,
An Sluagh ge nach géill !
O ! mu ‘s dùinn thu da rìreadh,
Cluinn firinn mo bhéil,
Oir le teicheadh chum Iosa
Gheibh thu sith ann na thaobh.
Còmhduichidh fhìrinn,
‘S thig sìth o a bheul ;
Is taisichidh ghràsan
Do nàdur gu léir :
Tha buaidh ann a bhàs
Le ‘n slànuich ‘r gach creuchd,
‘S coisichidh E ‘n cuan
Thoirt fuasgladh dhuit féin.
Bha mise iomad uair
Ann an cruadal ro-gheur,
Is claidheamh mo nàmhaid
An sàs ann am thaobh ;
Ach sheasadh tu dlu dhomh
Le dùblach do ghaol,
‘S bhiodh mòrachd do bhuad-
han
Gam chuaireach’ gach taobh.
Na dean gairdeachas gu bràth
Mo Nàmh tharum féin !
Oir seinnidh mi siorruidheachd
Le Iosa mo Ghaol !