(Air eadar-theangachadh o’n Laidinn airson a’ cheud uair.)
(Air a leantuin o t. d. 36.)
AN T-AON CAIBIDEIL DEUG,
A tha mu thimchioll a’ ghraiddh, an treas ni sonruichte dh’am feumar an aire a thoirt anns an ullachadh naomh so.
THA an creideamh ag oibreachadh tre ghradh, agus ‘se th’ annta so subhailean Criosdail nach gabh a bhi air an sgarachduinn o ceile, oir tha iad a’ tabhairt fianuis do gach a cheile. Cha tabhair an dara h-aon ceum a dh’ easbhuidh na h-aoine eile, seadh tha iad a’ dol air lamhan a cheile, mur bu choir. Ge b’e air bith a dhealaicheas an da shubhaile so o cheile, tha e a’ nochdamh gu bheil iad dealaichte uath fhein, agus nach ‘eil aon de na dhà aige fhein ann am firinn, agus gur h-ann a tha e a’ toirt ainm creidimh agus ainm graidh do chidhis [no, cleòca] ceilge. Tha Dia ag iarruidh “graidh a cridhe glan, agus a coguis mhaith, agus a creideamh neo-chealgach,” oir is e sin crioch na h-aithne (1 Tim. i. 5). ‘Se an gradh coimhcheangal na foirfeachd, ni as eugmhais nach ‘eil na teangaidhean a’s deas bhriathraiche dhaoine agus aingear, agus tiadhlaicean priseil faidheadaireachd agus mhiorbhuilean, agus an t-eolas a’s coimhlionta, agus saor fhrithealadh ar maoín air na bochdaibh, seadh agus basachadh airson a’ chreidimh ach ‘nan nithean gun bhrigh. “Cha’n fhail-nich an gradh a chaoídh.”
A nis ma ta gras a’ ghraiddh ‘na ni neo-sheachanta feumail ‘n ar gniomharan uile, tha e gu h-araiddh mar sin anns an ullachadh mu am bheil sinn a nis a’ labhairt, oir is ann tha ar gnothuch ann an so ri Sacramaid an aonaidh—aonadh araon a’ chinn ris na buill, agus nam ball ri cheillé, fo an aon cheann. Oir tha Criosd ‘ga cheangal fhein ruinne tre ghradh agus tre thlachd, agus dh’ orduich E gu’m bitheadh co-chomunn againn ri cheile, agus gu’m bith-eamaid air ‘nar deanamh ‘nar n-aon chorpa tre’n ghras cheudna. “Is i so,” arsa Esan, “m’ aithne-sa, gu’n gradhaich sibhse a cheile, a reir mar a ghradhaich mise sibh. Gradh a’s mo na so cha’n’eil aig neach air bith, gu’n leigeadh duine a bheatha sios airson a chairdean” (Eoin xv. 12, 13). “Ach tha Dia a’ moladh a ghraiddh fein duinne, do bhrigh, an uair a bha sinn fathast ‘nar peacaich, gu’n do bhasaich Criosd air ar son” (Rom. v. 8). Uime sin ‘sann a dh’ fheumar gu’m bi anns an t-Sacramaid so cuimhneachadh air a dheanamh agus foillseachadh air a thoirt air gradh a bha cho mor, gradh nach cualaas riama a shambuil, eadhon gradh an Athar a thug a Mhac fein airson a naimhdean fein; gradh a Mhic a thug E fein ‘na iobairt dh’ a Athair fein air son a naimhdean fein, chum as gu’n deanamh E muintir a bha ‘nan naimhdean ‘nan cardean, seadh ‘nan co-oighreachan; gradh an Spioraid Naoimh a tha a’ tabhairt stigh naomhachd a ionnsuidh chreutairean a bha annta fein salach agus truaillte! Air do na nithean so a bhi mar sin cha chomasach duinn cuimhne a’ chumail air a’ ghradh so ann an rathad firinneach agus a bhitheas buanachdail dhuinn fein a dh’ easbhuidh air gu’m bi “an gradh so air a dhoirteadh a mach ‘nar cridheachan tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn” (Rom. v. 5), agus mar a bi “gradh Criosd ‘gar co-eigneachadh” (2 Cor. v. 14). Uime sin tha an aithne nuadh ud—gu’n gradhaich sibh a cheile, a reir mar a ghradhaich mise sibhse—’gar coinneachadh gu tric; aithne dh’am bheil E a’ tabhairt an t-ainn so cnuadh’, do bhrigh ‘s gu-r h-i a’s urramaiche de na h-uile h-aithne, agus gu-r h-aithne i do nach bu choir gu’m fasadh i sean gu brath.
Do bhrigh uime sin gu’n d’fhuiling E fein, tre ghradh neo-chriochnach, gu’m bitheadh a chorpa fein air a reubadh, chum as gu’n tugadh E sinn gu cheile ann an aon chorpa diomhair, is coir dhuinn an ro-thuilleadh aire a thoirt air eagal gu’n reub sinn ‘na mhírean an corp a bha mar sud air a thoirt gu cheile, agus a thaobh gu’m bi toil Criosd gu’m fanadh e ann an aonachd, air eagal, tha mi ag radh, gu’m bi roinnean ‘n ar measg, agus gu’m bi sinn air ‘n ar faotaínn feolmhor, air do fharmad agus strí agus aimbreite a bhi combladh rinn, d’ur bu choir dhuinn uile a bhi a’ labhairt an t-aon ni, chum nach biodh roinnean ‘n ar measg; ach gu’m bi sinn ceangailte r’a cheile gu diongmhalta ann an aon inntinn, agus ann an aon bharail (1 Cor. i. 10).
Rachamaid uime sin air ar n-aghaidh fo bhuaidh Spioraid sithe a ionnsuidh Sacramaid na sithe agus na co-chordaich. ‘Sann mar chomharradh air an t-sith so bha e ‘na chleachamh aig na creid-mhich anns a’ phriomh eaglais a bhi a’ cur faite air a cheile le poig naoimh, pog ris an abraid “pog na sithe.” Ach ann am beagan uime thainig an fhailte sud gu bhi ro choitchionn agus air a meagadh le truaillidheachd; seadh thainig an comharradh ud air gradh bratharail gu a bhi air a thionndaidh gu saobh-chreidimh eigin nach robh o ordugh Dhe, oir uidh air an uidh ‘sann thainig muinntir gu a bhi a’ cur misag, ris an abrar am patina, ri beul nan uidhean air son a phogadh: ni anns nach robh aideachadh air bith ach gu leor de lùth-chleasachd. Uime sin bitheadh e gu leoir leinn gu’n taisbein sinn an ni a bha air a chiallachadh o shean leis a’ phoig, agus mar so thugamaid gradh cridhe airson poig dh’ar braithrean; agus bitheadh an leithidean sin de chomh-arraidhean agus de thaisbeinean graidh dol comhladh ris a so, a reir na h-aite agus na h-aimsir, nach h-urrainnear a thionndaidh gu seadhan agus gu crochan a tha cealg dhireach ann an aghaidh gradh ceart le intinnean thruailte.
D’ur bha ar Tighearna a’ teagasg muinntir a bha gu sud fo lagh nan deas-ghnathan, agus d’ur bha E a’ moladh sithe agus graidh air gach taobh dhoibh (nithean nach h-urrainn a bhi air an gleidheadh am meag dhaoine mar giulain daoine le cheile, agus mar toir daoine maitheanas dh’a cheile, agus mar bi iad, ma se ‘s gu robh buaradh no troimh a cheile ann uair eiginn, iar an deanamh reidh ri ‘cheile), ‘sann a dh’ orduich E dhasan “a bheir tabhartas chum na h-altarach, agus a chuimhnicheas an sin gu bheil ni aig a bhrathair ‘n a aghaidh: Gu’m fag e a thabbartas an sin an lathair na h-altarach, agus gu’n imich agus gu’n dean e reite air tús ri a bhrathair agus an deigh sin thigeadh e agus thugadh e uaith a thiodhlac” (Mata. v. 23, 24). Bha an Tighearna leis na briathan ud a’ comharrachadh a mach nach bitheadh tabhartas an duine sin taiteanach do Dhia nach deanamh air tus na h-uile ni a bha ‘na chomas air son gu’m faigheadh a ris deadhghean a bhrathar dh’an tug e oilbheum. A nis, ma bha an roimh-churam so cho feumail fo’n lagh, an saoil thu fein gu’m faod sinn a dhearmad fo’n t-soisgeul, ni gu-r h-e lagh a’ ghraidh? Ni h-eadh, ach ‘sann a dh’ fheumas an ro thuilleadh curam a bhi oirnn chum gu’m bitheadh gach fàth oilbheim air a thabbhairt as an rathad tre am faodadh an corp ud, a tha o la gu la ceangailte ri cheile, a dhol air ais, ann an eadhon aon bhall, o aonachd fein. Ma bha an roimh-churam ud air a mholadh dhoibhsan a bha a’ tabhairt suas do Dhia tiodhlaic bhig eigin, ciod e a dh’ fheumas sinn a smuain-eachadh d’an taobhsan a tha a’ tarruing am fagus do Dhia chum gu’m faigheadh iad uaith tiodhlac nach urrainnear a choimeas ri pris air bith? Agus gu firinneach ‘se cuis-uamhais a th’ ann d’ur nach bi iadsan, a tha ag aideachadh gu’n do dh’fhainich iad gradh Dhe a tha cho-mor, air an gluasad leis a’ ghradh so gu uiread ris an tomhas a’s lugha dheth a nochdamh dh’an coimhearsnach-Cionnus a ghabhas e creidsinn gu’m bheil an neach sin a’ sealbha-chadh toraidhean cho-mor graidh Chriosda ann a anam fhein, d’ur is ann tha e a’ leantuinn buill Chriosda le fuath? Cionnus a ghabhas e creidsinn gu bheil a’ deanamh luaidh agus a’ cumail cuimhne ann an rathad urramach air bas Chriosd, agus nach gradhaich e a bhraithrean airson an d’ fhuair Criosd bas?
(Ri leantuinn.)
Gaelic Poems.
BY THE LATE ALEXANDER COOK, MISSIONARY, SALTCOATS.