Teagasg, a chum gu’m bitheadh iadsan le’m b’ill ‘tighinn gu h-iomchuidh gu bord naomh an Tighearna air an ullachadh roimh laimh;
LEIS AN URR. ANDREAS RIVETUS.
(Air eadar-theangachadh o’n Laidinn airson a’ cheud uair.)
(Air a leantuin o t. d. 160.)
AN TREAS CAIBIDEIL DEUG,
A tha mu thimchioll an urraim diadhaidh leis am bu choir dhuinn tighinn thun a’ buird naoimh so, agus compairteachadh dhe an t-Sacramaid.
“AN uair a shuidheas tu a dh’ itheadh maillle ri h-uachdaran, thoir an ro-aire do na bheil fa d’ chomhair: Agus cuir sgian ri d’ sgornan, ma’s duine thu air do thabbhairt do gheocair-eachd” (Gn. Fhoc. xxiii. 1, 2). Tha rabhadh so an duine ghlice, ann an aghaidh mi-mheasarrachd aig bord bidh, agus gu h-araidh ann an lathair nan uachdaran, a’ teagasg dhuinn gu bheil e neosheachanta feumail dhuinn, ann a bhi a’ tighinn gus a’ chuirm naoimh so, a’s le Dia, gu’n tugamaid fior aire dha na nithean sin a ta air an cumail fa’r comhair. Cha’n e, gu dearbh, gu bheil aobhar eagail gu faod neach a bhi ‘na gheocair no ‘na fhear ana-caithteach aig an t-suipeir so, oir cha’n’eil iomadh seorsa biadh aig a’ bhord so, ach aran a mhain, agus, mu dh’amhairceas sinn ris na tha gach neach a’ cur ‘na bheul, gun ach gle bheag de aran fhein, agus mar an ceudna tha blas agus nadur an arain cumanta agus abhaiseach, gun annlann air bith. Cha’n’eil mar sin aite aig glutaireachd air bith aig a’ bhord so. Mar an ceudna ma dh’ amhairceas sinn ris na nithean ud a ta air an cur fa chomhair na h-inntinn, airson greim a dheanamh orra; cha’n’eil e comasach gu’n teidheadh iarrtas no miann ro fhada dh’an taobh-san. Ach faodaidh sinn ‘tighinn gearr air dhoigh eile, agus, co-cheangailte ris a sin, tha cunnart ni’s mo ann an so na ann an cion-urrain gheocairean, aig cuirmean comhladh ris na h-uachdrain.
Agus gu firinneach, ‘s gann gu r h-urrainn iadsan a theid air an aghaidh gun smuain, no fein-cheasnachadh, an cunnart so a sheachnad. Agus air an aobhar sin tha an t-Abstol ag radh mu dheighinn an neach a dh’iteas agus a dh’olas gu neo-iomchuidh, gu bheil e ag ith agus ag ol breitheanais dha fein, gun e a bhi a’ deanamh aithne air corp an Tighearna (1 Cor. xi., 20). Anns na briathran sin, tha an t-Abstol a’ teagasg gu bheil feum air a bhi, ann an cleachdamh ar n-inntinn, a’ deanamh eadar-dhealachaidh ghlain, anns am bi an tuigse a th’air a naomhachadh a’ toirt fior aire dh’an eadar-dhealachadh a tha eadar an t-aran so agus aran cumanta, agus, air an doigh so, a’ tighinn gu a bhi a’ caidreamh beachdan cearta, ‘th’air an tarruing o fhocal Dhe, mu thimchioll an diomhaireachd so gu leir. Oir ma tha e ann an nadur fein eucomasach dhuinn obair no saothair air bith a ghabhail os laimh no a thoirt gu crich ann an rathad ceart agus beusach, mar gabh toinig an ceum toiseach, tha e ‘na ni cinnteach gu bheil feum ro-mhor air roimh-churam anns na gnothuichean a ta ag amharc aon chuid ri slainte no ri diteadh; agus dh’ fheumadh an roimh-churam a bhi a’ gabbail mar riaghailt focal Dhe, agus cha’n e na nithean a bhitheadh taitneach do nadur an duine; oir anns na Sacramaidean tha na nithean a ta faicsinneach corporra, agus ‘nan nithean a ghabhas laimhseachadh agus cothromachadh, ach tha an diomhaireachd spioradail folaichte, agus is ann le curam agus aire neo-chumanta ‘tharruingear a mach an ni a ta spioradail. Anns a chuis so, ma ta, tha iadsan a’ dol cli nach fan ann am meadhon an rathaid, ach a dh’ fheumas a dhol ro fhada gu aon taobh no gu taobh eile. Oir tha aireamh nach ‘eil beag ann, agus, air dhoibh suil a bhi aca a mhain ris an ni sin air am faod an t-suil eolas a ghabhail, mar a ta Augustin g’a chur, tha iad a’ tighinn gus a’ bhord naomh mar gu bord cumanta, agus gu minic le ni’s lugha de churam, gun iad a bhi a’ toirt an aire gur h-e ‘th’againn ann an so samhlaidhean a bha air an cur air chois leis an Tighearna fein, gu robh iad air an naomhachadh tre ‘fhocal-san, agus mar sin gur h iad sacramaidean corp agus fuil an Tighearna, agus mar sin, eadhon airson a’ cho-chordaiddh a ta eadar an ni a ta a’ samhlaichadh agus an ni a ta air a shamhlaichadh, gu bheil na h-ainmean a bhuneas do an ni a ta air a shamhlaichadh air an toirt dh’an ni a ta a’ samhlaichadh; agus mar sin, a thaobh nan samhlaidhean, cha bu choir dhuinn a bhi ag amharc cho-mor riu fhein ach ris ciod e a tha iad a’ ciallachadh, agus mar so bithidh sin a’ gabhail aithne air corp an Tighearna.
Tha feadhainn eile ann, agus air dh’an inntinn a bhi cus air a togail roimh laimh le beachd nam muinntir a ta ag ardachadh na samhlaidhean gu aird ro-mhor, ‘sann tha iad a’ toirt urram do na samhlaidhean nach buin doibh, agus air dhoibh a bhi mar so lan eagalan agus theagamhan, tha iad g’an sgitheachadh fein gu diomhain, agus mar so cha’n’eil a’ mhuiintir so, ni’s mo na iad sud, ag aithneachadh corp an Tighearna, no ag eadar-dhealachadh a’ chuirp sin o na biadhan ud a bha air an cur air leth airson a bhi a’ samhlachadh corp an Tighearna.
Ach gluaisidh an neach sin gu tearuinte ann am meadhon an rathaid, leis nach àile a dhòl aon chuid ro fhadh a dh’ ionnsuidh na laimh deise, no a dh’ ionnsuidh na laimh cli. Ni e so, uime sin, eadar-dhealachadh a chur gu curamach, cha’n e a mhain eadar Dia a tha a’ toirt a’ chomharraidh agus a’ chomharraidh fein, a ta air a thoirt; ach, mar an ceudna, eadar a’ chomharraidh agus an ni sin air am bheil e, mar mheadhon, a’ tabhairt dhuinn eolais. ‘S ann do Dhia, a chuir air chois an combarradh, agus do Mhac Dhe, a tha g’a thabhairt fein duinn tre’n combharradh, d’ur ni sinn feum ceart dhe’n combharradh, a bhuneas an t-urram a’s mo, comhladh ris an togradh agus an umhlachd a’s airde, araoon ann an corp agus ann an cridhe. Dh’an t-Sacramaid buinidh urram mar do ni, ged tha e ann fhein gun bheatha, gidheadh a ta air a’ chur air leth airson feuma naoimh, agus air sgath an daimh anns am beil i a’ seasamh dha na nithean a’s ro naoimhe. D’ur bha Maois air ti ‘tarruing am fagus dh’an phreas a bha a’ lasadh, fhuair e aithne a bhrogan a chur a bharr a chosan, ‘se sin, gu’n deanamh e an ni sin a b’ abhaist do sheirbhísich a dheanamh dh’an Tighearnan; oir is ann le cosan casruisgte b’ abhaist do sheirbhísich o shean a bhi a’ deanamh seirbhís dh’an tighearnan, chum mar so gu nochdamh iad umhlachd, agus cia mar bha iad fo fhiachan seirbhís a dheanamh. Mar sin is eigin duinne ‘tighinn ann an lathair an Tighearna le spiorad a ta suidhichte gu irios-lachd, agus air ullachadh roimh-laimh chum umhlachd. Cha’n e deas-ghnath air bith a ta air iarraidh ann an so, ach firinn anns an taobh a stigh, chum ‘s air dhuinn a bhi a’ feitheadh air Dia, a dh’ ullaich a bhord fein air arsonne, agus air a Mhac a ta g’a thabhairt fein duinn, gu’n aidicheamaid nach ‘eil umhlachd air bith air ar taobh-ne tuilleadh agus cus, air dhuinn a bhi ag amharc ris an aran neamhaidh, agus, anns an t-seadh so, cha’n’eil sinn ag aicheadh nach ‘eil e eucomasach do neach air bith ‘gabbail ris an aran neamhaidh mar bu choir, mar ‘eil e air t’us a’ deanamh aoraidh Dha—ach cha’n e sin a bhi a’ deanamh aoraidh dh’an t-sacramaid fein.
(Ri leantuin.)