Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1914 » October 1914 » Suipeir an Tighearna: Rivetus

Suipeir an Tighearna: Rivetus

Teagasg, a chum gu’m bitheadh iadsan le’m b’ail ‘tighinn gu
h-iomchuidh gu bord naomh an Tighearna air an
ullachadh roimh laimh;
LEIS AN URR. ANDREAS RIVETUS.
(Air eadar-theangachadh o’n Laidinn airson a’ cheud uair.)
(Air a leantuin o t. d. 199.)

AN TREAS CAIBIDEIL DEUG (air a leantuin),

A tha mu thimchioll an urraim diadhaidh leis am bu choir dhuinn tighinn thun a’ buird naoimh so, agus compairteachadh dhe an t-Sacramaid.

CHA do chuir Dia an t-Sacramaid air chois, ni mo tha E a’ cumail an t-Sacramaid ri ar n-aghaidh, chum gu’m beachdamaid air an t-Sacramaid mar chuspair aoraidh; eadar am bi sin direach a’ ciallachadh aoraidh dh’an t-Sacramaid fein, no aoraidh air sgath an daimh anns am bheil an t-Sacramaid a’ seasamh do’n fhior Chuspair aoraidh. Cha do dh’orduich Dia aon chuid gu’m biodh aoradh air a dheanamh dh’an t-Sacramaid, no eadhon gu’n deanamaid aoradh a’n lathair an t-Sacramaid no anns an t-Sacramaid. D’ur shuidh an Tighearna fein comhladh ri a dheisciobuil aig a’ bhord, thug E an t-aran, a bha air a naomhachadh, dhoibh chum gu’n itheadh iad dheth, agus fion, chum gu’n oladh iad dheth, ach cha d’ thug E earail doibh, aon chuid gu’n eireadh iad ‘nan seasamh air an cosan, no gu’n lubadh iad an gluinean, no gu’n gabhadh iad an t-Sacramaid air dhoigh eadar-dhealaichte o mar bha iad ag itheadh an uain càisge agus an t-aran neo-ghoirtichte, agus na luibhean searbha. Cha’n eil iarrtas againn, aig an àm cheudna, spot dhubb a’ chur orrasan a tha a’ smuaineachadh mar a ta sinn, ann an nithean eile, a thaobh na Sacramaid; a tha ag aideachadh a’ chreidimh ceudna ruinn; agus nach ‘eil a’ rùnachadh an t-urram a bhuineas do Dhia a thoirt dh’an t-Sacramaid; ach gidheadh a ta a’ gabhail na Sacramaid le gluinean luibte, air dh’an aoradh a bhi d’a ionnsuidh-san a shuidhich an t-Sacramaid, eadhon d’a ionnsuidh-san a tha ‘ga thoirt fein duinn anns an t-Sacramaid. Ach do bhrigh ‘s gur h-ann a shruth an cleachdamh sin o’n mbhuintir a tha a’ deanamh De dhe an t-Sacramaid, air dhoibh a bhi a’ deanamh aoraidh dh’an t-Sacramaid fein, is mo gu mor is fearr leinn cleachdamh, na muinntir ud a’ leantuin a tha, fhad ‘s is urradh dhoibh, a’ cumail fada air falbh o dhoighean air bith o’m faod amharusan eiridh, no cothrom a bhi air a thoirt do iodhal-aoraidh, no do shaobh-creidimh, gu eiridh suas. Ach gun a dhol ni’s faide air ar n-aghaidh a thaobh na puinc sin, dh’ iarramaid gu’m bitheadh na h-uile, eadar an ann ‘nan suidh no ‘nan seasamh, air an ealarachadh gu compairteachadh leis a’ mheasarrachd sin a tha dleasdanach, air dh’ an cuirp a bhi anns an t-shuidheachadh sin a ta freagarrach airson cuideachaidh le cudthromachd agus maisealachd an aoraidh, an doigh leis an nochd sinn gu bheil an ni sin, a chuir Dia air chois airson ar comhfhurtachd, ‘na ni air am bheil meas ro-mhor againn. Tha sinn mar sin a thaobh na Sacramaid, mar a thaobh a bhi ag eisdeachd focail Dhe, cha’ne a mhain a’ gluasad suas muinntir gu aire a thoirt dh’an chuis, ach mar an ceudna ‘gan earalachadh gu urram diadhaidh a nochdamh.

A ris, ma ‘se toil Dhe, d’ur bhitheas sinn ri urnuigh, gu’n togamaid suas lamhan glana Thuige-san (1 Tim. ii. 8), cha’n urrainn neach air bith aobhar ceart a thoirt seachad carson nach deanamaid air an doigh cheudna ann an gabhail Sacramaid ar n-aonaidh, no carson is ann bu choir gnothuich a bhi aig an t-sluagh chumanta ris an t-Sacramaid (mar tha na Papanaiich a’ cumail a mach) a mhain le am bilean agus le an teangannan, d’ur gu tric a ta se fior gu bheil am bilean agus an teangannan cheart cho salach ri an lamhan, mar ‘eil iad ni’s sailchæ. Ged, fo an lagh, nach robh e air a cheadachadh do nach air bith ach do na sagartan beantuinn ris an airc, gidheadh cha’n’eil Dia a’ bacadh do na creidmheich an laimh a chur ris an aran no ris a chupan, chum gu’n ceadaicheadh E sin amhain d’an dream a ta a’ frithealadh. Tha e ‘na ni cinteach gu’n tug Criost na samhlaidhean seachad do gach aon fa leth dhe a dheisciobuil, agus mar so air dhoibhsan an glacadh le an lamhan gu’n do ghiulain iad mar sin na samhlaidhean gu’m beul, agus tha e mar an ceudna ‘na ni cinteach gu’n do lean an cleachdamh so anns an eaglais airson iomadh linn, ionnus gu’n robh e ‘na ni comasach do chuid, araon fir agus mnathan, na samhlaidhean a thoirt leo gu’n dachaidhean fein, agus an gleidheal ann an sin. Cha’n’eil doilgheas oirnne airson gu’n deachaidh ‘cur as do na mhi-ghnathachadh sin, ach tha sinn a’ deanamh luaidh air a’ chleachamh ann an so mar dhearbhadh air nach ‘eil ann ach cleachdamh nach ‘eil a’ dol air aise gu laithean nan Abstol, gu’m bitheadh lamhan nan comanaiche air an ceangal, air choir as nach faodadh iad ‘beantuinn ris na samhlaidhean, ach a mhain am beul ‘fhosgladh dhoibh; agus mar sin gur h-e a ta anns an ni so meur dhe ‘n t-shaobh-creidimh sin as an do dheirich teagasg a’ bhrigh-atharrachaidh (transubstantiation). Agus eadhon ged bhitheadh teagasg a’ bhrigh-atharrachaidh fior, mar nach ‘eil, gidheadh cha b’ aobhar sin airson gu’m bitheadh na lamhan air an dunamh ann an aghaidh an ni sin dh’am bheil am beul fosgailte, gu h-araidh d’ur tha sinn a’ faicinn gu’n d’ thug an Tighearna fein, aig a’ cheud fhrithealadh, an t-Sacramaid thairis do lamhan nan deisciobuil.

Tha e fathast uime sin ‘na dhleasdanas gu’n suidhicheadh gach comanaiche, le curam, inntinn agus anam, ionnus ‘s roimh dha teachd gus a’ bhord gu’m bitheadh e comasach air a bhreithneachadh ciod a ta a’ gabhail aite ann an so, agus ciod e is coir dha fhein a dheanamh anns a’ chuis chudthromach so. Thugadh e mar sin fainear ciod e b’ aobhar bais do Chriosd, bas leis an robh ar peacanna air an glanadh air falbh; thugadh e fainear an gradh ro-mhor a ghluais E gus an uallach ud a’ gabhail air fein; thugadh e fainear trocair ro-mhor ar De-ne, a fhuair cleachamh ann a bhi a’ toirt a Mhic fein seachad chum bais air ar son-ne; thugadh e fainear an doigh anns am bheil Criosd ‘ga thoirt fhein dhuiinn a nis, doigh a tha gu h-iomlan spioradail; thugadh e fainear na meadhanan leis am bheil ar creideamh-ne air a chumail suas, meadhanan tre am bheil, a thaobh a’ cho-fhreagraidheadh a ta eadar an samhladh agus an ni a ta air a shamhlachadh, na nithean sin nach ‘eil sinn idir a’ faicinn air an toirt a steach dh’ar n-inntinn. Air dh’an chreidmheadh ‘tighinn mar so, le cridh ‘th’air irioslachadh dh’ionnsuidh a’ bhuird, togadh e a chridh aig an am cheudna gus an Tighearna, agus le urram iomchuidh suidheadh e sios aig bord an Tighearna, agus, air dha suidheadhachd maiseach agus naomh a thogail a thaobh a chuirp, thugadh e fianuis air a’ mheas mhor a ta e a’ cur air geall a shlainte a ta aig anns an t-Sacramaid: le laimh ‘th’air an glanadh ann an neo-chiontas, le bilean ‘th’air an ionlad, deanamh e greim air a’ gheall, agus na bitheadh an ni air am beil e ‘deanamh greim le a bheul n’i’s firinniche air a ghabhail a stigh dh’an ghoile, na tha sin, a ta air a thoirt dh’an chreideamh, air a ghabhail a stigh dh’an anam.

Mar thubhairt sinn cheana, ‘se ‘sgeadachadh a ta ‘san leth stigh, an sgeadachadh sonruichte anns na chusean so. Gidheadh cha’n’eil maise o’n leth muigh ri a bhi air a cur suarach, fhad ‘s bhitheas sin ann an co-fhreagrath ri suidheadh agus inbhe neach air bith. Cha’n’eil Dia ‘cur meas mor air greadhnachas aodaich, seadh tha E ‘toirmeasg ana-measarrachd agus anabarr cosdas, agus gu h-araidh ann an co-cheangal ri gniomh dh’am bheil irioslachd co-fhreagrath. Gidheadh cha’n’eil Dia a’ deanamh taire air glaine, agus air nithean iomchuidh, agus ma’s ann o mhi-churam a ta e ag eiridh nach ‘eil a’ ghlaire, ‘san iomchuidheadh, ann, ‘sann tha e ‘na chombarradh air anam falamh de urram diadhaidh. Ach far am bheil eigin is drip, cha chum sin aon Lazarus, air cho lan chreuchdan is lotan, air cho bochd ruisgte ‘s gu’m bi e, a mach a uchd Abraham, agus ni an Tighearna e ‘na fhear compairt dhe a bhord fein ged bhitheadh e air a chombdachadh le trusgan caithte, reubta, ma se as gu bheil an trusgan sin a’ comhdachadh cuirp anns am bheil ri am faotainn araon deadh chogais agus creideamh neo-chealgach. Air do na nithean so a bhi air an cothromachadh gu maith roimh laimh, agus air dhoibh a bhi air an cur gu cleachdamh mar an ceudna, cha’n’eil aobhar aig a’ chreidmheadh a chur ann an amharus nach pill e o’n bhord le a spiorad air ath-bheothachadh, agus luchdaichte leis na h-uile ni maith.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice