Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1914 » November 1914 » Suipeir an Tighearna: Rivetus

Suipeir an Tighearna: Rivetus

Teagasg, a chum gu’m bitheadh iadsan lèm b’ail ‘tighinn gu h-iomchuidh gu bord naomh an Tighearna air an ullachadh roimh laimh;

LEIS AN URR. ANDREAS RIVETUS.

(Air eadar-theangachadh o’n Laidinn airson a’ cheud uair.)

(Air a leantunn o t. d. 236.)

AN CEATHRAMH CAIBIDEIL DEUG,

A tha mu dheighinn a bhi a’ tabhairt buidheachais do Dhia, mar is coir, an deigh dhuinn compairteachadh dhe an t-Suipeir.

MA chuir Dia e mar fhiachaibh air cloinn Israel, d’ur a dh’ itheadh iad agus d’ur a bhitheadh iad air an sasachadh, gu’m beannaicheadh iad an Tighearna an Dia, airson an fhearainn mhaith a thug E dhoibh; ma tha sinn, eadhon aig ar bordaibh cumanta, far am bheil Dia a’ beathachadh ar cuirp, fo fhiachaibh maithreas an Ti sin aideachadh, neach ‘se ar buachaille; ma tha a’ mheud a’s ni dearmad air an dleasdanas so air am meas mar mhuiintir air am bheil plaigh inntinn-mhi-thaingeil a’ luidh: ciod a dh’ fheumar a smuaineachadh mu ar deighinn-ne, an deigh dhuinn sochair a cho mor a sheilbheachadh, ma ‘se, is ar dhuinn a bhi di-chuimhneachail air ar dleasdanas, gur h-ann a chreachas sinn Dia dhe’n gloir a bhuneas da? ‘Sann a bhitheadh an droch shuidheachadh inntinn sin ‘na chomharradh cinnteach air nach do bhlais sinn dhe maithreas Dhe, agus nach’eil Mac Dhe a’ gabhail comhnuidh annainn. Oir dhoibhsan ris am bheil E ‘ga chompairteachadh fein, tha E toirt mar an ceudna mothachadh spioradail dhoibh air a lathaireachd agus air eiseachdachd fein; air choir is nach urrainn iadsan a bheir fainear e gun a bhi gu toileach air an giulan air an aghaidh gu a bhi a’ coimhliodan an dleasdanais a tha Dia a’ cur orra. Agus na’m bitheadh iad di-chuimhneachail air so, ‘se a bhitheadh ann chomharradh cinnteach air gu’n do phill iad o’n bhord falamh, agus gu’m bu mhuinntir iad dha nach robh speis. Oir na’m bitheadh iad air an lionadh ‘san leth stigh, bhitheadh am beul air fhosgladh agus an teangaidh air a fuasgladh gu a bhi a’ cur an ceill cliù agus moladh an Ti sin, leis an robh an duinne o’n leth stigh air a lionadh. D’ur bhitheas, uime sin, an duine spioradail sin annainn air a shasachadh, bheir se cainnn dh’ar bilean anns na briathran a leanas, no ann am briathran cosmhuil riu, air dha a bhi, o dhoimhneachd a chridhe, a’ deanamh fianuis air a thaingearachd fein:

“O Dhe, mhoir agus mhaith, ‘Cia mor do mhaitheas, a thaig Thu dhoibhsan do’n eagal Thu; a rinn Thu dhoibhsan a dhearbas asad, ‘am fianuis chloinn’ nan daoine!’ Agus, O Dhe, thigeadh dhuinn a bhi a’ beachdachadh air a’ mhaitheas so, mar ni n’s ro-mho agus ro-phailte airson nach’eil neach a’ tighinn thugad, nach d’ thainig Thu fhein an toiseach thuige-san, agus gu’n do tharruing Thu e; nach’eil neach a’ tarruing am fagus duit ach mar tha Thu fein ‘ga tharruing a’ d’ ionnsuidh. Tha na maith-easan a ta Thu a’ buileachadh oirne mor agus lionmhor, ach cha’n e a chuid a’s lugha dhiubh gu bheil Thu a’ toirt coram dhuinn feum maith a’ deanamh dhiubh, agus ‘buileachadh oirne meadhanon tre am faigh sinn buanachd dhiubh. Truagh agus caillte, bha mise annam fhein; gidheadh bha mi aineolach air sin. Nochd Thusa dhomh truaigh mo staid, truaigh air son nach robh mi faotainn ni a dheanamh cabhair annam fein, oir cha robh cabhair annam ann. Ach so dh’ullaich Thu dhe do mhaitheas, a bha dhith ormsa; d’ur nach robh casan agam leis an tiginn am fagus duit, no lamhan leis an deainn greim air an ni a bha Thu a’ tabhairt dhomh, no beul mar an ceudna, ‘sann chuir Thusa dhiom an seann duine briste, easbhuidheach sin, agus ‘sann chuir Thu orm an duine nuadh sin a ta air a chruthachadh a reir fireantachd, duine nuadh dh’am bheil e comasach feum a dheanamh dhe do nithean maithe-san. Ach cia lionmhor agus cia saoibhir do mhaitheasan! Cha’n urrainn mi, O mo Dhia, a ghabhail os laimh an cur sios ann an ordugh, oir cha’n’eil fhios agam c’aite an toisichinn. ‘Is lionmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithean a rinn Thu! d’oibre iongantach, agus do smuaintean d’ar taobh-ne, cha’n’eil e an comas a chur sios ‘an ordugh dhuit: nochdann agus chuirinn ‘an ceill iad; ach tha iad n’s lionmhoire na gu’n gabh iad aireamh.’ Aig an àm so, uime sin, cha’n’eil mi a’ cur romham fein ach aon ni, ach an ni sin cho mor, agus cho iongantach, agus cho freagarach airson na h-uiread de dh’uireas-bhuidhean a choinneachadh a’s gu’m faod an aon ni sin seasamh air son morain, seadh airson na h-uile ni. ‘Tha aon ni feumail,’ agus ma tha sinn air ar faotainn ann an seilbh air sin, ‘rinn sinn roghainn de’n chuid mhaith sin, nach toirear uainn.’ Is leoir dhuinn, ma’s aithne dhuinn ‘Criosd, agus esan air a cheusadh.’ Agus tha sin mar sin gu h-araidh ma’s aithne dhuinn E ann an gniomh, agus ann an cleachdamh, ma tha mothachadh againn air a mhaiteas, ma tha sinn tre a neart-san a’ giulan toraidhean, eadhon an leithid sin de thoraidhean a’s a dh’ fhaodar a ghiulan tre Chriosd a bhi beo annainn. Ach ann an so tha ni iongantach do rireadh, eadhon mar dh’ fhosgail Thu tobair beatha ann am bas Chriosd, agus fireanachadh an duine mi-dhiadhaidh ann a fhulangas maslach-san, agus gu’m b’e do thoil air son gu’n aisigeadh Tu dhuinn an t-urram a chaill sinn, gur h-ann ‘racha-maid Thuige-san an taobh am muigh de’n champ, a giulan a mhaslaidh-san.’ O, am maslach urramach, O, an tarcuis glormhor! Tha sinn a’ tabhairt buidheachais dhuit, O Dhe, air son gu’n do mheas Thu sinn araidh air a leithid so de urram. Seadh agus d’ur bheachdaicheas sinn air bas so ar Tighearna, ‘sann is miann leinn ‘ruith, chum ‘s gu am basaich sinn comhladh ris. Agus a nis ‘sann lot Thusa le lot basmhoh ar peacadh troimb-san, agus dh’ar n-anama tha beatha air a h-aiseag air ais, chum gu’m bitheadh ar n-anama beo sonne gu siorruidh. Tuill-eadh fos dheasaich Thu dhuinn an t-aran so tre am beil a’ bheatha air a compairteachadh ruinn, mar a gheall Thu roimh-laidh ag radh: ‘Ithidh no daoine macanta, agus sasuichear iad: molaidh iadsan an Tighearna a dh’ iarras E: bithidh an cridhe beo gu brath. Cuimhnichidh air, agus pillidh a dh’onnsuidh an Tighearna, uile chriochan na talmhainn; agus stroichdaidh uile theaghlaclean nan cinneach ‘na lathair.’

“Air mo shonsa dheth, O mo Dhia, molaidh mi Thu airson do mhaiteis, cuiridh mi an ceill d’fhirinn, a’ toirt buidheachais dhuit le m’ uile chridhe, airson an ni maith sonruichte a bhuillich Thu gu caoimhneil orm an diugh, airson nach e a mhain gu’n d’thug Thu dhomh tre do mhiniteirean Sacramaid mo shaorsaidh gu a bhi air a glacadh leis an laimh agus gu greim a dheanamh oirre leis a bheul, ach mar an ceudna gu’n d’ rinn Thu mi tre ghras do Spioraid ‘nam fhear compairt dhe m’ Fhear-saoraidh, neach gu’m bu mhaith leatsa gu’r h-ann a bhithinn ‘nam aon maille ris, agus gu’m bitheadh mo chorp, a ta air a cheannach le a bhas-san ‘na bhall do chorp-san. Agus do bhrigh ‘s gu’n d’ thug Thu na h-uile ni dhomh annsan, tha mise tabhairt dhuit cia air bith ‘th ‘annam a chaidh mach uat fein; eadar an ann o nadur no tre ghras tha e. Agus do bhrigh ‘s gu’n d’ fhuair Thu, ‘na iobairt ro-iomlan-san, lan riarachadh airson mo pheacaidh, tha mise ‘a toirt ‘mo chuirp ‘na bheo-iobairt, naomh, taitneach, ni a’s e mo sheirbhis reusonta. Oir is ni maiseach e, O Thighearna, gu’n aisiginn dhuit an ni a’s leat fein, agus is ni buanachdail e dhomhsa, oir cha’n’eil Thu ‘ga mo ghairm gu so ‘aiseag air ais ann an doigh a bhitheas ‘na chall air bith dhomhsa. Seadh tha Thu a’ gabhair uam an ni a’s leat fein, agus gidheadh cha’n’eil Thu a’ toirt ni air falbh uamsa, ach, an aite sin, tha an ni ‘tha mi a’ toirt air ais a’ fantuinn agam, agus ‘sann tha e air a mheudachadh dhomh. Ach, a nis, O mo Dhia, d’ur nach ruig mo mhaiteas ortsas, deonaich gu’r h-ann a bhitheadh mo thlachd uile anns na naoimh a ta air thalamh, agus anns na flaith, agus, fhad a’s bhitheas sin ‘na mo chomas, nach bithinn di-chuimhneachail air uireasbhuidhean buill diomhair mo Shlanuighear, ach gu’n nochdainn dhoibh cairdeas a reir a chairdeas a ta Thu nochdamh domh ‘na do fhreasadal. Gu robh caoimhneas Chriosd a’ toirt do mo ghradhsa a bhi a’ lasadh! Agus gu h-araidh gu’n deonaicheadh fear mo ghraiddh-sa, a bha air a cheusadh air mo shon, gu-r h-ann a bheirinn gradh do mo Dhia os cionn na h-uile ni, agus air dhomh a bhi cinnteach dhe ‘dheadh-ghean gu brath, gu’m faighinn le creideamh nach gabh ‘ghluasad a’ chantuinn: ‘Cha bhi mi ann an dith. . . . Gu cinnteach leanaidh maith agus trocair mi uile laithean mo bheatha; agus comhnuidh mi ann an tigh an Tighearna fad mo laithean!'”

A’ CHRIOCHE.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice