BHA an t-Urnamach Francis Macbean nach maireann, a bha ann an Cilchuiman (Fort Augustus), ‘na lochran lasrach agus dealrach. Dh’aidicheadh na h-uile gu’n robb e dhiubhsan a bheannaich an Tighearna. Mar an ceudna rinn an Ti a’s airde e ‘na bheannachd do iomadh anam. Iadsan a chual e, cha leigeadh iad as an cuimhne an doigh cumhachdach anns an sparradh e teagasgan cudthromach na firinn oirre. Tha neach a lathair am fathast a dh’ aithris dhuinn mu dheighinn am a ‘bha e ‘g eisdchead an teachdair threun so, a’ labhairt air là Sabaid Comanachaidh ann am Baile a’ Mhairi, faisge air Inbhir-fheorthainn, anns a bhliaidhna 1862. A chionn nach tuigeadh ar fear-aithris ach gann a’ Ghaidhlig, chaidh e an toiseach do’n Eaglais le luchd na Beurla. An deigh na searmoin, chaidh e comhla ri caraid a chluintinn Mgr. Macbean a bha ‘mach air a bhlàr. Cha robb e fad ‘na shuidh ann an sin nuair a chual e briathran a rainig a’ chridhe le buaidh. B’ iad sud na briathran a leanas:
‘Seall, a dhuine, ri tür laidir trocair Dhe. Tha tri dorsan shios air. Tha tri dorsan shuas air. Tha tri dorsan deas air. Tha tri dorsan tuath air. Agus tha iad a fosgailte a là ‘s dh’ oichdhe, ‘s a dh’ oichdhe ‘s a là. ‘S tha an aon glaodh ‘dol a mach asda, a là ‘s a dh’ oichdhe, ‘s a dh’ oichdhe, ‘s a là, gun stad aon mhomaid no mionaid bheag na h-uaireach. Agus ‘dè an glaodh ‘tha ‘n sin? “Thig a m’ ionnsuidh, thig a m’ ionnsuidh, thig a m’ ionnsuidh.” Seall air an duine òg a mach ann an sud air raon farsuing an léir-sgrios, maile ris na ceudan agus na millionan ‘tha ‘g ionaltradh air an t-shliabh cheudna maille ris. Ach thachair dhuit aon là gun d’ thug thu sgriob timchioll iomall an t-shléibh agus chual tu guth, ach cha do thuig thu ‘dè an guth ‘bh ‘ann. Ach bha ni air choir-eiginn, air choir-eiginn, dh’ fhag iarrtas comhla ruit, gu’n iarradh tu an guth a chluinntinn a ris. ‘S bhitheadh tu gleidheadh na fàth a dh’ fheuchainn am faigheadh tu cothrom sgriob a thoirt timchioll iomall an t-shleibh a dh’ fheuchainn an cluinneadh tu an guth a ris. Ach cha bu luaithe a thoisich thu air a’ sin na thainig an diabhol agus sguab e steach thu gu cridhe an t-shléibh. Tha mi ag rach ruit gun robb thu a d’ aonair toirt ni’s mò dhragh do’n diabhol na na ceudan agus na millionan a bha ‘g ionaltradh air an t-shliabh cheudna maille ruit. Ach là-eiginn thug thu sgriob timchioll iomall an t-shléibh a ris, ‘s chual tu guth agus thuig thu e. ‘Dè a nis a thachuir? Theich thu cho teann-chruaidh ‘s bheireadh do chasan thu. ‘Dè ‘n ath ghuth a chual tu? Ruidh, ruidh, cuir ruit, cuir ruit tha an diabhol beir air bheir ort, ma chailleas tu aon cheum bi greim aige ort. Rainig tu, a dhuine bhochd, ‘s cha d’ fhag e agad de neart ach na thug air eigin comas dhuit an ceum mu dheireadh thoirt tharais air an stàirsnich. ‘Dè an ath ghuth a chual tu? Dean Suidhe, gabh do shocair, tha thu tearuinte agus sin gu siorruidh. Cha dàn leis gu brath a’ chas a chuir thairis air an stairsnich ‘tha ‘n sin. Agus a nis, o dhuine, ‘dè tha thu dol a dheanadh? Agus, o bhean, ‘dè tha thu dol a dheanadh? Agus, o nighean oige, ‘dè tha thu dol a dheanadh? Am bheil thu ‘dol a dh’ fhalbh sios dhe beinn an orduigh, a’ diùltadh teicheadh gu tìr laidir trocair Dhe? Ma tha socair ort, socair ort, gus an d’ thig là mòr a’ bhreitheanais—Ubh! Ubh! Ubh!—’sam bi an saoghal ri theine, ‘sam bi na speuran ri theine, ‘sam bi an da theine ‘tha sin ‘tachairt ri cheile, ‘sam bi na creagan leaghadh sios mar chéir. Ubh! Ubh! Ubh! S’ ann an sud bhios a ghaodhaich. S’ ann an sud bhios a rànaich. Theich-eadh tu a nis a dh’ ionnsuidh tur laidir trocair Dhe, ach mo thruaighe! Mo thruaighe do chor! Dh’ éirich an Ti cheudna a chuir suas e agus shin e mach a ghairdean neartmhor cumhachd-ach, agus theann agus dhùn e na dorsan ann a d’ aghaidh agus gu siorruidh tuilleadh trid a’ bhith-bhuantachd bhuan cha teid am fosgladh mionaid no momaid bheag na h-uaireach.’
Sgriobh sinn na briathran sud, a bha air am beannachadh do neach ‘s aithne dhuinn, gun fhios nach beannaich an Tighearna iad do mhuiintir eile.
“Air dha ‘bhi marbh tha e fathast a’ labhairt.”
A. S.