LE DOMHNULL MACAONGHAIS,
A bha ‘na Mhaighstir-sgoile ann an Calecille mu’n bhliadhna
1869, agus air am bheil suil againn tuilleadh iomradh
a dheanamh air an ath-mhios.—I. R. M.
‘AN laithibh m’ oige bha mi ro ghòrach,
‘S mi suibhal an comhnuidh air slighe chli,
B’e ‘n t-ioghnadh dhomhsa nach’eil mi ‘m chomhnuidh
An diugh ‘san dòruinn a ta gun chrich.
Aig aois ochd bliadhna bha tric mi pianail,
‘S mi faicinn siorruidheadh dhomh teachd dlùth,
‘S mi faotainn coire gu tric do’n Dia sin,
A chruthaich riamh mi gu mo chumail ciurra.
Bha ifrinn uamhasach dhomhsa ‘san uair sin,
‘S mi air bruachaibh slochd gun ghrunnid,
‘S b’e ‘nuair sin m’ urnuigh, Och nach bu chù mi,
Nach toir cuantas am feasd ‘na chùis.
Bha clann an aite ri cluich ‘s ri manran,
A reir an naduir ‘tha sin dhoibh dlùth,
‘Sann bhithinnsa ‘nuair sin air cùl nan cànan,
‘S mo chridhe bàite, ‘se lan do dhiomb’.
Ach thainig Satan is chuir e fàilte orm,
Is thuir e ‘s tràth tha thu gun ‘bhi a’n sunnd,
Tha tìm ni’s leor agad airson do thearnadh,
Cha tig am bas ‘nuair tha thus ‘an duil.
‘S mar rinn mo phàranta anns a’ ghàradh,
‘Nuair thug iad claisdeachd do’n nathair lùbt’,
Rinn mise an uair sin, is lean mi Satan,
‘S ‘na sheirbhis bha mi ‘na mo thràill gun diù.
‘Nuair a bha mi mar sin a’ m’ thràill aig’,
‘S mi ‘dol a mhàn leis an t-sruth gu luath,
A Ghaoil na slainte! ‘s Tu rinn mo thearnadh,
‘S a shìn do lamh gus mo thoirt a nuas.
‘Sann tre’n fhirinn a chaidh dhomh innseadh,
Nach robh mi firinneach ann an càil,
Gu’n mhìll am peacadh mo chorp is m’ inntinn,
‘S mi nis gu cinnteach fo bhinn a’ bhais.
Reir ciont’ is truail’eachd teachd mu’n cuairt dhomh,
A chum mo sguabadh gu truaigh’ a mhàn,
Ghlachd crìth is uambunn mi, oillt is uamhas,
‘S m’anam truagh ann an cruaidh ‘n sàs.
Cha bhithinn sitheil ‘s mi air mo dhiteadh,
Le lagh na firinn o’n Ti a’s airde,
‘Se rium ag eìgheach mar diol thu ‘n éiric,
Bidh mallachd Dhe as do dheigh gu brath.
O ciod a dheanainn ‘s mi ann am fachan,
Is doigh gu an dioladh cha robh a’ m’ dhàil,
Oir cha robh nì air an d’ thugainn ionnsuidh,
Nach robh ‘na shuilibh mar nì gun stàth.
Is iomadh nì ris an d’ rinn feuchainn,
A chum mo chreuchd a chur nan tàmh,
Air dhoibh ‘bhi ruith leis na saighde teinnteach,
‘Bha teachd gu direach o Shinai aird.
Ach faodaidh saighde tighinn ‘s ar ciùrradh,
Gun ar cuis a dhòl dad nì’s fearr,
Ach ‘se nì ‘n cridhe ‘ta cruaidh a lùbadh,
An saighead cliùteach, d’an cliù an gradh.
‘Se suil air Iosa ann an gleann nan deuchann’,
‘Se suil air Iosa ann am pian ‘nar n-aite,
‘Se sud nì an t-anam ‘tha slan a reubadh,
Mar chaoidhear ceudghin an deigh a bhais.
Bha sud aig Mata ‘sa chùigeadh caibideil,
‘Se sud ‘bheir aiteamh ‘sa chridhe roèt’,
Ni so an iobairt mu’n d’ thubhàirt an fhirinn,
Nach teid a pilltinn le Righ na gloir.
‘Se so ‘ni fàsgadh air ceann an t-Satain,
‘Se so ‘ni àros ‘na carn ‘s ‘na tòrr,
‘Se so a dhiteas gach olc is mi-run,
‘Se so ‘ni mi-ghean a chur air an fheoil.
A Ghaoil na Trianaid! bi ‘na do dhion dhomh,
Oir ‘s Tu mo mhian, is cha’n iarrainn còr,
Oir dh’ earbainn m’anam ri d’ obair chriochnaichte,
Ged bhiodh ‘d cho lionmhor ri sliabh nan lòn.
‘Sann tre an fhirinn, sheall Tu an t-sith dhomh,
‘S mar chuir an iobairt gach ni air doigh,
‘S mar bha riarachadh air a dhioladh
Le obair Chriosd do Dhia na gloir.
Cha ghabhainn eagal ‘s cha chuirinn teagamh,
Nach ‘eil Thu freagarrach air gach doigh,
‘N uair bhitheadh mo shuilean ‘g amharc umhlachd
An neach a ghiùlaineadh leis an Oigh.
An neach a chàireadh leath ‘anns an stàbull,
‘Nuair nach robh aite dha ‘san tigh-osd’,
An neach a dh’airicheadh ann an Nas’ret,
Ged a b’ aileagan E na gloir.
An neach do’m b’eiginn dol do’n Eiphit,
Air do Herod a bhi air a thòir,
A chum a mhilleadh a dheanamh cinnteach,
Mun d’ reigheadh a rioghachd a chur dhe ‘doigh.
An neach chaidh sharachadh anns an fhasach,
‘Bha iomadh là ann an sin gun lòn,
‘S e air a bhuaireadh ann leis an t-Satan,
Airson a bhraithrean a ta ‘san fheoil.
An neach ‘bha bronach am fad ‘s bu bheo E,
Gun aite comhnuidh aig’ fo na ghrein,
Bha dol mu’n cuairt ann am meag an t-sluigh E,
‘S bha mnathan uasail’ dha deanamh feum.
An neach a rùisgtheadh, ‘s an neach a chiurrtadh,
An neach a chrùntadh le sgitheach geur,
An neach a dhluthaich a steach ‘san dumhlachd,
‘S a dh’òl an cùpan gu ruig a dh’éisg.
An neach a cheusadh air mullach sleibhe,
An neach a dh’eug aig an naoidheamh uair,
Is sgoilt na creagan, is chrith na sléibhteann,
‘Nuair rinn E eigheadh le iolach chruaidh.
An neach ‘chaidh fhalach car uine ‘s a charraig,
An neach a charaich le ‘chumbachd treun,
A thog an uachdranachd air a ghalann
‘Sa rinn a bhuaidh thoirt mach dha fein.
Tha Emanuel ann ar nadur,
A nis air ardachadh ann an gloir,
Ag eadar-ghuidheadh airson a chairdean,
Gus an teich na sgailean, ‘s gu’n tig an lò.
Rinn firinn ‘s trocair a’n so a pogadh,
‘Sann bha còmhail aig buadhan Dhe,
Tha ceartas sasuichte, tha’n lagh leis arduichte,
‘S cha’n fhaighinn tamh ann an aite ach E.
Shaoil mi an uair sin nach cuirinn gruaim ort,
‘S nach fasainn fuar riut ri uair mo lò,
Gu’n luidhinn sios ann am bla’as do sgiathan,
‘S nach tigeadh nial ‘chuireadh grian fo chleòchd.
Ach bha mi aineolach air mo nadur,
Is air an fhàsach ‘tha lan do bhròn,
Is gu’n d’ thuit Iosa gur h-ann tre amhghar
A theid a chairdean a steach do gloir.