Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1915 » February 1915 » Domhnull MacAonghais

Domhnull MacAonghais

(1841-1871.)

THUG sinn, air a’ mhios a chaidh seachad, Oran no Dan urramach dhuibh, a chairdean, r’a leughadh a rinneadh le gille og, gealltanach, a chriochnaich a thurus o cheann dà fhichead bliadhna is tri—Domhnull MacAonghais, ‘bha ‘san Drumbuie, sgire Lochaille. Gheall sinn gu’n tugamaid oidheirp air iomradh ghoirid a dheanamh air an oganach mheasail so air a’ mhios so, agus ‘sann le iartas a bhi co maith ri ar gealladh tha sinn a nis a’ gabhail am peann ‘na ar laimh. Is fearr leinn an t-iomradh so a dheanamh anns a’ Ghaedhelic na anns a’ Bheurla, air son da aobhar: ‘S docha gur h-i a’ Ghaedbelic a chanail is fearr a thug eas a’ chuid as mo de’n mbuinnitir ‘nar measg a bha eolach air Domhnull MacAonghais; agus, a ris, ‘sann ‘sa Ghaedhelic b’ fhearr le Domhnull MacAonghais fhein a smuaintean a chur sios, eadar am b’ann ‘an rann no’n rosg, ged bha e ‘na dheadh sgoilear Beurla.

Rugadh Domhnull MacAonghais mu’n bliadhna 1841 ann am bailteachas an Drumbuie. B’è an leanabh a bu shine de theagh-lach Iain MacAonghais agus Isabel Camshron, a bhean phosda, càraid aig an robh an comhnuidh anns a’ bhaileachas a dh’ainmich sinn. Tha e soilleir o’n Dàn a thug sinn seachad air a’ mhios a chaidh, gu’n robh strìean an Tighearna air am mothachadh le Domhnull d’ur bha e gle og. Ach mar bha e fas suas ‘na ghille, dhearbh e gu’m feumadh e, airson e a bhi air a thearnadh, tuilleadh na strìean. Chaidh e, d’ur bha e ‘s na bliadhnaichan deug dh’aois, gu Lochcarron, a dh’ionnsachadh na saorsainneachd, mar a cheaird; ach ‘sann bha an inntinn a bh’aige anns na h-amannan sin g’a ghluasad gu roghainn a dheanamh dhe na cuideachdan diomhain air thoiseach air sluagh Dhe. Seadh ‘sann a dh’ aobharaich an talann a thugadh dha gu nadurra mar bhard, agus a’ chridhealas, ‘sam blathas, a bha nadurrach dha, gu’r h-ann a bha e aig an am so dhe a bheatha air ceann nan cuideachdan diomhain. Ach bha rùinte an graidh aig a’ Chruith’ear d’a thaobh. Mu’n robh e fichead bliadhna dh’aois, chaidh e fhein agus dithis de ‘chompanaich air Sabaid Comanachaidh o Lochcarron gu Airdeilbh, far an robh an t-Urr. Iain Macrath (Mor) gu ‘bhi a’ searmonachadh. Tha e air aithris gu’r h-e a thubhairt e r’a chompanaich air maduinn na Sabaid ud, agus e ag iarradh orra ‘tighinn comhladh ris gu Airdeilbh; “thugainn” ars esan, “an diugh is gu’n cluinn sinn Macrath Mor a’ greasadh nan con”; caimnte tha sinn a’ cur air chuimhne ann an so a mhain airson mar tha i a’ nochdadh nach’eil slainte o’n ti a ruitheas, no o’n ti a thoilicheas, ach o Dhia a ni trocair. Ann an cùrsa a shearmonachaidh air an t-Sabaid ud ‘an Airdeilbh, thubhairt an t-Urr. Iain Macrath, agus an triuig oganaich ud ‘ga eisdeachd, gu’n d’ thainig triuir oganaich a dh’fhanoid air an fhear-teagaig a dh’ionnsuidh an aite ud an là sin, ach mu’n d’ theidheadh cuid dhiu a mach as a’ choithional gu’n d’ theidheadh annta nach d’ theidheadh
asda gu là am bais. “Agus” theireadh Domhnull MacAonghais, an deigh sin, “bha e cinnteach mu mo dheighinnsa, oir chaidh sin annam a là sin, nach ‘eil e cosmhùil gu’n teid e asam gu là mo bhais.” ‘Se mur bha, a thaobh na buaidh ‘bha aig teagasg an Teachdaire urramaich ud air Domhnull an là ud, nach b’urrainn e eiridh, as an aite anns an do shuidh e, gun chobhair o mhuinntir eile, agus bha e, mar a dh’fhaodaichte a chantuinn, fo obair lagha mu bhlíadhna as deigh sin mu’n d’ rainig air saorsa an t-soisgeil. Chuir e dheth an t-saorsainneachd, ag radh, gu’n deachaidh a chiurradh, agus mu thimchioll na Calluinne, an deigh dha an t-Urr. Iain Macrath a chluinntinn le leithid de bhuaidh, ‘sann thainig e dhachaidh gus an Drumbuie. Bha duil aig na seann chompanaich ghorach a bha aige roimh so, agus aig nach robh fios air an atharrachadh inntinn a fhuair Domhnull, gu’r h-ann a thainig e dhachaidh aig a’ bhlíadhna Uir gu ‘bhi air ceann nam ballaichean dannsa, mar a b’abhaist da a bhi. Ach ‘sann a spar esan air a pharantaibh, na’n tigeadh neach dhe a sheann companaich g’a iarraidh, gu’n abradh iad nach robh e gu dol a mach an oidche sin, agus gur h-ann a ghabh e a leabaoidh. Thainig Domhnull MacAonghais ann an sin gu luach mor a chur air pobull an Tighearna, agus gu h-araidh air Isabel Murchison, mu’m faod sinn a radh gur h-i a bha ‘na ban-altruinn dha anns na laithean eiginneach ud. Tha sinn duilich nach’eil e ‘n ar comas iomradh shoilleir a dheanamh air mar thainig e gu a bhi air a shuidheachadh air Criosd, carraig nan àlach, ach tha e ro shoilleir gu’n d’ thainig e gu a bhi a’ seilbheachadh saorsa an t-soisgeil mu thimchioll air bliadhna an deigh dha an t-Urr Iain Macrath a chluinntinn ann an Airdeilbh. D’ur a dheonaich an Tighearna gu’m biodh a ghradh fein air a dhoirteadh mach ‘na chridhe, ‘sann dh’arr Domhnull gur h-ann a rachadh e air aghaidh gu luaidh a dheanamh air a’ ghradh so do mhuinntir eile, agus, na’m b’e sin toil an Tighearna, do na fineachan fiadhaich, nach cual riamh iomradh air Criosd. Bha e gu nadurrach ealanta, agus eadhon mu’n deachaidh e a dh’ionnsachadh na saorsa inneachd bha deadh sgoile Bheurla aige. Ach bha e ag iarraidh gu’m bitheadh aig fòghlum minsteir, agus mar a’ cheud cheum gu tuilleadh fòghlum a thogail, chaidh e, airson uine ghoirid, gu aite ris an abrar an Dùnan ann an sgire an t-Strath ‘san Eilean Sgith-eanach, gu a bhi ‘na mhaighstir sgoile ann an sin. An deigh beagan miosan a chur seachad ‘san Dùnan, chaidh e air aghaidh gu Dara Sgoil ann am baile Abereadhainn. An deigh dha geamhradh a chur seachad anns a’ bhaile sin, fhuair e aite mar fhear-teagaig o na mnathan uasal, aig an robh, ‘s na h-amannan ud, na h-uiread de sgoilean air feadh na Gaidhealtachd, agus b’ann do Challecille ann an sgireachd na Comraich chuir na mnathan uasal e an toiseach, seadh agus an deigh dha tighinn do Challecille an toiseach, bha e gach samhradh a’ teagasg na cloinne bige ann an Callecille, gus an do chriochnaich e a thurus air thalamh. Fhuair e e fhein gu mor aig an dachaidh, mar their sinn, ann an Callecille o’n toiseach, agus cha robh sin ‘na ioghnadh, oir bha prasgan
de fhiar shluagh Dhe anns na bailtean ud an uair ud. Gun cuid tha fathast beo ainmeachadh air an ainm, bha anns an àm ud beo ‘an Callecille, no mu’n cuairt air, daoine urramach mar-bha Fearchar MacBheathaig, agus a mhac, Iain, agus mnathan urramach mar a bha Bean Fearchair MacBeathaig, Barbara Nic Bheathaig ‘san Lòn bàin, Mrs. Fiulaston ‘san Lòn bàin, Mairi Nic Rath, ‘san Lòn bàin, Grace Fiulaston ‘an Sand, agus feadhainn eile nach ruig sinn air ainmeachadh an tràth so. ‘Sann ‘se fagail na Comraich airson a dhol gu deas gus an Oil-thigh, chuir e ri cheile ann an 1867 na rainn a leanas, agus airson iad a bhì a’ nochdamh an ceangal graidh a bha eadar e agus sluagh Dhe ‘bha air a’ Chomraich ‘s na h-amannan ud, cuiridh sinn ann an so air chuimhne iad:

Mar tha mi ‘s mi muladach,
‘S gur duilich as ‘nur deigh mi,
‘S mi nise a’ dol air astar uaibh
A mach gu ruig Duineidin.

Is o na rinn sinn coinneachadh
Bha ar comuun reir a cheile,
‘Sa nis a’ dol a dhealachadh
‘Nam fhaireachadh ‘s ro gheur e.

Ach ‘se tha so gleann Baca,
‘S troimh ‘n fhasach gu’n teid sinn,
‘Sa ruig sinn tir Chanaain,
Far nach ‘eil luidhe greine.

Ach leigibh leam ‘ur fagail,
‘S na saraichibh ro gheur mi,
Oir ma se toil an aird Righ e,
Bheir am Mairt gu cheile sinn.

Na bithibh-sa an gruaim rium,
Cha chruaidh leibh na leam fein e,
‘S mo chridhe an coinneamh sgaineamh,
‘S e bàite lan do chreuchdan.

Ach na rinn gaol an t-saoraidh
Dhiu aonadh r’a cheile,
Cha dealaich beath’ no bas,
O’n ghradh a t’ ann fein iad.

Gheibh iad anns an fhasach
De ‘ghras ‘na bhios feumail,
Is gheibh iad fathast ardachadh,
‘S a Chanaain neamhaidh.

‘S mar thubhairt Eoin an Diadhair,
Bithidh iomhaigh gu slan orr’,
Is dealraidh iad mar reulan,
‘S cha tig nial gu brath orr’.

Beathaichidh an t-Uan iad
A fuaran na slainte,

‘S bithidh iad air an suaineadh,
Gu suaimeach ‘na ghradh-sa.

Gu’n deonaich E ‘na ghras dhuinn
Bhi ladair ann fein,
‘S gu’n toir E dhuinn de’n ungadh,
Na chumas dluth ris fein sinn.

‘S ma bheir E dhuinn de’n ungadh
Na chumas dluth ris fein sinn,
Gheibh sinn uaith air cùl sin,
Na chumas dluth r’a cheile sinn.

‘N am b’ aithne do’n t-saoghal,
Aonadh do threud’sa,
Cha bhitheadh iad ‘gan caineadh,
Air son bhi ‘n dàil a cheile.

Oir thubhairt ar Fear-saoraidh,
‘S ann le ‘ur gaol d’a cheile,
Dh’ aithnicheas an saoghal
Gu’n d’aon mi rium fhein sibh.

Nach toir Thu dhuinn an t-ungadh,
Tha ural is feumail
Is bithidh sinn air do chùl’aobh,
‘S na h-uile taobh do’n teidear.

Ach thig mi gu co-dhunadh
‘S b’e mo dhurachd gu leir dhuibh
Gu’m bitheadh sibh air ar dunadh
Ann an cumhnant na reite.

Tha e air innseadh dhuinn gu’n d’aithris Domhnnull MacAonghais na rainn ud do Isabel Murchison d’ur a thaghail e ‘san Drumbuie agus e air an t-slighe o’n Chomraich gus an Oil-Thigh ‘san taobh deas. ‘Se thubhairt Isabel an deigh dba falbh :

Na’m bitheadh agam sgiathan,
Mar ian anns na speuran,
Rachainn air Di-Ciainn
Is bhithinn shios an Duineidin.

Is iongantach do bhuadhan,
Is suaire thu mar chreutair,
‘S fear teagaig air a’ chloinn thu,
Is loinn air an treud thu.

Tha mi a’ deanamh dheth gu robh tuilleadh na dà rann air an cur r’a cheile le Isabel Murchison anns an Dan a rinn i ann an rathad freagraidh do Dhombnull MacAonghais, ach cha do chual mise riabh dhiu ach na rainn ud, agus is maith leam gur h-urrainn mi na loineachan ud fhein a chur air cuimbne de bhardachd na h-ighinn còire.

( Ri leantuin. )

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Enter in at the straight gate 17 May 2026
  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice