BY THE LATE ALEXANDER COOK, MISSIONARY, SALTCOATS.
THA mis’ an tràth so a ‘m fàsach fuar,
Far am bheil Sàtan a’ dol mu ‘n cuairt,
Mar leomhan bheucach, a ghnàth a saothrach,
A chum na caoraich a shlugadh suas.
O ‘s ann a tha ‘m féum aig luchd aoraiddh ‘n Uain
A bhi daonnan ri sbairne chruaidh,
Is focal Dé, ‘tha na chlaidheamh géur,
A chumail daonnan ‘s ann as a thrùail.
‘S tric a shaoil mi nach fhaighinn buaidh,
‘Nuair a shéideadh a ghaoth ro chruaidh,
Is ‘bhiodh naomhachd do lagh ro-fhiorghlan
Ga mo dhiteadh le bagradh chruaidh.
O! bu bhrònach an sin mo staid;
Bha do naomhachd a’ teachd a lathair,
‘S do shùilean ghloirmhor, ‘tha uile-leirsinneach,
‘Dol troimh mo chreuchdan anns gach àit.
Bi canain m’ anam an sin, gach uair,
“Cait an teid mi, g’ am fholach uair?
Ged luidhinn shios ann an ifrinn féin,
Bhiodh t-Uile-leirsinneachd orm mu ‘n cuairt!”
Bha fear-nam-fiachan an sin gu dlu,
Ga mo dhiteadh an ‘iomad chìs,
‘S ged luidhinn shios ann an geimhlibh shiorruidh
Cha toirinn dioladh dha co-dhiù.
‘S tusa, Shinai, ‘bha ro-theann,
‘Nuair a shéideadh tu os mo cheann!
Bha fuaim do thròmpaid gu ro-chruaidh
‘S gun d’ chrionaich an sluagh a bh’ anns a champ.
Ach ‘nuair a chaill mi mo neart gu leir,
‘S mi marbh do ‘n lagh, leis an lagh e féin,
Gun duil ri tròcair no ri naomhachd,
Ach a bhi gu slorruidh ‘fulang pèin.
Bu mhòr do thròcairean dhomh ‘s ‘an àm!
Nach d-fhag gu slorruidh mi gu bhi caillt’,
Ach a ghlaodh ruim, “tha fathast dòchas,
‘S tha cuirm bheò ‘s ann air bòrd na bainns’.
“Dheasuch an Righ ‘s ann d’ a Aon Mhac féin,
Suipeir shiorruidh, is chuir E’n céill,
‘Na h-uile ‘s aill leo, a ta iad fàilteach,
Bidh ‘Mac ‘s na dighibh aig an fhèisd.’
“Feuch nach diùlt thu, a pheacaich thruagh,
Oir dheasuch Dia airson mòran slhuagh.
Ged thig na milltean, is iad ro chiocraich,
Ni beannachd Chriosde na builinnan buan!”
Cha chreidinn faidhean, no cairdean Dé,
Gu’n gabhadh Criosd’ ri neach cho-bréun:
‘S ann a shaoil mi gu ‘m feuminn paigheadh
Airson an t-saoibhreas tha iomlan saor.
Ach, air úghdarras Righ nan Sluagh,
Chaidh ‘n t-slabhraidh òr a leigeadh’ nuas,
‘S gach linne bheò air an ceangal comhla,
‘Sair an dath le tròcairean fuil an Uain.
Thòisich piosgail an sin a ‘m chom,
Oir thàinig Dia ‘s cha robh ‘ghealladh lom,
Ach bha E beò, ag radh, “‘s tusa an deoiridh!
Tha fathasd tròcair, mu thig thu lom.
“Tha t-uile fhìreantachd ‘s oibrean féin,
Mar luideag dhiblidh, an sealladh Dhé;
Ged tha na milltean, fuidh an didean,
A gealltuin sith dhoibh anns a bhreig.
“Tha iomad cealgair, le aidmheal mhòir,
A dh-fhòghnas ainn leo a bhi beò;
Tha sgàil na diadhaidheachd air am briathra,
Ach ‘s iad na diabbuil iad fuidh an cleòchd!
“Gheibh sibh eòlas air cairdean Chriosd—
Ged chi iad Noah aig feisd an fhion,
Le falluig àluinn de ‘n ghràdh bhràthrail,
Ni Shem is Iapheth a nàir a dhion.
“Tha Ham gun ghràdh ann a chridhe fuar,
Gun suim do ‘n teaghlach, gun ghràdh do ‘n Uan,
A deanamh gairdeachas ann a nàire,
Is cliu a chairdean ga thilgeadh uaith.
“Is iomad Iudas tha measg nan naomh,
Le cridhe dùbailt, is teangadh mhìn;
Anns na h-òrduighean tha iad ga phògadh,
Ach anns na clòsaidean tha iad gun Dhia.
“Na cuir an cùinneadh so measg an òir!
Oir dùltaidh Dia e ‘s an latha mhòr;
Ged ni e fuaim, agus mòran braghan,
Tha ‘chridhe ruadh, ‘s cha’ ‘n eil ann ach sgleò.
“Tha fuaim na naomhachd aig an òr,
Tha òmhaigh ‘n Righ air th’ ann an glòir’:
Bha aghaidh Mhaois, le a dhealradh siorruidh,
‘S nach b’ urrainn Isra’l teachd na chòir.
“Faigh an cùinneadh so, ‘s bidh thu beò!
Oir ni e cùis dhuit a ‘n chìrt na glòir’.
Cha n e bhi ‘s an dûthaich a ni dhiot Iudhach,
Ach ionmhas cûmhnant a bhi ‘n a d’ phoc.”
An sin thionndaiddh thu duilleag nuadh,
Is thaig thu Crionsda dhomh gu luath,
Is chuir thu iarrtuis is beo-mhiannan,
Mar am fiadh, ann am anam truagh.
An sin thuirt mise le m’ uile chridh’,
“Tha biadh gu leòir a’ n-tigh m’ athair chaomh,
Is ge chaidh mi air seachran truagh,
Gabhaiddh E truas dhiom ann an Crionsd.”
‘Nuair a chunnaic an t-athair caomh
An struiddh-fhear truagh sin a teachd a risd,
‘S ann a dh-fhosgail E ‘n sin a chom dha,
Airson Lomnochd is Umhlachd Chriosd.
‘Nuair thàinig ‘n t-àm anns an tug Thu buaidh,
Lub Thu na neamhan, is thàinig Thu nuas,
Is thilg Thu Sàtan ‘s a chuid àirneais,
Fuidh chumbachd bàis anns an Fhairge Ruadh.
Thug thu ròbadh a mach gu luath,
Agus chòmhdaich thu m’ anam truagh,
Agus shàsuich thu m’ anam ciocrach
Leis an iocshlaint ‘tha’ ‘m fuil an Uain.
An sin bha ‘n Soisgeul do m’ anam làn,
Is dhòl mi naomhachd is thuirt mi, “Ghràidh!
‘S Tus is fearr dhomh na deich mile
‘S fuidh sgàil t fhìrinn tha m’ anam blàth.”
Sheinn mi ‘n t-òran an sin gu luath,
Is mise daonnan a faotinn buaidh;
‘S a nuair a thòisicheadh cogadh géur,
Le t-armachd féin chuir mi orr’ an ruaig.
Bha m’ armachd sgartha an sin gach àm,
Is Righ-nan-dùl a dol thar mo cheann,
Anns an fhasach ga mo stiùradh,
Le Aingear a Chùmhnant thar a champ.
O! dean làidir mi, ‘Righ nam buadh,
‘N aghaidh Shatain ‘s a chuid sluaigh:
‘Nuair a shaol mi gu ‘n robh iad bàthte,
Bha uisge Mhara orm le fuaim.
Ach trid na buaidh thug thu, ‘Righ na Gloir’,
‘Nuair a cheusadh tu anns an fheòil,
Is t-fhuil ro-chraobhach a ruith o d’ chreuchdibh,
A chum luchd eucairt a thabbhàirt beo—
‘S ann trid na buaidh so a tha mo dhùil
Gum faigh mi tròcair, O Righ-nan-dùl!
‘S do bhudhan glormhor gun dean iad comhlach’,
‘S gum bi mi beo gu bhi seinn do chliù.