Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1915 » April 1915 » Beinn Shínaí

Beinn Shínaí

‘S i Eachdraidh Israel, gun cheist is fiora, agus, air ioma doigh, is ro-thaitniche, do sheann eachdraidh, a tha lathair. Is beag nach ‘eil toiseach eachdraidh gach cinnich eile air a filleadh ann ‘n neo chinnteachd, na fiosrach gun bhi fior ; ach feudaidh sinn am pobull Iudhach a lorgachadh air an ais gu aon athair, athair nan creidmheach, agus caraíd Dhe. An so cha ‘n ‘eil teagamh no neo-chinnteachd, ach air ar stiuradh le foillseachadh neamhuidh, feudaidh sinn rannsachadh gu ‘s na bliadhnnachan ‘s faide air falbh do dh’ aimsir chein, agus sealtein air Abraham, mac Thera, a fagail Ur nan Caldeach, ann an umhlachd do ghairm Dhe, agus le creideamh anns ‘s a gheallachd neamhuidh. Gun stad a chum a bhi toirt ‘n aire gu mionaideach air meudachadh comharaichte a shliochd, na air an saoradh grasmhor o ‘n Eiphit, agus aig a mhuiir ruaidh, greasaídh sinn air ar ‘n aghaidh, gus an am an d’ thanaig iad do dh’ fhasach Shínaí, agus ‘n do champaich iad fa chomhair na beinne.

Tha cuntas an t’ sealladh, mar a tha e air a sgiobhadh ann a’ leabhar Ecsodus, a’ giulan seula FIRINN agus CINNTEACHD, agus ann an tionndadh a thaoibh, aig uair sam bith, a chum beach lachadh air, tha sinn a faireachdain mar gu ‘n cluineamaid na docail air an aithris, a chaidh a’ labhairt ri Maois aig uair eile, “cuir dhiot do bhroga bharr do chos, oir an t-àit air am bheil thu a’ d’ sheasamh is talamh naomh e.” Cha robh riamh, ann an eachdraidh an t-saoghail, foillseachadh cho uamhasach air lathair-eachd, agus naomheachd Dhe. ‘Bha tairmeanaich ‘s tein-athair ann, agus neul tiugh air a Bheinn, agus guth trompaid, a rinn fuaim fhad, ‘s a dh’ fhas ni b’ airde ‘s ni b’ airde, agus bha Beinn Shinai air fad na deataich, oir thurling an Tighearna orra ann an teine, agus dh’fhéirich a deatach a suas, mar dheatach fúirneis, agus bha a bheinn uile gu ro mhor air chrith, ionnas gu’n do chriothnaich an sluagh uile ann ‘s a champ:—Deanadh an sgriobhadair, agus an leughadair, greim air cuid do ‘n spioraid dhomhain sholaimte, a rinn an sin mosgladh ann an camp Israel. Labhair gu deimhin, comharan uamhasach na morachd a thug mi fainear, lathair-eachd Dhe Israel, ach ‘s e an Dia ris am bheil againne ri dheanadh. ‘S e an Dia neo-chaochlaideach, an de, an dugh, agus gu siorruidh an ti ceudna.

Tha na deich aithneantan a bha ‘n sin air an toirt do Mhaois, air a bheinn, a chum a bhi air an deanadh aithnichte do Israel, gu ro-fheumail gun atharrachadh, agus a deanadh a suas riaghailt beatha, airson a chinne-daona, anns gach aimsir agus d’ùrhaich—annta tha briogh na riaghailt shiorruidh, ceart agus eucoir.

Tha spioradalachd lagh naomha Dhe air a dhearbhadh, le mineachadh ioma cuid deth, le ar Tighearna Iosa Críosd, na shearmoin air a bheinn, agus na ffreagairt do ‘n cheist, “Cia i ‘n aithne ‘s mo san lagh?” ‘N uair a ffreagairt agus a thubhairt e, “Gradhaichidh tu an Tighearn do Dhia le t-uile chridhe, agus le t-uile anam, agus le t-uile inntinn. Is i so a cheud aithne agus an aithne mhor. Agus is cosmbuil an dara rithe so, Gradhaichidh tu do choimharsnach mar thu fein” (Mat. xxii. 36-39).

Cia ioma mile a tha ann, a tha nochdadh le eusontas, agus mi-dhiadachd fhollaiseach, an aite a bhi a’ gradhachadh Dhe os ceann gach ni, a tha fuathachadh ainn agus ughdaras, aoradh agus a luchd aoraidh, a sheirbhais agus a sheirbhaisaich—agus a tha, ‘n aite a bhi a’ gradhachadh an coimharsnich mar iad fein, a sgrios socair, buannachd, agus cliu gach duine, a chum a bhi toileachadh am miann fein. Gu cinnteach cha rug sinn a leas stad gu bhi comharachadh a mach meud cionta’n leithidibh so do dhaoinne; tha i air a h’aideachadh leis na h’ uile, agus cha ‘n urrainn iad fein a h’aideachadh.

Cia ioma deich mile a tha ann, a tha trid inntinn shaoghalta, uabhar, fein-speis, na ceadachadh feolmhor, a ‘nochdadh gu ‘m bheil beartas, onoir, na solas na beatha so a toirt a suas a chuid is mo da ‘n aire, agus an ard mheas, ‘n uair nach eil Dia na ‘n uile smainteanain; a tha do reir cleachdaidh ‘g aicheadh Dhe, a teachd beo gun Dia anns an t’ saoghail, gun mhothachadh air earbsa ann, gun toinig sam bith air an comain da, no aideachadh air a mhaiteas ; gun drughadh air a lathaireachd, aithneachadh air ughdaras, iarruidh air fhabhar, gradh da ainm, iomagain airson a ghloir—gu h’ aithghear, gun gheur-mhoothachadh eifeachdach sam bith air a Bhith. O, Cia Ciontach a tha ‘n leithidean so do dhaoinne, ann an sealladh an Dia sin a tha ‘g iarruidh orra esan aideachadh na ‘n uile shlighibh, agus a thubhairt, “gach ni air bith a ni sibh, ann am focal no ann an gniomh, deanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Iosa, a’ toirt buidheachais do Dhia, eadhon an t-athear tridsan” (Col. iii. 17).

Ach far nach ‘eil aon chuid, mi-dhiaidhachd fhollaiseach, no cleachdadh dearmadach air Dia, feudaidh moran cionta eiridh, araon ‘o gun a bh’ a co-aontachadh, agus a briseadh lagh Dhe. Treorachaidh gradh comhlionta do Dhia, mar a tha a’ lagh, gu ceart agus gu h’iomlan, ‘g iarruidh, gu umhlaichd comhlionta da ughdaras, agus bhiodh teachd-gearr, an cuid sam bith dheth, gu h’ eufeachdach a briseadh an lagha, agus gu ‘m fagail buailteach do fheirg agus do mhallachadh an Uile Chumhachdaich, a thug seachad an lagh ; oir mar so ata e sgriobhta, “Is malluichte gach neach nach buanaich anns na h’uile nithibh, ata sgriobhta ann an leabhar a lagha chum an deanamh” (Gal. iii. 10).

Am bheil lagh Dhe a ceadachadh cionta ann an suidheachadh sam bith? Am bheil e a ceadachadh teachd-gearr? Cha ‘n urrainn e bith : tha lagh Dhe coimhlionta ; agus nam biodh a leithid so do ni air a cheadachadh, co a b’urrainn a chroich gus m biodh e air a ghiulan a shocrachadh? A thuilleadh, a’ bheil Dia, ann a bhi ‘g iarruidh mor-gradh, agus umhlaichd choimhlionta d’a thoil, ‘g iarruidh tuilleadh ‘s na bha dligheach dha, no ‘n urrainn e bhi toilichte le ni ‘s lugha? Tha gach beachd araon neo-chomasach. Suarach is ge do smuaintaicheas cuid do dhaoinne mu pheacadh, agus searbh agus mar a shaoleas iad duais na doruinn shiorruidh mar a pheanas, bu choir dhoibh a chuimhneachadh, gur e direach ar-amach an aghaidh uachdaranachd Dhe, agus nam biodh iad gun srian agus gun pheanas, chuireadh iad mi-raghalt air feadh an domhain, agus thilgeadh iad bun-oscionn cathair an Uile Chumhachdaich. O smuainticheadh an leughadair uaa ta air fein, mar ann an ceartas, airson a theachd gearr do aireamh, agus a chionta, buailteach do mhallachadh an lagh bhriste—”do ‘n fheirg ata ri teachd.”

Agus fui? ‘n mhothachadh so, tionndadh e aire gu Beinn Shinaí, agus smuaintaicheadh e air comharan eagallach na morachd uamhasach, a bha air an nochdadh ann an sealladh Israel uile, ‘n am a bhi a mhain a toirt seachad an lagha. O ! Cia co mor ‘s uamhasaiche ‘s eigin doibh so a bhi, ‘n uair a thig ‘n Ti ‘s airde gu dioladh a dheanadh airson onoir a lagh bhriste ! Gu cinn-teach ‘s eigin gum bi e na ni eagallach, tuiteam ann ‘n lamhan an De bheo? Co ‘s urrainn e fein a chrudhachadh an aghaidh Dhe agus soirbheachadh? Co ‘s urrainn dol as o rannsachadh an Ti sin, a tha lé lathuireachd a lionadh neamh agus talamh, agus o fhanuis nach ‘eil aig ifrinn fein comhdach? Co ‘s urrainn cuir ‘n aghaidh neart ‘n Uile Chumhachdaich? Am bheil agadsa o pheacaich gairdean cosmuil ri Dia, no ‘n urrainn thu tairmeanach le guth cosmuil risan? Nach d’ thubhairt e, “ma gheur-acheas mi mo chlaidheamh lasarach, agus ma ni mo lamh greim air breitheanas, iocadh mi dioghaltas do ‘m naimhdean, agus duais dhoibhsan a dh’ fhuaitheacheas mi?”

Rinneadh an claidheamh lasarach sin a tharruing eadhon ann an Eden, agus a chuir ‘n sin gu bhí a coimhead na slighe gu craobh na beatha; rinneadh a gheurachadh mar an ceudna, agus a sgùradh air Beinn Shinai, agus ni e mort craiteach mu dheireadh, ‘m measg naimhdean an Tighearn. O! Co ‘n inntinn ‘s urrainn a smaintachadh? Co ‘m peann ‘s urrainn cuntas a thoirt, air oilt uamhasach, a mhort sin? agus cia co cloaidhteach ‘s a tha ‘n smaintinn, gu ‘m bi iad gu siortuidh, far nach basaich a chnoimh, agus nach muchar an teine! Chaidh a radh gu ceart, “Ni so ifrinn na h-ifrinn.”

Feoruicheadh an leughadair ma seadh deth fein, mar ann a’ lathair Dhe, nach d’ rinn mise ioma ni nach bu choir dhomh a dheanamh, agus nach d’ fhag mi gu ‘n deanadh, ioma ni a bu choir dhomh a dheanamh? Nach ‘eil mise air mo dhiteadh mar chiontach, ann an smuainte, am focal, agus an gniomh, leis an lagh, agus air an aobhar sin a seasamh buailteach do ‘n mhallachadh uamhasach so? O! na cuir ‘n fheoruch sholaimte so uait—O! na cuir dail innte—na cuir a’ faoineas gnothuichean na sioruidheachd—na meall thu fein: Rinn Dia, ann ‘m mor throcair, aithnichte ar cunnart, a chum ‘s gu ‘n teicheamaid airson dion, a dh’ionnsuidh ‘n dochais a tha air a chuir fa ‘r comhair anns ‘n t’ soisgeul.

Aon do na meadhonan gu muladach ‘s cumhachdaich a tha air an gnathachadh le namhaid anamaibh, a chum daoine a chumail fuidh a dhaorsadh, agus buailteach do ‘n mhallachadh eagallach so, se sin a bhí a folach o ‘n sealladh, reachd uamhasach agus gun-atharrachadh lagh naomha Dhe, agus mar so ga ‘n toirt gu bhí toilichte le sith bhreige, agus gu bhí ‘g altram dochas mearaichdach, a nochdadh sealladh sgiobtaireal do Bheinn Shinai a bhí mealltach. Feudaidh nach bi e gun bhuannachd cuid do na beachdan neo-sgiobtaireal so ainmeachadh, leis ‘m bheil daoine a’ dealbh r’ n cogais a chumail aig socair, fuidh bhí ‘g aideachadh peacadh.

Mar eisimplair, tha moran a cumail an cogais ann an sith leis na smuaintean gu bheil Dia trocaireach, agus air an aobhar sin nach ‘eil fath eagail doibh: Tha Dia gu deimhin “iochdmhor agus agsmhor, fad-fhulangach, agus pailt ann an caoimhneas am firinn, a’ gleidheadh trocair do mhiltibh, a’ maitheadh aingidheachd agus eusaontais, agus peacadh,” agus an fhirinn ghormhor so rinn e aithnichte eadhon air Beinn Shinai, faic Ecsodus xxxiv. 6, 7, ach ris a sin chuir e, “agus nach saor air aon doigh an ciontach.”

(Ri leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice