(1841-1871.)
(Air a leantuininn o t. d. 402.)
D’UR a rinn sinn an t-iomradh mu dheireadh mu dheighinn an oganaich dhiadhaidh, Domhnull MacAonghais, ann am Februari, cha robh duil againn gu’m bitheadh sinn cho fada gun ‘bhi a’ toirt gu co-dhùnadh ‘na bha sinn a’ runachadh a’ dheanamh a luaidh air aig an àm so; ach, airson aobharan nach ruig sinn a leas a nis a chur ann an clòdh, b’ fheudar duinn an nì a leigeil thairis airson beagan mhiosan.
Ann an dàn a thug sinn dhuibh uaith, ann am Februari, rinn Domhnull iomradh air e a bhi a’ dol a Dhuineidin, d’ur a dh’fhag e a’ Chomraich ann an 1867. Ach ‘de air bith a bha g’a thoirt a Dhuineidin aig an am sin, ‘s ann air Glaschu bha aghaidh mu dheireadh, oir ‘sann ‘an Oil-thigh Ghlascchu, agus ann an Talla na h-Eaglais Saoire ann an Glaschu, ‘fhuair e ‘fhoghhlum, mar neach a bha ag ionnsachadh airson na minstreileachd, gu h-iomlan. Ach Earrach an deigh Earrach, agus bliadhna an deigh bliadhna, ‘sann gus a’ Chomraich a bha e a’ pilltinn, d’ur a rachadh an Seisan, ‘san Oil-thigh no ‘san Talla, seachad. Agus nochd gràs an Spioraid, ‘na chridhe, e fhein gu mor da thaobhsan, anns a’ mheas a chuir e air meadhoanan nan gràs, mar bha iad sin air am frith-ealadh ‘na là air a ‘Ghaidhealtachd, agus anns a’ mheas a bha aige air sluagh Dhé. Agus mar bu ghnàth, fhuair smuaintean a chridhe, d’an taobh sud, caimnt anns na dàin. Mar eisimpleir air a’ mheas a bh’ aige air meadhoanan nan gràs, leughamaid an dàn so a leanas, a chuir e ri cheile anns a’ bliadhna 1868. Ars es:
“Air dhomh bhi ‘g imeachd ‘an ionad bòidheach,
Air feasgar samhraidh ‘s an t-alt ri crònan,
‘Sann dhuisg mo smuaintean gu luaidh is comhradh,
Mu dhoigh an t-shluaigh so, air uairibh òrduigh.
Tha cleachdamh àraid a ta ro òirdheirce,
Am measg nan Gaidheal air laithibh òrduigh,
Chi sinn an sluagh a’ tighinn a nuas ‘nan òrlaich,
A chum nan sliabh, ‘s iad ag iarraidh eòlais.
Cha luaidh a dh’innsear a mach o’n chùbaid,
Gu’m bheil an t-òrdugh gu ‘bhi ‘san dùthaich,
Na gheibh sud sgiathan mar ian, ‘s e siubhlach,
‘S bith ‘dh ‘n tir air ghlusad chum teachd g’a ionnsuidh
Thig air muir iad, ‘s thig air tir iad,
Ri fuachd is sneachd, is neart na sìne,
Theid aitean comhnuidh air doigh, ‘s gach ni, dhoibh,
‘S bith ‘dh blàth ‘s is caidreamh air fad na sgire.
‘S ged thig cuid dhe ‘n tha sud gu h-eutrom,
‘S iad fhathast air seacharan air an aonach,
‘S tric a chual, aig na h-uairibh gaoil so,
Iad sgeul nach d’ fhuair iad a chur a’m faoin eas.
Is tric a chual iad an guth ‘ta làidir,
A’ teachd gu buadhach o’n Ti a’s àirde,
Air chor ‘s gu’n ghlaodh iad, ‘an saothair chràitich,
O ciod a ni sinn, is sinn gun teàrnadh?
Is tric a chual, aig na h-uairibh ceudna,
Aig àm an cruaidh-chais, ‘s gach ni ‘gan treigsinn,
Iad focal fuasglaidh, le buaidh is eifeachd,
A chùm a suas iad, air cuan na h-eiginn.
Is tric bha coinneamh an sud aig càirdibh,
Mar ‘bh’aig Elisibet is Mairi,
Is tric a dh’ung E as uir an cnàmhan,
A chum an ùrachadh anns an fhàsaich.”
Mar a bhitheas cuimhne aig a’ mheud ‘sa leugh an t-iomradh a rinn sinn air iompachadh Dhomhnuill MhicAonghais, bha aobhar aige-san, co dhiubh, air a shon fein, a leithid sin de bheachd a bhi aige mu ordughean an t-soisgeil.
Ach a nis air son eisimpleir air a’ mheas a bha aige air co-chomunn sluagh Dhe, leughamaid an dàn so eile. Ars es:
“Air dhomh ‘bhi ‘san t-samhradh,
‘S na gleannta mu thuath1
‘S ann a thuit mi air àite
‘S an robh cairdean do’n Uan,
Cumail cuimhne air a ghradh-sa
‘Tha ardaichte shuas,
Ach a dh’ fhuiling am bàs
Ann an àite a shluagh.
Cha b’ ann air an t-saoghal,
‘S air fhaoin eas gun stath,
Bha iadsan a’ labhairt
A th’ agam a’ m’ dhàn.
Bha gach aon ‘cur an céill,
Mar a dheilig ris gràs,
‘S mar a fhuaradh leis anam
Air carraig nan àl.
‘S ann an sud ‘bha an comunn
‘Bha loinneil gu leir,
Air an tionaill le gràdh
As gach aite ‘n deach iad,
Thug E’ dh’ ionnsuidh a bhuidh iad,
‘S ann an cumhnant ris fein;
‘S ta beo ann an gaoil,
‘S ann an aonadh ri cheile.
1‘Se sin, air a’ Chomraich.
Bha seann duine o’n tuath ann,1
‘S bu shuairc leam a ghnuis,
Ged a thainig a’ mhaduinn,
Cha robh cadal ‘na shuil,
‘S ‘n uair a dh’ iarradh gu falbh,
‘S ann a thoirmisg e a’ chuis,
O nach còir a bhi sgith,
Dhe ‘bhi seinn air a chliù.
Tha buannachd da riridh,
Do fhiar chloinn nan gràs,
A bhi beo ann an aonadh,
‘S ann an caomh cheangal graidh,
Oir thubhairt E fein,
‘S chuir E seul air le ‘laimh,
Gu’n doirt E orra beannachd
A mhairesas gu brath.
Nach bu chòir do na cairdean,
A ghradhaich E fein,
‘Rinn E a cheannach ‘sa phaidheadh,
‘S thearnadh ‘n am feum,
A bhi ‘siubhal na fàsaich,
Mar a dh ‘aithne E dh’a threud,
‘S bhi nochdadh do’n t-saoghal
Gur caomh leo a cheile?”
Tha e soilleir gu’n d’ fhuair Domhnnull MacAonghais tomhas saoibheir de Spiorad na h-uchd mhaachad, agus nochd an inntinn a fhuair e i fein ann an gradh d’an chloinn, agus, mar an ceudna, ann an aoibh-neas, anns nach robh co-roinn aig coigrich. Ach, mar is minic a thachair dh’an leithid sin, cha robbe ‘na choigreach air a bhi a’ dol domhain sios ann am bròn. Bheir sinn aon eisimpleir seachad dhe’n t-shuidheachadh sin, a dh’aínmich sinn a nis, agus le a sin bithidh sinn a’ toirt na h-iomraidh so gu co-dhunadh! Air dha ni eigin ‘tachairt air a chiùrr e, chuir e an cèill inntinn mar so:
“Tha mi sgith dhe an t-stri,
So an tìm dhorùinneach.
(Air fon: Tha mi sgith m’ onaran.)
Tha mi sgith dhe an inntinn,
‘Tha pilltinn do sholàsan.
Tha mi sgith, etc.
Tha mi sgith dhe na h-aigean,
‘Tha sapraid an comhnuidh riut.
Tha mi sgith, etc.
1 Fearchar MacBheathaig. Bha a’ choinneamh ud ann an tigh Bantrach Alastair, a’ Chùbair, a bha air an t-sraid ‘s a Chomraich.
Tha mi sgith dhe an chruas,
‘Tha ‘toirt fuachd ‘s reòtachd leis.
Tha mi sgith, etc.
Tha mi sgith dhe an chridhe,
‘Tha sligheach ‘na dhoigheanan.
Tha mi sgith, etc.
Tha mi sgith dhe an phlaigh sin,
‘Tha grannd’ is breoite leat.
Tha mi sgith, etc.
‘S i ‘n t-as-creideamh a chuirr mi,
‘S dh’fhag crùbach a’m bhròinean mi.
Tha mi sgith, etc.”
Agus mar sin sios air son timchioll air fichead rann eile a bharrachd.
Ach cha lean sinn a bheag na’s faide aig an am so. Saoilidh sinn gu’m b’ fhearrd air ‘n anam an t-eolas a thainig sinn, tre chaoimhneas piuthar Dhomhnuill MhicAonghais (Mrs. Fraser), gu ‘ghabhail air an inntinn a fhuair Domhnull o Dhia, agus bithidh duil againn gu’n cuir cuid eile, a leughas an t-iomradh so, an Amen ris a sin.
An deigh do Dhomhnull MacAonghais ach beag a dhol troimh an fhoghluim a dh’ fheumadh e airson na ministeirealachd, ‘sann a bha e air a ghairm gu seirbhis an tigh a’s àirde.
Chriochnaidh e a thuras ann an Glaschu anns a’ bliadhna 1871, d’ur nach robh e ach deich bliadhna fichead a dh’aois.
I. R. M.