- Tha timchioll air dà bhliadhna dheug o’n chuir-eadh an Cumha so ri cheile leis a’ bhan-bhard, a’s ùghdair da.—I. R. M.
THA aobhar Chriosd, ‘n-ar measg, cho ìosal,
‘S nach beag a’ chianalas e ‘san uair;
An fheadhainn chiatach, a bha togail fianuis,
‘Gan leagadh ìosal uainn, anns an uaigh.
Am flùirean àluinn, Macrath a’ Bhràighe,
Cha bheag an cràdh dhuinn, a bhàs ‘san uair;
Is Domh’ull Macàì, cha dean suas a’ bhèarn aca,
Ach Righ na slàinte, o’n thug E a’ bhuaidh.
Cha b’e àileas an t-saoghail, a tha làthair,
Am maith a b’ fheàrr leis, a thabbhàirt d’a shluagh,
Ach gheibh iad saoibhreachd tìr Chanaain,
Ag òl, a ‘lànanchd; ‘s cha tràigh an cuan.
Dh’ fhaodainn mòran de chàirdean aireamh,
A chaidh gu Pàrras, ‘s dh’ fhàg an fheoil,
Is fhuair iad pailm, a chur ‘nan làmhan,
‘S cha’n fhaigh an nàmhaid gu bràth ‘nan còir.
Is Coinneach àluinn, a bha a’n Geàrrloch,
A thog an t-Ard Righ gu ‘dhachaidh bhuan,
Cha d’ rinn E ‘fhagail, o’n ‘se a b’ fheàrr dha,
A bhi anns an àite, ‘s am bheil an t-Uan.
‘San dithis chliùteach, ‘bha air Leathad Uidrigill,
‘S mòr an t-ungadh, a bha orra o shuas,
Bu bràithrean dùbailte iad, is cloinn a’ chumhnaint,
‘S cha bheag an t-ionndrain iad, as an t-sluagh.
Is an Teachdair dileas, a dh’ thalbh a Sildeag,
Gu’m b’ airde os cinn e, ‘na chaidh a luaidh,
Gur mòr a’ bhrigh, a bha ‘na theagasc priseil,
‘S gu bheil a’ Sgireachd da rireadh truagh.*
* Bha so air a chantuinn d’ur bha an Comh-thional gun Mhinisteir.—I. R. M.
Ach ‘smòr mo dhùil, gu’m bheil coslas diombaiddh,
Aig Righ nan dùil ruinn, an diùgh mar shlùagh,
An fheadhainn fheumail, ‘bha ‘measg na treuda,
‘Thoirt gu ceann an réise, ‘san cath cho cruaidh.
Tha ‘nis deich bliadhna, o’n thogadh fianuis,
An aghaidh riaghlaiddh, a bha cho truagh,
Ag iarraidh ‘m Bioball, a bhi gun bhrigh aca,
Ach laghan milteach, gu sgrios an t-sluagh.
‘Se tha mi ‘gjarraidh, a bhi moladh Chriosda,
Nach d’ fhàg an Fhianuis, E fein ‘san uair,
‘S gu’n do thog E fuaran, nach deanamh lùbadh,
Tha cuid ‘san uir dhiùbh an diùgh, mo thruaigh.
Nach iarr sibh tròcair air Righ na glòire,
‘Sgu’n tuit an còta sud air ògridh thruagh,
Le’m feàrr ‘bhi spòrsa, ‘sna tighean òsda,
Is iad gun deo aca, mu’n anama truagh.
‘Se an cumhachd mòr, a thug cacha beo,
O’n laidh brònach, ‘s na thuit an sluagh,
A dheanamh feumail iad, anns an dreuchd ud,
Gu Criosd ceusda, a chur fa chomhair an t-sluagh.
Na’n d’theidheadh iad fein a dheanamh feumach,
Gu fuil na réite a chur ann an luach,
Bhitheadh sin gu leòr, gu’n deanamh deònach,
An naigheachd mhòr ud, a bhi ‘ga luaidh.
O’n uair a chualadh i, leis na buachailllean,
Is iomadh truaghan ‘thug i gu cis,
Is chuir i suaicheantas orra o’n uair sin,
A thog a suas iad gu teaghlaich Righ.
Tha gealladh fialaidh, ‘nam bith’id ‘ga iarraidh,
Luchd obair diadhaiddh, dh’an fhoghair mhòir,
Gu’n eireadh iarmad a bhitheadh nan rialtan,
‘S nach bitheadh a chianalas oirne cho mòr.
Tha’n eaglais dhiblidh, ‘tha an diùgh fo dhìmeas,
Ach sheas an fhirinn ‘san là dhorch,
Tha beagan innte, fhuair gealladh priseil,
O Thi nà firinn, ‘s cha diobair ainm.
Gu’n eireadh miltean air taobh na firinn,
A chogadh dileas, fo bhratach Chriosd,
‘Sa sheasamh d’reach, airson lagh a’ Bhìobaill,
A’ cur an t-sìle, a bh’aig na cinn a dh’ fhalbh. F.