BHA Dr. Kennedy a’ labhairt là eigin ann an “Leabaidh na Bà Bàine,” a’n Gearrloch, o’n cheann teagasg sin: “Air eachaibh cha dean sinn marcachd” (Hosea xiv. 3). Ann an cùrsa a theagasg, thubhairt e marso: “B’e a’ cheud each, air an do mharcaich e so, Ladarnas. Cha robh àithne, eadar dà chlár an lagha, nach leumadh Ladarnas, a’s an duine air a mhuin. Chunnaic e nach deanamh an t-each so a ghnothuch, a’s gur h-ann a dh’ fheumadh e a bhi cùite as e. B’e an dara h-each, air an do mharcaich e, Stuaimeachd. Bha Stuaimeachd cho ciatach, as gu’n deachaidh a chlùt air feadh na dùthcha. Ach chunnaic e ‘rithist, ma bha Stuaimeachd ciatach, gur h-e a bhitheadh ro chiatach Fialachd. Agus, ma chaidh clùt Stuaimeachd air feadh na dùthcha, chaidh clùt Fialachd air feadh nan dùthchannan. Rachadh Fialachd a mach a dh’ éigheach ri luchd an rathaid mhòir: ‘Thig a stigh, tha am pathadh ort, agus theagamh gu bheil an t-ocras ort.’ Threatadh Fialachd an neach, a bheiridh e a stigh, leis na h-uile ni a bhitheadh a dh’easbhuidh air. Chunnaic e ‘nis, ma bha Fialachd cho maith sud, gur h-e a bhitheadh ro mhaith each geal an aidichidh. Thuair e, mar sin, each geal an aidichidh, a’s bha an diallaid cho geal ris an each. Ach ciod ‘am maith a rinn sin do bhrònain, ‘s gur h-ann le a dhà bhròg ás an òtrach, a chaidh e anns ‘an diallaid? Chitheadh luchd an rathaid mhòir nach robh na brògan air am brusheadh. Ach, mu dheireadh, ‘s ann a bhrist am fear, agus chaidh an t-each a thoirt uath. Ach thugadh dha each geur, ruinnseach, ruadh, dh’am b’ainm Geur-agartasan-certais, air nach do luidh sgiladh fhèoil a riamh, agus bha a chnàmhan ionnan as troimh ‘n chràicionn. Cha bhitheadh diallaid air, agus, gach duine a rachadh air a mhuin, bhitheadh e ‘ga ghearradh gu smior-chaill-each, na gallop, a’s dòm’égheadh am fear a’ bh’air a mhuin. Maillte ris gach dùm buaidh a bha air, cha deachaidh a cheann a riamh a bhriseadh, a’s rachadh e, mar a thoillicheadh e fhéin. Là de na làithibh, dh’ fhalbh e, agus an duine air a mhuin, a’s chunnaic an duine gu maith c’áite an robh e a’ dol:—a dh’ionnsuidh sluichd de chlàbair làthaich, gu’n ghruinnnd. ‘Nuair a rainig e beul an t-sluichd de chlàbair làthaich, gun grùnnnd, leum e ann, agus an duine air a mhuin. Thug an t-each spriadhadh le uile neart, a’s, anns a spriadhadh, chaidh an duine a mach air mulach a chinn. Eadar dha falbh dhe an each agus tuiteam anns an t-slochd, ‘s ann a dh’ fhosgail e a bheul, agus e a’ dol a dh’ éigheach, ‘Tròcair’; ach, mu’n d’ fhuaire e ‘Tròcair’ a ràdh, ‘s ann bha a bheul làn de chlàbair an t-sluichd, ‘s cha robh focal aige. Bha a chuinnean an làn de chlàbair an t-sluichd, a’s cha robh tarruing anail aige, bha a shùilean, a’s a chluasan làn de chlàbair an t-sluichd, a’s cha’n fhaiceadh e, ‘s cha chiuinneadh e. Ach cha d’ fhuair Tròcair Còthrom riamh air teachd ‘na rathad gu ruig a so. Spion Tròcair leatha e, a’s thòisich Tròcair air glanadh a bheul o chlàbair an t-sluichd, a chiuinneanan o chlàbair an t-sluichd, a shùilean, a’s a chluasan, o chlàbair an t-sluichd. A’ cheud tarruing anail a fhuair e, ‘s ann a sheinn air cliù Tròcair, a’s lean e air seinn air cliù Tròcair a tuilleadh, ach ‘nuair a gheibheadh e fuachd, a’s a bhitheadh an cnatan, a’s an tùchadh air. Sguir e a’ mharcachd a nis, a’s bha aige, ann am moladh Tròcair, a nis: Air eachaibh cha dean sinn marcachd.”