Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1915 » October 1915 » La na Ceisde ann —

La na Ceisde ann —

THUGADH focal na ceisde (Eph. ii. 13) seachad le I. M. Dh’fhosgail an t-Urr. — — a’ cheisd. Thubhairt e, ann am fosgladh na ceisde:

I.—A thaobh a ni a bha iad :—

(1) Cha’n’eil neach air bithfad ás o Dhia, a thaobh uile-láthaireachd Dhé.

(2) Bha cuid fada o laimh, a thaobh shochairean o’n leth muigh.

(3) Tha na h-uile, a thaobh naduir, fada o laimh, mar tha bàsfad o bheatha.

II.—Ach ‘sann a ta an t-Abstol a’ labharrt ann an so air ciod a tha iad :—

(1) Dh’ aithnich iad gu robh iad fada ás.

(2) Thàinig iad gu a thugisinn nach b’ann air bonn an oibre, fhèin a b’urrainn doibh a bhi air an toirt am fagus.

(3) ‘Se an cusparr troimh am bheil dùil aca gu’n tig iad am fagus do Dhia, Iosa Criost, an t-aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoinne, neach a thàinig E féin am fagus do Dhia, agus an toiseach ann an nadur na daonnachd ann féin.

(4) Dh’ fhoghhlum iad gu robh iad cho mille annta fein, a’s nach dùineadh iad stigh ris an Tì so, gun cumhachd a bhi air a chur an gnìomh d’an taobh, a bhriseadh sios cumhachd as-creidimh agus an-toil.

(5) Tha gràdh an cridhe air a chosnadadh dh’an chusparr a tha a’n so. ‘Se tha an fhagaisgeachd a’ ciallachadh, uchd-mhacachd agus co-chomuinn, ach tha faireachadh aca air bàs.

Ghairmeadh gu bruidhinn ris a’ cheisd :

(1) U. M. Thubharrt esan :

Is mise tha dorch, dorch, dorch,fad ás. Ach ‘sann a bhrigh éiseachd na fala, a bha iad so air an toirt am fagus. Bha cuid cho fada ás, a’s nach robh iad féin, no an sinnir, a’ cumail uiread ri aoradh teaghlach. Ach bha feadhainn eile, agus mise ‘n am measg, fada ás ‘n an cridhe. Bha iad réidh ri ceilg an cridhe, agus ri truaillidheachd an naduir.

Ach dh’ fheumadh iad a bhi air an toirt am fagus. Bha iad air an gairm gu h-éiseachdach. Ciod e sin? An toiseach, a dhearbhadh orra am peacadh, agus an truaighean. Cha b’e an t-aon tomhas a fhuair iad uile dha’n diet so, ach cha robh an tomhas a bu lugha dheth so air nach robh blas na neo-chriochnaichd.

Bha an diet ud searbh; ach ‘sann a shoillsicheadh an inntinn a

nis ann an eòlas air Criosd. Bha iad air an toirt am fagus. Thug Tròcair buaidh, d’ur a bha iad an dùil gur h-ann a chuir an gniomharan Tròcair ‘am falach. Shaoil leo gu’n d’fhuair iad na cunnartan uile ás an déigh. Ach lean na h-eagalan iad. Dh’ fhaodadh, eagal nach beathaich iad na h-uain, agus na caoraich. Bha mise fo eagal nach tiginn an rathad so gu bràth. Bha mi smuaineachadh gu’m bithinn toilichte na’m faighinn slàn a leigeal leibh. Ach cha’n’eil mi ‘g am fhaotainn féin an diugh cho striochta.

Ach facal mu’n fheadhainn a ta fathast fada ás. Their am Biobull riu amadain.

Ach ‘se ni fior-ghlan a ta ann an eagal Dé. Tha e glan, (1) ‘na Ughdair—an Tì naomh. (2) Do bhrigh gu bheil fuath do’n pheacadh ann. (3) Do bhrigh a’s nach ‘eil creutair air am bheil an t-eagal so nach faigh glan cùite as am peacadh mu dheireadh.

(2) I. D. Thubhairt esan:

Bitheas iad so ‘g an ceasnachadh féin a thaobh caochladh ‘nithean. Ciod e ‘tha ga mo thoirt gus na meadhonan? Gidheadh cha bhi iad toilichte gun a bhi aig na meadhonan. Bithidh duilcheadas orra so ‘nuair a bhiteas an fhirinn ‘na tosd riu. B’fhear leo a bhi fo bhuaidh aon earainn de’n fhirinn, no an saoghal uile. ‘Se an cliù gu bheil gràdh aca do Dhia, agus d’a shluagh. Saoilidh sinn gu’m bi moran de nithean anns an là anns am bheil sinn beo a’ cur dragh orra, mar tha briseadh Sabaid.

Ach a thaobh chaich: ‘Se cho fad a’s a theid an cealgair, dh’fhàg cuid dhiu so cho amharusach mu’n déighinn féin.

(3) I. M. Thubhairt esan:

Dhearbh an t-Abstol Pol gu bheil araon an timchioll-ghearradh, agus an neo-thimchioll-ghearradh fo’n fheirg. Tha searmoin-eachadh an t-soisgeil mòr ann fein, gidheadh dh’an mheud a’s nach creid ‘se an diteadh os ceann na h-uile diteadh. Bha iad so air an toirt am fagus ann an cridhe, air dhoibh a bhi air an atharrachadh a thaobh an staide agus a thaobh an naduir. Bha gairm an t-soisgeil air a deanamh éifeachdach dhoibh. Dh’ fhoillsicheadh dhoibh an cor caillte ann an Adhamh. Chuir so gu oibre iad. Bha an t-Urr. A. MacColl a’ deanamh samblaidh air a’ chùis so, dhe duine a bha gu a bhi air a bhàthadh. Fhad a’s a bha an anail anns an duine, bha e a’ glaothaich airson cabhra. A dh’aideoin cho searbh a’s gu’n robh an deoch so, cha robh ni eile aca aig an àm gu òl deth. Cha chual iad iomradh fathast air creutair a bha cho caillte riu fein. Bha iad a’ meas gu’m b’ iad na creutairean a b’ iongantaiche a bha beo, na’m bitheadh iad air an tearnadh. Agus mur bitheadh fianuis aca ‘nan cridhe gu’n d’thug E dhoibh nadur an ni a thug E do Rut cha’n aidicheadh iad E. Cha’n e urram o chreutair ris an robh iad a’ sealltuinn. Cha’n e urram o chreutairean a ta air a ghealltuinn dhoibh, mu bhiteas iad beo a reir na firinn.

(4) A. T. Thubhairt esan: Chuala sinn mòran de nithean

cothromach mar a tha. ‘Se ‘th ‘againn ann an so earann luach-mhor dhe’n fhirinn. Tha staid naduirfad ás. Fhuair iad so a mach gu robb iad fada ás air caochladh dhoighean: (a) a thaobh an staide, (b) a thaobh an naduir, (c) a thaobh an cleachdaidhean. Dh’aobharaich so uile gu’n robb iad astar nach b’urrainn creutair cruthaichte a thomhas air falbh. Ciod e an t-iongantas gu’m bitheadh iad air an toirt am fagus! Thog dà ni an aire: (1) Pearsa, (2) Fuil, Iosa Criosd. Cha’n iongantach ged a bhitheadh a muinntir a ta’an so a’ seinn air a Phearsa, agus air cliù na fala. Ach bithidh iad ‘g am faotainn féin fathast fada ás, d’ur a sheallas iad a stigh orra fein, agus, mar an ceudna, d’ur a choimheasas iad iad fein ri cuid eile a fhuair fagaiseachd air Dia. Ach ged ‘se sin am faireachadh, tha iad, a thaobh am fireanachaidh, agus a thaobh an uchd-mhacachaidh, cho fagus agus a bhitheas iad gu siorruidh.

Bha iad aig sith ris a’ pheacadh, d’ur bha iad fada ás o Dhia. Ach d’ur a shaothraich an Spiorad Naomh orra, bha an t-sith sin air a briseadh. Bha sith ann an tigh Abraham ri Ismaeil, ach d’ur a rugadh Isaac dh’fheumadh a chur a mach.

(5) D. M. Thubhairt esan: ‘S ann bha iad so air an toirt am fagus troimh na rinn neach eile ‘n an rùm agus ‘nan àite. Fhuair iad a mach gu’n do thog an Cruithfhear ‘iomraich ás an anam. Bha iad uair-eigin toilichte a’ chuis a bhi mar sin. Ach fhuair iad a mach an cunnart. ‘S ann d’ur a dh’fhoghluim iad nach b’urrainn iad cabhair a’ dheanamh orra fein, chaidh rathad Dhé ‘fhosgladh doibh, agus sin troimh an fhirinn, agus leis an Spiorad Naomh. Dhùin iad a stigh gu toileach ris an t-slighe so, ach ‘sann da fein a bhuneas a’ chliù. Bithidh an diabhul ag iarraidh an spuilleadh dhe na h-uile ni, agus bithidh gach là mothachadh aca air an amaideachd féin. Dh’iarraidh iad gu an criochaich-eadh iad an turus, agus iad air am faotainn air taobh Criosd.

(6) T. M. Thubhairt esan: Is e ni mòr ‘th’ann gu’m bitheadh peacach air an t-slighe gu ifrum air a thoirt am fagus do Dhia. ‘Se so fàbhair a’s mo de na h-uile fàbhair. Tha creutairean ann an staid naduir a’ smuaineachadh gur h-aithne dhoibh rathad an tearnaidh, ach tha an Spiorad Naomh a’ teagasg nach gabh daoine eòlas air an rathad so dhiu fhéin ann an doigh slainteil, na’s mò na ghabhas na bruidean. Tha ‘mhuinntir so làn chinnteach a thaobh cuid, gu’n robb iad air an toirt am fagus; ach cha bhi e mar sin gu tric dh’an taobh féin. Ach cha’n fhaod iad ‘toirt thairis.

(7) S. M. Thubhairt esan: Chuir briseadh cumhnaint fada ás iad. Cha robb sin a’ cur mòran dragha orra uair-eigin. Ach dh’ath-bheothaich am peacadh, agus fhuair iad bàs. Bithidh bròn orra airson chairdean, abhi fo fheirg Dhé. Ach cha’n’eil càch fo thrioblaid no fo leòn.

(8) D. M. Thubhairt esan: Bha iad so fada ás, agus riarichte mar sin, ach thaing là eile anns an d’fhuair iad dearbhadh peacaidh agus truaigh. Bha so ‘na dhiet ro shearbh, ach cha b’urrainn

doibh ‘fhaicinn gu robh diet eile aige dhoibb, airson tim, no siorruidheadhd. Bha iad air an toirt gu fhaicinn gu robh e ceart dh’an Chruithfhear so a thoirt doibh. Bhitheadh iad ag ràdh: “Cha b’e nach d’rinn an Cruithfhear saothair a ghabhail riomsa a’s aobhar gu bheil a’ chuis mar so.” Le mothachadh ‘nan anam, fhuair iad a mach gu robh iad fada ás. Ach cha bhitheadh ann ach ni ro through a bhi a’ cluinntinn air a bhi fada ás, mur bitheadh iomradh air an toirt am fagus. Ach bha e ‘na cheisd orra, cionnus a bha e comasach dhoibh dol as? Bha iad a’ feuchainn air rathad gu dol ás ‘fhaotainn. Bha iad a’ faicinn gu’m feumadh Ceartas a bhi air a riarachadh, ciod air bith a dh’éireadh dhoibhsan. Ach bha iad le focal agus Spiorad Dhé air an treòrachadh ann an rathad a bha ‘na iongantas dhoibh féin, gu bhi a’ faicinn slighe gu dol ás, sligh anns an robh Ceartas air a h-àrdachadh. Chunnaic iad, ann an solus na firinn, Ceartas a bhi a’ faotainn riarachadh ann am bàs Chriosd, agus bha an t-anam air a thoirt gu bhi ag amharc ri Criosd agus Esan air a cheusadh. Bha lorg nan tairngean dhoibh ‘na chomharradh air a bhuaiddh. Fhuair iad sith cogais. Bha iad ann an sin an dùil nach d’ theidheadh iad tuilleadh fada ás, gu-r h-ann a bha iad gu a bhi a’ snàmh ann an cuan naombachd. Thuit iad ann an gaol a’s Criosd, agus rinn Criosd neo-ni dhoibh dhe na h-uile ni eile. Cha robh e ‘na cheisd orra an là sin, an robh iad a’ gràdhachadh Chriosd, oir bha gràdh Chriosd air a dhoirteadh a mach ‘nan cridheachan.

Gidheadh tha bròn anama aca o’n là sin airson cho fada ás a’s tha iad ‘g am faotainn fein ‘nan aignidhean, agus eadhon ‘nan tuigse.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice