Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1915 » December 1915 » An Nadur agus am Feum a tha air Aithreachas

An Nadur agus am Feum a tha air Aithreachas

THA aithreachas a saoil sinn peacadh a bhi air a chur an gniomh an aghaidh Dhe. Far nach ‘eil peacadh, cha ‘n ‘eil ait airson aitreachais’ ni ‘n urrainn feum sam bith bhi air. Na’m biodh daoine fireanta, neo-chiontach, agus naomha, bhiodh e mi-fhreagarach an gairm gu aithreachas. Nam b’ urrainn aon duine bhi air fhaotainn do ‘n chinne-daoine, a rinn anns gach am d’a bheatha an Tighearna a Dhia a ghradhachadh le uile chridhe, le uile inntinn, agus le uile neart, agus a choimhearsnach mar e fein, cha bhiodh feum aig an duine sin curam a chur air fein mu thimchioll aithreachais. Co dheth a ghabhadh e aithreachas, neach a bha chridhe agus a bheatha a ghnath iomlan ceart? Is e ‘m peacadh, agus am peacadh ambain a tha fagail aithreachais feumail, agus o nach ‘eil am meag uile shloichd Adhaimh, ionracan r’a fhaotainn, cha ‘n ‘eil fu a h-aon, o na pheacaich na h-uile agus a tha iad air teachd goirid air gloir Dhe, tha aithreachas feumail do na h-uile, co feumail, is as eugmhais gur eigin dhoibh gu cinnteach a bhi caillte.

Cha ‘n ‘eil e ann an cumhachd duine air tuiteam aithreachas a ghintinn ann fein. Is e tiódlaca Dhe e. An Ti a rinn ar ‘n anamanna is e na aonar is urrainn an athnuadhachadh a ris gu Aithreachas. Nuair a dheonaicheas e ‘n tiódlac luachmhor agus shlainteil so, co aca ‘s ann do dh’ Iudhaich na do Chinnich, is eisimpleir e d’ a ghras cumhachdach, co maith is d’ a ghras saor, cha ‘n ‘eil e air a bhuleachadh airson aomadh sam bith ro laimh, toil, na gniomh ann san da’m bheil e air a thoirt. Is an trid grais Dhe a tha duine a tighin gu bhi na pheacach aithreachail agus air faotainn maitheanais. As eugmhais a ghrais sin, bhuanach-eadh e na chruadhas, na uabhar, agus na naimhdeas do Dhia. Is e am peacach e fein a tha gabhail aithreachais; ach is e gras ar Tighearna Iosa Criosd a tha toirt cumhachd agus cridhe dha ga dheanamh. Trid a ghrais so tha ‘n cridhe cloiche air a thoirt air falbh, agus cridhe feola air a thoirt seachad, a reir a gheallaidh naomha. (Esec. xxxvi. 26.)

Mar a ta aithreachas feumail do na h-uile, agus gur cubhaidh e bhi air a shearmonachadh do gach creutair, is ambuil a tha e air a bhuleachadh air peacaich do na h-uile inbhe agus gne. Do ‘n oigridh agus do ‘n mhuinntir aosda, du ‘n bhochd agus do ‘n bhearteach, do ‘n fhoghluimte agus do ‘n mhuinntir neo-fhoghluimte, thug Dia ann an eisimpleirbh nach gabh aireamh, aithreachas chum na beatha. Cha ‘n ‘eil aon neach co fada o Dhia, ach tha chumbachd-san comasach air a thoirt am fagus; na cor air bith co neo-chosmhuil is nach urrainn gras an t-soisgeil ruigheachd air, Rinn an Tighearna Iosa Criosd agus abtoil nam ministreachd gairm air na h-uile seorsa pheacach aithreachas a ghabhail.

Is e aithreachas anns a choitchionn atharrachadh anns an inntinn o ole gu maith, le atharrachadh da reir sin anns a ghiulan.

Tha cuid a breithnachadh, gur e tomhas do dh’ irisleachd chràbhadh mu ‘m fag duine an saoghal so, an t-iomlan do na bheil air a runachadh le aithreachas. An deigh beatha a chaith-eadh ann an aineolas, mi-dhiadhadh, agus neo-churam, tha iad a saoilsinn gum bi an t-iomlan air a shocruchadh eadar iad fein agus an Cruith-fhear air an do chuir iad corruich, leis an ni sin is urrainn doibh a dheanamh gu reidh nuair a shaoileas iad gum bheil am bas am fagus. Mar so tha do dhanachd aca dol air an aghaidh anns a pheacadh, a cur a coguisean samhach leis an dochas mhealltach gu ‘n dean iad an sith ri Dia le aithreachas criche. Cha ‘n e mhain gu bheil so a foillseachadh beachd mearachdach mu nadur aithreachais bhi air fhilleadh ann, ach gu bhi na aon do da ribeachan cunnartach sin aig an diabhul, leis am bheil anamanna neo-ghlic air am beo ghlacadh aige chum a thoile, agus air an treoruchadh fa dhoille gu leir-sgrios cinnteach.

Tha dream eile smuainteachadh gu bheil aithreachas a comh-sheasamh amhain ann an leasuchadh beatha. Is beachd neo-iomlan agus mearachdach so air a ghnothuch. Tha e fior, gun leasuchadh beatha, cha ‘n urrainn dearbhadh a bhi air aithreachas duine gu bheil e treibh-dhireach; ach faodaidh an caitheadh-beatha a bhi gu mor air a leasuchadh far nach eil an cridhe air ath-nuadachadh leis a chumhachd aig gras slainteil. Tha aithreachas a comhsheasamh.

1. Ann an atharrachadh air an inntinn a thaobh peacaidh.

Is e ‘m peacadh briseadh lagha naomha Dhe. Is e ‘n lagh so a tha nochdadh dhuinn ciod a tha ceart agus ciod a tha mearachdach; a tha ‘g iarruidh uainn umhlachd iomlan do thoil ar Cruith-fhear; agus a tha toirmeasg, a toirt am foilais, agus a diteadh na h-uile ni a tha do nadur eadar-dhealuichte. An ti, uime sin, a tha tuigsinn fior nadur a pheacaidh, feumaidh eolas a bhi aige air farsuinneachd agus fior-ghloine an lagha sin an aghaidh am bheil e air a chuir an gniomh. Tha ‘n t-Abstol Pol a ‘g innseadh dhuinn, nach b’ aithne dha pheacachd ach tre ‘n lagh; oir is ann tre ‘n lagh a ta eolas peacaidh. Ach tha aon earrann do thruaighe pheacachd neo-aithreachail na luidhe anns nach ‘eil beachdannaibh cothromach aca air an riaghailt naomha sin. Mar a ta iad aineolach air fireantachd agus naomhachd Dhe, tha iad air a cheart doigh a thaobh fior ghloine agus spioradalachd a lagha.

Ach ann an Aithreachas tha ‘n inntinn air tionndadh o dhorchadas gu solus. Le teagasgaibh Spioraid naomha Dhe, tha farsuinneachd an lagha air a thugisinn, mar a ta e ruigheadh cha ‘n e mhain air gniomharan na beatha o ‘n leth a muigh, ach air smuaintibh, gluasaid, agus runaibh a chridhe, a diteadh gach droch smuain, agus droch thogradh. An sin tha ‘n aithne teachd dhachaidh dh’ ionnsuidh na coguis le solus agus cumhachd a tha toirt lan bhuaidh, air chor is gu ‘m bheil an t-aithreachan a toirt an aire do mhile ni a bhi peacach ann an sealladh Dhe, anns nach robh e roimhe smaointeachadh gun robh gne sam bith do choire. Tha lionmhoireachd euceartan a chridhe agus o bheatha a tighin am follais; tha ‘m peacach a ‘g ‘ath-bheothachadh na choguis, na uile choslais oillteill, le agartus uamhasach air cionta, agus mothuchadh gu bheil e toilltinn fearg Dhe. Tha lagh Dhe a nis air fhaicinn na fhiar nadur, mar a ta e naomha, cothromach, agus maith. Tha sealladh a pheacaich da thaobh air atharrachadh gu tur. Tha e faicinn gu bheil na tha air iarruidh leis cothromach agus rensanta, nuair a tha e gairm air an Tighearna a Dhia a ghradhachadh le uile chridhe, le uile inntinn, agus le uile neart, agus a choimhearsnach a ghradhachadh mar e fein.

Uaithe so, tha geur-mhothachadh a ‘g ‘eirigh mu ‘n fhiar olc a tha sa pheacadh; gur e ‘n tuarasdal dligheach aige am bas; gu’m bheil am peanas is miosa dligheach do ‘n pheacach, airson euceartan lionmhor; agus nach biodh aon eucoir maillle ri Dia, ged chuireadh e binn uamhasach a lagha an gniomh air. Mar so, tha ‘m peacach trid na h-aithne a fas, na air fhaicinn ro-pheacach, mi reusanta, agus olc.

Tha ‘n t-aithreachan a nis a faireachduinn gu ‘m bheil anns a pheacadh eucoir, mi-thaingecalachd, agus ceannaicr; gu ‘m bheil air fhilleadh ann dímeas air Dia, naimhdeas na aghaidh agus cuir an aghaidh a righ-chaithreach, uachdaranachd, agus eadhoin fhiar bhith. Ma thaírgeas leanabh dímeas d’ a athair talmhaidh, tha a ghiulan gu mor na ‘s graineala na leithid sin do ghnathachadh a thairgse do choigreach. Mar is glice, agus is baigheala am parant, is ann is mi-nadurra, agus is uamharrá mi-thaingecalachd an leinibh.—Ma bhítheas an eucoir air a cur an gniomh gun bhroisnuchadh; ma bhítheas i air a cur an gniomh an aghaidh eisimpleiribh do-aireamh do chaoinmhneas, tha a chionta air a leantuin leis an tuilleadh an-tromachadh. Ach ma tha an droch-bheirt air a deanamh an aghaidh Uachdaran, Uachdaran dligheach, glic, maith agus trocaireach, tha cionta a pheacaich fathast na ‘s doimhne. Giulain an doigh reusanachaidh so air adhart.—Gnathach e thaobh pheacanna, a thaobh muilleinean agus muilleinean do bhroisnachaidhean, air an cur an gniomh le creutairbh eisimeileach an aghaidh an Sealbhadaír dligheach, an ard Thriath, Ughdar am beatha, Fear-tabhairt nan uile nithe maith a rinn iad a mbealtuinn; neach a tha na Dhia neochriochnach fior-ghlan, aig am bheil gliocas gun tomhas, agus maítheas gun choimeas; agus bithidh tu gu h-iomlan neo-chomasach air a bhreithnachadh cia sgreataidh a tha’n leithide sin do pheacanna, na ciod am peanas a tha ‘n leithide sin do chiontaich a toilltinn. Na leithid sin do sholus tha ‘m peacach aithreachail a g’ amharc air euceartaibh. “A’ t’aghaidh, a’ t’aghaidh Fein a mhain pheacaich mi, agus rinn mi olc a’ d’ shealladh.” Dhuitse thugadh am masladh; is tusa O Dhe an Ti air an d’ rinneadh an eucoir le ‘m ghiulan mealltach. Is i t-fhirinn-sa a rinn mi aicheadh; is i t-uachdrianachd air an d’ rinn mi dimeas, is iad t-aiteantan d’ an d’ thug mi eas-umhlachd; agus is iad do bhagraidhean a chuir mi ann an suarachas; is e t-ainm d’ an d’ thug mi eas-urram; is ann riutsa a bhuin mi gu cealgach agus gu claon re mo bheatha uile.

Tha an-tromachadh sonruichte a pheacaidh air a chuimhneachadh leis an aithreachan.—Mar so tha e ri aideachadh iriosal an lathair a Chruithfhear agus a Bhreitheamh: “Pheacaich mi re uine fada; re iomadh bliadhna rinn mi ceannaire a’ t’aghaidh-sa. Pheacaich mi le run-suidhichte, agus le lan aontachadh nan uile bhuidhean a thug thu dhomh. Bhrist mi troimh’ nan ceanglaichean bu laidire, agus thairis is thairis bhrist mi troimh m’ ruintean agus cheanglaichean fein. Pheacaich mi ‘n aghaidh a mhothaichaidh a bu shoilleire, an aghaidh soluis agus eolais. Pheacaich mi ‘n aghaidh trocairean, agus an aghaidh breitheanais; an aghaidh rabhaidh agus achmhasain dhaoine, agus an aghaidh an smachdachaidh aig Dia ann an corruich. Tharruing mi dream eile chum peacaidh maille rium fein, agus bha mi a ‘m inneal ann am moran a theorachadh gu sligheanna an leir-sgrios. O ciod na rinn mi!” Cha ‘n ‘eil am mothuchadh so air peacadh aotrom. Tha e domhain; tha e drughadh air a chridhe agus air an inntinn. Tha e luchdachadh na coguis, agus a cuir dragh mor air an anam. Tha e toirt air a pheacach eigeach a mach le mor chudthrom, “Mo thruaighe mise! oir chaidh as domh; oir is duine mi aig am bheil bilean neo-ghlan, agus lamhan salach! Chaidh m eucearta thar mo cheann, mar eire thruim tha iad ro throm air mo shon.”

Cha ‘n ‘eil an sealladh so do pheacadh mar phlaghadh, ach a buanachadh. Cha ‘n ‘eil e cosmhuil ris a sin aig Pharaoh, neach am feadh a bha breitheanas eigin trom na luidhe air, a bha mothachail air an olc a rinn e, agus thairis is thairis a dh’ aidich gun do pheacaich e; ach nuair a bha ‘n cruaidhchas air a thoirt air falbh, phill cruas a chridhe mar a bha e roimhe. Cha ‘n ‘eil e cosmhuil ris a sin aig Ahab, neach re uine ghoird a dh’ irislich e fein an lathair Dhe. Bha sealladh goird aig Simon Magus d’ a pheacadh, agus rinn e aidmheil air, gidheadh cha robh doilgheas air a chum aithreachais. Ach a thaobh an fhior aithreachain, tha mothuchadh air olc a pheacaidh a mairsinn. Tha a pheacadh an comhnuidh na fhianuis; oir tha inntinn agus a chridhe a nis d’ a thaobh air atharrachadh gu h-eifeachdach. Cha ‘n ‘eil e d’ a thaobh-san mar a ta e thaobh moran a rinn Dia fhiosrachadh le euslainte chorporra, agus a tha fuidh mothuchadh gu bheil an crioch am fagus. Tha iad a sealltuinn cosmhuil san am a bhi fuidh mhor churam, agus trom mhothuchadh aca air an olc a rinn iad; ach cha luaithe tha ‘n eagal roimh theachd a bhais air a thoirt air falbh, agus an slainte air a h-aiseag dhoibh, na thilleas iad maille ris a mhadadh chum a sgeith, agus maille ris a mhuic a chaidh a nigheadh chum a h-aoirneagain san lathaich. Na ‘s faide. Tha ‘n t-atharrachadh inntinn so a thaobh peacaiddh, a cur an duine gu rannsuchadh durachdach an deigh saorsa uaithe. Tha choguis a nis na dusgadh chum mothuchadh d’ a chunnart. Cosmhuil ri luchd-eisdeachd Phheadair air latha na Cuingis, tha e air a bhioradh gu ruig an cridhe, agus leis na h-uile ciocras aig duine fuidh throm mhothuchadh air a bhi ann an staid through agus chaillte tha e glaothaich, “Fheara agus a bhraithre, ciod a ni mi?” Na maille ri fear coinhead a phriosain, “A mhaigh-stirean, ciod is coir domh a dheanamh chum gu tearnar mi?” Am bheil cobhair sam bith, slighe dol as air bith, dochas sam bith air son trocair do leithid do neach is a ta annamsa? Ciod an cursa a ghabhas mi? Co dh’ ionnsuidh a theicheas mi? Anns an teinn so tha e air a threoruchadh chum na cathair ghrais. Feuch, tha e ri urnuigh! Cha ‘n ‘ann le coslas gun bhrigh, ach le ciocras nan deiscibul anns an stiorm. “A Tighearna, teasairg sinn: a ta sinn caillte.” Tha fhior anail a nis na h-anail na h-urnuigh. Anns an ti agus air an t-slighe, aig an ti agus uaithe, tha anam a dol suas chum Dhe, le glaothaich dhurachd-ach airson maitheanais agus slainte. Na mhionaidean uaigneach, agus ann an gniomharaibh crabhaidd follaiseach, tha e teachd an lathair Dhe, cha ‘n ann le canain an Phairisich, “A Dhe, tha mi toirt buidheachais duit nach ‘eil mi mar a ta daoine eile—thu mi a’ trasgadh—tha mi pagheadh deachaimh—tha mi toirt seachad deirce”; ach maille ris a chis-mhaor fuidh fhein-dhiteadh, tha e bualadh uchd, agus ag eigeach, “A Dhe dean trocair ormsa ta am, pheacach!” Na, cosmhuil ris an aithreachan rioghail o shean, “Dean trocair orm, a Dhe, a reir do chaoimhneis graidh; a reir lionmhoireachd do chaomh throcairean, dubh as m’ eusaontais. Gu h-iomlan ionnuil mi o m’ lochd agus glan mi o m’ pheacadh.” Thuirt an Tighearna, gu ‘n till peacaich d’ a ionnsuidh le gul, agus gu ‘m bi iad air an treoruchadh le breith-buidheachas. Nuair thainig am mac strothail d’ a ionnsuidh fein, is e sin, nuair bha inntinn air a h-atharrachadh, agus a thainig e gu bhi na fhior aithreachan, ciod an cursa a chuir e roimhe? “Eiridh mi,” ars esan, agus theid mi dh’ ionnsuidh m’athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanas agus a’ d’ lathair-sa; agus cha ‘n airidh mi tuilleadh gu ‘n goirt do mhac-sa dhiom.” Is i canain iomchuidh an aithreachan aid-mheil air peacadh. Tha chridhe lan ga thaomadh fein amach air an doigh so. Cha ‘n urrainn da, cha ‘n ‘aill leis a pheacadh fhalach an lathair a Chruithfhear. Tha e g’a aideachadh gu saor, gu h-iomlan, agus gun cheiltinn. Tha e g’a chasaid agus g’a dhiteadh fein, agus a’ g’ aideachadh gu’ saor a thoillteanas.

“Nuair a bha mi a’ m’ thosd,” arsa ’n Salmadair, “luidh aois air mo chnamhaibh, le ’m bhuireadh fad an latha. Dh’ aidich mi mo pheacadh, agus cha do cheil mi m’ eucaert.”

Tha am mothuchadh so air peacadh a comhdach duine le naire agus amhluadh gnùise. Tha fein-thaitneachd air tionndadh gu fein -ghrain; fein -chliuthachadh gu fein -fhuathachadh. Tha briathran Iob air an gnathuchadh anis, mar na briathran is ro-fhreagarraiche do chor a pheacaich. “Feuch, tha mi graineil, gabhaidh mi grain diom fein, agus ni mi aithreachas ann an duslach, agus an luath.” Mar so tha ’n fhaidheadaireachd air a coimh-lionadh, “An sin cuimhnichidh sibh ’ur droch shlighe fein, agus ’ur deanadais nach robh maith, agus fuathaichidh sibh sibh fein, ann ’ur sealladh fein, airson ’ur n-euceartan, agus ’ur grain-ealachdan.” Mar so bha Ephraim aithreachail air a narachadh agus fo amhluadh a chionn gun do ghiulain e’ masladh oige. Agus tha Pol a cur an cuimhne nan creideach anns an Roimh gun robh a nis naire orra do na nithe sin a bha iad a cur an gniomh roimhe. “Ciod an toradh a bha agaibh an sin anns na nithibh sin, a ta nis a’ cur naire oirbh?”

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice