OUR chaplain, the Rev. Ewen Macqueen, is having a busy and interesting time in connection with his chaplaincy work in France. The following is a quotation from a letter, dated 27th April:—”I am giving Bibles away continually and other books. Our work grows here every day. I had a meeting last night where we had hundreds of men who not only gave the outward ear, but also listened with interest to what was said to them, and while others were away at a boxing match, they were content listening to the Word of God. I believe some are brought to the Lord in the midst of all ‘the Babel’ we have here, which is a comfort in the midst of our trouble. I am kept going continually from one thing to another, so that I have very little time to write. We get visits from the Germans in the air, but I am kept in peace of mind and in health of body. It is an exciting life, late and early, but the Lord gives sleep.” In another letter he thus writes:—”I am keeping very well. I have need of the prayers of God’s people for myself, and for those who hear me”—adding in a postscript, “I will be pleased to get as many ‘socks’ as can be sent me for the soldiers. Our people here are mostly Highland. I am the only Gaelic chaplain here, and I can give them to the Highlanders.” His address is the Rev. E. Macqueen, C.F., 4th Cameron Highlanders, B.E.F., France.
Mu Oibreachadh ‘ar Slainte Fein.
“Lán-oibrichibh bhur sláinte féin le h-eagal agus ball-chrith; oir is e Dia a dh’oibriceas annaibh, araon an toil agus an gniomh a reir a dheadh-ghean féin.”—PHIL. ii. 12, 13.
MA tha an leughadair a cleuchdainn a bhi a feitheamh air aoradh follaiseach, mar a tha dochas gu’m bheil, feumaidh gu’m bheil e eolach air na briathraibh so; agus ma tha e eolach air a Bhiobull, ni nach’eil iomadh neach a tha a feathamh air aoradh follaiseach an Tighearna, feumaidh gu’m bheil fhios aige gu’m bheil iad a deanamh suas pairt do fhocal De, ‘s e sin, do’n litir a sgriobh an t-Abstol Pol, fó sheoladh neo-mhearachdach an Spiorad Naoimh, chum na’n criosduigean a bha ann am Philipi. Feumaidh mar an ceudna gu’m bheil fhios aige gu’n robh na briathraibh so, agus an litir sin, air an orduchadh chum teagaig anns gach duthaich, agus anns gach linn do’n t-saoghal, gu deireadh aimsir. Cha mhor gu’m bheil earrann do fhocal De a’s trice a chluinnear ann an deireadh gach searmoin, agus gach eairail. Feumar aideachadh gu’m bheil teagasgan nam briathraibh so fior chud-thromach. Air an aobhar sin tha e iomchuidh gu’m biodh luchd-eisdeachd an fhocail, agus luchd-leughaidh leabhraichean diadhaidh, agus gach duine, a toirt fainear am bheil iad ga’n tuigsinn, an t-eagal a’s gu’m bi iad a gabhail beachd mearachdach air rún spiorad Dhe anns na briathraibh so. An lean thu mi, a leughadair, ‘nuair a bheirr mi an oidhirp air a bhi a comharachadh a mach brigh nam briathraibh cud-thromach so, “Lán-oibrichibh bhur slainte fein le h-eagal agus ball-chrith,” agus a bhuaidh as cuibhe a bhi aca air a chleachduinn.
Chum earrann air bith do ‘n Bhiobull, na do leabhar air bith eile, a thuigsinn, tha e feumal a thoirt fainear co uime—co ris—agus co leis, a bha na briathraibh an toiseach air an cur an ceill—agus na suidheachaidh anns an robh araon a phairt a bha a labhairt, agus a mhuintir ris an robh iad a labhairt. Le dearmad a dheanamh air na riaghailtean so tha moran a dol air seacharan—tha beachdan mearachdach gu tric air an cur an ceill, agus Focal De air a thoirt a lathair chum na mearachdan sin a dhaing-neachadh.
Co ris, ma ta, a bha briathraibh an abstoil, a tha nis f’ar comhair, air an labhairt an toiseach? Bha iad air am labhairt ris na Philipianaich—cha’n ann ri luchd-aiteachaidh a bhaile sin gu h-uile, ach ris na “naoimh uile ann an Iosa Criosd, a bha ann am Philipi.” Bha iad air an sgriobhadh a dh’ionnsuidh na muimtir a’s leith an robh an t-abstol a toirt buidheachais do Dhia gach uair a chuimhnicheadh e orra, air son an comh-roinn do ‘n t-soisgeul, air dha bhi dearbhte as an ni so fein, eadhon an ti a thóisich an deadh obair annta gu’n comhlionadh e i gu la’ Iosa Criosd. Bha iad air an labhairt ri Lidia, neach “a d’fhosgail an
Tighearn a cridhe, ionnus gu’n d’ thug i aire do na nithibh a labhradh le Pol,”—ri fear-coimhead a phriosain, neach a “rinn gairdeachas maille r’a theaghlach uile a’ creidsinn ann an Dia,”—agus ris na naoimh uile ann an Iosa Criosd ann am Philipi, maille ris na h-easbuigibh, agus ris na deaconaibh. B’ANN RIU SIN a thubhairt an t-abstol, “Lan-oibrichibh bhuir slainte fein le h-eagal agus ball-chrith,” etc. Agus is ann d’an LEITHIDEAN sin a tha barrantus againne, ‘o eisiomplair nan abstoil, an earail cheudna a thoirt.
Bha mi cho mionaideach a so, ann a bhi ag oidhearpachadh cliù na muinntir ris an robh na briathraibh so an toiseach air an labhairt fhaotainn a mach, a chionn gur h-ann leis a sin, ann an tomhas mor, a tha ‘m brigh ri bhi air a thuisinn. Am bheil an leughdair, ma ta, a feoraich ciod as brigh do na briathraibh so, a reir a bheachd sin? Chum sin a thuisinn, bheir mi fainear gu’m bheil am focal slainte a ciallachadh, gu coit-chionn, saorsa, agus gu’m bheil a bhrigh shonraichte ann an earran air bith ri bhi air a thuisinn ‘o nadur an uile, na chunnairt, o’m bheil saorsa air fhaotainn.
Ciod, ma ta, a chiont, no ‘n cunnart, ‘o ‘n robh na criosduigh-ean a bha am Philipi air an gairm gu bhi ag oibreachadh an slainte, no ‘n saorsa? Freagairidh mi a cheisd sin a reir aithris na ministirean diadhaidh a bha ann ‘o cheann ceud bliadhna.
Cha robh e comasach gu’m b’e slainte ‘o chiont a pheacaidh. Am bheil thu a clisgeadh roimh ‘n bheachd so? An robh thu saoilinn gu’ m b’e sin brigh nam briathraibh? An robh thu cleachdte ri bhi ga’n cluinntinn air an cur an ceill anns an t-seadh sin? Agus an robh thu a strigh ri umhlachd a thoirt do ‘n earail air an doigh sin? Oh! mo charaid tha thu ga d’ sgitheachadh fein le diomhaineas. Tha’n oidhirp diomhain—agus ni ‘s measa na diomhain—tha i ciontach. Feumaidh sinn labhairt gu saor riu, oir tha ‘m Biobull a labhairt gu saor air a phoing so. Tha Dia gu minic a cur an ceill anns na Scriobtuirean, “nach bi feòl air bith air a firneachadh, na fhianuis-san tre oibríb an lagha.” (Salm cxliii. 2; Rom. iii. 20; Gal. ii. 16; iii. 11.) ‘Nuair a dh’ fheoraich na h-Iudhaidh do Chriosd, “Ciod a ni sinn, chum as gu’n oibrich sinn oibre Dhe? Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Is i so obair Dhe, gu’n creid sibh anns an ti a chuir e uaithe.” (Eoin vi. 28, 29.) Nach ‘eil na braithraibh so saor agus soilleir gu leoir. Ma bheachdaicheas tu air mar a bha Pol agus Silas air an gnathachadh an a Philipi bheir e chum do chuimhne gu’n d’ fheoraich fear-coimhead a phriosam a cheisd so dhiu. “A mhaighstirean, ciod is coir domh a dheanamh chum gu tearnar mi?” B’i ‘n fhreagairt a thug iad da, “Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, agus tearnar thu.” (Gniomh xvi. 30, 31.) B’e so an fhreagairt a bha air a toirt do ‘n cheisd so a sin, agus cha’n fheudar freagairt air bith eile a thoirt d’ a leithid a cheisd a nis. Bha ioma neach a tha ann an staid naduir, agus air seacharan ‘o Dhia, air an gairm, air an earalachadh, agus misneach air a thoirt
dhoibh dol gu h-obair—an lamh sheargte a shineadh a mach—gach ni a b’urrainn iad a dheanamh, mar am b’urrainn iad gach ni a d’fhéumadh iad chum an slainte fein oibreachadh, a reir a bheachd neo-sgriobtuireal sin; agus misneach air a thoirt doibh, aig an am cheudna, le gealladh gu’n oibrichidh Dia annta araon an toil agus an gniomh, a reir a dheadh ghean fein. Nach do chriochnaich Criosd an obair a ghabh e ‘o’s laimh? obair na réite—obair na sláinte? Am bheil feum aige air cuideachadh uainne? An d’fhag e ni air bith gu bhi air a CHRIOCNADH LEINNE? An gabh aon ni as urrainn sinne a dheanamh MEASGADH le a obair ghloirmhor-san? Agus am bheil éifeachd na h-obair a chriochnaich Es-an an earbsa ri aon ni as urrainn sinne a chur rithe? Is eagalach an smuainte sin!—Agus gidheadh tha na beachdan so air am filleadh anns na h-oidhearpan mi-naomh a tha moran a toirt air a bhi teagasg, agus a strigh ri an slainte fein oibreachadh ‘o chionnt a pheacaidh, agus ‘o dhiteadh lagh Dhe.
Ach theagamh gu ‘n abair cuid do’n muinntir a tha mar so air an cleachdadh, nach eil iad ciontach do na beachdan sin, do bhrigh gu’m bheil fhios aca nach urrainn iad ni sam bith a dheanamh nan neart fein, ach tha dochas aca, le bhi gnathachadh meadhanan nan gràs gu dichtiollach, gu’n d’thoir Dia neart doibh chum an slainte fein oibreachadh a mach. Tha e feumail a bhi mionaideach ann an labhairt ri an leithidibh so. Nam biodh agam-sa cothrum air comhradh riù, theirinn riù, Mo charaidean gradhach, na bithibh ga’r mealladh fein. Cha’n fhaca sibh fathast, gu ceart, olc a pheacaidh, no cho iomlan freagarrach, agus gloirmhor, ‘s’a tha iobairt reite an Tighearna Iosa Chriosd—agus cho neo-chomasach sa tha e gu’m biodh ni air bith air a chur ris leibh-se, no le neach eile. Cha’n’eil sibh a tuigsinn nadur obair an Spioraid Naoimh. Is e obair peachaich a thoirt chum an t-Slanuighear, agus an cumail an sin, gabhail do na nithe as le Criosd agus am feuchainn do’n anam—cha ‘n e cuideachadh le dàoine obair na saorsa a chriochnachadh, ach a dhearbhadh dhoibh gu’n robh sin air a dheanamh cheana le Iosa air a chrann-cheusaidh, ni a tha soilleir leis gu’n deachaidh e chum an athar; agus an treorachadh chum an dochas ri maitheanais agus slainte a chur anns an obair sin AMHAIN—gach earbsa annta fein a threigsinn—gun a bhi meas gum bheil iad ni ‘s lugha ciont, no ni ‘s mo aithreachas, na dàoine eile—gun an earbsa a chur ann an ni sam bith a rinn iad, no a tha mhiann orra a dheanamh—a d’fhulaing iad, no a tha a mhiann orra fhulang—a d’fhairich iad, no a tha a mhiann orra fhaireachdain—ann an suil ris gu’n coisinn na nithe sin doibh fabhar Dhe air thoiseach air muinntir èile. S’e obair an Spioraid am peacach ioraileachadh, agus an Slanuighear ardachadh—duine a rusgadh ‘o gach luideig shalach da fhirin-teachd fein, agus a sgeadachadh leis an trusgan firinteachd a dh’ullaich Chriosd, anns am bi e air a chur gu neo-lochdach an lathair an Ti as ro-airde, le mor aoibhneas. S’e, so obair an Spioraid; agus tha e diomhain do neach sam bith suil a bhi aige
ris gu’n dean an Spiorad ni air bith eadar-dhealaichte, no a tha ‘n aghaidh na nithe so, air a shon.
Ach feudaidh e bhi air fheoraich, nach eil sinn ri bhi coimhead meadonan nan gras ann an suil ri beannachadh? Gu cinnteach, ma s’e tha air a chiallachadh le meadonan nan gras, Focal De eisdeachd, a leughadh, agus a chnuasachadh; agus cha ‘n e Focal De amhain, ach Firinn De co aca a tha sinn ga cluinntinn ann am briathraibh an Scriobtuir no ann am briathraibh duine, co aca a chluinneas sinn i as a chrannaig, no a leabar, no a comhradh. ‘S e a ni sonraichte a tha firinn Dhe a cumail a mach eadar-mheadhonaireachd Chriosd; agus se an “toil” agus an “gniomh” a tha air an oibreachadh anns a mhuinntir da’m bheil meadonan nan gras air am beannachadh, an inntinn a lubadh gu bhi creid-sinn agus ag earbsa ann an Criosd air son slainte, do lorg na nithe a rinn agus a dh’fhulaing e; agus treoraicheidh e iad, an deigh sin, gu bhi deanamh na nithe a thoilicheas e, agus a bhios taitneach an sealladh Dhe da thrid-san.
Ach feudaidh e bhi air fheòraich, Nach coir dhuinne a bhi ag urnuigh gu minig, agus gu durachdach, air son beannachadh Dhe air na meadonan sin, agus mar sin gu’n deanadh-mid ar cuid fein, agus gu’m biodh an tuille aobhar againn dochas altruim gu’n deanadh Dia a chuid-san do’n obair? Mar fhreagairt do’n cheist sin, tha sinn ag radh gur h-e dleasdanas nan uile dhaoine, ann an aon seadh, a bhi ag urnuigh. Tha’n dlu-dhaimh a tha a co’sheasamh eadar an Ti is ro-airde mar an Cruith-fhear, agus iadsan mar a chreutairean — tha an caoimhneas a tha e an comhnuidh a nochdadh dhoibh an aghaidh am droch thoillteanais —seadh, agus tha an cionta a fagail dhaoine fo fhiachaibh sonn-ruichte a bhi ag urnuigh ri Dia; ach feumaidh iad a bhi ag urnuigh tre chreidimh, a creidsinn ann an Dia mar is e Dia na trocair, agus freagairt urnuigh, a creidsinn ann an Criosd mar an t-slighe chum an athar, an t-aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus duine, agus a creidsinn anns na geallaidhean a tha air an cur sios anns na Scriobtuirean chum misneach a thoirt do dhaoine a bhi ag urnuigh. Ach an uair a tha mi ag radh gur h-e dleasdanas nan uile dhaoine a bhi ag urnuigh air an doigh so, tha mi cinnte nach e dleasdanas duine sam bith a bhi ag urnuigh ann an suil gu’n dean e, leis a sin, a CHUID FEIN do obair na slainte. Cha’n e, mo chairdean, oir cha ghabh obair Chriosd measgadh le ar’n urnuigh, ni’s mo na le ar’n oibríbh—cha gabh i measgadh le ar cràbhadh ni’s mo na le ‘ar béisabh. Bhiodh éifeachd na h-obair so air a milleadh, le bhi air a measgadh le riaghailtean cràbhadh, cho mhor sa bhiodh i air a milleadh, le bhi air a measgadh le riaghailtean air bith eile. Bha an luchd-teagasg Iudhach, a bha cur dragh air na ceud eaglaisean, a strigh ris an timchioll-ghearrachd a thoirt a steach cum an luchd-leanmhuinn a dheanamh coimh-lionta, se sin chum as gu’n oibricheadh iad an slainte fein air an doigh so. Agus ciod am beachd a bha aig an abstol Pol air a chuis? An do mheas se e mar mhearachd faoin
a bha ag éirigh o dheadh rùn? B’fhad a ghabh sin uaithe. Se thuirt e “Feuch, a ta mise Pol ag radh ribh, ma thimchioll-ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Criosd. Cha’n’eil tairbhe sam bith ann an Criosd dhuibhse a ta air bhur firineachadh tre ‘n lagh; thuit sibh o ghràs.” (Gal. v. 2-4.) Mu thimchioll an luchd-teagaig so, thuirt e gu solaimte “Ach nan deanamaid-ne, no aingeal ‘o nèamh, soisgeul eile a shearmonachadh dhuibh ach an soisgeul a shearmonaich sinne dhuibh, biodh e malluichte. Amhuil mar a thubhairt sinn roimh, a ta mise ag ràdh a nis a ris mar an ceudna, Ma shearmonaicheas neach sam bith soisgeul eile dhuibh, ach an soisgeul a ghabh sibh, biodh e malluichte.” (Gal. i. 8, 9.)
(Rì leantuin.)