THA ur-sgeul brigh’or air aithris mu Seoladair a bh’ air bord an Venerable, an Loingeas air an robh Ceannard a Chabh-laich, Ceann-feadhna Chlann-donnachaidh, an aghaidh nan Duitseach m’ a chomhair Champerdown. Fhuair e ‘n sgeula-sa o ‘n Olladh Mac Dhonnachaidh, caraid agus minsteir a mhor-fhear Mhic Dhonnachaidh, a bha ann an teas a chatha, a’ combnadh nan leigh ‘an ceangal suas, agus ‘an gearradh chos agus lamh nan daoiné buailte. Tha ‘n t-Olladh ag radh, gun tugadh seoladair, gam ‘b ainm Cobhey a nuas far an robh na lighichean, agus a dha chois air an sgathadh dheth: agus mheasa feumail gu ‘m b eigin an gearrudh dheth ni b’ airde. Thuirt Cobhey leis na mionnaibh mora, gun robh fughair aige gun deanadh an gearradh sin an gnothach air dochann a pheileir? Tha eagal orm dheth, ars an leigh. Cha ‘n eil diuras ann arsa Cobhey, chaill mi mo dha chois ris, agus math a dh’ fhaoidte mo bheatha cuideachd, ach thuairt e leis na mionnaibh mòra, thug sinn buaidh air na Duitsich! uime sin bheir mi son ghàir eile asam: Husà! Husà!
Tha ‘n sgeul so nis ro-chomharaichte, le nithibh a thachair roimhe agus ‘na dheigh so. Bha Cobhey na rogha Seoladair, agus bha e ainmeil a thaobh a mhor-mhisnich; ach bha e comb-araicht a thaobh peacaidh co math agus cruadail. Beagan laithean m’ an do choinnich iad na Duitsich, bhruadair e gun robh e ann am blàr, far an deachaidh a dha chois a thilge dheth, agus gun robh e air a mharbhadh. Thug an aisling air a churaidh so bhi air bhall-chrith, agus oirp a thoirt air urnuigh a dheanamh; ach a chionn nach bu chaomh leis Dia bhi na aire, thug e oirp air a leig air di-chuimbne agus air an drughadh a rinneadh air arson a pheacaidh a chuir as aire, le pòit agus le gnathacha mi stuama le cho-sheoladairibh. Bu diomhain dha an oirp. Bha smuainte mu a pheacaidh, mu Dia, agus mu bhas, a’ cur iomaguin shon-ruicht’ air a la agus a dh’ oiche, agus a’ cuir eagail air mu na bha ri tachairt da sa bheatha so agus san ath-bheatha, gus ‘n do chuir sealladh air a chabhlach Dhuitseach, agus a cho-chainnt ri muinntir na Luinge san robh e fein, le iad a bhi cuir rompa an treubhantas a dheanadh iad, na smuainte dubhach ud as aire. ‘Nuair bha’n da chabhlach a’ teachd ‘an gara ga cheile thug an sar Cheannfeadhnaidh a bh’ aguinn, àithne ga chuid sluaigh iad gan leige fein nan sinedh air clàr nan soithichean, gus am biodh iad dlu air an namhuid, ‘s gur ann bu mho a dheanadh an teine de dholaidh dhoibh. Bha na soithichean Duitseach air tòiseacha ri losgadh air an Venerable, an àm dhì bhi dol sios r’ an taobh gu ‘n cur as an ordugh. Bha ‘n fuirbi trein aingidh so, Cobhey, ri guidheachain agus ri mallachadh do ‘n chuid eile de na seoladairibh a chionn iad a bhi nan sinedadh a sheachnad peileirean nan Duitseach. Dhuilt e geill a thoirt do ‘n iartas, gus an robh e fo eagal le fear de na h-oifgich a bhi dlu dha agus thug e ann an cail geill do ‘n ordugh, le uchd a chur air buideal a bha ‘m fagas da, gus an d’ fhuair iad ordugh tein’ a thoirt. ‘Sa’ cheart am san robh e ‘geiridh sguab peillier an lethchas agus a chuid bu phailte de ‘n te eile dheth; ach bha ‘n gniomh co obann, ged a mhothaich e ‘n goirteas, ‘s nach d’ thug e ‘n aire gun do chaill e na cosan gus ‘n do thuit e sios. ‘Nuair chaidh a chasan a ghearradh ni b’ airde, ‘sa sguir gair a chattha, thainig a bhuadar na aire, agus smaoinich e, leis mar a thainig an dara earrann deth gu crich, gun d’ thigeadh an earrann eile dheth ann cuideachd. Agus ma smaoinichear air a chradh a dh’ fhuiling e le chosaibh a ghearradh ni b’ airde, agus leis an iomaguin shon-ruicht’ a bh’ air gun tigeadh a chuid eile d’a aisling gu crich; ‘sann is mor an t-iongantas nach deachaidh e as a cheill; ach bha so r’ a shoilleireacha dha ‘an diaigh laimhe. ‘An ceann aimsir an diaigh sin, thainig e mach a tigh-eiridinn Haslair, ‘s e na urrainn caileign de ghlusad a dheanamh air da luirg, agus air cosaisbh maide; ach bha e ro-throm-inntinneach fo eagal mar thug breith-eanas De uait a dha chois arson a pheacaidh, gun cailleadh e air an son an da chuid a chiall agus anam.
Se iompachadh obair Dhe:—obair-san a mhain; agus is tric a tha e ga toirt gu crich air doigh iongantaich. Tha i air a toirt gu crich air dhoigh a bhrosnuicheas aire, agus iognadh. Mar ann an riaghladh an t-saoighail, tha e air uairibh a’ dealachadh o chleachda naduir—’s amhuil ann am fritheala nan gras, a tha e nochdadh a dheagh thoil ard-uachdranaich, le caileigin de dh’ eadar-dhealachadh a dheanamh o’n doigh ghnathaichte chum anman a shaoradh. Chaidh daoin’ a bh’ ann am mearchdaibh millteach, a bh’ air an toirt thairis da na lochdaibh bu ghraineile, ‘sa bha co cheann-laidir ‘sa bha iad aingidh;—daoiné bha’n caithe-beatha na champar agus na thamailte d’ an cairdibh, na dhragh da’n choimhearsnachd ‘s an robh iad, agus mhalluchadh do’n chomunn da’m buineadh iad; daoiné a bha seolta teomadh ann an toileachadh neo-ghlan, innleachdadh ann am mi-naomhachadh, ladurna ann an toibheum, agus a thaobh coslais abuich chum leir-sgrios: ann an aon fhocal, chaidh daoin a bha air thus gach peacaidh, iompachadh gu rioghachd Dhe le gras, fa leth, am feadh a bha’m fein-ionraic, ag earbsa r’a dheagh chaithe-beatha agus r’a dheanadas, air a chall na chionta.
Tha mor chumhachd Iosa, air fhoillseacha na mhinstreileachd fein, agus ann an ceud shearmonachadh an t-soisgeil leis na h-abstoil—a’ toirt buaidh ann am focal na firinn. Tha ioma neach aig a bheil dreuchd fheumail san àm ann an Sion, a bha aon uair co’ ionann ris na daoiné bu truailidh. Tha san àm so, ioma neach “nan suidh aig cosaisbh Iosa, air an sgeudachadh, agus nan ceill shuidhichte fein,” a tha an teagamh, roi bheil eagal, agus fo thair, a thaobh co chomharrachtae sa bha iad aon uair ann an slighibh an uilc. Ion-samhuil a brathar bu shineadh ann an samhladh a Mhic Stroghail, air a sheide suas le uaill as a mhaith-eas agus as airidheachd fein, bithidh cuid fo mhi-ghean, agus cha ghabh iad co’pairt de’n chuirm a dheasaicheadh arson a pheacaich a phille ri Dia. Ach ge b’e barail a bhios aig an Phairiseach uaibhreach anndana, ’s e so a bhitheas na mhuinghinn agus na aoibhneas aig a chreideach aithreachail, nach ’eil caithe beatha no cor, no cionta, ris nach gabh saorsadh an t-Slanuigh’ear caramh, agus cha ’n ’eil aon neach san am so sleuchdta sios aig a chosaibh, ged a bha e roimhe so am meag nan ciontach bu ghraineile, nach fhaigh fa-dheoidh lan chòir air uile shochairean na slainte sin an lathair a righ chaitreach. Tha so air a dheagh shoilleireachadh ann an sgeula Cobhey.
Chual ’e iomradh air tigh-aoraidh Phortsea a cheud fheasgar domhnuich an diaigh dha an Tigh-eiridin fhagail, agus chaidh e donn. B’ e ’n steigh theagaig air an fheasgar sin, Marc. v. 15, Agus thainig iad chum Iosa, agus chunnaic iad an ti anns an robh an deamhun agus aig an robh an legion, na shuidhe agus eudach uime, agus a chiall aige. Nochd am minsteir gun robh an duine so a bha fo chumhachd an droch-spioraid na shamhladh freag-arrach do gach peacach; ach gu sonruicht air peacaich a tha ’caitheadh am beatha gun riaghailt gun ordugh, luchd-misg agus mhionn a tha deanamh dochair orra fein, agus air daoin’ eile: ach tha e bhi na shuidhe aig cosaibh Iosa, le eudach uime, na cheill fein, na shamhladh iomchuidh air peacach air iompachadh ri Dia trid an t-soisgeul, air a dheanamh mothachail air olc a pheacaidh, mor-luach an anam, agus am feum a th’ air slainte trid an Fhir-shaoruidd; a’ sealbhacha sith inntinn, co-chomunn ri Criosd agus r’a shluaigh a’toirt creideis do na sgiobtuiribh naomba, agus a faghail teagaig o Chriosd Caraid pheacach. Dh’ eisd Cobhey ris le aire agus ioghnadh; ghabh e iongantas cionnas a b’ urrainn do ’n minsteir easan a chomharrachadh a mach a’ meag a choilion ceud, no co a dh’ fhaodadh innse co mion uime-san do ’n fheartheagaig. Bha ’m barrachd ioghnaidh air ’n uair a chual e a cur an ceill, ar leis, a chaithe beatha gu h-iomlan, gu ruig na peacaidh bu diomhaire a chuir e ’an gniomh. Cha b’ urra dha innse c’ arson a dheanadh fear-teagaig, searmoin gu h-iomlan uime-san, nach robh ann ach maraiche bochd air dhà chois mhaide. Leis mar chaidh a pheacaidh a chuir na aire as ùr, bha e air a lionadh le uamhunn gu mòr na bu chràitiche na bha roimhe air. Bha e re seal air a lionadh le ea-dochas, agus ar leis gun robh e nis a call a chéille, gun rachadh e eug, agus gum biodh e caillte; gus an do nochd am pears eaglais gun robh Iosa Criosd co toileach am peacach bu ghraineile a thearnadh ’s a bha e air cobhair a dheanamh air an duine bhochd ud san robh, ’n deamhan; agus gun robh duin’ air aiseag chum a chéill shuidhichte fein ’nu air a chreideadh e ann. Thòisich e nis ri fior-bhrigh a bhruadair a thuigsinn. Bha e meas gun robh e mharbh fad a bheatha gus anis, agus le e chreidsinn ann-san gu ‘m biodh e air aiseag gu chéill cheirt a rithist. Bha aiteas ro-mhor air an sin. ‘Nuair a chual’ e mu ghradh anabarrach Iosa Criosd do pheacaichibh, ghabh e dochas an aite ea-dochas agus aoibhneas an aite uambhunn! Bha na súlean air nach d’thainig deur an am a dha chois a chall, a nis a’ sile gu frasach, araon le aoibhneas agus le mulad! An ceann seachduinn no dha an diaigh so, rinn e guth orm, agus dh’ aithris e dhomh each druichd uile, agus fhein-fhiosrachadh. Bha iongantas air nach d’fhuair mi riamh sgeul uime ‘n uair a liuthair mi an t’ searmoin a fhireagair ga chor-sa. Mu thimchioll bliadhna an diaigh so chaidh a ghabhail a stigh mar ball d’ ar ‘n-eaglais-ne, air dha dearbha taitneach a thoirt gu’m b’fhior Criosduidh e. O chionn ghoirid chuala mi gun robh e gu tinn, agus chaidh mi ga fhaicinn. ‘Nuair a dh’inntinn mi a sheomar, thurit e. Thig a stigh, a dhúine le Dia! Bha mi gabhail fadail gu t’fhaicinn, a dh’ innse dhuit cor sonadh m’ inntinn. Se mo bharail gu’m faigh mi ‘n uine ghearr am báis: ach cha’n eil am bas a nis na uamhas orm. Se gath a bhais am peacadh, ach buidheachas do Dia, thug e dhomhsa a bhuaidh trid Iosa Criosd. Tha mi triall gu neamh! O! ‘s mor a rine, Criosd as mo leth, aon de na peacaich bu ghraineile bh’ air thalamh! Beagan m’ an do chaochail e, thurit e. “Stric a bha mi ann am barail gum b’ eagallach an ni dol gu bas, ach tha mi nis ga mhothacha so-dheanta. Tha lathaireachd Chriosd ga dheanamh furasda. Tha ‘n solas a tha mi ‘faireachduinn ag eiridh o ghradh Dhe do pheacaich, o bhi smaoineachadh air bhi maille ris an t’ Slanuighear, air mo shaoradh o chridhe peacach, agus a bhi mealtuinn lathaireachd Dhe gu siorruidh, nis mo n’ as urrainn domh an chuir an ceill! O am muthadh baralach a th’ agam mu Dia, umam fein, agus mu shaoghail eile an drasta, seach na bh’agam ‘n uair a chaill mi mo dha chois air bord an Venerable! Bu sholasach an call dhomhs’ e! Mar caillin mo chosan, bha mi ‘n cunnart m’ anam a chall!” Le lamha togta agus glaiste r’a cheile, agus a shuilean a’ dealradh le fior-dhurachd troi na deoir a bha sruthadh uatha, thurit e, “O fhir-theagaig ionmhuinn, guidheam ort, ‘n uair a theid mis eug, searmonaich searmoin adhlaic do sheoladair bochd; agus innis do chàch, gu h-araidh do no maraichibh, a tha co aineolach agus co malluichte sa bha mise, gun d’fhuair Cobhey bochd trocair o Dhia, tre chreidimh, ann am fuil Chriosd! Innis doibh o’n a fhuair mise trocair, nach ruig aon neach a dh’ iarras e dúil a thoirt dheth. ‘Saithne dhuit fein mar their thu gu mor ní’s fearr na’s aithne dhomhs’ e! Ach, O! buin gu durachdach riu; agus gun deon-aiche Dia gum faigh mo choimhearsuaich aingidh, agus mo cho’ sheoladairean trocair co math ‘sa fhuair Cobhey!“—Thurit e moran tuille: ach si cainnt ma dheire thurit e, Haleluia! Haleluia!
Ma tha cunntas mu threubhantachd agus mu chruada, airidh air an cumail air chuimhne, cha lugha tha iompachadh, airidh air a chuir sios, chum cliu grais Dhe, mar urram do chreidimh ar Tighearna Iosa Chriosd. Nam faiceadh na daoin uails, abha aon uair nam fianuisean air a neo-dhiadhachd, mar ghnathaich se e fein aig uair a bhais, chitheadh iad an caochladh taitneach a thaing air tre ghras foghainteach ar Fir-shaoruidh throcairich.
Cha ‘n ‘eil an sgeul mu thoiseach caithe-beatha an duine so nì’s freagarriche do ghnathachadh a chuid is pailte de mharaichibh cruaidh chridheach, mi-naomha, na tha a chaithe-beatha an deireadh a laithibh, air caithe-beatha a Chriosduidh, agus na dhearbhadh air an fhianuis fhior agus dhileas, airidh air gabhail rithe leis gach taitneachd, “Gun d’ thainig Iosa Chriosd do ‘n t-saoghail a thearnadh pheacach.”
Tha ‘n co’ chordadh a tha eadar oibre naduir agus focal De, air an comharrachadh gu cothromach a mach a dhearbhadh gur ann o Dhia a thaing iad araon, agus a nochda gu bheil ioma ni annta, nach urrainn duinn a lân thuisinn. Ach ‘s coir a thoirt fanear nach ‘eil a bhi meoraich air a cho-chordadh so a mhain a socrachadh creidimh, ach mar an ceudna dochas chreutairean ciontach a philleas ri Dia. Mar nach d-fhag se e fein an aon aite gun fhiànuis, a’ dearbhadh le oibríbh agus le fhrasadail, nach ‘eil e fada o aon neach againn agus gur h-ann uaith-san a tha ar bith, ar beatha agus comas gluasad; ‘s amhuil a tha ‘n soisgeul ga thoirt dlù do ‘n chiontach, agus dhoibh san a tha ‘gan diteadh fein. Ma tha aon neach a tha ‘g aideachadh an Tighearn Iosa le bheul a’ lan chreidsinn, agus a’ tuigsinn brigh a chainnte fein, cha ‘n fheum e tuille a thoirt misniche da gu teachd le muinghinn chum Dhe, agus gu barantas a thoirt dha chum gairm air, agus earbs’ a trocair. Tha na tha air aithris m’an t-seoladair so a’ cuir sin gu soilleir an ceill. Gun deonaicheadh Dia gun smaoinich gach neach a leughas e air a chuis, gun gabh iad aithreachas agus gun creid iad an soisgeul! agus gun cum iad ‘nan cuimhne gur neo-chomasach dhoibh-san dol as, a ni dearmad air slainte comor agus co cinnteach ‘s a tha focal De a’ foillseachadh.
OH, that the Almighty would give me my request! that I might see Christ come to His temple again; (as He is minting, and it is like minding to do), and if the land were humbled, the judgments are with this reservation, I know—if we shall turn and repent. O! what a heaven should we have on earth, to see Scotland’s moon like the light of the sun, and Scotland’s sun-light seven-fold, like the light of seven-days, in the day that the Lord bindeth up the breach of His people, and healeth the stroke of their wounds! (Isaiah xxx. 26). Alas! that we will not pull and draw Christ to His old tents again, to come and feed among the lilies, till the day break and the shadows flee away! O that the nobles would go on, in the strength and courage of the Lord, to bring our lawful King Jesus home again! I am persuaded He shall return again in glory to this land.—Samuel Rutherford.